Skip to main content

Full text of "Beatha agus iompachadh Dhhaill Bochannain : a dh'eug ann an Ranach sa' bhliadhna 1768"

See other formats


£ x>o o<xxxx x xxxxxxxxx xxxx xxxxxxxx ^ 

8AELIC BQOES 

SOLD BY 

MACLACHLAN & STEWART, 

EDINBURGrH. 15 



Alleìne's Alarm, 18rao, cloth, ls. 6d. 

Saint's Pocket Book, IHmo, ls. 6d. 

Baxter's Call to the Unconverted, lHmo, cloth, ls. 6d. 
Bible Stories, with 24 Wood-Cuts, 4d. 
Blair's Elegy on Mr Kennedy of Redcastle, sew^ed, 4d. 
Boston's Crook in the Lot, 18mo, cloth, Is. 4d. \^ 

Fourfold State, 12mo, cloth, 3s. 

Brook's Apples of Gold, Is. 6d. 

Bucuanan (Dugald) of Rannach's Life and Conversion, 
with his Hymns, cloth, 2s. 

Hymns, separately, sewed, 3d. 

Do. translated by a Missionary, sewed, 6d. 

Bunvan's Come and Welcome, cloth, 2s. 

Heavenly Footman, 18mo, cloth, Is. 

Holy War, 18mo, bound, 2s. 6d. 

World to Come, or Visions From Hell, ls. fid. 

Grace Abounding, cloth, 2s. 

Pilgrim's Progress, (three Parts), 2s. 6d. 

Pilgrim's Progress, (two Parts) cloth, 2s. 

Water of Life, ls. 

Sighs from Hell, cloth, 2s. 

Burder's Village Sermons, 18mo, bound, ls. 6d. 
'Catechism (Shorter), Gaelic and English, 2d. 

(Mother's), 18mo, ld. 

Gaelic and English, 2d. 

(Brown's Shorter), for Young Children, 11. 

Colquhoun's Sacramental Catechism, sewed, 6d. 
Confession of Faith, fcap 8vo, cloth, 2s. 6d. 
Connell's (D. M.) Gaelic Astronomy, ISmo, cloth, ls. 6d. 
Doddridgc's Rise and Progress, l2mo, cloth, 3s. 
Dyer's Christ's Famous Titles, cloth, 2s. 6d. 
Earle's Sacramental Exercises, ISmo, cloth, ls. 4d. 
Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, ls. 
Forbes' Gaelic and English Grammar, 12mo, 4s. 
Gaelic Bibles, Testaments, and Psalm Books. 

Melodist, a Selection of the most Popular Songs, 

32mo, 4d. 

^xxxxxx>o<xxx xxxxxxxxxxx": 



GAELIC BOOKS SOLD BY M ACLACHL AN & STEWART. 



Grant's Hymns, 18mo, cloth, ls. fid. 

Guthrie's Saving Interest, cloth, 2s 

History of Animals Named in the Bible, 6d. 

History of Prinee Charles, with Portrait, t'cap, 8vo, cloth, 

3s I"2mo. ls. 6d. 

Tnnes' Instructions to Young Inquirers, lSmo, 6d. 
Jacobite Scngs, with Portrait of Prince Charles, 9d. 
James's Anxious Inquirer, 12mo, sewed, 8d. 
Life of Joseph, 4d. 

MacAlpine's Gaelic and English and Euglish-Gaelic 
Dictionary, l2mo, cloth, 9s. 

English and Gaelic, separately, 5s. 

Gaelic Grammar, 12mo, cloth, ls. 6d. 

M'Callum's (llev. D.) History of the Church of Christ, 4s. 

The Catholic, or Universal Church, sewed, 6d. 

Poems and Songs, Is. 

M'Farlane's Manual of Devotion, 12mo, 3s. 6d. for 2s. 
M'Intvre's Poems, l8mo, cloth, 2s. 
M'Kenzie's Beauties of Gaelic Poeh\y, royal 8vo, 15s. 
M'Leod's (Nor., D.D.) Mountain Sketch-Book, ls. 8d. 
M'Leod and Dewar's Gaelic Eictionary, 8vo, cl., lOs. 6d. 
Muik's (Dr) Sabbath Lessons for Schools and Families, 

by Forbes, s'ewed, 4|d. 
Munro*s Treòiriche, or First Book for Schools, 6d. 

Gaelic Grammar, 18mo, bound, 4s. 

Gaelic Primer, new Edition, 12mo, 2s. 

Ossian's Poems, 8vo, bound, 4s. 

Peden's Two Sermons and Letters, l8mo, sewed, 6d. 
Proverbs of Solomon, 8vo, sewed, 6d. 
Fsalm Book, 18mo, bound, ls. 6d. 

Gaelic and English, 18mo, bound, ls. 6d. 

Koss' (William) Gaelìc Poems, cloth, 3s. for 2s. 
Smith's (of Campbelltown) Family Prayers, 6d. 
Stewart's Grammar, 8vo, 3s 

Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, 18mo, sewed, 6d. 
The Doctrine and Manner of the Church of Rome ; with 

a Dialogue between the Pope and Reformation, by 

Duncan Louden, sewed, ',id. 
Watt's Divine Songs, with Cuts, ld. 
Willison's Sacramental Catechism, 12mo, sewed, 8d. 



im 



7/ 



THE LIFE AND CONVERSION 

OF DUGALD BUCHANAN, 

WHO DIED AT RANNACH IN 1768, 

(witlTTEN B Y HIMSELI.) 
TO WH/CH IS ANNEXED HIS 

SPIRITUAL HYMNS. 



; Tne righteousshallbeineverlastingremembrance."— Ps. cxii 6. 
' He, being deaa ye f speaketh."— Heb. xi. 4. 



EDINBURGH: 
MACLACHLAN, STEWART, & CO. 
MDCCCXLIV. 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



DHÙGHAILL BOCHANNAIN 

dh'eug ann an banach sa' bhliadhna 1768. 
(air a sgrìobhadh leis fè"in.) 
maille ra 
LAOIDHEAN SPIORADAIL. 



' Air chùimhne gu bràth hithidh am fìrean."— Salm cxii. 6. 
' Air dha bhi marbh, tha e fathast a' labhairt."— Eabh. xi. 4. 



DUNÈIDEANN: 

MAC-LACHUINN STIUBHARD, AGUS AN CUIDEACHD. 
MDCCCXLIV. 



STEREOTYPE EDITIOà'. 




AN CLAR-INNSEADH. 



Taobh-dhuilleag 

CAIB. I. 

Anns am beil cunntas air mo chaithe-beatha o 
mo leanabachd gus an robh mi dà bhliadhna 
dheug 'a dh'aois, ... 1 



CAIB. II. 

Anns am beil cunntas air mo ghnàthachadh-bho 
'nuair a' bha mi dà bhliadhna dheug a' dh'aois 
gus an robh mi ceithir bliadhna fichead, 13 



CAIB. III. 

Anns am beil fàs dearbhaidh ann am anam ni's 
faid' air fhoillseachadh rè an dà bhliadhna so a 
leannas, . , . .13 



CAIB. IV. 

Anns am beil ceud-fhàs dearbhaidhean ann am 
anam maille r'a na h-uile eagal agus theagamh 
fo'n robh mi bho cheud mìos an earraich 1742 gu 
ceud mìos an earraich 1743, àm anns an d'rinn 
an Tighearna ann an cuid de thomhas mo bhann- 
taibh fhuasgladh agus mo leigeil as saor, 81 



vi 



AN CLAR-INNSEADH. 



Taobh-dhuilleag 

CAIB. V. 

Anns am beil cunntas ni's faide air a chur sìos m'u 
dhèighinn mo chleachdaidhean o mhìos a' Mhàirt 
1743, gu mìos meadhonach a Fhoghair an deigh 
sin, ..... 120 

CAIB. VI. 

Anns am beil mairsinneachd air dèilig gràsmhor 
Dhè ri m'anam o cheud mìos an Fhoghair 1745, 
gu mìos mheadhonach a Grheamhraidh 1750, 159 



LAOIDHEAN* 



I. Mòrèchd Dha, ... 1 

II. Fulangas Chriosd, ... 3 

III. Latha a' Bhreitheanais, . . 10 

IV. Am Bruadar, . . . .25 
V. An Gtaisgeach, ... 29 

VI. An Claigeann, ... 31 

VII. An Geamhradh, ... 39 
VIII. Urnaigh, . . • .44 



* Faic àireamh nan clàr an deireadh an leabhair. 



À 



J 4 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 

DHÙGHAILL BOCHANNAIN, &c. 



CAIB. I. 

Anns am beil cuuntas ah mo chaithe-beatha o mo 
leanabachd gus an robh mi dà bhliadhna dheug 
'a dh'aois. 

Bha rai cho sona 's gun do ghineadh mi bho 
phàrantan diadhaidh sa' bhliadhna 1716, a 
rinn na h-uile dhìcheall a chum mo thogail 
suas ann an eagal an Tighearna, agus mo 
dhleasanas a theagasg dhomh gu tràthail ; gu 
h-àraidh mo mhàthair chaomh a dh'ionnsaich 
dhomh ùrnaigh a' dheanamh cho luath 'sa 
b'urrainn mi labhairt, a' gnàthachadh na h-uile 
meadhon a' chum mo leas siorruidh le h-ach- 
anaichean dùrachdach agus tric aig cathair nan 
gràs air son m'iompachaidh. Ghnàthaich i mar 
an ceudna gach uile chùram is urrainnear a' 

B 



2 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

smaointeachadh a chum mo chumail à cuid- 
eachd cloinne eile abha air an leigeil fuasgailt' 
air feadh an t-saoghail le'm pàrantan, air eagal 
gum bithinn air mo thruailleadh le'n dubhail- 
cean. Gidheadh cha robh na h-uile mheadhon 
dhiù so comasach air stad a chuir air an nàdur 
thruaiìlidh a bha an taobh a staigh dhiom. 
Dh'fhairich mi le fèin-fhiosrachadh firinn nan 
Sgriobturan so : " Tha amaideachd ceangailt' 
ann an cridhe leinibh," agus " Tha na h- 
aingidh a' claonadh o'n bhroinn ; tha iad a' 
dol air seacharan o'm breith, a' labhairt 
bhreug," Gna. xxii. 15. Salm. Iviii. 3. 

Mar is fearr mo chuimhne, air dhomh a bhi 
eadar cùig a's sè bliadhna dh'aois, chaidh mi 
mach aon Dòmhnach gun f hios do mo mhàth- 
air, agus chuir mi seachad greis de thìm ri 
eluich amaideach ; agus ge do phill mi dach- 
aigh mu'n deach m'ionndran, gidheadh bha 
m'inntinn làn de dh' uabhas agus de dhìteadh 
cogais air son bristeadh na Sàbaid. Agus air 
an òidhche sin fèin an deigh dhomh dol a 
laidhe agus cadal bha mi fo mhor uabhas leis 
a bhruadar so a leanas : — Bhruadair mi gun 
do thaisbean an Tighearn losa e fèin domh 
ann am mor chorraich, agus gun tubhairt e 
gu'm biodh e diolte dhiom air son bristeadh 
a Shàbaid. Air dhomh dùsgadh ghabh mi 
aithreachas air son an uilc a chuir mi an 
gnìomh ; agus chuir mi romham nach dean- 
ainn a leithid gu bràth tuillidh. Uime sin, 



DHCGHAIL BOCHANNAHr. 



3 



thòisich mi ri ùrnaigh ni bu trice na bu ghnàth 
leam a dheanamh roimhe sin : oir roimh an àm 
so, cha d'rinn mi ùrnaigh mar a co-èignicheadh 
mo mhàthair mi gu sin a dheanamh. Ach a 
nis' thòisich mi air ùrnaigb gun neach air bith 
a chuir iompaidh orm. 

Mu thimchioll bliadhna an dèigh so, air an 
t-sè-amh latha de mhìos meadhonach a' ghe- 
amhraidh sa' bhliadhna 1722 thoilich an Tigh- 
earna mo mhàthair a thoirt air falbh às an 
t-saoghal so. Bho àm a bàis cha robh mòr 
chùram air a ghabhail dhiom araon a thaobh 
smachdaichidh no fòghluim; agus " Cuiridh 
an leanabh a dh'fhàgar dha fèin nàir' air a 
mhàthair." (Gnath xxix. 15.) Bha'n gàradh 
sgithich a bha mu'm thimchioll a nis' air a 
thoirt air falbh ; agus thòisich mi air dearmad 
a dheanamh air mo dhleasanas ; agus coltach ri 
Ioas, rinn mi gu math rè uile làithean lehoiada, 
ach an uair a dh'eug Iehoiada, fhuair mi a 
mach gun robh mi an dearbh ni a bha mi. 
Thòisich an stoc truaillidh air bristeadhtroimhe, 
agus cha robh neach ann a chum a gheugan 
a bhearradh. Agus f huair mi cead an nì sin a 
dheanamh a bha ceart ann am shealladh fèin. 
An sin thòisich an Tighearn' air m' fhios- 
• rachadh le seallaidhean uabhasach ; aislingean 
anns an òidhche, a chuir eagal ro mhor orm : 
Bhruadair mi gu tric gun tainiglatha 'Bhreath- 
anais, agus gun .robh Iosa air teachd anns na 
neòil a chum breth a thoirt air an t-saoghal, 



4 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



agus gun robh gach uile shìuagh air cruinnèàch- 
adh fa chomhair a chathrach, agus gun do 
thearb se iad 'n-an dà bhuidheann, a h-aon air 
a làimh dlieis, agus an t-aon eile air a làimh 
chlì; agus chunnaic nii mi fèin maille ri buidh- 
eann eile air mo dhìteadh a chum iosgadh 
siorruidh. Rinn an nì sin a rithist mo thionn- 
dadh a chum mo dhleasanais, agus bhuanaich 
mi ann cho fad 'sa dh'fhan fiamhachd saoghail 
eiie air m'inntinn, ach coltach ri Pharaoh, cha 
bu luaithe chaidh na smaointean sin an lughad 
na chaidh mise lughad ann a m' dhleasanas. 
Ach bhuin an Tighearna rium mar a rinn e ri 
Pliaraoh, oir an uair a thòisich mis' air fàs 
dearmadach agus neo-thoirteil, rinn esan do 
ghnà m'fhiosrachadh le sealìaidhean eile de na 
bruadaran uabhasach so a thug orm gu tric 
pilleadh a rithist a dh'ionnsaidh m' ùrnaigh. 

Mu'n àm anns na bhruadair mi na h-aislingean 
so chreid mi gur h-e bh' annta Spiorad Dhè a' 
strì rium chum thoirt orm mo shligheachan 
peacach a thrèigsinn. Mhair na h-aisìingean 
so rè dha bhliadhna, agus bha mi ga'm faicinn 
cho tric is fadheireadh, nach robh mi a' toirt 
umhail daibh. Fadheòigh, co-dhiu sguir iad, 
agus cha robh mi ni b'fhaide air mo bhuair- 
eadh leo. Bha mi mu'n àm so m'a naoi 
bliadhna dh'aois. " Oir aon uair labhraidh 
Dia, agus an dara uair cha'n amhairc e thairis 
air ; ann an aisling, ann an seaìladh na 
h-òidhche, 'nuair a thuiteas cadal trom air 



DIIUGHAILL EOCHANNAIN. 



5 



daoine, 'nuair a bhios iad 'n-an suain air an leab- 
aidh; an sin, fosglaidh e cluasan dhaoine, agus 
seulaichidh e an teagasg, chum gu tarruinn e 
duine o dheanadas, agus gum falaich e uabhar 
o dhuine.'' lob. xxxiii. 14 — 17- 

'Nuair a sguir mi dh' fhaicinn nam bruada- 
ran so cha robh suaimhneas agam ann am 
inntinn: oir aon latha air dhomh a bhi leughadh 
a' Bhìobaill bha mi gu sònraichte air mo 
bhualadh leis an Sgriobtur so a leanas : — 
" Cha bhi mo Spiorad a' strì ris an duine do 
ghnà." (Gen. vi. 3.) Bha mi, mar thugadh 
cheana fainear, a' smaointeach gum b'iad na 
h-aislingean a bha mi a' faicinn Spiorad an 
Tighearna a' strì rium ; agus a nis' a chionn 
gun do sguir iad, bha misaoilsinn gun tugDia 
thairis mi agus nach biodh e a' strì rium ni 
b'fhaide, gun robh e a strì rium rè ùine, ach 
gun robh mise do ghà a' cur na aghaidh gus 
fadheòigh gun mhùch mi a Spiorad. 

Bha m'eagal gu mòr air a mheudachadh air 
dhomh cuid a' chluinntinn ag ràdh aon uair is 
gun leigeadh Dia dheth a bhi strì ri neach 
nach pilleadh e ris gu bràth tuillidh, agus nach 
faigheadh a leithid sin do neach mathanas gu 
siorruidh. Chuir na smaointean sin fo mhor 
thrioblaid mi, agus ghulainn an uair a bhithinn 
leam fèin, a' saoilsinn gun do chuir Dia cùl 
rium. Thug na smaointinn a bha mi nis' ag 
aìtrum mu' thimchioll-san mar Bhreitheamh 
feargach orm mo dhleasanas a chuir air chùl 



6 



BJ2ATHA AGUS IOMPACHADH 



gu tùr, oir bha mi smaointeachadh nach dean- 
adh e dhomh ach fior bheag tairbhe ; oir 
fathast bha leithid de dh'eagal corraich Dhè 
orm as leth mo pheacannan is nach cuirinn 
peacadh an gnìomh 'nuair smaointichinn airsin. 
Mar so chaith mi m' ùine o aois naoi bliadhna 
gus an robh mi dà bhiiadhna dheug 'a dh'aois, 
ann an seòrsa de dh'ea-dòchas amaideach agus 
gu tric a' smaointeach air na facail so, " Cha 
bhi mo Spiorad a' strì ris an duine do ghnà." 

Tha cuimhne shonraichte agam air iomadh 
ni a rinn mi rè an dà bhliadhna so mu dheir- 
eadh, agus tha na nithe sin ga mo leanmhuinn 
gus an latha an diugh. Agus tha mi moth- 
achadh gum beil na nithe sin a thrèigsinn an 
dràsta coltach ri làimh dheis a ghearradh air 
falbh. 

Gabhaidh mi nise dhà n'a trì de bheachdan 
air an àm so de thùs mo bheatha : — 

Anns a? cheud àìte. , 'Nuair a bheachd- 
smuainticheas mi air an earrainn sin do thùs 
mobheatha, agus a bheir mi fainear tograidhean 
nàdurrach mo rùintean. Cia mar a ruith iad a 
mach an deigh nan nithean sin a tha gu sòn- 
raichte air an toirmeasg an lagh Dhè, tha mo 
chreideamh ni's treis' air a dhaighneachadh ann 
am f ìrinn an teagaisg sin a ta nochdadh dhomh 
gum beil mi dìreach mar thuirt am Phaireasach 
mu'n duine dhall do'n d'aisig Criosd a fhradh- 
arc, " Rugadh thusa uile ann am peacadh." 
Fòs, cha'n e 'mhàin gun robh mi air mo bhreith 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



7 



am peacadh, ach mar thubairt an Salmadair, 
" ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am 
peacadh ghabh mo mhàthair mi 'na broinn." 
" Tha amaideachd" arsa Solamh " ceangailte 
ann an cridhe leinibh,'' agus ged' a ni " slat an 
smachdachaidh" am feadh sa tha i os a cheann 
" a cuir fada uaithe," gidheadh cha'n urr' i 
gu bràth a' cuir uaithe cho fad is nach pill i 
rithist, gus an dean naomhachd gràs Chriosd 
oibreachadh air. Sgrìobh an t-Abstol Eòin 
mar an ceudna chum cloinne bige do'n robh 
am peacannan air am mathadh dhaibh, agus 
mar an robh peacadh ann an cloinn bhig, ciod 
am feum a bha ac' air aithreachas ? 

Ach a bharr air na dearbhaidhean soiìleir 
Sgriobtuir a ta còmhdach' fìrinn peacadh gine, 
tha fein-fhiosraehadh ga chur às gach teagamh 
dhomh fèin, gun tàinig mi dh'ionnsaidh an 
t-saoghail so le sìol gach gnè pheacaidh air a 
chur ann am chridhe, ni air ara beil am barr 
tarbhach athionail Sàtan bho mo leanbachd na 
dhearbhadh soilleir. Oir cha tric a bhuaineas 
daoine anns an àite anns nach cuir iad sìol de 
sheòrs' eigin, agus g'e b'e air bith siol a chuir- 
ear bidh an toradh do rèir a nàduir. Oir 
tha'n t-Abstol ag ràdh " Ge b'e air bith ni a 
chuireas duine 's e an ni ceudna a ni e bhuain." 
Agus an so tha mi dearbhta, an àit' onair a 
chuir air Dia le mo cheud thoradh gun d'fhuair 
Sàtan ceud thoradh m'uile shaoithreach. 

Tha mi ag aideachadh gun d'rinn mi iomadh 



S BEATHA AGUS IOMPACHADH 

ni ari am mo leanbachd a bha do rèir coltais 
math, ach cha d'rinn mi aon de na nithe so bho 
shaor raghainn. Cha d'rinn ! Cha d'rinn mi 
aon dleasanas ach le bhi air a sparradh orm le 
mo phàrantan, no bho eagal tàireil a thaobh 
ifrinn; agus cha'n eil ni air bith a thèid a dhean- 
amh bho leithid sin do rùin taitneach leis an 
Tighearna. Oir ma tha eòlas ceart aig duine 
air Dia bithidh e air a bhrosnachadh chum 
sèirbheis a dheanamh dha bho rùintean air leth 
uapa so ; se gràdh Dhè as aon rùn àraidh a 
bheir air sin a dheanamh, agus osbàrr tha 
'mhìlseachd agus an sòlas a tha air a mheal- 
ìainn na ehèirbheis, na cheann-fàth ni's leòir, 
chum a thoirt air duine sam bith a bhlais orra, 
sèirbhis a dheanamh do Dhia. 

Ach cia cho tùr fhalamh sa bha mise de 
dh-aonde narùintean so,tham' fhèinfhiosrach- 
adh a nis' a' togail fianuis. Oir cha deach' mi 
aon cheum riabh ann an slighe Dhe gun a bhi 
air m'fharrach gu sin a dheanamh. Agus cho 
luath sa bha an co-fharrach so air m'f hàgail, 
rinn mi suidhe sios gus an robh mi a rithist air 
mo ghluasad ie gàirdean an Tighearna. Ciod 
air bith meadhon a ghnàthaich e, cha dean e 
mùghadh air bith a chionn gun robh iad na 
Jàmhansa a bheir air gach uile nì an nì sin a 
thoirt gu crìch air an dòigh a shònraich e fèin. 

Anns an dara h-àite. An uair a dh-ath- 
smaointicheas mi air rùn mo chridhe anns an 
àm òg so de'm bheatha, tha mi a* mothachadh 



DHUGHAILL BOCHANNAiN. 



9 



gun robh mì lan uabhair, sainnt, fuatha agus 
dioghaltais, &c, gach aon ni dhiu so ga'n 
nochdadh fèin gu pailt air an aobhar bu lugha 
Na feòraicheamaid co às a bha iad so a' sruth- 
adh no co a theagaisg dhomh iad ? Chithinn 
nach do dheothail mi iad bho mhuinntir eìle ; 
Osbarr bha na h-uile chùram air a ghabhail 
a chum mo chumaiì bho chomunn cuideachda 
thruaiilidh. Gidheadh, aig àm òg so mo 
bheatha mu'n robh cothrom agam faighinn ann 
an cuideachd a' dh'fhaodadh mo bheusan 
a thruailieadh, fhuair mi na tograidhean 
truaillidh so ann am nàdur. A rithist nam feòr- 
aichinn cia às a shruth na bristidhean gràineil 
aingeachd so, a thaisbean iad fèin gu sònraichte 
eadar an t-ochdamh agus an t-aon bliadhna 
deug de 'm aois, gniomharran nach faca mi 
duine sam bith a' deanamh an samhail aig an 
àm sin, ni mo a chuala mi aon duine a' labh- 
airt mu thimchioll an ìeithid, chithinn gun dh'- 
fhàs iad annam fèin, agus gun shruth iad uam 
fèin a mhain. Feòraicheam uime sin, cia às a 
shruth na sruthanan dubha so ? Gu deimhin 
is ann bho thobar pùisean eigin, mar tha an 
Tighearn agràdhleis an f haidh: — " Amhail mar 
chuireas tobar a mach 'uisgeachan mar sin tha 
ise cuir a mach a drochbheirt." ler. vi. 7- 

Anns an treas àite. 'Nuair a ghabhas mi 
ath-sliealladh air an àm so de'm bheatha tha mi 
air mo threòrachadh gu f haicinn am mòr f heum 
a th' agam air ath-ghineamhuinn le gràs, cha'n 



10 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

ann a mhàin a thaobh gniomhan on leth a 
muigh, ach mar an ceudna a thaobh rùintean 
on leth a staigh, ann an ath-nuadhachadh an 
nàduir agus a thoirt air ais iomhaigh Dhè anns 
an anam, agus a' thoirt air compairteachadh, 
de'n nàdur dhiadhaidh " Oir an ni sin a ta air 
a bhreth on fheòil is feòil e," agus cha'n 
urrainn feòil agus fuil rioghachd Dhè a 
shealbhachadh. " Oir as feur gach feòil 
agus tha glòir an duine mar na luibhean a 
sheargas." (1 Ped. i. 24. Rom. viii. 7.) 'Se 
am feum a ni mì de'n àm òg so de'm bheatha, 
feum tuiridh. 

Anns a' cheud àite. Faodaidh mi toiseach- 
adh air tuireadh maille ri Ierimias, agus a ràdh 
" Cionnas a' thàinig smal air an òr ! a chaoch- 
ail an t-òr ro-f hìnealta !" Cia mar tha iomh- 
aigh Dhè a' dealradh air anam an duine air a 
mhilleadh, cionnas a tha am fonn òrdail a bha 
na uile cheudfathan air tiunndadh gu mi-riagh- 
ailt ! Cia mar tha priomh nàdur an duine air 
tuiteam sios ann an seadh nis ìsle na nàdur 
nam brùidean ! " Is aithne do'n damh a 
shealbhadair agus do'n asal prasach a mhaigh- 
istir, ach cha'n eil mo shluaghsa toirt fainear'' 
" eadhon is aithnedo'n ghobhlan ghaoith' agus 
do'n chorra an àm fèin." 

Co as urrainn beachdachadh, air an duine na 
cheud ghlòir agus na shonas 'nuair a bha e 
cleachdadh gu ceart a reusain, 'nuair a bha a 
bhreitheanas agus a thuigse soilleir ann an 



DHUGHAILL BGCHANNAXN. il 



eolas Dhè, ann an eolas air fèin, agus air uile 
oibribh eile na cruitheachd, 'nuair a bha gràdh 
iomlan aige do Dhia agus a' mealltuinn co- 
chomunn ris 'nuair a bha uile cheud-fathan a' 
comh-dhluthachadh ri Dia mar a phriomh 
shòlas, 'nuair a bha e gu h-ioralan fìor-ghlan 
agus ionraic ann a nàdur, gun uidhir a's aon 
smuain dhiamhain na inntinn a b'urrainn a 
chumail air ais bho Dhia — Co, deirim as urr- 
ainn smaointeach air an nì a bha an duine, 
agus an nì a ta e nis' gun bhròn reubadh 
cridhe, an uair a chaidh a' chur na rogha fion- 
ain gu h-iomlan de deagh shìol a' nis air 
" caochladh gu geug chrionaich na f hionain 
coimhich ?" 

O cia cho mi-choltach 'sa tha an duine ris an 
ni a bha e 'nuair a thainig e bho làmhan a 
Chruthadair ! O an caochladh dubhach agus 
bàsmhor, esan aig an robh aon uair iomhaigh 
Dhè a' dealradh air anam, le eolas, ceartas, 
agus naomhachd, le uachdaranachd os ceann nan 
uile chreutairean, gur h-e th'aige nise an àite 
sin dearbh nàdur agus iomhaigh an diabhoil 
ann an ain-eolas, dorchadas, nàimhdeas, uamh- 
ar, rag-mhuinealachd, gàmhlas, na fhear- 
aicheadh-Dhè, iodhal-aorach, fèin-spèis, agus 
iomadaidh eile de shamhail sin de rùintean 
fuathmhor a thaobh lionmhorachd nach urr- 
ainnear an àireamh, agus a dh'f hàg e buailt- 
each do chorraich agus do mhallachd an Dè 
naomha leis am fuathach am peacadh I Thae 



12 



B'EATHA AGUS ÌOMPACHADH 



gun dòchas gun chòmhnadh ann fèin agus air 
gach seòl neo-thoillteannach air còmhnadh 
Dhè- Agus chum a thruaighe an-tromach- 
adh tha e a thaobh a' leagaidh ain-deonach 
gabhail ri còmhnadh an uair a tha e air a 
thàirgse dha. Tba innleachd a dhealbh air 
son slàinte a leithid sud do chreutair gu fad 
os-ceann measarachd an fhuigheil mhi-riagh- 
ailteich ghliocais a ta fathast maireann anns 
an duine, eadhon, ged robh iad ceangailte ri 
ard-ghliocas nan aingeaì : mar sin bhiodh 
slàinte air sgur gu bràth mar faigheadh gràdh 
agus gliocas Dè innleachd a mach. 

A rithist, an uair a dh'ath-bheachdaicheas 
mi air a' chuid a chaidh seachad de'm bheatha 
tha mòr aobhar agam a chaoidh an deigh a 
leithid a dh'fhòghlum sa' fhuair mi, agus an 
eiseamplair a bha air a' chur romham, gun 
cuirinn an neo-shuim iad agus fàs ann am 
ua-bheist aingidh mar arinn mi ; chalughatha 
dh'aobhar agam a bbi gearan cho liugha 
dearbhadh agus obraichean Spioraid Dhè a 
mhùch mi ann an toiseach m' aimsir, ach be so 
mo dhol a mach o'm òige, cha robh mi umhai 
do ghuth an Tighearna, oir bha mo mhuineal 
mar fhèith iarainn agus mo mhalaichean mar 
umha. Agus bha mi ann am chiontach bho 
bhroinn mo mhàthar. 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 13 



CAIB. IL 

Anns am beil eunutas air mo ghnàthachadh-bho 
'nuair a' bha mi dà bhliadhna dheug d dJiaois 
gus an robh mi ceithir bliadJina Jichead. 

'Nuair a bha mi m'a thuaram dà bhliadhna 
dheug a dh'aois, bha mi air mo ghairm 
a dh'ionnsaidh teaghlach a chum Ieughadh 
ionnsachadh * do'n chloinn oir leughainn fèin 
am Bìoball gu math aig an àm sin. Bha'n 
teaghlach so sònraichte air son gach seòrsa 
aingidheachd a' chur an gniomh gach aon diù 
a' toirt barr air a chèile ann anm mallachadh 
sa'm mionnan 's an dubhailcean eile, ach bean 
an taighe na h-aonar, a tha mi lan chreidsinn 
air an robh eagal an Tighearna. Bha ise mar 
bha Lot ann an Sòdom; oir bha na h-uile ni a 
bha coltach ri diadhachd mar chùis-mhagaidh 
agus mar ni gun diù anns an teaghlach. 

'S gann a bha mi mìos anns an teaghlach so 
gus an d'ionnsaich mi cainnt Ashood a labh- 
airt, agus ann an ùine ghearr thug mi barr air 
na bha staigh gu lèir air dòigh is nach b'urrainn 
mi facal a' labhairt gun mhionnan a's bòidean; 
agus air do'm chogais a bhi air a thàladh gu 
suain, pheacaich mi gun bhacadh, ach air uair- 
ean an uair a chuimhnaichinn air a bhàs, an 
sin thuiteadh m'inntinn sìos agus bhithinn 
dubhach, a' co-dhunadh gun robh mi caiilte 
c 



14 BEATHA AGUS IOMPACHABH 

agus gu'n robh sgur de pheacadh a nise gun 
tairbh satn bith. A chum faothachadh a thoirt 
do'm inntinn bho'n an-dòchas so chuirinn, an 
droch latha fada bhuam agus ghabhainn 
dhomh fein comh-fhurtachd bho fhaidead sa' 
bha e air falbh uam. 

Thàrladh co-dhiù, air aon òidhche Shàbaid' 
air do bhean an taighe bhi g'ar comhairleachadh 
agus a' labhairt mu'n bhreithanas r'a thighinn. 
Air dhomh na nithe so a chluinntinn, coltach ri 
Felics chrith mi agus dh'ath-bheothaich na 
h-eagalan a bha orm roimhe sin, gu sònraichte 
'nuair a thòisich i air innse mu uabhas latha 
bhreitheanais agus ma thighinn Chriosd, se sin 
gum brùchdadh e 'thiotadh a mach as an treas 
nèamh air a chuartachadh le cumhachd a's mòr 
ghlòir, agus gu'm be barail cuid de dhaoine 
diadhaidh gur ann air òidhche Shàbaid' a 
thachradh sin an àm a gheamhraidh ; agus ùine 
mu'n tigeadh e gu'm biodh tàirneanaich labhar, 
agus dealanaich agus garbh-rasan meallain 
ann. 

Dh-èisd mi ris an so uile le mòr aire agus 
thòisich mo chogais air mo bhioradh gu 
searbh air son na rinn mi mhallachadh 'sa 
mhionnan sa' bhristeadh Sàbaid maille ri 
peacannan eile. Dh'oidheirpich mi co-dhiù 
sòlas a' thoirt dhomh fèin le smaointeach gu'n 
robh an t-àm anns an tachradh na nithe so 
fad' air fàlbh. 

Ach air an òidhche sin fèin an deigh dhuinn 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



u 



dol a laidhe thàinig an stòirm thàirneanach, 
dhealanach, agus chlachau-meallain bu mhò 
chuala no chunnaic mi riabh, bha na h- uinneagan 
fosgailte, agus thaom na clachan- meallain a' 
steach do'n t-seòmar, agus bha na balachan 
a' deallradh le plathaidhean soilleir nan deal- 
anach. Chrith mi le h-eagal gu'm b'e so tois- 
each bròin, oir thainig gach ni gu crìch a rèir 
achunntaisathug beanantaighedhuinn air latha 
bhreitheanais air tùs na h-òidhche, agus rinn cho 
aineamh sa chunnaic mi stòirm de'n t-seòrs ud 
sa' gheamhradh a' thoirt orm a dhaigneachadh 
ann am bharail gu'm be an latha deireannach 
a bh'ann da-rìreadh. Dk'fhàs mo bhalla- 
chrith cho mòr 's gun tug mo chompanaich 
leapa mo luasgan fainear, agus dh'f harraid iad 
ciod a bha cuir orm, agus thuirt mise gu'n 
robh latha bhreitheanais air teachd, agus 
dh'fheòraich mi aig an àm cheudna dhusan 
ciod a dheanamaid? Rinn iadsan magadh 
orm air son mo chlaghaireachd agus thuirt iad 
nach tainig, Ach cha do chreid mis iad, oir 
bha diiil agam gach mionaid gun tigeadh 
Criosd agus gu'n glaodhadh e ris na mairbh 
iad a dh'èiridh. 

O cia cho sona sa shaoil mi a bhithinn na'm 
b'urrainn mi laidhe fo thota 'n taighe chum is 
gu'm bithinn air m'f halach o ghnùis a bhreith- 
eimh ! O an t-uabhas a ghlac mi, agus shaoil 
mi gun robh aithreachas tuiìleadh a's anamoch ! 
Thainig earrann dè shearmoin Mr. Gray gu'm 



16 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



chùimhne anns am beil e toirt cunntais air 
piantaibh an t-sluaigh dhamnaichte, agus am 
fuathas anns am bi iad aig àm tighinn 
Chriosd. O ! smuaintich mi n'an tòisicheadh 
mo bheatha rithist as ùr gur mi a leughadh, a 
dheanadhùrnaigh,agus a chumadh an t-Sàbaid ! 
ach mo thruaighe ! bha e nise tuilleadh a's 
anamoch. Tacan an deigh sin thòisich an 
stoirm air dol ni bu chiùine agus bha mise 
anabarrach toilichte chionn dàil f haotainn a 
chum aithreachais n'am be agus gu'n robh math- 
anas air mo shon, agus chuir mi romham le'm 
uile chridhe nach peacaichinn tuilleadh, ach 
chaidh crìoch aithghearr air an rùn sin, oir ann 
an ùin' bu lugha na ochd latha bha mi an dearbh 
ni a bha mi roimhe; " 'Nuair a mharbh e iad 
an sin dh'iarr iad e, agus phill iad, agus bha iad 
gu moch ag iarraidh Dhè." Salm. lxxviii. 34. 

Dh' fhan mi anns anteaghlach so cuigmìosan, 
agus thainig mi air m'aghaidh gach latha ann 
an gnàthachadh peacaidh. Is cùimhne leam a 
bhi aon latha feadh a bha mi tàmh anns an • 
teaghlach so còìadh ri feadhainn eile ann an 
eithir air loch mòr uisge bha tacan o'n bhaile, 
agus a thaobh stòirm a dh'eirich bha sinn ann 
an cunnard bàthaidh, ach rinn an Tighearn a 
nochdas caoimhneas do'n mhi-thaingeil ar toirt 
tearuinnte gu tìr, an deigh dhuinn fèin agus 
do mhuinntir eile bhi'n dùil gum bitheadh sinn 
caillte. " 'Nochdar tròcair do'n aingidh, gidh- 
eadh cha'n f hòghlum e fireantachd ; ann an tìr an 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



17 



ionracais buinidh e gu fealltach agus cha toir 
e fainear mòralachd an Tighearna." Isa. xxvi. 
10. 

Tacan an deigh sin chaidh mi dhachaigh do 
thaigh m'athar agus dh'fhan mi maille ris rè 
ùine. B'èigin dhomh a nise mo mhionnan agus 
mo mhallachadh a chuir air chùl, gu h-araid 
am feadh a bhithinn ann am fianais m'athar, 
ach cha bu luaithe gheibhinn as a shealladh 
•na bhithinn cho olc sa bha mi riabh. 

Mu'n àm so thachair mi ri sgioradh a bha gle 
fhreasdalach, agus ni mi an so ainmeachadh. 
Air dhomh a dhol maille ri clann eile ga'm 
fhaithrigeadh ann an abhainn a bha tacan bho 
thaigh m'athar chaidh mi ro fhada mach san 
doimhne, agus air dhomh abhi dol fodha glaodh 
mi air son cobhair, ni nach b'urrainn a chlann 
eile thoirt dhomh agus theich iad gu lèir air 
falbh leis an eagal a ghabh iad ach aon phàiste 
beag nighinn a dh' fhan aig bruaich na h-aibhne 
a' glaodhaich air son cobhair, ach cha b'urrainn 
di-fèin comhnadh sam bith a dheanamh leam. 
Agus mar a taisbeanadh an Tighearn aig am 
beil na cuaintean agus na gnothan fo smachd a 
chum mo theasraiginn rachainn gu cuinteach a 
dhìth san t-sruth, ach thug an Tighearna le 
fhreasdal iongantach air a bhuinne m'iomain 
fagus gu tir, agus rinn am pàiste nighinn a bha 
rènah-ùine na seasamhair bruach na h-aibhne 
mo tharruinn gu tìr le ràcan feòir. 

Ann an ùine ghearr thainig mo thamail do'm 



18 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



ionnsaidh agus bha mi comasach air dol dach- 
aigh. Ach, fos. Cha do ghabh mi na freasdalan 
iongantach so a dh'ionnsaidh mo chridhe, ach 
bhunaich mi air m'aghaldh mar rinn mi roimhe, 
" threòraich mi thu ged nach b'aithne dhut 
mi." 

'Nuair a bha mi dà bhliadhna dheug a 
dh' aois chaidh mi do Shrùidhleadh f'ar an 
d'f huirìch mi car ùine maille ri Mr. R. D. Mu'n 
àm sin thuit mi ann am fiabhras agus thòisich an 
t-aog air m' amharc anns an aodann agus thainig 
m'uile pheacannan givmchuimhne as ùr. Dhiob- 
radh cainnt mi ann an cur an cèill dòrainn 
m' anma aig an àm sin ; bha mo thrioblaid 
chorparra mòr, ach bha i mar neo-ni ann an 
comais ri trìoblaid m'anma. Faodaidh duine 
cur suas le anmhuinneachd, ach co as urrainn 
spiorad leòinte a ghiulan ? Cha d'amhairc mi 
air son tròcair o Dhia a chionn gun robh mi 
easumhail rè mo laithean. O bha dortadh a 
mach a pheacaidh a' laidhe trom air mo chog- 
ais ! an sin ghuidh mi air an Tighearna mo 
chaomhna 'chum is gu'm biodh ùine agam gu 
aithreachas a ghabhail agus thoisich mi air dol 
fo bhòidean agus ga mo nasgadh fèin chum 
sèirbheis a dheanamh do'n Tighearna nam be 
is gu'n coigleadh e mi, agus thoilich an Tigh- 
earna mo shaoradh o'n tinneas so agus mo 
thoirt a rithist o dhorsan bàis. 

Ach bu ghann a chaidh mi am feobhas o'n 
tinneas sin gus an d'fhàs mi sgìth de mo 



DHUGHAILL EOCHANNAIN. 



19 



bhòidean. " Ach rinn iad miodal ris le'm beul, 
agus rinn iad breug dha le'n teangaidh : oir 
cha robh an cridhe ceart maille ris, agus cha 
robh iad dìleas 'nan chomh-cheanghal." 

Cha b'fhada an deigh so gus na thachair mi 
ri leabhar do'm b'ainm. " Gràs am Pailteas do 
Cheann-feadhna nam Peacach" Fhreagair 
ainm an Leabhair so mi gu h-anabarrach 
matli oir shaoil mi gu'm bu mhi-fèin gun 
teaghamh an duine sin. An àrn dhomh a bhi 
leughadh an leabhair so chunna' mi gu'n robh 
an t-ùghdar a sgrìobh e na pheacach mòr, 
ach gidheadh gun d' fhuair e tròcair. An 
sin thuirt mise, theagamh gu'm bi an Tighearna 
tròcaireach dhomh^a mar an ceudna, 011 a 
tha tròcair air a tairgse do cheann-feadhna 
nam peacach. 

Thug so mor mhisneach dhomh chum dol 
a dh'ionnsaidh an Tighearna arm an ùrnaigh, 
agus mo pheacannan fhaoisid da. An àm 
dhomh a bhi deanamh sin mhothaich mi a 
leithid de thaiseachadh cridhe is air uairean 
gu'm bithinn am thuil dheuraibh a' cur romh- 
am gu'n an Tighearna thrèigsinn rè mo 
laithean. Shaoil mi gun d'rinn an sgriobtur 
so, — " Bidh mo ghràs foghainteach air do 
shon," drùghadh milis air m'inntinn. Cha do 
mhair an drùghadh so eadhon ach ùine ghearr, 
araon le'm fhiosrachadh fèin agus na h-aiteam 
do'm b'eòl mi agus a thug dùil à m'iompachadh 
agus à foghantas gràs Dhè do'm thaobh. 



20 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



Sguir iad de dhrùghadh air mo chridhe agus 
air mo ghniomharran, gidheadh tha mo dhòchas 
anns an Tì a rinn na àm fèin foghantas a ghràis 
a nochdadh dhomh air mhodh iongantach (agus 
is ann à foghantas a ghràis a mhain a tha mi 
air son mo dhòigh a chur agus cha'n ann an 
aon ni a rinn mi fèin no th' air oibreachadh 
annam le gràs.) Is e an gràs a ta ann an 
Iosa Criosd anns am beil mi air son m'earbsa 
chur. 

Cho fad 's is cuimhne leam bhuanaich mi an 
dleasanas mar so rè thrì mìosan agus ghabh 
mi làn thoil-inntinn ann a bhi leughadh 
leabhraichean matha ' bha glè lionmhor far an 
robh mi chomhnaidh, agus bha ùine gu leòir 
agam a chum an leughadh. Ach thainig 
leabhraichean sgeulachdan agus leabhraichean 
cluiche gu mo làimh, agus ann am beagan 
ùine' thoisich mi air call mo thlachd de a bhi 
leughhadh leabhraichean matha, agus bha mi 
a' caitheamh m'uil' ùine ri leughadh leabh- 
raichean spleaghach, àbhachdail ni a thug orm 
fàs dearmadach air ùrnaigh, agus dh'fhàs mi 
seachd uairean ni bu mhiosa na bha mi roimhe. 
Dh'ath-bheothaich mo sheanna ghnàs le mionnan 
agus peacannan diamhair eile agus ghabh mi 
mòr thlachd ann a bhi g' aithris sgeulachdan 
diamhain dhaibhsan bu chòmpanaich dhomh, 
ni a thug mi a dh'ionnsaidh a leithid de ghnàs 
breugach 's gu'm bu ròghnaiche leam na bhi 
dh'easbhuidh uirsgeul de'n t-seòrsa ud mi-fèin 



DHUGHAIL BOCHANNAIN. 



21 



sgeulachd bhreugach a dhealbh, ni a rinn fa- 
dheòigh mo tharruinn a dh'ionnsaidh a leitliid 
do staid thruaigh is gu'm bu ghann a b'urrainn 
mi facal firinn a' labhairt. 

Dh' f hàs mi nise gu fuasgailte mi-naomha, 
agus bu cho uabhasach an cleachadh mhionnan a 
dh'ionnsaichis gu'mbithinn an àmfalbhan rath- 
aid mhòir a' mionachadh 'nan adhaidh-san a thoill 
m' fhuath, no a bha 'nan cuspairean gàmhlais 
agam a thaobh nach robh seòl eile agara air 
mo dhioghaltas a thaisbeanadh dhaibh. Dh' 
fhan mi anns an àite so dà bhliadhna, agus a 
dh'aindeoin mo bhrosnaichean gu'n chomhais, 
feumaidh mi aideachadh gun robh an Tighearna 
caoimhneil rium rè na h-ùine sin. Air tùs, 
le 'm aiseadh a chum siàinte agus neairt an 
deigh dhomh a bhi aig dorsan a bhàis. Agus 
a rithist, air son gniomh miorbhuileach a rinn 
freasdal Dè air mo shon, agus ni mi an so 
aithris. Aon latha air dhomh a bhi tighinn 
a nuas an t-sràid, bha saighdear air mhisg a' 
falbh romham agus bha gillean òg' eile a' cuir 
mi-thlachd air le bhi tilgeadh seana ghiobal de 
luideig shalaich 'na aodann, 'nuair a chunn- 
aic mis e cha robh fios agam cia mar bha 
na balachanan gòrach eiìe ga ghnàthachadh 
roimhe sin, a's thog mi an clùd le beag suime 
chum a thilgeadh às an rathad, thug esan an 
aire da so agus shaoil e gum bu mhi a h-aon 
de'n chloinn a bha air tùs ga chaitheamh air. 
Air ball tharruinn è a bheigeileid agus thug e 



22 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

às am dheigh. A thaobh nach robh ionad 
dìdeinn eile dlù dhomh chaidh mi steach ann 
an clousa (mar theirir ris) agus dìreach mar 
bha mi dol a steach agus esan air tì a lann a 
shàthadh annam, dh orduich an Tighearna ann 
na f hreasdal glòrmhor gu'n thuit e an aghaidh 
a chinn, agus laidh e car ùine gun mhothach- 
adh gus an d'f huair mi teicheadh le'm bheatha. 

Cha'n fhaod mi dearmad a dheanamh an so 
air an treas uair a nochd Dia a f hreasdal do'm 
thaobh feadh a bha mi chòmhnaidh anns an 
àit' ud. Air dhomh a bhi aon latha ro fhliuch, 
ann an ceud mìos a' gheamhraidh, a' tighinn à 
Dunèideann, thuit an òidhche 'nuair a bha mi 
aig an Eaglais-bhric. 'Nuair a thainig mi gu 
abhainn Charthuinn chaidh mi air ball a mach 
air a' bheul-àth gun smaointinn idir air an 
dòrtadh uisge thuit rè an latha, ach cha bu 
luaithe rainig mi meadhon an t-srutha na 
thoisich an t-each a bha fodham air call a 
sheasamh-chas, agus a thaobh gun robh an 
òidhche dorcha cha robh fios agam co dhiu a 
rachainn air m' aghaidh no phillinn air m' ais, 
air dhomh smaointeachadh, co-dhiu phill mi, 
agus chaidh mi null air an drochait a bha tacan 
beag air falbh o'n àth agus f huair mi dhathaigh 
tearuinnte. Be cheud naigheachd a f huair mi 
an deigh sin gun deach duine bhàthadh an 
òidhche sin ag oidheirpeachadh dol a null 
air an dearbh àth air muin eich. 

Tacan an deigh sin chaidh mi à Sruidhleadh 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



23 



do Dhuneideann, far an d'fhan mi sè mìosan 

maille ri Mr. S , anns an àite so chuir mi 

tuilleadh ri'm aingidheachd, oir thachair mi ri 
òganach truaillidh mar mi fèin, agus chuir sinn 
peacadh ri peacadh, agus cia air bith gniomh 
a bhiodh sinn a' deanamh bu mhis a bhiodh air 
thoiseach. Gidheadh ann am meadhon mo 
chaithe - aimsir amaideach bha mo chogais 
gu tric air a dùsgadh, agus bha mòr eagal 
orm roimh chorraich Dhè: ach shaoil mi gu'm 
bu diamhain an ni aithreachas a ghabhail, 
" Ach thubhairt thusa cha'n eil leigheas air a' 
chùis a nis'; oir ghràdhaich mi coigrich, agus 
'nan dèigh thèid mi." Ier. ii. 25. 

Bha mi nis' ochd bliadhna deug a dh'aois 
agus dh'iarr m'athair orm ceaird de sheòrs' 
eigin a roghnachadh a' chum a dhol ga 
h-ionnsachadh, ach sin an ni nach robh mi 
riabh deonach a dheanamh, oir ghràdhaich mi 
mo chaithe-beatha diamhanach, fuasgailt fèin 
cho mor is nach b'urrainn mi smuainteachach 
le tlachd air a chaochladh. Co dhiù, thug mo 
chàirdean orm ma dheireadh gu'n d'aontaich mi 
a dhol gu ceaird, le sparradh orm gu'm b'ann le 
ceaird ionnsachadh bu chinntiche bhithinn à 
aran, no à aon ghnothach air bith eile. Air an 
aobhar sin roghnaich mi mar cheaird saoir- 
sneachd nan taighean agus chaidh mi do Chipen 
far an deach mi fo aonta thrì bliadhna aig 
caraid dhomh fèin a chum naceairde sin ionn- 
sachadh. 



24 BSATHA AGTJS IOMPACHADH 

An deigh dhomh a dhol do Chipen fhuair 
mi companaich nach b'ionan an nàdur riusan 
ris am b'abhaist dhomh cornunn a chumail, 
agus a thaobh gu'n robh an eaglais fagus dhomh 
chaidh mi gach latha Sàbaid a dh'èisdeachd 
searmoin. Be'n t-urramach Mr. Potter bu 
mhinistear agus shearmonaich e caochladh 
shearmoinean bho lob xxii. 21. " Gabh-sa 
nis' eolas air-san agus bi an sìth : mar sin thig 
math a' t'ionnsaidh." Agus bho iomadh smaoin 
chudthromach dhearbh e cho feumail sa' bha 
e bhi ann an sìth ri Dia, trid an Tighearn' Iosa 
Criosd. Ach dhùisg mìle teagamh ann am 
chridhe as-creideach-sa, agus be an teagamh bu 
mhò gu'n robh e tuilleadh a's anamoch, gu'n 
deach latha nan gràs seachad ; agus nach 
tugadh Dia mathanas dhomh gu bràth, a 
chionn gun do chùl-sleamhnaich mi cho tric. 
Bha bròn orm air son sonas chàich de nach 
b'urrainn mi fèin cuibhrionn a bhi agam, agus 
bha mi 'g amharc orm fèin mar aon de na 
creutairean bu truaighe. 

Thòisich mi an sin air smaointeachadh an 
d'fhuair peacach cho mòr rium fèin tròcair 
riabh. Thug so mi gu smaointeachadh air 
peacannan Mhaneseh agus Phòil, a thug mi 
fainear a bha nam mòr pheacaich, ach gidheadh 
a fhuair tròcair. Bho smuainteachadh air a so 
thòisich mi aìr glacadh beagain misnich, oìr le 
leughadh leabhair a bha tighinn air nadur a 
pheacaidh (as nach faighear mathanas) an agh- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



25 



aidh an Spioraid Naoimhe agus an dòigh air 
an cuirear an gniorah e, cho-dhùin mi nach do 
pheacaich mi am peacadh sin, agus thòisich 
mi ri smaointeach annam fèin gu'm faodadh 
gu'm biodh an Tighearna gràsmhor a thaobh 
gu'n robh mo pheacannan so-mhaitheach, " Co 
aige tha fios nach pill an Tighearna ?" Mar 
sin, d saoilsinu nach b'urrainn mo staid a bhì 
ni bu mhiosa na bha i cheana, eadhon, ged rach- 
ainn a dhìth chuir mi romham fheuchainn ciod 
a dheanadh an Tighearna. 

Bho'n àm sin a mach thòisich mi air a bhi 
am dhuine nuadh, agus rinn mi ùrnaigh dà 
uairgach latha, agus sheachainn mi a' ghraineal- 
achd a b'uamharra anns bu ghnà leam roimhe 
sin a bhi ga'm luidreadh. Fhuair mi mar an 
ceudna cridhe brùile air son mo pheacannan, 
agus mòr mhilseachd anns na geallaidhean 
so a leanas : — " Is mise, mise fèin esan a 
dhubhas t-euceartan as, air mo sgàth fèin, 
agus do lochdan cha chum mi air chùimh- 
ne." (Isa. xliii. 25.) Ach ge be air bith sòlas 
no milseachd a f huair mi anns a' geailadh so 
rè na h-uine sin, thug mo ghiùlon agus mo 
thograidhean an deigh sin dearbhadh soilleir 
dhomh nach dothuigmi fhìor bhrìgh,gu h-araid 
a' chuid so dheth, " air mo sgàth fèin," se sin ri 
ràdh — m'ùrnaighean, mo dheòir, agus gniomh- 
an dleasanais eile. Bha mi a nise air m'ath- 
leasachadh gu mòr ann am beachd dhaoine eile, 

D 



26 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



cha bu lugha na sin a bha mi air m' athleasach- 
adh ann am bheachd fèin, agus chaith mi an 
ùin' a bha agam saor o mo cheird ri leughadh 
a Bhìobaill agus leabhraichean matha eile. 

Bha gleann fagus do thaigh m'athar anns bu 
ghnà leam taghal a chum ùrnaigh a dheanamh, 
anns a ghleann so is tric a chaith mi gach 
feasgar Sàbaid ri leughadh, ri ùrnaigh, agus 
ri seinn shàlm. 

Air do phobull Dhè an aire thoirt da cho 
math sa' bha mi a frithealadh nan òrduighean 
thòisich iad air mo ghràdhachadh ? agus thòisich 
mi-fèin air mo ghràdhachadh mar an ceudna, 
'nuair a fhuair mi aleithidsud de.thograidhean 
ann am chridhe, agus a leithid de ghniomharran 
matha air an deanamh leam oir chuir mi romh- 
am le'm uile neart gu'n cumainn na h-àintean, 
agus a thaobh mo ghiùlain on taobh a mach 
cha b'urrainn Phaireasach fèin a ràdh, " a 
bhràthair leig dhomh an smùirean a bhuntainn 
à do shùil." Bha mo cheud shligheachan an 
nis' air an trèigsinn, ach cha robh m'ana-miann- 
an idir air an cuir gu dìth, ach air an cumail 
bho ruifch anns an t-sruth-chlais anns bu ghnà 
leo siubhal, uime sin b'èiginn gu'n robh iad a' 
ruith ann an sruth-chlaisean eile oir bha e eu- 
comasach sruth a dhiabhadh am feadh a bhiodh 
a mhathair-uisge ruith. Gidheadh, tha e glè 
shoirbh dàm a chuir romh shruth a bheir air 
tionnda rathad eile, ach aig àm dìle a' sguabas 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



27 



gach ni roimhe : 'Se tha mi 'ciallachadh le so 
buairidhean laidir a bhristeas uile bhòidean 
agus rùintean a chuireas duine roimhe chumail 
le neart fèin. Air an aobhar sin, bha aon 
pheacadh sònraichte ann am aoradh a thug 
buaidh tharain gu trÌQ, agus gach uair a thug 
e ionnsaidh orm bha nruile neart ro lag a chum 
cuir 'na aghaidh. Rinn an ni so mo shuaimh- 
neas a mhilleadh ; dh'inntrinn mi'n sin ann an 
cùmhnanta ri Dia an aghaidh a pheacaidh sin, 
ga mo chur fèin fo ùmhladh damhnadh siorr- 
uidh na'mbe is gu'm bristinn an cùmhnanta rinn 
mi ris, a'" smaointeach nach bithinn cho amaid- 
each is damnadh siorruidh fhulang air sgàth 
aon pheacaidh a bh' ann am nàdur, oir bha 
mi an uair sin an dùil gun robh gach peac- 
adh eile agam air an claoidh. Ach a thaobh 
nach robh ciamh mo pheacaidh fathast ^air 
a ghearradh, 'nuair thainig buaireadh ^mar 
Philesteach laidir bhrist e gach còrd leis an 
robh mi air mo cheangal. B'amhail gu dearbh 
a bha cumhachd a pheacaidh annam is ged à 
nochdadh ifrinn i-fèin le h-uile uabhasan fa'in 
chomhair gu'm bristinn tro 'n dige so. Air 
dhomh a dhol thar crìochan mo chùmhnanta 
bha mo shìth gu tur air am milleadh. Thuit 
mi ann an an-dòchas mòr agus chunna mi gu'm 
faodadh an Tighearna 'na cheartas mo thilg- 
eadh do dh'ifrinn a chionn gu'n do bhrist mi 
mo chùmhnanta ris, agus sin do rèir na binne 
ditidh a labhair mi ann am aghaidh fèin, 



28 



BF.ATHA AGUS IOMPACHADH 



Sinaointich mi co dhiu an deigh sin na'n gabh- 
ainn aithreachas agus ùmhlachd n'a b'fhearr a' 
dheanarnh o 'n àm sin a mach gu'm faodadh 
gu'n tugadh Dia mathanas dhomh uime sin 
thug mi bòidean as ùr an aghaidh mo leannain 
peacaidh. 

B'e so an dòigh air a d'rinn mi mo chùmh- 
nanta, thug mi bòid ann an lathair an Tigh- 
earna gu'n deanainn sèirbheis da, agus gu'm 
fanainn bho bristeadh a chuid àintean, agus gu 
h-àraìdh na h-àintean sin bu ghnà leam a bhrist- 
eadh roimhe, agus o'n a bhrist mi mo chùmh- 
nanta gu tric thug mi nis oidheirp air mo gheall- 
adh a chumail, a' deanamh faire air gach uile 
bhristeadh a mach gus an rachadh an ùine chuir 
mi romham mo chùmhnanta chumail seachad, 
a bha air uairean rè mìos, agus air uairean eiie 
dha no thrì de mhìosan mar a chithinn iomch- 
aidh aig an àm a bha mi dol fo bhòidean. 
Se an ceann-fàth mu'n do cnuir mi ùine shon- 
raichte roimh mo bhòidean sb, shaoil mi na'n 
leiginn dhiom mo phèacannan rè ùine, gu'n 
tugadh ùine orm dealachadh ris a' chleachdadh 
pheacach do'n robh mi buailteach, agus le bhi 
gu tric a' cuir an aghaidh m' ana-miannan gu'm 
fàsadh iad fa-dheùigh lag, agus an sin gu'n 
tugainn buaidh orra gu buileach. Ach thach- 
air e do ghnà gun robh m'ana-mianna ni bu 
treise aig a' cheann m'a dheireadh na bha iad 
air tùs agus ma shaoil mi gu'n do choimhid mi 
mo bhòid gu math (ni nach tric a rinn mi) 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



29 



ghabhainn beagan de thoil-inntinn a pheacaidh, 
oir am feadh a bhiodh mo bhòid na seasamh 
ann am aghaidh bhidhinn fo dhaorsa cho mòr 
sa's urrainnear a smaointeachadh. 

Mu'n àm sin chaidhmidh'ionnsaidhco-thional 
a bha fagus domh far an robh Sàcramaid 
suipeir an tighearna gu bhi air a frithealadh, 
cha b'ann a chum agus gu'n compairtichinn 
de 'n t-suipeir, oir bha mi neo-iomchuidh air 
son a leithid sin de dh'òrdugh. Ann an so 
bha mo chogais gu mòr air a dùsgadh leis an 
teagasg a chuala mi a thaobh gu'n dhearbhadh 
orm leis an teagasg sin, a dhaindeoin gach 
ath-leasachadh a rinn mi gun robh mo staid 
fathast gu dochair. Air dhomh a bhi tighinn 
dhachaigh m'u òidhche thuit mi ann an triob- 
laid mhòir, agus a thaobh nach robh duine 
gabhail na slighe coladh rium dh'fhuirich mi 
ùine mhath de'n òidhche air an rathad, air 
uairean a' gul, agus air uairean ag ùrnaigh,agus 
air uairean eile ga mo thilgeadh fèin air an 
talamh gu'n chùrani agam ciod an dochann 
a dh'fhuiligeadh mo chollainn. Fa-dheòigh 
thainig mi dhachaigh sgìth le mo thuras agus 
trioblaid m'inntinn. Cha mhath a tha cùimhne 
agam co leis a bha m'inntinn air a ciùineachadh 
an deigh na stoirm so, ach tha cuimhne mhath 
agam air an so nach do mhair e fada 'nuair a 
fhuair mi suaimhneas brèig' eigin a dh' aon 
chuid le amharc air m'ais air ni-eigin math 
a rinn mi, no le amharc romham air nithibh 



30 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



matha bha mi gu dheanamh anns an àm ri 
teachd. Co dhiù cha do mhair an suaimhneas 
so fada, or bha mo bhunaid air a gluasad air 
dhomh searmoin a' chluinntinn o na briathran 
so : " Feuch suidhichidh mise mar stèigh ann 
an Sion clach, clach dhearbhta, clach chinn- 
na h-oisinn sàr-bhunard." Isa. xxviii. 16. 

Nuair a chunnaic mi gun robh mo bhunaid 
docharach, agus nach do thog mi suas riabh air 
an stèigh cheart, Iosa Criosd, is cùimhne 
leam rè àireamh laithean an deigh sin gu'n 
robh mi anabharrach dèigheil air fios a bhi 
agam cia mar thogainn air an stèigh cheirt: 
ach cia mar fhuair rni mo chogais riaraichte 
do thaobh na bunaide so no ciod an co-dhùn- 
adh gus an tainig mi cha'n urrainn mi an dràsta 
chùimhneachadh ; ach tha cùimhne agam nach 
do sheas mo thogail ro fhada an deigh sin an 
nuair a thuit i' agus bha'n tuiteam mor, oir tacan 
an deigh sin air dhomh fèin agus do'm mhaigh- 
istear cuir a mach air a chèiìe dh'fhag mi e 
agus chaidh mi do Dhun-Breatuinn, far an 
deach mi fo aonta shè mìosan aig fear eile. 

Bha mi nise fichead bhliadhna a dh'aois * 
'nuair a thainig mi do Dhun-Breatuinn àite 
anns an robh sochairean an deagh chomuinn 
a bha agam ann an Cipen da'm dhìth, agus a 
thaobh naeh robh freumh na cùise annam fèin 
bha mi gu soirbh air mo thoirt a thaobh le mo 
chompanaich ùra chum misge, agus an uair a 
thrèigeadh mo reusan mi thoisichinn air mionn- 



DHUGHAIL BOCHANNAIN. 



31 



an ni air son an gabhainn mòr aithreachas an 
uair a thiginn da'm ionnsaidh fèin, agus thòis- 
ichinn air mo shean ghnàs as ùr, se sin, à dol fo 
bhòidean, ni nach bu luaithe cheanglainn no 
bhristinn iad. Fa-dheòigh thuit mo thogail a 
bha air a' deanamh suas de chrè gun oibrèach- 
adh a chum na talmhuirm, cha'n ann a dh'aon 
tuiteam, ach a lion cuid a's cuid, bho cheum gu 
ceum, gus fa-dheòigh gu'n d f huair mi mi-fèin 
air sìothladh ann an làghach a pheacaidh, agus 
rinn mi co-chumunn rìs a' chuid eile de mo 
chompanaich na'n gniomhan ifrinneach. 

Air dhomh a bhi aon latha a' gabhail an àile 
feadh nan cluan thainig an sgriobtur so le 
caismeachd uabhasach a dh'ionnsaidh mo chog- 
ais, Agus an deigh do'n spiorad neoghlan dol 
a mach a duine imichidh e troimh-ionadan 
tiorma 'g iarraidh fois, agus cha'n f haigh se e. 
An sin their e ; Pillidh mì do'm thigh as an 
tainig mi agus air teachd dha, gheibh e falamh 
sguabta agus deagh-mhaiseach e. Imichidh e 
an sin agus bheir e leis seachd spioraid eile a's 
miosa no e-fèin agus thèid iad a steach agus 
gabhaidh iad còmhnaidh an sin : agus bithidh 
staid dheireannach an duine sin ni's miosa na 
a thòiseach. Is ann eadhon mar sin a thach- 
ras do'n ghinealach aingidh so." Mat. xii. 43 
— 45. O, mar chaidh so mar sgian a dh'ionn- 
saidh mo chridhe ! Chuir e ann am pian- 
bhron mi a bhi smaointeach gu'n thrèig Dia 
nii. agus gu'n dh' fhàs mi ann am ionad chomh- 



32 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

naidh dheamhain. " Mallaichte," arsa mise, 
" gu'n robh an laflia anns an deach mi air 
seacharan o Dhia ! O mallaichte gu'n robh an 
latha anns na choinnich mi na còmpanaich 
thruaillidh so ! O an staid thruagh, a bhi air 
mo thoirt thairis do dh'inntinn thruaillidh, O 
an caochladb truagh." Bha mi ann a leithid 
de staid a's gu'n spìonainn m'f halt agus gu'n 
reubainn m' fheòil. Tha e eacomasach dhomh 
aithris an t-uabhas do-labhairt leis an robh 
m'anam air a lionadh, bha mi 'g amharc orm 
fèin mar dhuine air a thrèigsinn gu tùr le Dia, 
agus gun dòchas sam bith. eile ach ag amharc 
a mach air son na corraich eagalaich' sin a 
shluigeas suas uile nàimhdean Dè\ 

An deigh sin bha mi greis de'm àimsir fo 
leann-dubh air chor is nach tugadh nì air bith 
sòìas domh ach fa-dheòigh thòisich, mi air 
smaointeach ciod a b'fhearr dhomh a' dhean- 
amh; chunnaic mi gu'n do chaill mi nèamh, 
agus nach robh nèamh eil am a gheibhinn, 
mar a deanainn nèamh dhomh fèin air an 
talarah, uime sin thòisich mi air togail suas mo 
spioraid agus air gabhail mo shàth do thoil- 
inntinnean peacach feadh sa dh'fhaodainn am 
mealtainn. An sin bha uile bhanntaibh gràis 
air am bristeadh agus chaidh rais air m'aghaidh 
anns gach seòrsa peacaidh le cìocras. Dh'f hàs 
mi mar asal fhiadhain anns an f hàsach agus 
ghnathaich mi gach meadhon chum mo chogais 
fhulasgadh gu suain, ni nach b'urrainn mi a 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



83 



dheanarah. B'e cuideachd chridheil, shuilbh- 
ear, ioc-shlaint a b'fhearr a b'urrainn mi 
fhaotainn a chum furtachd.air mo dhòrainn 
ni a thug orm ruith a dh'ionnsaidh cuideachd 
gach uair a gheibhinn cothrom air sin a 
dheanamh, agus do thaobh nach b'urrainn mi 
a bhi do ghnà am measg cuideachd, a chum 
m'inntinn a chumail suas an uair a bhithinn 
leam fèin, no 'nam aonar, dh'ionnsaichidh mi 
air mo mheaghair gach duan agus òran a 
b'urrainn mi fhaotainn, ni nach robh ach 
nà dhroch leigheas air cogais leòinte agus 
thruailiidh, agus a dh'aindeoin gach ni d'ari 
d'rinn mi cha d'fhuair mi suaimhneas. 

An sin shaoil mi na'n dearbhainn orm fèin 
nach robh Dia idir ann gu'm faighinn fois, ann 
am inntinn, ach cha b'urrainn mi m' inntinn a 
shaoradh bho na bhaireil gu'n robh, Dia ann, 
be m'fhior dhùrachd nach bitheadh, ach cha 
b'urrainn mi an t-uabhas a bha orm roimh' 
chorraich a chuir air di-chuirnhne agus ann 
am meadhon mo shubhachais, 'nuair a bheirinn 
oidheirp air gach uile smuain m'u Dhia agus 
m'u shiorruidheachd a chrathadh dhe m'inntinn 
thigeadh làn-dhearbhadh laidir gu m'aig- 
neadh gun robh Dia ann agus staid thruagh 
shiorruidh air a h-uìlachach do gach peacach 
neo-aithreach. " Thubhairt an t-amadan 'na 
chridhe cha'n eil Dia ann." Salm. xiv. 1. 

Dh'fheuch mi nise na h-uile innleachd ann 
am chomas chum a dhearbhadh orm fèin nach 



34 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

robh Dia ann 'chu.m agus gum faodainn cadal 
gu tearuinnte ann am pheacannan, ged nach 
b'urrainn mi leis gach meadhon a bha ann am 
chomas sin a dheanamh, oir be 'n ni bu mho 
a b'urrainn mi a dheanamh a ghuidhe gu dùr- 
achdach ann am chridhe nach robh Dia ann 
a dheanadh dioghaltas orm. Agus am buair- 
eadh a bha mi roimhe 'g iarraidh cho dùr- 
achdach thainig e nise gun chuireadh sam bith, 
agus bha mi cho neo-chomasach a dearbh- 
adh air minntinn fèin nach robh Dia ann sa 
bha mi roimhe air air a chreidsinn gu'n robh. 

Air dhomh a bhi aon latha ann an coille a 
bha dlù do làimh, agus mo smuainteann gu 
trom air luasgan a' cnuasachd mu thimchioll 
bith Dhè ; thòisich mi air amharc air na luibh- 
ean a bha fàs mu'n cuairt domh, agus thug mi 
fainear connbhall iongantach 'nan cumadh 
agus 'nan dealbh. Air dhomh cuid diù a 
bhuainn agus an sgrùdadh gu mion chunnaic 
mi cho liugha meur a, fàs bho chuiseig 
gach aoin diù, agus gach aon mheur uighe 
shònraichte bho chèile, ann an òrdugh cho 
eagarra is nach b'urrainn mi eadar-dheal- 
achadh a chuir eadar taobh seach taobh dhiù. 
A rithist thug mi fainear gach caochladh 
eun agus ainmhidh agus mar bha teachd- 
an-tir air a sholar do gach aon diu agus 
iad gu lèir air an cruthachadh a chum an 
crìch airidh fèin. An sin dh'fheòraich mi 
dhiom-fèin cia mar a thachair so? ach cha 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 35 



b'urrainn mi innse, mar a b'ann le cumhachd 
agus gliocas a Chruithear. Agus mar so 'nuair 
a bheachdaich mi air obair a chruthachaidh 
agus an fhreasdail, bha m'inntinn ann an 
rudaigin de mhodh air a sochrachadh anns a 
bheachd gun robh Dia ann, agus a' freasdal da 
uile chreutairean. 

Latha eile air dhomh a bhi falbh air feadh 
nan raon, fhuair mi claigeann eich 'na laidhe 
air an talamh air fàs geal le sion an adhair air 
chor is gu'n robh gach amladh a bha ga chum- 
ail ri chèile gu soilleir ri f haicinn. Air dhomh 
a thogail suas ann am làimh rannsaich mi gu 
mionaideach na h-uilt' mhiorbhuileach leis an 
robh aon mhìr dheth air a thàthadh ris a mhir 
eile, maille ris na lubaibh cama agus ris na 
cuir shniomhain a bha ann m'u thimchioll 
nan cluas agus nan cùimhnein, sheall mi air 
gach taobh dheth a dh'f heuchainn am measg 
cho liugha amladh agus earrann air an tàthadh 
ri chèile am faicinn eadar-dhealachadh no neo- 
iomlanachdannta, agus an deighdhomhgreis de 
dh'ùine a chaitheamh ann am feuchainn earrann 
dheth ri earraium eile, cha b'urrainn mi an 
t-eadar-dhealachadh bu lugha fhaicinn eatorra 
ach eagair ionghantach agus co-chòrdadh 
anns gach ball. Chunnaic mi a nise nach b'urr- 
ainn aon ni ach gliocas neo-chrìochnach a 
leithid so de mhir-ceaird a dheilbh, agus nach 
b'urrainn na bha de dhaoine air an t-saoghal a 
leithid eile a dheanamh, agus mar a b'urrainn 



36 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



iad an claigeann a dheanamh, cha b'urrainn iad 
idir cnàimh a thàthadh ri cnàimh, agus an 
còmhdach le fèithean, feòil agus craiceann, agus 
ni a's lugha na na h-uile, anail a chuir ann agus 
a thoirt air gluasad agus imeachd mar a rinn e 
roimhe ? An sin cho-dhùin mi gu cinnteach 
gun robh Dia ann, a bha neo-chrìochnach ann 
an gliocas agus an cumhachd Tì is e Cruithear 
nan uile ni, agus a tha riaghìadh thar gach ni 
mar a's àill leis. 

An deigh sin thug mi fainear an duine mar 
tha 'n t-urram aige thar gach creutair eile, gu 
sònraichte mar thugadh dha anam reusanta ni 
leis am beil e comasach eolas a chuir air Dia 
agus air obair. Uatha so, agus o smaointean 
eile coltach riu fhuair mì làn-dearbhadh 
gun robh Dià ann, gidheadh, cha robh m' 
ìnntinn riaraichte m'a thimchioll cia mar bu 
chòir dhomh aoradh a dheanamh dha. Oir 
b'ann mu'n àm so a thuit mi ann am buaireadh 
do thaobh ar Tighearna losa Criosd a bhi na 
aon de phearsaibh naDiadhachd (se sin co-ionn- 
an ri Dia fèin) agus mu ùghdarras an Sgriobtuir 
leis an robh mi air mo bhualadh le buaireadh 
an Dia-àicheamh, air chor is gu'n robh gach 
seòladh a bha agam bho'n Taisbeanadh air 
fhàgail gun tairbh, agus am buaireadh so (tha 
mi a' ciallachadh am buaireadh a thaobh 
Diadhachd ar Tighearna Iosa Criosd) colt- 
ach ri càch lean e mi gus an d'f huair mi foill- 
seachadh Dhè ann an Criosd, ni a thug buaidh 



DHUGHAIliL BOCHANNAIN. 



37 



air na buairidhean sin agus air na buairidhean 
eile. 

Mu'n àm sin, co dhiù ràinig mi leithid de dh' 
airde aingidheachd 's gu'n do pheachaich mi 
gu folaiseach agus gun athadh. Rinn mi glòir 
ann am aingidheachd agus cha robh mi riar- 
aichte le mo pheacannan fèin ach rinn mi uaiìl 
ann a bhi cuir pheacannan chàich as mo leith. 
Cha sheallainn idir ann am Bhìoball, oir bha e 
nauabhas leam. B'iad naleabhraichean abha mi 
leughadh mar bu tiic " Leabhar cruinneolais 
a Ghòrdonaich"* agus " Eachdraidh rìghre- 
an na h-Albann," agus ge be air bith ni da'n 
deanainn, cha'n f huiliginn mo chronachadh, oir 
dheanadh an smachdachadh bu lugha mo chog- 
ais a chur fo h-armachd am aghaidh le agartasan 
ùraabha cur m'anma ann an àmhghar mòr. Bha 
mi air aon latha air mo chronachadh air son a 
bhi ri mionnan le duine.glè aingidh agus do rèìr 
mo bharail 'na dhuine gun ghràs, gidheadh, air 
leam gun dh' fhàg uabhas mo chogais cho lag 
mi is gu'm bu ghann a b'urrainn mi seasamh air 
mo chasan. 

Chaidh mi nise cho fad air m' aghaidh as gu'n 
tug mi oidheirp air na Sgriobturan fhiaradh a 
chum mo dhroch ghniomhan fèin fhireanach- 
adh. O ! airdead na h»aingidheachd gus an 
robh mi nis' air tighinn. " Amhail mar na 
litrichibh uile, a' labhairt anta mu na nithibh 



■ Gordon's Geograpbical Grammar. 
E 



38 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



so : anns am beil cuid de nithibh do-thuigsinri 
a tha an dream a ta neo-f hoghluimte agus neo- 
sheasmhacb, a' fìaradh amhuil mar na Sgriob- 
turan eile, chum an sgrios fèin." " Is an- 
aobhinndhaibhsan atha tarruinn ainguidheachd 
le còrdaibh diomhanais, agus peacaidh mar le 
taodaibh feuna, a their math ri olc, agus olc ri 
math ; a ta cur dòrchadais an àite solais, agus 
solus an àite dorchadais, a ta cuir an t-seirbh 
an àite mhilis agus a mhilis an aite an t- 
seirbhe " Da'n dia am brù ; aig am beil an 
glòir 'nan nàire aig am beil an aire air nithibh 
talmhaidh." 2 Ped. iii. 16. Isa. v. 18, 20. 
Phil. iii. 19. 

Mu'n àm so thachair mi ri fear a bha air a 
mheas na dhuine fòghluimte agus dh'fheòraich 
mi dheth ciod a bha e saoilsinn m'u staid 
shiorruidh, agus ma phiantaibh an t-sluaigh 
dhamnaichte ann an ifrinn ? Thuirt e rium 
nach robh a leithid sin de ni ann, damnadh 
siorriudk, agus thug e an ionnsaidh air a sin a 
dhearbhadh le iomadh argamaìd laidir gu 
h-araid, le beachdachadh air mathas Dhè. 
* Oir cia mar chòrdadh e ri mathas Dhè," 
(ars esan, " a bhi pianadh chreutairean truagha 
feadh linntinn na bith-bhuantachd, gu son- 
raichte na cinnich nach cuala riabh iomradh 
air a thròcair," agus le argamaidean eile mar 
sin. Air dhomh an teagasg nuadh so a chluinn- 
tinn air a chòmhdach, le cho liugha argamaid, 
bha mì gle aoibhneach agus smaointich mi ann- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



3ci 



am fèin gun robh fathast dòchas ri tighinn a 
ifrinn a chionn nach robh i siorruidh ach gu 
marsinn a mhàin rè seal. O ! an teagasg milis 
de neach mar mise nach robh a'g amharc air son 
ni sam bith ach dioghaltas siorruidh gu'm faod- 
ainn a nise beagan misnich a ghabhail. 

'Nuair a dhealaich mi ris an duine so, 
thòisich mi air sparradh air muinntir eile a bhi 
de na cheart bheachd so, agus sin leis na 
dearbh argamaidean a ghnàthaich e-fèin rium- 
sa, ach cha chreideadh neach sam bith mo 
theagasg agus gu dearbh cha b'iongantach e 
oir cha do làn chreid mi-fèin e. Cha b'urrainn 
mi a làn-chòmhdacli air m' inntiun ach a 
mhain gu'm b' f hearr leam gu'n robh e h'or 3 ach 
bha m' uile iarrtasan air am brudhadh ieis an 
smuain so : — Gu'n robh Dia ann agus gu'm bu 
Dia fior an Dia sin agus gu'n tubhairt e 'na 
fhacal gu'm biodh peanas nan aingidh anns an 
t-saoghal eile siorruidh, agus gu'm be duine 
mar mi-fèin a thubhairt nach bitheadh e ach 
car seal. An sin ehùimhnaich mi air na 
briathran so. " Biodh Dia fior agus gach 
duine na bhreugaire," agus thubhairt mi ma 
bha Dia fìor gu'm b'eigin dhomhsa a bhi ann 
an ifrinn feadh linntean na siorruidheachd. 
Air dhomh gun ach beagan comfhurtachd 
f haotainn o'n teagasg nuadh so thòisich mi air 
smuainteachadh cia mar chuirinn suas le teine 
claoidhteach, agus a chòmhnaichinn ann an 
lasraichean siorruidh, agus cia mar chumadh 



40 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



an druim anbhann so suas corraich Dhè a 
loisgeas a chum na h-ifrinn a's iochdraich ? 
Air uair smuaintich mi gu'n tugadh Dia neart 
dhomh a chum na leagadh e orm a ghiùlan, 
agus a rithist, gu'n deanainn cho math ri 
muinntir eile mi-fèin a chruadhachadh ann am 
bròn. Cha robh iad so co-dhiù ach 'nan 
smuainteannan cianail agus uime sin thug mi 
ionnsaidh air am fuadach o'm inntinn. 

Bha aon ni eil a fhuair mi annam fèin, ge 
do tha e rudaigin iongantach cia mar a b'urr- 
ainn e a bhith, agus is e sin nach b'urrainn mi 
riabh làn shaorsa fhaotainn ann an cuideachd 
dhaoin' aingidh, oir ged a bha mi sònraicht , 
air son uilc mi-fèin, cha b'urrainn mi. an t-olc a 
ghràdhaehadh ann am muintir eile, agus as tric 
a thug mi achmhasan daibh air son iad bhi ri 
mionnan agus ag òl agus ri peacannan eile. 
Agus an uair a thigeadh ni air bith am agh- 
aidh bhithinn air son gabhail anns an arm, 
ach air dhomh smuainteachadh air caitheamh- 
beatha an t-shaighdear mar bha e a buanachadh 
anns gach-seòrsa droch-bheirt cha'n f huilgeadh 
mo chridhe dhomh smaointeach air a bhi fad 
mo làithean ann a leithid de chomunn, agus 
smaointich mi n'an cumainn mi-fein bho leithid 
gu'n tiunndaidhinn uair no uair eigin. Bu 
smuain dhiamhair so ann am inntinn, ach bha 
i air a brudhadh le'm as-creideamh air chor is 
nach d'fhuair i buaidh sam bith air mo chonn- 
altradh, oir cha d'rainig i cho fad sa ràdh 



DHUGHAILL BOCHANNAIN, 



41 



" tha dòchas ann an Israeil do thaobh an 'ni 
so." Co-dhiù sraaointich mi na'n gabhainn 
anns an t-shaighdearachd gu'm biodh gach 
cothrom air aithreachas caillte gu siorruidh, 
agus leis an dòchas fhann so ri tròcair bha 
mi air mo chumail o dhol do'n arm. 

Bha aon ni eile bha gle thuilseach dhomhsa, 
agus be sin, caitheamh-beatha fuasgailte cuid a 
b'aithne dhomh de luchd-aidmheil na diadh- 
achd, agus cho mi iomchaidh sa bha cuid de 
mhinistearan a* gluasad. Oir bha e mar cleachd- 
adh agam gach uair abhithinn ann an cuideachd 
mhinistearan no luchd-aidmheil eile geur aire 
thoirt da'n conaltradh agus da'n giùlan a 
dh'fheuchainn an robh iad a' gluasad do rèir 
an aidmheil. Agus an uair a fhuair mi an 
conaltradh diamhain agus mu ghnothaichean 
saoghalta nach bu chumhaidh dhaibh, an sin 
cho-dhùin mi gu'm b' fhior chealgairean iad, 
oir neo nach robh a leithid de ni ann is fior 
dhiadhachd, ni air an tug iad làn-dearbhadh 
oir bha mise cinnteach nach robh na daoine so 
iad-fèin a' creidsinn firinn an ni sin a bha iad 
a sparradh air càch, oir n'am bitheadh gu'n 
tugadh. e orra fèin gluasad ann an atharracha 
doigh seach mar bha mise mothachadh iad a' 
deanamh. Shaoil mi mar an ceudna nam 
bithinn fèin ann an àite ruigsinn de thròcair 
gur mi ghluaiseadh ann an slighe gach naomh- 
achd. Ach be an co-dhunadh a tharrainn mi 
bho na beachdan so gu'n robh an sluagh anns 



42 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



gach seòl ann an staid cho olc rium fèin. Rinn 
mise sèirbheis do'n diabhol gu follaiseach agus 
chrùn mi e mar mo Thriath, agus nochd mi a 
bhi on leth a muigh mar bha mi on leth a staigh, 
ach dh'aidich iadsan a bhi deanamh sèirbheis do 
Dhia agus aig a' cheart àm bha iad a' deanamh 
seirbheis do'n diabhol. Bha'n ni sin glè thuil- 
seach dhomhsa. 

Thug mi na nithe so fainear bho na briath- 
ran so a leanas. Anns a' cheud àite, thug mi 
fainear am mor f heum a tha aig pobull Dhè 
air rùn-suichte an t-Salmadair a chnuasach, 
" Thubhairt mi bheir mi'n aire do'm shlighibh 
nach peacaich mi le'm theangaidh : gleidhidh 
mi srian air mo bheul, an uair a bhios an duine 
aingidh a'm fhianais." (Salm. xxxix. 1.) Is 
feumail gu'm bi againn gliocas na nathrach agus 
neo-lotuidheachd a chalmain a chum agus 
gun faod sinn gluasad air chor is nach bi olc 
air a labhairt mu thihchioll ar math, oir tha 
iomadh furachar air son ar tuislidh a chum 
agus gum bi ni egin aca ri ràdh mar tharchuis 
air diadhachd. 

A rithist, tha mi a' faieinn gu'm beil feum 
mòr air an aire thoirt da so : — " Gltmisibh ann 
an gliocas thaobh na dream sin a ta an leth a 
muigh, biodh bhur còmhradh a ghnà ann an 
gràs air a dheanamh blasta le salann." (Col. 
iv. 5, 6.) Agus a' faicinn gu'm bu chòir do 
mhinistearan agus de mhuinntir eile so a 
choimhid, na thrath gur e an easeamplair as tric 



DHUGIIAILL BOCHANNAIN. 



43 



a ghabhàir, agus siubhal mar bu chuibhidh do 
phobull Dè. Oir ma chailleas iadsan is e salan 
natalbhainn an sailteachd co leisa shailtear iad? 
Agus ma tha'n solus a ta annta dorcha cia cho 
mòr as eigin da'n dorchadas sin a bhith? Agus 
mar tha Solamh ag ràdh, " Bheir cuileagan 
marbha air ola-ùngaidh an lèigh bòladh breun 
a chur uaidhe : is amhail a ni beagan amaid- 
eachd air-san a tha cliùteach air son gliocais 
agus urraim." (Ecles. x. 1.) Thug mi ni's 
faide fainear gu'n toir so air a chreideach lag 
tuilseachadh, agus cridhe a' pheacaich a 
chruadhachadh ann a sligh a pheacaidh, agus 
gu'm beil olc air a labhairt mu shlighe mhath 
ar Dè air an aobhar sin. " Thug thu air 
nàimhdaibh an Tighearna mòr thàir dheanamh 
air." (2 Sam. xii. 14.) Ni a fhuair mi mach 
le fèin-fhiosracbadh muladach. 

Bha mi aon latha Sàbaid'ag èisdeachdsearm- 
oine ann an eaglais ar sgìreachd, àite anns nach 
robh mi a' dol ach gle ainmig mar a biodh 
gnothach eigin eile agam ann. Thug am min- 
istear fainear gu'n robh fear a chùl-sleamhnaich 
mar iaran air a gharadh aon uair ann an teagh- 
lach a' ghobha. Bha na briathran sin a' co- 
f hreagradh cho math ri mo staidsa is gu'n cho- 
dhùin mi, a thaobh gu'n robh mi cho tric air mo 
gharadh agus gu'n d'f huaraich mi a rithist gu'n 
robh mi air f às cruaidh mar stàilinn nach tig 
an latha a ghabhadh taiseachadh. O ! fhuair mi 
mach firinn na cùise sin le fèin-fhiosrachadh le 



44 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

mi iomadh ionnsaidh a thoirt air sèirbheis a 
dheanamh do'n Tighearna agus tarruinn aìr ais 
uaithe cho tric. Bheir mi an ni so fainear do 
thaobh mo chùl-sleainhnaichidh, se sin, an 
deigh dhomh tarruinn air m'ais a' cheud uair 
bha mi mòran ni bu mhiosa na bha mi mu'n do 
thiondaidh mi, agus an dara h-uair a tharrainn 
mi air m'ais bha mi dà uair am leanabh 'na 
h-ifrinn ni bu mhò na bha mi riabh ; agus an 
uair ma dheireadh a thainig an spiorad neo- 
ghlan air ais thug e leis seachd spioradan eile 
bu mhiosa na e fèin. Agus an sin bha mo 
thuiteam deireannach gu'n teagamh sam bith 
seachd uairean ni bu daoimhne ann an cuan- 
choire pheacaidh na bha mo cheud thuiteam. 

Chad'rinnna smuaintean so ni's mò dh'f heum 
dhomh ach a leigeil ris domh a rèir gach coltais 
nach bithinn gu bràth air mo thaiseachadh. 
Agus a chum beagan socair a thoirt do'm 
inntinn thòisich mi air mo shean chleachdadh 
air seinn òran agus air dol do chuideachdan 
cridheil. Ach ann am fior mheadhon mo 
shubhachais dheanadh mo chogais mo bheul a 
dhunadh leis na smaointean so. Tha lasraich- 
ean siorruidh a feathamh ort, agus cia mar as 
urrainn thu a bhi subhach ? Cha do chuir mi 
riabh romham co-dhiu trioblaid m'ìnntinn a 
leigeadh ris do neach sam bith, oir cha b'urrainn 
duine còmhnadh a dheanamh leam, agus cha 
mho chòbhradh Dià orm ; Chunnaic mi ann an 
uine ghearr gu'n rachainn a dh'ionnsaidh m'àite ; 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



45 



agus gu'mbithinn an ath-ghoirid adh'easbhaidh 
nan tròcairean coitcheann a bha mi mealtain 
o Dhia a ta toirt air a' ghrèin èiridh air an 
t-sluagh mhath agus olc. Bha mi do ghna gle 
phàiteach agus ag òl anabharr uisge agus an 
uair a gheibhinn deoch theirinn : — " O a 
chreutair thruaigh ! cha'n f hada gus am bi thu 
maille ri Dibhis ann an tein ifrinn far nach 
faigh thu uidhir as aon bhoine chum do 
theanga loisgeach fhuarachadh." Bha mòr 
eagal agam roimh 'n bhàs agus coltach ri 
Cain thubhairt mi, neach sam bith a gheibh mi 
cuiridh e às domh. Ged nach mothaichinn 
ach goirteas beag ann am cheann bha mi ga 
mheas mar an teachdaire a bha gu crìoch a 
chuir air «ao fhlaitheas. Rinn cuideigin de 
na mhalachd a ghuidh Maois ann an agh- 
aidh Chloinn Israeil mo leantainn, " Cuiridh 
fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh," 
" Teichidh an t-aingidh gu'n neach sam bith 
an tòir air." (Lebh. xxvi. 36. Gnà. xxviii. 
1.) Ach be toil an Thighearna rè nan ceitheir 
bliadhna muladach so, nach robh mi aon latha 
gu tinn agus tha mi a' creidsinn na'm bitheadh 
gun cuireadh uabhas m'inntinn thar chèill mi. 
Fòs, bha mi creidsinn gu'm b' fhurasd do Dhia 
m eagal a bhacadh le mo thrioblaid a lughdach- 
adh. 



46 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



CAIB. III. 

Anns am beilfàs dearhhaidh ann am anam nVsfaid 
air fhoillseachadh rè an dà bhliadhna so a 
ieannas. 

A chum caitheamh-aimsir dhomh fèin chaidh 
mi aon latha mach a shealg. Air dhomh a bhi 
am stad a feathamh nan eun thainig smuain- 
tean làidir a dh'ionnsaidh m'inntinn, nach 
robh am bàs glè fhada bhuam. Agus ged 
a bha mi an uair sin ann an deagh shlàinte, 
sheas mi mar neach fo iog.hnadh agus fo mhòr 
amhluadh air dhomh smuainteach air siorruidh- 
eachd. An sin rinn mi caoidh air son mo staid, 
agus thubhairt mi, " Cia cho luath sa theich 
mo nèamh air falbh ! O cia cho deònach 'sa 
bhithinn am chù no am ainbhith sam bith eile 
seach a bhi am dhuinè ! oir n'am bu bhrùid 
mi chuireadh am bàs a dh'aon bhuile crìoch air 
mo thruaighe. Ach a nise cha robh mo bhròn 
gun chrìch ach a' tòiseachadh. Thòisich mi 
sin air smaointeach ciod an dòigh, do rèir 
coltais, anns am faighinn bàs ; shaoil mi gu'm 
b'ann mar rinn Francis Spira, oir ged 
chaidfh agam gu so air mo thrioblaid inntinn a 
cheiltinn, shaoil mi fathast, gu'm fàsadh mo 
dhoraìnn cho mòr is gu'm biodh e ea-cornasach 



DHUGHALLL BOCHANNAIN. 



47 



dhornh a chleth. Fòs, shaoil mi na fanadh mo 
chiall nadurrach agam, ge be air bith mar 
bhitheadh a chùis gu'n ceilinn e. Bha 'n 
smaoin so co-dhiù air a leantuinn le smaoin 
eile, ciod na'n deanadh am freasdal mar a 
dh'fhaodadh e a dheanamh le ceartas mo 
chiall a bhuntainn air falbh, mar a chunnaic 
mi muinntir eile a bàsachadh gun tamail gun 
tùr. Agus mar sin gu'm bàsaichinn a' beucail 
agus ri toibheum. 

Be'n t-aobhar mu'n robh mi air son mo 
thrioblaid a chleth so; anns a' cheud àite, nan 
rachadh agam air a' sin a dheanamh gu latha' 
bhreitheanais, gu'm biodh agam cuideachd gun 
àireamh de dh' eucoraich air an damnadh gu 
seasamh maille rium, agus mar sin nach bith- 
inn am aonar. Be an ath aobhar call mo 
dheagh chliù, oir ged nach robh deagh ainm 
agam ri chall do thaobh diadhachd, gidheadh 
ann am beachd an t-saoghail bha mo chliù 
math, agus na'm bàsaichinn ann am breisleich 
an-dòchais, bhithinn mar ghnà-fhacal ann am 
beul gach neach a chluinneadh mu'm thim- 
chioll, ach na'n rachadh agam air a chùis a 
chleth cha bhiodh nì bu mò ri ràdh mu mo 
dhèighinn na bha ri ràdh mu dhèighinn muinntir 
eile na dùthcha a bhafo chliù dhaoine onarach 
a dh'eug mar uain gu'n lochd, ach do rèir mo 
bharaileach-sa chaidh do dh'ifrinn cho cinn- 
teach riubhsan a dh'eug ann am breisleich an- 
dòchais. 



48 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



Cha b' fhada an deigh so gus an deach mi a 
dh'ionnsaidh co-thional a bh' ann am chomh- 
earsneachd, far an robh Suipeir an Tighearna 
gu bhi air a friothaladh, agus air dhomh an 
t-searmoin chomonachaidh èisdeachd le ro aire 
bha mi a' leaghadh le deòir air son mo pheac- 
annan, agus an uair a bha am bòrd air a 
chuartachadh bha mi ullamh gu glaodhaich 
a mach le dòrainn mo chridhe, 'nuair a' chuala 
mi mi-fèin, mar gu'm b'ann air m' ainm agus 
air mo shloinneadh air mo bhacadh mar chù 
bho bhuntainn ri aran na cloinne, gidheadh an 
uair a thainig mi mach as an eaglais agus a 
choinnich mi mo sheana chòmpanaich bha'n 
tuil dheur air tiormachadh suas agus bha mise 
mar bha mi roimhe. 

Mar so mhùidh an Tighearna m' fhios- 
rachadh le buile iongantach dhe a chorraich 
air son m' eu-ceartan uabhasach, eadhon m' 
amaideachd a sgrìobhadh le litrichean soilear 
air clàr m' eudainn chum agus gu'm faodadh 
esan a ruitheadh a leughadh. Chunnaic mi a 
bhuile so a mùidheadh orm ùine roimhe an àm 
sin, agus mar an ceudna ceartas Dè le e 
dh'fhulang dha tuiteam orm ; oir bha fios 
agam ge be air bith cho trom agus cho 
doilgheasach sa dh'fhaodadh e bhith gu'n do 
thoill mi uile e. Thug mothachadh air ciont 
agus eagal nach èiste m'ùrnaigh orm mo bheul 
a dhùnadh air chor is nach b'urrainn mi a 
ghuidhe air an Tighearna a leasachadh. Fòs 



DHUGHAILL BQCHANNAIN. 



49 



shaoil mi na'n deanadh an Tighearna nio 
shaoradh bho'n ni sin a b'eagal leam nach 
tigeadh an latha dheanainn mar a rinn mi 
roimhe, agus thoilich an Tighearna mo shaor- 
adh o'n truaighe so a b'uabhas leam, nì nach 
luaithe rinn e na thionndaidh mise ri mo 
sheana chleachdaidhean. O ! fad-fhulangas 
Dhè do mo thaobhsa ceanna-feadhna nam pea- 
cach. 

Tacan an deigh so bha mi air ceann- 
gnothaich ann an Dunèideann, agus thachair 
dhomh a bhi ann an cuideachd anns an robh 
iad a bruidhinn m'u chreideamh ; agus air do 
neach araid dhiù an aire thoirt dhomhsa ann 
an trusgan Gàèlach dh'fheòraich e dhiom ciod 
bu chreideamh dhomh ; Fhreagair mise gu'n 
robh mi 'fathast coltach ri clàr de phàipeir 
glan, gu'm faodadh e ni air bith a b' àill leis a 
sgrìobhadh orm : " Am beil thu ?" ars esan 
" ma tha bheir mise comhairle ort, thoir deagh 
aire nach sgrìobh an diabhol rudaigin ort, agus 
ma ni e sin cha bhi thu ni's faide glan." Chuir 
am freagradh so mi fo leithid de dh' amluadh is 
nach robh fios agam ciod an taobh a sheallainn 
oir rinn smaointinn air an ni alabhairan duine 
mo bhioradh a dh"ionnsaidh a' chridhe, oir gu 
deimhin be an dearbh ni a thubhairt e a bha 'n 
diabhol cheana an deigh a dheanamh, bha 
nàire orm mar an ceudna air son gu'n do 
labhair mi cho neo-urramach mu thimchioll 
diadhachd : agus Jàn chuir mi romham nach 

F 



50 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

labhrainn air a mhodh cheudna mu dhiadh- 
achd gu bràth tuilleadh. 'Nuair a dh'f hag mi 
chuideachd bha freagradh an duine so air 
leanteainn rium cho teann is nach b'urrainn mi 
air aon chor a chuir air di-chuimhne, thug e do 
ghnà na smaointean an-dòchasach a bha ga 
mo bhuaireadh roimhe sin gu h-ùr a dh'ionn- 
saidh m'inntinn, agus mar sgrìobh an diabhol a 
reachd fèin air mo chridhe, agus mar chuir e 
iomhaigh air m'uile ghniomharra. 

Àn. ÌO-amk latha de mhìos meadhonach an 
t-sàmhraidh 1741. " Ach bha am mìos anns an 
an robh an t-asail fiadhaich a nis air tighinn." 
(Faic ler. ii. 24.) " Gu ruig so thig thu, ach 
cha tig ni's faide agus an so caisgear do thonn- 
an uaibhreach." (i Agus bhrist mi suas d'i 
m' àite suidh agus rinn mi dh'i crannan agus 
dorsan" thar nach nach b'urrainn mi dhol 
seachad. Iob xxxviii. 10, 11. 

Bha mi aon latha Sàbaid a' falbh air feadh 
nan raon mar bu ghnà ieam a dheanamh agus 
thachair mo phiuthar rium, agus thug i achmh- 
asan dhomh air son a bhi mi-naomhachadh là 
na Sàbaid ag ràdh, ciod a tha thu am beachd a 
dheiras dut ma bhàsaicheas tu anns an staid 
anns am beil thu a nise ? gu cinnteach thèid 
thu dhìth!" Air tùs thòisich mi air fanaid 
oirre air son a comhairle, ach tug sin oirre bhi 
na tost : agus thuirt i rium a rithist mar a 
gabhainn aithreachas gu'n rachainn gu'n teag- 
amh am mugha. Thuirt mi rithe nach ruig- 



DHTJGHAILL B0CH ANNAIN. 51 



eadh i leas sin innse dhomh, gUr math a bha 
fios agam fèin air. " O an t-iongantas !" ars 
ise, " am beil fios agad gu'n tèid thu 'dhìth ?" 
am beil thu ann an an-dòchas, no ciod a tha 
cuir ort?" Dh'iarr i an sin orm a dhol a 
dh'ionnsaidh fuil Chriosd a ghlanas air falbh 
am peacadh is deirge dath. Thuirt mi rithe gu'n 
do mheas mi f huil mar ni mi-naomha agus gu'n 
d' rinn mi di-meas air Spiorad nan gràs. Dh' 
f hiòraich i an sin an robh mi idir ag ùrnaigh, 
no c' uin' a rinn mi an ùrnaigh mu dheireadh. 
Fhreagair mis' agus thubhairt mi, nach do lùb 
mi mo ghlùn rè nan ceitheir bliadhna chaidh 
seachad. Dh' fharraid i an sin an deanainn 
ùrnaigh an nochd agus thuirt mise: " Cha 
dean, cha dean mis' ùrnaigh gu bràth," oir gu 
dearbh chuir mi romham" nach deanainn sin, 
oir aig an àm ud cha b'urrainn mi uidhir 
a's beannach iarraidh roimh na tròcairean 
coitcheann a bha Dia a' bàirigeadh orm ; ni 
mò ghabhainn de dhànadas orm, ainm mòr an 
" Tighearna do Dhia" a luaidh ann am bheul. 
Dh' aslaich i orm co-dhiù ùrnaigh a chuir suas, 
agus mi-fèin irioslachadh an làthair Dhè a 
dheanadh fa-dheòigh mo thogail suas mar neach 
air a dhamnadh ach a chaidh a thearnadh. O 
eiod an dìteadh cridhe, ciod na smuaintean 
uabhasach a bha agam mu thimchioll Dhè ! 
Sheas mi mar an cis-mbaor fad air falbh, agus 
thubhairt mi,, — " A Dhè bi tròcaireach dhomhs' 
a ta am pheacach." Cha'n ann le miodal a 



52 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



labhair mi so, ach bho mhòr mhothachadh air 
ciont agus truaighe. 

Cha robh agam ach beagan f hacal ahns an 
ùrnaigh so, oir ge do rinn mi ùrnaigh, cha robh 
dùil agam gu'n èisde mi, bha Sàtan agus mo 
chridhe mi-chreideach ag ràdhgu'm bu mhi an 
t-amadan bu mhò air an t-saoghal 'nuair a 
smaointich mi gu'n tugadh an Tighearna math- 
anas do mo leithidse gu bràth. Co-dhiù, shaoil 
mi nach b'urrainn do'n chùis a bhi ni bu mhio- 
sa na bha i oir chunnaic mi gu'm bu bhàs e 
na'm fanainn far an robh mi, agus nach biodh 
agam ach.^am bàs ged a rachainn air m'aghaidh 
ann an dàil mo dhleasanais; agus shaoil mi ni 
b'fhaide na'n leiginn diom a bhi g'ùrnaigh a 
rithist gu'm biodh mo phiantan seachd uairean 
ni bu mhò na bha iad riabh : Uime sin ghuidh 
mi air an Tighearna gu'n e leigeadh leam 
cùl sleamhnachadh uaidhe sin a mach. Rinn an 
Tighearna aig an àm sin mo theagasg le 
dearbhadh diomhair agus cumhachdach gu'n 
robh mo pheacannan so-mhaiteach a dh-ain- 
deoin cho an-tromach sa bha iad : agus gu'm 
biodh ainm ni bu mhò air a ghlòrachadh le 
mathanas a thoirt do mo leithid-sa na bhiodh 
e ann an saoradh peacach bu lugha. 

Mu'n àm sin thachair mi ri leabhar do'm 
b'ainm " Cleachdadh na Diadhachd" agus thait- 
inn e rium gu ro mhath, agus rinn mi'dìcheall air 
mi-fèin a ghnàthachadh ann an dleasannas a 
thaobh Dhè agus dhaoine do rèir nan seòlaidh- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



53 



ean a chunna mì sgrìobhta ann. Bha rai nis' 
air tighinn air m'aghaidh gu math ann an 
co-lionadh mo dhleasanais oir bha mi glè 
dhìcheallach a' deanamh suas trusgain a chum 
mo lomnochd a chòmhdach. 

Rinn an t-atharrachadh grad so a thainig orm 
mòr f huaim air feadh na dùthcha, thaobh gu'n 
robh mi roimhe cho sònraichte air son mo dhroch- 
bheairt. Labhair gach aon mu'n thimchioll 
mar chunnaic iad iomchaidh, Thuirt cuid ; — 
" Ara beil Saul a' measg nam fàidhean ?" — Chu- 
ala sinn ioma ni mu thimchioll an duine so." 
(1 Sam. x. 11. Gniomh. ix. 13.) Agus ghabh 
gach aon iongantas air son an atharraichidh. 
An uair a chunnaic na companaich a bh' agam 
roimhe sin gu'n robh mi a' seachnadh an cuid- 
eachd, thòisich iad air deanamh mòr thàire 
orm an uair a thachradh iad rium. Thòisich 
cuid eile air mo chùl-chàineadh le toirt air 
falbh mo dheagh chliù, agus be mo dheagh 
chliù an aon seud bu luachmhoire bha agam 
agus cha b'urrainn mi smuainteach air dealach- 
adh rithe. Co-dhiù smaointich mì mar bha 
ainm nan naomh anns gach linn air an tilgeadh 
a mach air son ainm Chrìosd, agus mar an 
ceudna ciod an càineadh agus an tàir a 
dh'f huilig losa naomha fèin, an Tì sin,. an uair 
a chàineadh e nach do chàin a rithist. 

'S co fad a bhuadhaich sgeig agus fanaid an 
droch shluaigh so ormsa, is na'n deanadh coltas 
na diadhachd a ghabh mi orm a thrèigsinn a' 



54 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



thoirt orra a bhi ann an sìth rium gu'm beil mi 
an dùil gun deannainn sin. Ach chunnaic mi 
ged a chuirinn air chùl m'aidmheil nach cois- 
ninn gu bràth mo chliù, ach gur ann bu dàcha 
mi tuilleadh mi-chìiu a thoirt orm fèin. " Is 
beannaichte an tì nach faigh oilbheum ann- 
amsa," ars' an Tighearn' losa. 

An sin thuig mi gu'n do thòisich mi air 
togail mo thaighe mu'n do shuigh mi air tùs, 
agus mundo chunnt mia chosgais, agus smaoin- 
tich mi gu'm bu chòir dhomh a dheanamh a 
nise. Uime sin thoisich mi ri cuir ri mo 
chunntas, tuaileas, cul-chaineadh, amghar, call- 
dachd, iomaruagadh agus teanndachd, ach chuir 
mi rornham a dh'aindeoin sin, no aon ni 
eile dh'fhaodadh tighinn nan deigh, nach 
trèiginn gu bràth Criosd a thoisich mi nis' air 
leantainn. Lean mo shean luchd-eolais air 
sgeig orm anns gach àite an tachradh sinn ag 
radh le tàire : — " Faic a h-aon de na chuigse." 
Thug cuid eile (le rùn a b'fhear a rèir am 
beachdsa) comhairl' orm sgur de leughadh 
leabhraichean, oir neo gun cuireadh iad as mo 
chiall mi, agus gu'm fasainn an sin gu'n mhath 
dhomh fein no do'm chàirdean, agus thuirt cuid 
eile bu treine spiorad de mo luchd-dàimhe : 
44 Mo thruaighe ! chaill sinn e nis o'n a thiunn- 
daidh e mach mar so." Thuirt muinntir eile 
gu'n robh mi gu tur air chuthach. Co-dhiù 
sheachainn mi an cuideachd cho math sa 
dh'fhaod mi, oir ghràdhaich mi a bhi am aonar, 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



55 



agus chuir mi suas leis gach cùis cho math sa 
b'urrainn mi ged nach d'rinn mi sin cho math 
's bu chòir dhomh. Leis an so chunnaic mi 
gu'n robh an nàimhdeas a bha eadar sìol na 
nathrach agus na' mna ro mhòr, 'nuair a bha 
coltas na»diaghachd, (oiraig an àm sin cha robh 
ni bu mhò agam dh'i,) air a h iomaruagadh le 
oilbheum agus tàire. 

An ò-amh laiha de cheud mìos an foghair', 
1751. Bha'n t-Sàcramaid ga frithealadh ann 
ar sgìreachd ach cha'n fhaca mise mar dhleas- 
annas orm fèin cuid a ghabhail de an òrdugh 
shòlmaite sin, a thaobh mi abhi cho mi-naomha 
agus cho truaillidh, gidheadh cha robh an 
Tighearna na f hàsach airmid, no na thalamh 
tartmhor dhomh, oir f huair mi mor bhuannachd 
o shearmonachadh an fhacail, gu h-araid o 
shearmoin a chaidh a shearmonachadh on a 
cheann-teagaisg so: — " Rannsaicheamaid agus 
dearbhamaid ar slighean agus pilleamaid a 
rithist a dh'ionnsaidh an Tighearna." (Tuireadh 
iii. 40.) Bha'n t-searmoin sin gle shòlasach 
dhomhsa do thaobh seòlaidhean agus comh- 
fhurtaclid, oir aig an àm ud bha mi air mo 
bhualadh le buaireadh laidir ach cha dean mi 
ann an so aithris, gus an tig mi gu labhairt air 
na meadhonan leis an robh e gu h-èifeachdach 
air a bhuntain air falbh, ni a thachair mu 
thuaiream ochd mìosan deug an deigh sin. 

Bha mo dhòchas ri tròcair f haotainn a' fàs 
nì bu treise fad she sheachduinean, agus shaoil 



56 BEATHA AGUS IOMPACHADH. 



mi gu'n robh mi nis air faighinn mo chridhe 
ann am fonn cho math is gu'n robh*mi comas- 
ach air mo smuaintean a riaghladh do rèir 
riaghailt nan deich àintean, agus mar so thòisich 
mi air càradh suas m'fhireantachd fèin, a chionn 
gu'n robh mi tur aineolach air fìreantachd Dhè ; 
ach cha do cheadaich an Tighearna dhomh 
fuireach fada fo namhearachd so, oir a dh'ain- 
deoin gach math a shaoil mi a bhi gabhail 
tàmh ann am chridhe, bha e gu tùr air a 
thiunndaidh gu mi-riaghailt : oir air dhomh a 
bhi aon latha aig obair anns a mhachair bha mi 
air mo bhualadh le buaireadh a chum toibheum 
a labhairt ni ged' bhithinn air mo reubadh 
ann am bhloidibh tha mi 'g earbsa ann an 
tròcair Dhè nach deanainn uidhir sa' iuaidh. 
Agus bu cho laidir a dhrùigh e air m'inntinn is 
gu'n shaoil mi gu'n robh mi gu dhol thar mo 
riaghailt. Air leann gu'n robh mi am riochd 
beò air an t-sluagh dhanmaicbte ann an ifrinn 
a' toirt toibheum de dh'ainm Dhè. 

Chaidh mi do choill a bha dlù dhomh a chum 
ùrnaigh, agus thubhairt mi maille ri Peadar, — 
" Imich uam a Thighearna oir a's duine peacach 
mi." Agus bha iongantas orm nach do sgoilt 
an talamh fodham a chum mo shlugadh sìos. 
Agus tha cuimhne mhath agam gu'n do labhair 
mi ni eigin air a mhodh so : O Thighearna tha 
mi ro fhada beò air an talamh so cheana, nime 
sin tilg a mach à do shealladh mi agus na 
fuilig dhomh a bhi ni's faide ann am chotharr- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



57 



adhairdo thròcair a thaobh gu'n tug mi toibh- 
eara dhut ann a t'aodainn. 

Lean am buaireadh sin air an aon dòigh fad 
chùig seachduinean, agus bha dhà, agus air 
uairean eile trì amanan araid de an latha anns 
am bualadh e mi, agus bha mi fa-dheòigh air 
jpo thilgeadh sìos leis cho mòr is gu'n robh 
eagal orm nach faighinn uaithe gu suthainn. 
Ach thoiìich Dia Sàtan a chronachadh air dòigh 
a's gu'n dh'f hàg e mi car tamuil. Bha m'inn- 
tinn aig a' cheart àm gu mòr air a' comf hurt- 
achd leis an Sgriobtur so : — " Oir bha thu a'd 
neart do'n bhochd, ad neart do'n f heumach na 
airc ; a'd dhìdeann o'n doininn." Isa. xxv. 4. 

An deigh dhomh rudaiginn saorsa f haotainn 
bho na buairidhean so mhothaich mi marbhan- 
achd agus fionnarachd do thaobh mo dhleas- 
anas le mòr chruas cridhe agus tograidhean 
laidir a dh'ionnsaidh nan leannanan peacaidh a 
bha agam roimhe sin. Bha m'uile dhleasanas- 
nn air seargadh agus dh'f hàs mi gu h-iomlan 
neo-thorach. 

Air dhomh a bhi aon latha a' leughadh a 
Bhìobaill, thiunndaidh mi ris a' chùigeamh 
caibidil de dh'Isaiah, agus bha na bagraidhean 
a bh'ann air an toirt dhachaigh a dh'ionnsaidh 
m'anm le leithid de chudthrom a' còrdadh 
ri'm chor air dòigh is nach b' urrainn mi gu'n a 
smaointeach gu'm b'ann rium fèin a labhradh 
iad, gu sonraite na briathran so : "Ciod tuill- 
eadh a ghabhadh -deanamh ri m' fhion-lios 



58 



BEATHA AGCS IOMPACHADH 



nach d' rinn mi ann ? C'arson, an aair a dn 
amhairc mi an tugadh e mach dearcan fiadn- 
aìn, agus a nise thigibh, nochdaidh mise ciod 
a ni mi ri m' f hion-lios bheir mi air falbh a 
chalaid agus bristear suas e, bristidh ni a 
bhalla, agus bithidh e air a shallairt sios," &c, 
&c. 

Thubhairt mise is fior a Thighearna, dh' 
f heuch thusa iomadh meadhon riumsa, seadh, 
ghabh thu ni's mo shaothair rium na ghabn 
thu ri mìltean a bha umhail do d' ghuth, agus 
a rèir gluasad, do Spioraid, Naoimhe. Is cian 
a ghiulain thu le mo shligheachan peacach anns 
an fhàsach so ; thainig thu ni bu liugha na trì 
bliadhna a dh'iarraidh toraidh ach cha d' 
fhuair thu ach fion-dhearcan fiadhain, agus 
tha mis o cheann fada a' fàsachadh do thalmh- 
ainn uime sin gearr sios mi. Agus ged do 
oheireadh tu dàil dhomh car ùine' gu'n mo 
ghearradh sios, dh'f haodadh tu ann ad cheartas 
uisge nan gràs a chumail bho fhrasadh orm 
agus nan nèamhan a dheanamh dhomh mar 
umha agus an talamh mar iarann. Gach ni 
dhiù so dh' f haodadh tu ad cheartas a dhean- 
amh oir pheacaich mise. Rinn na smaoin- 
tean a bha agam bho na nithean so mo ghiulan 
gu bruachan an-dòchais, oir dh' oibrich na 
briathran so gu cruaidh air m'anam. u Bheir 
mise àinte do na neoil nach fras iad uisg air." 
O na smaointean dubhach, arsa mise, mo 
fhreumhan a bhi air an tiormachadh suas gu'n 



DHUGHAILL BOCHAIXNAIX. 59 



toradh a thoirt a mach ni's mò ach drisean agus 
cluaranan a bhi fas suas a rithist, " air a chuir 
air chùl, agus fagasg do mhallachadh ; do'n 
deireadh a bhi air a losgadh." Eabh. vi. 8. 

Air dhomh a bhi aon latha ni bu mho na' 
b'àbhaist air mo thoirt nuas le smaointinn g'un 
robh mi air mo chuir air chùl bha mi ro fhad 
air son a dhol do dh' àite uaigneach far am 
faighinn comas air m'anam a dhortadh a mach 
ann an lathair an Tighearna, ach cha chead- 
aicheadh mo ghnothach saoghalta dhomh sin a 
dheanamh.anns an àm, thuit trom sgìos air m' 
aigneadh uime sin thug mi oidheirp air an 
latha chur seachad ann an ùrnaighean dùrach- 
dach goirid gus am faighinn cothrom air an 
Tighearn' iarraidh gu h-uaigneach. 

5lu fheasgar 'nuair af huair mi' mi-fein saor 
o mo ghnothaichean saoghalta chaidh mi gu 
m'urnaigh agus shaoil mi gu'n do tharrainn an 
Tighearna mi dlù do chathair na tròcair. Bha 
mo bheul lan de dh'argamaidean, agus thuit 
mo bhamitaibh dhionij agus ruith mo shùilean 
le deòir. 

An deigh dhomh buanachd rè ùime anns an 
dleasanas so shaoil mi gun tainig an sgriobtur 
so le bhuaidh mhilis a dh'ionnsaidh m'inntinn. 
' An toir mi gus a bhreith agus nach toir 
mi fanear gu'm beirear ? deir an Tighearna." 
(Isa. lxvi. 9.) Thainig ciùinead mhòr maille 
ris an f hacal air m'anam. Roimhe sin bha mi 



60 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

mar chuan buaireasach, ach a nise fhuair mi 
mòr shìth inntinn. 

Chuala mi muinntir eile labhairt mu'n ath- 
bhreith agus gu'n robh mòr phiantan ann, agus 
thug sin orm a smaointeach gu'm be an trioblaid 
anns an robh mi nise piann na h-ath-bhreithe, 
agus na'm be cia cho iomchaidh, sa bha am 
facal! agus bha e na fhacal 'na àm do'm anam 
sgìth. Cha'n urrainn mi an sòlas a dh' fhios- 
raich mi a chuir an cèill aig àm dhomh a bhi 
smaointeach gu'm be gealladh Dhè nach fanain 
ni b'fhaide ann an ionad bristidh a mach na 
cloinne. Thainig mi air falbh as an àite so 
ni bu shona na ged a bhithinn ann am ard-rìgh 
air an t-saoghal gu lèir. Thubhairt mi ged 
nach tugadh an Tighearna dhomh tuilleadh 
comhfhurtachd ann an dhleasanas, gidheadh, 
gu'm bithinn beò ann an creideamh a' gheallaidh 
sin, — " nach tug Dia riabh a chum na ginbhinn 
agus a bhreith a bhacadh." 

Air an ath latha chaidh mi do bhadan coille 
bha dlù dhomh far na chaith mi a chuid mhath 
de 'n latha ri moladh Dhè air son na rinn e 
dha m' anam. An deigh sin shaoil leam gu'n 
tug Dià mi gu'm earbsa leagadh air f hacal air 
sheòl, i's ge be air bith a dheireadh dhomh an 
deigh sin gu'm faodainn a ràdh maille ri 
shèirbheiseach o shean. " Cùimhnich am 
facal do t'oglach, as an tug thu orm earbsa : is 
e so mo chomhfhurtachd ann am àmhghar; 
bheothaich t' f hacal mi." (Salm. cxix. 49, 50.) 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 61 



An sin thòisich mi air smaointeach air staid na 
cloinne anns a' bhroinn agus thug mi fainear 
gu'n robh iad beò ann an sin ùime mu'n robh 
iad air am breith. Gidheadh ged a bha iad 
beò, bha iad fhathast air an iathadh anns a' 
bhroinn le dorchadas, agus cha'n fhac iad 
solus gus an tainig àra am breithe, agus an sin 
chunnaic iad an solus. Agus osbarr am feadh 
a bha iad na'n naoidheanan nach robh ac' ach 
beagan eòlais air an t-saoghal a dh'ionnsaidh 
an tainig iad : ach gu'n do mheudaich an eolas 
mar a mheudaich am bliadhnachan. An sin 
thuirt mi, theagamh, gu'n do bheothaich an 
Tighearna mise ann am broinn Eaglais ged 
nach deach fathast mo bhreith. Uime sin cha 
bhì mi ann anan-dòchas achionn gu'n tubhairt 
an Tighearna " nach tugadh e dh'ionnsaidh 
na ginbhinn agus a bhreith a bhacadh. B'iad 
na smaointean so sòias mo chridhe, oir an uair 
a chùimhnicheas mi air dìsleachd an Dè a 
gheall leagh mi le deuraibh èibhneis. Ach a 
dh' aindeoin m' earbsa ann am feitheamh air 
Dia, eadhon ge do dh'fheuchadh e mi le dàil 
a chur 'na thighinn agus le dorchadas, &c. 
Cha robh e ceitheir latha an deigh so 'nuair a 
ghairm mi gu cunntas gach ni a thachair rium 
roimhe. Oir dh'f has na facail o'n d'f huair mi 
roimhe so urrad de chomhfhurtachd a nise gu'n 
bhlas, agus dh' f hàs mise cho lag mhisneach- 
dail sa bha mi air tùs, a rannsachadh air feadh 
a' Bhìobaill agus a.fairleachadh orm aonfhacal 

G 



62 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

fhaotainn freagarrach do'm chor. Bha m' 
eagal gu mòr air a mheudachadh le leughadh 
an Sgriobtuir so : — " Agus tha'n taisbean uile 
dhuibhsa mar bhriathar leabhar air a ghlasadh 
suas, a bheir iad do neach aig am beil fògh- 
lum, ag ràdh, Leugh so, guidheam ort \ agus 
their esan cha'n urrainn mi or tha e glaiste 
suas." (Isa. xxix. 11.) Oir chreid mise gu'n 
robh facal Dhè air a ghlasadh orm agus 
gu'n robh mi am fhìr choigreach do'n diamh- 
aireachhd ghlòrmhor a ta air a- foillseachadh 
ann. A chionn so, am feadh a bhithinn aig 
m'ùrnaigh dhiamhair bu ghnà leam mo staid 
mhuladach a chaoidh ann am briathran mar so, 
" O Thighearna tha mi am fhior cnoig- 
reach, do'n diamhaireachd a tha ann ad thoil 
f»hoillsichte. Tha aig t' uile naoimh sùilean 
nach eil agamsa chum t'fhacail fhaicinn agus 
a leughadh. Tha iad a' faicinn mòr mhais 
agus caomhalachd anns an Tighearn' Iosa 
Criosd ach cha'n eil mise faicinn ni air bith 
ann is fiù ìarraidh. Tha iadsan a' faotainn 
mòr thoilinntinn'na shèirbheis ach cha'n eil mise 
faotainn niair bith innte. O'! Thighearna fosgail 
thusa mo shùilean a chum agus gu'm faic mi 
iongantas do reachd. Be an co-dhùnadh a 
thug mi uaithe so gu'n robh mi fathast tur 
aineolach air an eolas shlàinteil sin a tha air 
a phàirteachadh air an neach is lugha agus 
is laige de chlann Dhè." Oir an uair a 
chuala mi iad a' labhairt mu 'n co-chomunn ri 



DHUGHALLJL BOCHANNAIN. 63 



Dia agus mu chinntichead saoghail eile labhair 
iad cho mothachail agus cho beò mu'n na nithe 
so is gu'n cho-dhuin mi nach b'aithne dhomh 
riamh aon mi mu'n do labhair iad. 

Shàmhlaich mi pobull Dè ri luchdturais a 
bha air chuairt ann an tir chèin, agus an uair a 
thainig iad'dhachaigh a bha toirt cunntais tim- 
chioll na tìre sin do'n mhuinntir nach dh'f hag 
riabh an dùthaich fèin ; agus shàmhlaich mi 
mi-fèin ri duine nach d'fhag riabh a dhùth- 
aich, ach a mhain a ìeugh mu nàcìur agus mu 
choltas na tìre fad as, agus le còmhnadh cairt- 
iùil a labhradh ni bu deise m'u timchioll na'n 
duine choisich troimhpe. Ach bha mòr mhùth- 
adh eadar a' chunntas a thug iadsan mu thini- 
chioll na tìre sin, agus a' chunntas athugmise. 
B'urrainn iadsanaràdh gu'mfac'iadaleithidsud 
agus a leithid sole'n sùilean,ach ben'a b'urrainn 
mise ràdh gu'n cuala mi mu na h-àitean ud, ach 
nach faca mi riabh iad, ach a mhàin chreid mi 
an cunntas a chuala mi agns a chionn,nach robh 
mi-fèin riabh sa'n tìr cha b'urrainn m'eòlas oirre 
bhi cinnteach ach do rèir beachda. 

Bha mi fathast air mo bhuaireadh le leisg 
agus cion càlach gun aon togradh a dh'ionn- 
saidh mo dhleasanais, gus am bithinn air 
m'fharrach gu sin a deanamh le mo chogais 
nàdurrach. Mhothaich mi urrad de chion 
càlach annam fèin as gu'n robh mi mar gu'm 
b'eadh air mo tharrainn a dh'aindeoin a 
dh'ionnsaidh mo dhleasanais. Seadh, shaoil 



64 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



mi gu'm bu luaithe choisichinn iomadh mìle 
casruiste air sneachd. agus reothadh na rach- 
ainn a dhurnaigh: agus cha tainig an cin 
càlach so cho mòr bho ghràin do'n dleasanas 
fèin sa thainig e bho leisg inntinn, Bha 
iomadh earrann de°n sgriobtur ag agairt am 
aghaidh air son nan nithe so, mar, " Their an 
leisgean tha'n leòghan a muigh anns na 
sràideàn marbhar mi." (Gnà. xxii. ]3.) Os- 
barr bha toil agam dàil a chuir anns an dleas- 
anas gu àm bu deiseile. 'Nuair a thug an ni 
so buaidh orm thainig do ghnà nieigin sa'n 
rathad leis an robh an dleasanas gu tùr air a 
dhearmad. " Fathast beagan cadail, beagan 
clò chadail." (Gnà vi. ]0.) Bha'n Sgriobtur 
so a leanas gle uabhasach dhomhsa. " Uime 
sin do bhrìgh nach eil thu aon chuid fuar no 
teth sgeithidh mi thu a mach air mo bheul." 
(Tais. iii. 16.) Oir mheasraich mi mo staid 
a bhi air leth o mhuinntir eile a chionn nach do 
mhothaich mi annam fèin an ni sin a bha 
muinntir eile ag innse dhomh a bha iad a 
mothachadh anntas-an se sin r'a ràdh, " Gràdh 
Chriosd da'n co-eigneachadh gu ùmhlachd." 
So ni nach b'urrainn mi f haotainn annam fèin 
uime sin, cha robh m'ùmhlachd ceart. Bhuan- 
aich mi do ghnà anns an dòrcha, agus cha 
b'urrainn mi ni air bith fhaotainn o fhacal 
Dhè a bheireadh comhf hurtachd dhomh. Oir 
bha an leabhar fathast glaiste, 

Aon latha air dhomh a bhi falbh air feadh 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



65 



nan raon thainig na briathran so gu'm inn- 
tinn;— " Feuch, bhuadhaich an leòghan tha 
do threubh Iudadh, Freumh Dhaibhidh, air an 
leabhar fhosgladh." Tais. v. 5. 

Rinn mi 'n sin gàirdeachas le smaointinn 
gu'n do bhuadhaich an Tighearna losa air an 
leabhar fhosgladh do gach creideach. O a 
bhi smuainteach air an fhacal sin « bhuadh- 
aich" an aghaidh gach diabhoil da'n obair a 
bhi dùnadh shùilean dhaoine chum is nach 
faic iad na nithe sin a bhuineas d'an sìth. 
Chreid mi gu'm fosgladh an Tighearna araon 
an leabhar agus mo thuigse chum is gu'n tuig« 
inn e, ni a chur fadachd orm a chum fios a bhi 
agani air diamhaireachd na slàinte. 

Bha aon leabhar anns a Bhìoball anns nach 
b'urrainn mi sealltainn idir le taitneas, se sin 
ri radh, Dàn Sholaimh, chuala mi searmoinean 
o chaochla cheann-teagasgan dheth, ach cha 
b'urrainn mi riabh an èisdeachd le tlachd, a 
chionn gu'n cuala mi cuid ag ràdh gu'm b'òran 
e a chaidh a dheanamh eadar rìgh Solamh 
agus nighean rìgh Pharoah, uime sin an uair a 
bhithinn a' leughadh a Bhìobaill cha sheallainn 
anns an àite sin deth. 

Bhuanaich mo cheud dhorchadas agus mo 
mharbhanachd gus an so, agus rannsaich mi 
gach.àite anns a'Bhìobaìl ach an t-àite dh'ainm- 
ich mi cheana airson briathran a bhiodh freag- 
arrach do'm chor ach cha b'urrainn mi a faot- 
ainn; ach air aon mhadainn Sàbaid air dhomh a 



66 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



bhi 'g ùrnaigh ri Dia gu'm beannaicheadh e 
òrduighean follaiseach dhomh agus gu'n dean- 
adh e nithe dòrcha na sholus. Thainig smaoin- 
tean gu'm aigneadh gu'n tugadh Dia dhomh 
seòlaidhean cia mar dh'imichinn. Uime sin 
chaidh mi gu suilbheara do'n eaglais le dòchas 
gu'n taisbeanadh Dia iongantas do'na màirbh, 
agus rè an aoraidh bha mi a' feitheamh neo- 
f hoideach ri Dia earrann de fhacal a chuir le 
sòlas a dh'ionnsaidh m'anma, ach an uair a bha 
an t-shearmoin a' tighinn fagus do chrìch bha 
mise cho màrbh agus cbo dorcha sa bha mi 
roimhe. Thòisich mì sin ri bhi ann an an- 
dòehas ni bu mhò na bha mi raibh, ga mo 
ghairm fèin am araadan air son m'inntinn a 
chreidsinn sa' mhadainn. 

Feadh a bha mi mar so fo imcheist bha am 
ministear a' searmonachadh mu ghluasad nan 
creideach an uair a bhiodh iad a dh'easbhaidh 
an spioraid, agus thubhairt e gu'm bu tric leo a 
bhi feitheamh anns gach àit anns an saoladh iad 
thachairtri'n aon ghràidh, agus gur e bu chaint 
dhaibh " O nach robh fìos agam c'àite am 
faighinn e!" an sin thubhairt e na briathran so. 
" Innis dhomh o thusa d'am beil gràdh aig 
m'anam, c'àite an ionaltair thu do threudan 
c'àit an toir thu orra laidhe sios mu mheadhon 
latha; oir c'ar son a bhithinn mar aon air 
faondradh a measg threud do chompanach ? 
Mar eil f hios agad O thusa a's àillidh am measg 
bhan, imich a mach air luirg an treud agus 



DHCGHAIL BOCHANNAIN. 



67 



ionaltair do mheannaibh làimh ri bùthaibh nan 
aodhaire." (Dàn i. 7, 8.) 

Be an aon ni a bha m'anam an geall air 
fhiosrachadh, ciod an t-àit' anns am faodainn 
tachairt ri Criosd, agus bha e an so air a labh- 
airt anns a' cheud rann, agus air a f hreagradh 
anns an rann mu dheireadh. Uime sin mu'n 
d'eirich mi as an àite anns an robh mi am 
shuidhe bha mi araon air faighinn seòladh agus 
comhfhurtachd. Thug mi an deigh sin 
fainear de dh'iomadh ni glòrmhor anns an 
leabhar sin. 

Dh'ionnsaich mi aon ni sònraichte bho'n 
Sgriobtur so, gu'm bu chòir dhomh featheamh 
ri Dia ann a' gnàthàchadh nam meadhonan 
agus luirg a threud a leantuinn. Bha aon 
sgriobtur eile mar an ceudna, a chum suas 
m'inntinn fo'n dàil leis an robh mi air m'f heuch- 
ainn agus a chum mi do ghna ann an slighe 
dleasanais. " Anns a' mhadainn cuir do shìol, 
agus 'san f heasgar na toir air do làmh sgur." 
Ecles. si. 6. 

O so dh'ionnsaich mi gu'm bu chòir dhomh a 
bhi do ghnà ann an rathad nam meadhonan, a ch- 
ionn 's nach robh fios agam ciod nameadhonann a 
dh'f haodadh anTighearnabheannachadh dhomh 
agus gu'n robh e na nicunnardach a bhi mach as 
an t-slighe annsbu ghnàle Criosd abhi dol seach- 
ad : ach fuireach do ghnà mar an duine dall a' 
sireadh ann an rathad dleasannais : agus tha'n 
ceathramh rann ag ràdh " An tì a bheir an aire 



68 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



do'n ghaoith cha chuir e sìol/' ni a bha mi a 
saoilsinn a bha ciaìlachadh nach bu chòir 
dhomh-sa an aire thoirt do ghaoth a bhuairidh 
no do neoil na mi mhisnich, ach gu'm bu raogh- 
naiche leam a bhi do ghnà ann an slighe an 
dleasanais. Chum na smaointean sin mi do 
ghnà ann an slighe ùrnaigh agus dleasanasan 
eile. 

Air ceud mìos an Earraich 1742. Bha mi 
daonnan ag iarraidh air son meadhon saors' 
eigin, ach ma bha, dh'fhairlich orn shin fhaot- 
ainn, oir bha mi coltach ris a' chomhla a tiund- 
aidh air a' lùdagan, agus cha b'urrainn mi idir 
a dhol de ursainn na leisge : bha.mi tur aineol- 
ach air Criosd agus air f hireantachd ; a ghnà a' 
cluinntinn mu ghràs sin a' chreideimh agus cho 
feumail sa bha ni sin slàint fhaighinn, oir as 
eugmhais na slàinte sin nach b'urrainn slàinte 
bhi aig duine ; agus bha mi a' creidsinn nach 
do chreid mi riabh fathast, oir shaoil mi gu'm 
bu dànadas a chreidsinn gu'n robh mo phea- 
cannan air a mathadh gus am faighinn tomhas 
araid de dh'irisleachd agus de naomhachd 
nàduir. Agus a thuilleadh air cion nan nithe 
sin, chuir smaointinn air mòr àireamh ciontan 
a chuid a chaidh seachad de mo bheatha uabhas 
orm air chor is nach b'urrainn mi creidsinn 
mar a cuireadh Dia miorbhuil an gniomh a 
chum misneach a thoirt dhomh. Be mo mhiann 
gu'n cuireadh Dia aingeal, no taisbeanadh 
eoilleir a thoirt dhomh bho nèamh mu'm b'urr- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



69 



ainn mi creidsinn. « A mhaighistear b'àill 
leinn comharadh fhaotain uat." 

Aon latha Sàbaid air dhomh a bhi tighinn 
dachaigh as an eaglais, bha mi smaointeach air 
na nithe so, agus b'f hearr leam gu'n seiream- 
adh guth nèamh am chluasan chum a 
dhearbhadh dhomh gu'n robh mo pheacannan 
aira mathadh dhomh, oir shaoil mi aseasbhuidh 
sin, nach biodh mo chogais gu bràth aig sìth. 
Feadh a bha mi smaointinn air na nithe sin 
thainig na briathran so gu 'm chùimhne. 
" Feuch, shaoil mi, thig e gu cinnteach amach 
do'm ionnsaidh, agus seasaidh e agus gairmidh 
e air ainm an Tighearna." 

An deigh dhomh na briathran so a leughadh, 
thòisich mi air smaointeach cia mar a dh'f haod- 
ainn an cumadh rium fèin, agus shaoil mi gu'n 
robh Naaman na shàmhla air peacaich a thainig 
a dhionnsaidh an Tighearn' Iosa a chum a bhi 
air an glanadh on mhùir spioradail agus gu'm 
be freagradh Chriosd mar thug am fàidh do 
Naaman " Nigh thu-fèin ann an Iordan agus 
bithidh tu glan." Chunnaic mi gu'n robh an 
Tighearn'Iosa air dol suas do nèamh agus gu'n 
tug e òrdugh da mhinistearan fo'n t-Soisgeil, 
peacaich mhùireach leis bu mhath a bhi glan a 
sheòladh a dh'ionnsaidh fhala fèin chum an 
glanadh, agus gu'n robh e na ni diamhain a bhi 
'g amarc air son miorbhiulean a' nise ; agus mar 
a creidinn firinn f hacail gu'm feumainn a bhi 
caillte gu siorruidh ; agus gu'm faca iomadh 



70 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



le'n sùilean corparra an Tighearn losa, agus 
nach do chreid iad ann ged a chunnaic iad na 
miorbhuilean a rinn e. Thug mi sin an oidheirp 
air creidsinn, ach cha b'urrainn mi a thaobh nach 
robh e air a dhearbhadh orm gu'm be m'fhior 
dhleasannas sin a dheanamh gus am bithinn ni 
b'fhearr air m' uidheamachadh. Tacan an 
deighe so thachair mi ri caraid diaghaidh agus 
labhair mi ris mu theagamhan m'inntinn, ach 
labhair esan ann an cainnt cho domhain agus 
cho fèin-fhiosrachail is nach b'urrainn mi ga 
thuigsinn. 

Dh'innis e dhomh mar bhuadhaicheadh 
creideamh thar nan teagamhan sin, ach cha 
robh fhios agam ciod an ni a bha ann an 
creideamh, ach do rèir aithris chàich. Dh'- 
f heòraich mi an sin deth ; " Ciod a bhaireal a 
bha aige air Mr. Whitefield T mu'n cuala mi 
iomadh iomradh ged nach cual mi fèin riabh 
an duine, thuirt esan gu'n do shearmonaich e 
teagasg nan gràs gun truailleadh mar a rinneadh 
san àm bho shean. Air dhomh sin a chluinn- 
tinn thoisich mi air smaointeach, ciod an gnè 
theagaisg a bha aige. Ach bu cho mòr a bha 
uabhar mo chridhe is nach b'urrainn mi f heòr- 
aich ciod am mùthadh a bh' eadar an teagasg 
sin 's teagasg eile : agus a chionn gu'm faca mi 
gu'n do mheas esan an teagasg sin math, rinn 
mi-fèin an ni ceudna, ged nach b'aithne dhomh 
ni sam bith m'u thimchioll. An deigh dhomh 
dealachadh ris an duine so thòisich mi air 
smaointeach ciod an gnè theagaisg a bh' ann, 



DHUGHAILL BGCHANNAIN. 71 



oir labhair esan uirae mar air leth bho theagasg 
sam bith eile air an t-saoghal. Bha mi fad' an 
geall air tuille fìosraiehidhabhi agam airan teag- 
asg so na saor ghràs ; uirae sin leugh mi gach 
leabhar a b'urrainn mi fhaotainn gidheadh bha 
mi fathast anns an dorcha; shaoil mi gu'm be bhi 
air mo shaoradh le saor ghràs, fior ùmhlachd 
a thoirt do dh'àintean Dè, agus ge be ni anns 
an tiginn gearr, gu'm mathadh Dia domh e air 
sgàth Chriosda. Agus an uair a thug mi an 
gealladh fainear, sheallmi air tùs air a' chùmh- 
nanta a bha gu bhi air a cho-lionadh leam mu'm 
b'urrainn mi ghabhail orm còir sam bith a bhi 
agam air. 

Cha b'urrainn mi na nithe so f haicinn ann an 
solus ceart, agus ged do bha muinntir eile 
toileach mo theagasg cha leiginn m'ain-eolas 
ris daibh. 'Nuair a leugh mi an gealladh so ; 
" Thigibh am' ionnsaidh-sa sibhse tha. ri saoth- 
air agus fo throm uallach agus bheir mise 
suaibhneas duibh." Shaoil mi nach robh còir 
aig duine sam bith tighinn a dh'ionnsaidh 
Chriosd ach iadsan a tha fo throm uallach, le 
fradharc air am peacannan ; agus an gealladh 
so : — " Cia be air bith leis an àile gabhadh e 
de dh'uisge na beatha gu saor." Chunnaic mi 
gu'n robh togradh air iarraidh mar an cùmh- 
nanta do'm thaobhsa, agus gu bràth gus am 
faighinn an ni sin air oibreachadh annam-fèin 
nach gabhainn de dhànadas orm buntain ris 
a' ghealladh. 



72 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

Mheudaich e mar an ceudna mo thrioblaid, 
'nuair a chunnaic mi mo sheana chompanaich 
a' buanachadh 'nam peacannan, gu sònraichte, 
iad so do'n robh mi-fèin ann am ionnsramaid 
an làmhan Shàtain gu'n treòrachadh air slighe 
bhàis. Thug mi earail daibh le uile shòlasan 
nèimh agus uabhasan ifrinn a b'urrainn mi a 
smaointeach iad a philleadh o'n droch shligh- 
ean. Ach mheasadh gach facal a thubhairt mi 
mar briathran faoine leosan agus cha do chreid 
iad mi. An sin shaoil mi gu'n deanadh Dia 
dioghaltas orm, cha'n ann a mhàin air son mo 
pheacannanfèin ach airsonpheacannan dhaoine 
eile mar an ceudna, a chionn gu'n do threòr- 
aich mi iad ann an slighe a pheacaidh. Laidh 
an Sgriobtur so gu trom air m'inntinn agus 
cha b'urrainn mi a chrathadh air falbh aig uair 
sam bith. Ier. ii. 33, 34. 

Bha mo nàdur truailìidh an impis buaidh a 
thoirt tharam agus an uair a rinn mi ùrnaigh 
air son claoidh mo chuid ana-minnabh agus 
m'iodhalan bha eagal orm gu'n èisdeadh Dia 
mi, oir cha b'urrainn mi smaointeach air deal- 
achadh ri mo pheacannan, ged nach gabhainn 
orm aig an àm cheudna gu'n ùrnaigh a dhean- 
amh 'nan aghaidh. Ghnàthaich mi na briathran 
so gu minig. " O Thighearna tha eagal orm 
gu'n cluinn thu mi agus gu'm buin thu bhuam 
mo chuid iodhalan." Bha leithid de dh'fhuath 
agam ann am nàdur an aghaidh naomhachd air 
chor is nach b'urrainn mi idir smaointeach air 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



73 



buanachadh. ann ara beatha dhiadhaidh. A 
rithist shaoil mi o nach robh agam ach sgàile 
na diadhachd on leth a muigh nach b'urrainn 
mi buanachd a dh'ionnsaidh na crìche agus gu'm 
be ni bu chianaile a bha anns an f hacal. Fòs 
chreid mi, iadsan aig an robh fios ceart. 'nan 
cridheachan fèin an dearbh ni a bha anns an 
diadhachd, gu'n d'fhuair iad i na nì eile seach 
mar fhuair mise, agus thug sio onnsa bhi 'n 
dòchas gu'n tugadh an Tighearn' orm uaireigin 
gu'm mothaichinn a " chùing so-iomchair agus 
uallach aodrum." Air uairean shaoil mi gu'n 
cumadh an Tighearna mi ann an staid daors- 
ainn rè cho liugha bliadhna sa' bhuanaich mis' 
ann an àr-a-mach 'na aghaidh. Co-dhiù 
chùimhnich mi iomadh uair air an duine a 
bha ochd-bliadhna deug 'ar f hichead aig poll 
Shiloaim, agus gu'm feitheamhaid-sa mar an 
ceudna ri Dia, ged nach b'urrainn mi a chreid- 
sinn gu'n robh duine sam bith coltach ruim-fèin 
ach cealgaire. Bha'n Sgriobtur so glè uabhas- 
ach leam. " Ach càrnaidh na cealgairean sa' 
chridhe suas fearg cha'n èigh iad an uair a 
cheanglas e iad." (lob xxxvi. 13.) Be so 
gu dearbha rno chor oir bha mi air mo 
cheangal ann an slabhruidhean ana-mianna 
laidir. Cha b'urrainn mi riabh a ràdh gu'n tug 
peacadh osna orm do bhrìgh mo dhaorsa, agus 
cia mar a dh'iarrainn air son saorsa is nach faca 
mi mi-fèin riabh fo dhaorsa? Mheas mi gach 
eolas a bha agam air slànaighear mar bhruadar. 

H 



74 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



Bha mi fo mhor chàmpar 'nuair a chuala mi 
pobull Dè a' gearan air an còr agus ag ràdh 
" O nach robh e dhomhsa mar bha e anns na 
mìosan a chaidh seachacl. Bha uair anns am 
faodainn a ràdh, " is leamsa m'aon ghràidh agus 
is leisan mise ach a nise tha mi ann an dorch- 
adas mòr." Theirinn, O ! a shluaigh.shona is 
urrainn sibhse ràdh gu'n robh uair anns an do 
dhealraich e air bhur pàilliunaibh cia be air 
bith mar dh' f haodas sibh labhairt a nise ! 
Na'm b' f hios domhsa ciod e an ni co-chomunn 
ri Dia chuirinn suas gu foighidneach leis a' 
chrannachar a dh'òrduich e dhomh. Ach 
dhomsa tha chùis air mhodh eile. Tha sibhse 
'gearan gu'm beil Dia air falbh uaibh, ach tha 
mise gearan air Dia air nach d'f huair mi riabh 
eòlas. O ! nach robh fìos agam C'àite am 
faighinn e ach do rèìr coltais cha bhi sin agam 
gu bràth. 

Thuirt cuid gu'n tainig atharrachadh iong- 
antach orm agus mar sin ghabh iad mi air son 
duine naomha, ni a chuir mor chàmpar orm, 
ainm a bhi agam gu'n.robh mi beò agus a bhi 
fathast màrbh. Nochd pobull Dè mor chaoimh- 
neas domh, agus chuir sin doilgheas orm 
mar an ceudna a' faicinn an uair a bhiodh an 
f haluinn riobach leis na mheall mi mi-fèin agus 
muinntir eile air a' toirt dhiom gu'n gabhadh 
iad gràin diom agus gu'm bithinn fo sgeig 
shiorraidh aig diabhoil agus aig eucoraich air 
an dìteadh, agus gu'n abradh iad, " Cia mar a 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



huit thu bho t-àrd aidmheil ? Am beil thus' 
air fàs coltach ruinne? Theirinn gu'm bu 
cheart Diage do thilgeadhe mi do'n t- slochd, 
oir dhuin an Sgriobtur so mo bheul. " Air son 
lionmhorachd t'eaceartan tha t-iomal air a 
leigeadh ris agus do shàiltean air an deanamh 
lom." Air a' cheart àm bha làn-mhothach- 
adh agam air ceartas Dè oir cha b'urrainn mi 
fhaicinn cia mar a b'urrainn Dia a bhi ceart 
na'm be agus gu'n tearnadh e mise ged a bhiodh 
sliocbd Adaimh gu lèir air an tearnadh. Agus 
an uair a bhithinn a'g ùrnaigh bha eagal mòr 
orm roimh sgrios obann agus thug na smaoin- 
tean sin crith air m' f heòil ! 

Air dhomh a bhi aon òidhche muigh am bun 
tùim ag ùrnaigh las platha soilleir dealanaich 
mu'n cuairt domh, an uair a chaidh e seachad 
bha mi'n dùil gu'n tigeadh tairneanach a dhean- 
adh bloidean beaga dhiom 's cha mhor nach 
do chuir an t-eagal bho chainnt mi. Co-dhiù 
smaointich mi na'm bàsaichinn anns an àit' ud 
gu'm b'ann air mo ghlùinean a bhàsaichinn ag 
iarraidh tròcair. An sin thainig e fainear 
dhomh gu'm b'ann bho Shàtan leis bu mhiann 
uabhas a chuir orm a thainig iomadh dhe na 
h-eagalan tràilleil ud. Agus an deigh na 
h-òidhche sin cha robh mi ni bu mhò air m' 
uabhasachadh le leithidibh sud de dh'eagalan : 
agus smaointich mi na'n.deanadh Dia tròcair 
orm, agus fios a bhi aig muinntir eile air meud 
mo pheacannan agus air cho saibhear sa bha 



78 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



gràs Dhè do'm thaobh gu'n tugadh sin mis- 
neach dhaibh gu earbs' à thròcair. li Is fior 
an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor 
air gabhail ris gu'n tàinig Iosa Criosd do'n t- 
saoghal a thearnadh peacach ; d'am mise an 
ceud fhear.'' (1 Tim. i. 15-) Gidheadh, an 
deigh so uile ghabh smaointean an-dòch- 
asach còmhnaidh anmam. 

Aon latha Sàbaid an deigh dhomh |tighinn 
as an eaglais cliaidh mi mach air feadh nan raon 
a chaoidh air son an staid thruagh anns an robh 
mi, agus thòisich mi air smaointeach air a' 
cheist so ; — " CiodTs crioch àraid do'n duine?" 
Be am freagradh ; " Dia a ghlòrachadh, agus 
a mhealtainn gu siorruidh." An sin thuirt 
mise Cia^ mar a ghlòraicheas mise Dia, oir 
cha'n urrainn mi gu bràth dòchas a bhi agam 
a mhealtainn mar mo shonas, — ni mò a b'urr- 
ainn mi fhaicinn cir mar a dh'fhaodadh Dia a 
bhì air a ghlòrachadh leamsa ach le mo 
dhamnadh siorruidh, agus samointich mi na'm 
faodainn bruidhinn a dheanamh an deigh 
dhomh mo chuibhrionn f haotainn maille ris na 
h-eacoraich latha' bhreitheanais, gu'n glaodh- 
ainn a mach an iàthair dhaoine agus ainglean, 
agus gu'n cuirinn an cèill gach tròcair a 
bhuilich an Tighearn' orm agus na maeadhon- 
an a ghnàthaich e chum m' iompachadh bho 
mo shligheachan peacach, agus cho tric 'sa 
rinn a Spiorad Naomha strì rium, agus a 



DHUGHAILL BOCHANJNALN. 



77 



rìthist gu'n cuirinn an cèill marVinnmi dimeas 
air saibhreas a mhathais agus fhadfhul- 
angas do'm thaobh — agusmar rinn mi tàir' air* 
meadhonan nan gràs — agus càmpar a chuir air 
a Spiorad Naomha, agus a chuir mi na aghaidh, 
agus an sin gu'n gairmainn air gach naomh 
agus aingeal a chum is gu'n abradh iad gu'm 
bu cheart a bhinn a thugadh a mach ann am 
aghaidjj. Shaoil mi gu'm be so an aon dòigh 
anns am b'urrainn mi Dia a ghlòrachadh. 

Mhothaich mi m'uabhas a' teicheadh air falbh 
agus leisg anma air tighinn na àite. Cha b'urr- 
ainn mi smaointeach air tfghinn le làimh f hal- 
aimh a dh'ionnsaidh Chriosd, gun a bhi air tùs 
air m'irisleachd agus air mo bhrudhadh air 
son mo pheacaidh ; agus gus am faighinn an ni 
sin annam fèin cha b'urrainn mi comh-f hurt- 
achd f haotainn bho aon ghealladh sa' Bhìoball. 
Sgrìobh mi an sin Leabhar-cùimhne air mo 
pheacannan agus leugh mi afi àireamh gach 
aon mhadainn, ach, gidheadh, cha d'rinn sin an 
drùghadh bu lugha air m'inntinn. An sin 
rannsaich mi mach air son nan uile bhag- 
raidhean a bha air an labhairt an aghaidh 
leithid mo pheacannan-sa, agus leugh mi iad 
so mar an ceudnana h-uile mhadainn, ach bha 
iad mar an ceudna gun èifeachd sam bith do'm 
chridhe. Mhothaich mi'n sin mi-fèin a' fàs 
diombach air gach ministear a chuala mi a' 
searmonachadh a chionn nach do shearmonaich 
iad ni b'uabhasaich na bha iad a' deanamh. 



78 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



Thuirt mi-rium fèin, Anaim bhochd ! u An 
urrainn do chridhe fulang, no'n urrainn do 
làmhan a bhi laidir anns na lathaibh anns am 
buin mise riut ? Mise Iehobhah a labha ; r agus 
ni mi." (Esec. xxii. 14.) Chùm mi an Sgriob- 
tur so rium fèin agus chunnaic mi nach b'urr- 
ainn mo chridhe gach ni dhiu sud fhulang ach 
gu'n robh an t-àm a' tighinn ann an trèigeadh 
mo chriclhe mi aig àm na fèirge ri teachd. 
Bha Sàtan ga mo bhrosnachadh gu tuille peac- 
aidh a' chuir an gniomh agus gu'n deanainn 
an sin caoidh cheart as an leth ; ach le buaidh 
cruas a pheacaidh a thoirt fainear sheachainn 
mi am buaireadh sin. 

'Nuair a dh'fhàilinn aon mheadhon smaoin- 
tich mi air meadhon eile ; shaoil mi na'm 
faighinn bothan ann am fàsach an sin gu'n 
còmhnaichinn am aonar agus gu'n traisginn 
gach treas latha gus an nochdadh an Tighearna 
tròcair dhomh ; ach so ni nach b'urrainn mi 
fhaotainn. An sin smaointich mi fa-dheòigh 
am b'urrainn " mo chridhe dol an ea-dòchas 
mu'n uile shaothair a shaothraich mi fo'n 
ghrèin." Eccl. ii. 20. 

An deigh do'n Tighearna fhulang dhomh 
mi fèin a sgìtheachadh ann am mòralachd mo 
shlighe dh'fhoillsich e losa Criosd dhomh, 
Tì a chunnaic mi a bha anns na h-uile dòigh 
freagarrach air son m'anma, ach gu'n robh mise 
air gach dòigh neo-fhreagarrach air a shonsa ; 
fòs air dhomh dùl a thoirt nach b'urrainn mi- 



DHUGHAILL BOCHAIMNAIN. 



79 



fèin a dheanamh nl bu fhreagarraich air a 
shon thug mi oidheirp air m'anam a thiìgeadh 
air mar pheacach bochd, truagh, dall, agus 
lomnochd, gun aon ni math annam fèin a chuin 
mo dheanamh luachmhor 'na shealladh. Air 
a mhodh so fhuair mi dol a mach m'anama 'g 
iarraidh g'a ionnsaidh, fhuair mi mar an 
ceudna gràdh a' lasadh ann am chridhe dha. 

Bha agam a' nise beagan sìthe ann am inn- 
tinn ni nach robh agam riabh roimhe, gidheadh 
bhami do ghnà a' feitheamh ris na nithe matha 
a bha gu bhi air an oibreachadh annam mu'm 
b'urrainn mi suaimhneas a ghabhail uaithe. 
Beagan laithean an deigh so thachair mi ri 
bana Chriosdaidh agus leig mi ris d' i cor 
rn'inntinn. Dh'iarr i orm mi-fèin a chumail 
ri gealladh saor agus iomlan a' chùmhnanta 
nuaidh. Thuirt mise nach b'urrainn mi a' 
chionn nach robh ni math- air bith annam a 
chum m'fhàgail fìùghail. Thuirt ise an sin, 
nach robh Dia riabh ag amharc air son fiùghal- 
achd sam bith anns a' chreutair, gur ann air 
sgàth Chrìosd a mhàin a rachadh gabhail rinn, 
agus nach b'ann air ar son fèin, agus gu'n robh 
tairgse nan gràs uile shaor do gach neach." 
" Agus an neach air am beil tart thigeadh e 
agus gabhadh e uisge na beatha gu saor." 
(Tais. xxii. 17-) Ach thuirt mise, gu'n robh 
togradh agus tart air iarraidh anns an tairgse 
sin, ni nach b'urrainn mis fhaotainn annam fèin, 
agus uime sin cia mar a b'urrainn mi tighinn ? 



80 BEATIJA AGUS IOMPACHADH 

Thubhairt mi nach b'urrainn mi aicheadh gu'm 
be lan deòin mo chridhe gu'n deanadh Dia mi 
toileach a thoil a dheanamh. " Ma ta," ars 
ise, '* cha'n eil an togra sin annainne thaobh 
nàduir : oir tha sinn gu lèir ain-deonach 
tighinn a dh'ionnsaidh Chriosd, agus uime sin 
tha geallaidhean a' chùmhnanta nuaidh iomlan. 
Cha'n eil e anns a chuid a's lugha a' cur ùigh 
ann an deanadas a chreutair." " Bithidh do 
phobull air an deanamh toileach ann an latha 
do chumhachd." " Bheir mi fòs dhuibh cridhe 
nuadh an taobh a stigh dhibh ; agus buinidh 
mi air falbh an cridhe cloiche as 'ur feòil, agus 
bheir mi dhuibh cridhe feòla." (Esec. xxxvi. 
26.) Thug i ni b'f haide fainear do thaobh a' 
gheallaidh chùmhnanta, gu'n do cho-lionadh 
nan nithe sin gu lèir-dhuinn le Criosd, agus 
gu'm beil creidich a' nise fo chùmhnanta ni's 
fearr no bha Adamh. Dh'fhosgail i mar an 
ceudna suas domh nàdur fireanachaidh ann an 
dòigh air an robh mi tur ain-eolach roimhe sin, 
agus dh'iarr i orm " Leabhar aithghearr nan 
Ceist" a' chnuasach maille ri " Leabhar Aid- 
mheil a' Chreideimh" dà leabhar anns am 
faighinn eolas falain. 

Fhuair mi mòr chomhfhurtachd agus eolas 
bho'n chonaltradh so — agus mhothaich mi mo 
chridhe a' dol a mach ni bu mhò agus ni bu 
mhò an deigh Chriosd n'a uile dhreuchdan ; 
agus air leam gu'n do ghràdhaich mi am modh 
tearnaidh so fìor mhath. Fhuair mi bròn nach 



DHOGHAILL BOCHANNAIN. 81 



robh agam roimhe air son mo pheacannan, agus 
mheudaich mo ghaol do mhuinntir mhath. 
Fathast cha robh m'uile chridhe air dlùthach- 
adh ri Criosd ; bha agam do ghnà iarraidh 
diamhair an deigh an lagha agus a miannach- 
adh fireantachd dhomh fèin. Fhuair mi an 
f hurtachd so ann am mìos a' Mhàighe 1742. 
Bha mi an uair sin sè bliadhna fichead de 
dh'aois. 



CAIB. IV. 

Anns am beil ceud-fhàs dearbhaidhean ann am 
anarn maille r"a na h-idle eagal agus theagamh 
fo'n robh mi bho cheud mìos an earraich 1742 gu 
ceud mìos an earraich 1 743, àm anns an drinn 
an Tighearna ann an cuid de thomhas mo bhann- 
taibh fhuasgladh agus mo leigeil as saor. 

Bha mi coltach ris an duine 'fhuair a shùil- 
ean air an leth-f hosgladh agus a chunnaic 
daoine 'g imeachd mar chraobhan j ach beann- 
achd do Dhia bha e coltach ri camhanaich na 
maidne agus cha b'ann riciaradh na h-òidhche, 
agus mar sindh'èirichreullnamaidne, — thòisich 
an latha air bristeadh agus na sgàilean air 
teicheadh air falbh. " Agus tàrlaidh anns an 
latha sin, nach'bi solus soilleir agus dorchadas 
ann : ach bithidh e 'na aon latha a bhios aith- 
nichte do'n Tighearna : cha latha agus cha'n 



82 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

òidhche bhios ann : ach tarlaidh air tra feasg- 
air gu'm bi solus ann." Sech. xvi. 6, 7- 

Thòisich m'eagal a rithist agus thainig an 
teagamh so gu m'inntinn, " Ciod mar eil thu 
air do thaghadh cha shàbhail Criosd gu bràth 
thu ged a shileadh tu deòir f hala air son do 
pheacannan?" Osbarr, bha leithid de smaoin- 
tean mòra agam mu thimchioll tròcaìr an 
t-sàbhalaidh is gu'n robh mi eadhonfoamhluadh 
ar sair a smaointichinn am biodh i gu bràth air 
a nochdadh dhomh-fèin, a chionn nach robh 
mi air dòigh sam bith am airigh air tròcair 
cho mòr. Chuir na smaointean so mi fo 
imcheist cho mòr is an uair a bhithinn ag 
ùrnaigh gu'n cùimhnichinn do ghnà air na 
briathran so, " Ciod mar eil thu air do thagh- 
adh ?" Agus air an aobhar sin nach ruiginn a 
leas a bhi cuir trioblaid orm fèin mu thimchioll 
ni co mi-chinnteach. An sin fhuair mi na 
briathran so mar fhreagradh, — " Ach nach eil 
urrad de dh'aobhar agam a chreidsinn gu'm beil 
mi air mo thaghadh 'sa thagam a chreidsinn 
nach eil ?" Gidheadh cha robh mi fathast 
comasach air a mhodh so cur an aghaidh neart 
a bhuairidh ud. 

Bha sàcramaid suipeir an Tighearna gu bhi 
air a frithealadh sa' Mhaoil air an dara Sàbaid 
de mhìos deireannach an t-sàmhraidh ]742, 
agus a thaobh gu'n robh a mhiann orm a bhi'n 
sin chuir mi latha air leth air son trasgaidh 
agus irioslaichidh chum agus gu'm bithinn 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 83 



uigheamaichte air son an òrduigh naomha sin, 
ach air dhomh a bhi ain-eolach air nàdur an 
fhior thrasgaidh chaidh mi mu'n cuairt do'n 
dleasanas sin ann am neart fèin. Gidheadh, 
an Tighearna nach do leig dheth riabh a bhi 
leanmhuinn dòighean a ghràis annam mhill e 
an dleasanas so, agus nochd e dhomh cho 
gràineil sa bha m'uile dhleasanasan ann am 
fìanais Dia Naomha Do rèir na riaghailt a 
shuighich mi dh'eirich mi glè mhoch sa' mhad- 
ainn agus chaidh mi steach ann an uaimh creige 
agus thòisich mi air obair-an latha le ùrnaigh, 
agus sgaoil mi leabhar dubh mo pheacannan 
(a sgrìobh mi roimhe sin) an làthair Dhè, agus 
bu dìblidh an sealladh e ri fhaicinn, cha deach 
mi co-dhiù fad air m'aghaidb nuair a thòisich 
mi air f às gle chadalach ; agus, fa-dheoigh 
f huair an cadal buaidh orm cho mòr is nach 
b'urrainn mi dad a dheanamh. Rinn mi ùr- 
naigh 'na aghaidh ach gun èifeacbd sa'm bith. 
An sin ghlac mi mo Bhìoball air son leughaidh 
a chum 's gu'm buadhaichinn, ach dh'fhàs mo 
chadal cho trom is gu'n thuit am Bìoball as 
mo làmhan. M'u fheasgar thainig mi dhach- 
aigh trom, dubhach, agus mi-thoilichte air 
dleasanas an latha a chionn gu'n robh dearbh 
f hios agam nach robh a leithid de thrasgadh 
taitneach leis an Tighearna. " An e leithid 
so do thrasg a raonaich mise, gu'n cuireadh 
duine anam fo leòn car latha? An e gu'n 



84 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



eromadh e a cheann mar luachair?" Isa 
lviii. 5. 

Air an ath latha chaidh mi do'n Mhaoil far 
na thachair mi ri Criosdaidhean tuigseach agus 
bha an cuideachd glè thaitneach leam oir cha 
robh aon neach aig mo dhachaigh fèin, a thuig- 
eadh mo chor, fhuair mi beagan comhf hurtachd 
o'n conaltradh agus o na freagraidhean a 
thug iad dhomh, ach fathast bha m'anam ann 
an trioblaid agus bha eagal orm comh-pàirt- 
eachadhde 'n òrdugh a chionn gu'n mhothaich 
mi os-creideamh mo chridhe bhi cho ro mhòr, 
agus cha b'urrainn mi urrad as aon fhianais 
air creideamh no gràdh f haotainn, no gràs air 
bith eile. agus dh'amhairc mo shean bhuairidh- 
ean orm anns an aodainn. 

Air an ath mhadainn Sàbaid shearmonaich 
Mr. Hally an t-searmoin chomonachaidh o'n 
sgriobturso; " Gu'mbiodh againne comhfhurt- 
achd laidir, a theich a chum dìdeinn gu greim 
a dheanamh air an dòchas a chuireadh romh- 
ainn." (Eabh. vi. 18.) Feadh a bha e a 
liubhairt na searmoine so bha mi fo thrioblaid 
mhòir, agus a'sileadh nan deur, oirbha diamh- 
aireachdmo chridhe airamfoillseachadhdhomh. 
Bha e gu mòr air a chuideachadh a chum 
labhairt dhachaigh a dh'ionnsaidh cridheachan 
a luchd-èisdeachd ; agus thog e bharr an 
rathaid iomadh ceap-tuisìidh bu ghnà le Sàtan 
a thilgeadh ann an slighe na h-aiteam a bhiodh 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



85 



a teicheadh a dh'ionnsaidh a' bhaile dhiona. 
A measg nithibh eile thug e fainear, " Mas 
a duine thu tha teicheadh a dh'ionnsaidh a' 
bhaile dhiona ni 'n diabhol a dhìcheall a chum 
maille chuir air do thuras, le innse dhut nach 
eil thu air do thaghadh, agus nach ruig thu leas 
a bhi ruith a chionn gu'm bi sin 'na ni diamhain. 
Ach abair thusa ris nach eil f hios aige co tha 
air an taghadh, no co nach eil, agus nach 
d'fhuair e riabh comas leabhar beatha an Uain 
a leughadh." 

'* Ach cha'n fhoghainn sin leis, innsidh e 
dhut gu'n do bhuanaich thu ro fhada ann ad 
pheacannan gu'm beil latha nan gràs air dol 
seachad cheana, agus uime sin gu'm beil e ro 
anmoch dhutsa ruith. Ach abair thusa ris, 
gur e gnothach dhorsan a' bhaile-dhiona gun 
iad a bhi dùinte a latha no dh'òidhche 
chum is ge be air bith àm a thig fear-marbh- 
aidh nan daoine gu'm faigh e na dorsan fosg- 
ailte. A rithist, their e riut nach eil thu 
tearuinnte an deighe dhut a dhol a stigh do'n 
bhaile, agus gu'm faigh fear-diolaidh na fala 
greim ort uair, no uairigin ; ach abair thusa 
ris, gu'm beil còir fhir-marbhaidh nan daoine 
air a' toirt suas do na leibhitich agus do na 
sagartaibh agus gu'm faod e a leughadh gu 
saor an uair a ruigeas e 'm baile, agus nach 
eil a chòir agus uras ni's lugha no gealladh 
neo-atharraichte Dhè nach urrainn breug a 
i 



86 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



dheanamh ; air chor is ma ruigeas an duine 
am baile-diona tha e tearuinnte ni's leòir." 

Ged a bha m'uile theagamhan mar so air 
am freagradh, gidheadh, cha robh do mhis- 
neach agam na rachadh air m' aghaidh gu 
bòrd an Tighearna, chunnaic mi gu'n robh 
cuireadh an f hacail agam o'n taobh mach, ach 
nach robh gairm sam bith agam o'n taobh 
steach gu dhol air m'aghaidh, mar sin chaidh 
mi dh'èisdeachd searmoin aig a' phailiunn far 
an cuala mi Mr. Mac-Aoidh a' labhairt nam 
briathran so ris a' cho-thional. " Cia be air 
bith n'ar raeasg a tha toileach gabhaii ri 
Iosa Criosd 'na uile dhreuchdan, se bheatha 
tighinn gu bòrd an Tighearn an duigh." 
'Nuair chuala mi sin air leam gu'n robh mo 
chridhe air a tharrainn a mach an deigh 
Chriosd 'na uile dhreuchan, agus gu'n robh 
ni toileach a ghabhail mar rìgh a riaghladh 
tharum cho math is ri sagart a chum mo 
shàbhaladh. An sin thuirt mi maille ris a 
mhac stròghail. " Eiridh mi agus thèid mi a 
dh'ionnsaidh m' athar." 

Ach cha bu luaithe dh' èirich mi chum dol 
do'n eaglais na bha Sàtan aig mo làimh dheis 
a chum mo bhacadh ag ràdh, f< Nach eil peac- 
adh gu leòir agad cheana air do dhruim agus 
an tèid thu an sin mar an ceudna." An sin 
thuirt mise, u O ! cha tèid, cha tèid mis' ann. 5 ' 
Air an aobhar sin rinn mi suidhe sìos far an 



PHUGHAILL BOCHANNAIN. 87 



rohh mi. Tacan an deigh sin co-dhiù fhuair 
mi mo chridhe ga'm bhrosnachadh 'chum dol 
do'n eaglais. Uime sin dh-èirich mi agus bha 
mi gu h-ealamh air mo chumail air m' ais a 
rithist leis a bhuaireadh cheudna. Feadh a 
bha mi mar so fo imcheist thainig an sgriobtur 
so gu'm chùimhne. " Tha mi ann an teann- 
lachd mòr, leig dhomh a nise tuiteam ann an 
làmhan an Tighearna." (Eachd. xxi. 13.) Leis 
an so chaidh mi air m'aghaidh, ach thainig mi 
air falbh an deigh sin ann an dòrchadas mòr. 

Bha mi tacan an deigh so a' gearan ri cuid 
de mo chàirdean Criosdaidh do thaobh mi- 
riaghailt mhuladach m'anma, ach cha do 
ghabh iad truas sa'm bith rium, agus thuirt iad 
gu'm b'olc a thigeadh e dhomhsa bhi gearan 
air an dòigh sin 'nuair a bha mi faicinn muinn- 
tir eile nach tàinig cho fad air an aghaidh. 
Thug so mi gu cho-dhunadh nach robh mi ach 
am chealgair, agus gu'n robh iadsan air am 
mealladh 'na baireil mu'm thimchioll. 

Air Di-luain chuala mi Mr. Drummond a' 
searmonachadh bho na briathran so, " Mar 
aibhnichean'uisge ann an àite tioram." 

Thug e fainear an gnè fa-leith a bha anns 
an uisge so seach na h-uisgeachan nàdurrach. 
" An uair a tha feum aig an talamh," ars esan, 

air uisge agus a tha e tartmhor gealaichidh 
an t-arbhar agus seargaidh se as, is co-ionnan 
sin 's mar ni sìol nan gràs a ta air a chur ann 
ar cridheachan an uair a tha e as eugmhais 



88 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



còmhnadh an Spioraid Naoimhe ; ach, tabhair 
fainear a rithist an t-eadar dhealachadh ; 'nuair 
a thuiteas an t-uisge nàdurrach àraichidh e 
luibhean fiadhain cho math ris an arbhar : ach 
tha uisg' an Spioraid ag àrach an arbhair a 
mhàin, agus a' marbhadh nan lus ; agus osbarr, 
faodaidh uabhas an lagha cridheachan cloiche 
a bhristeadh na'm bloidibh, ach tha 'm mìr as 
lugha de'n chloich sin fathast 'na cloich ; ach 
'nuair a thig buaidh thaisichidh an Spioraid 
Naoimhe leaghaidh e an cridhe cloiche gu 
cridhe feòla. 5 ' Bha na nithe so feumail 
dhomhsa. 

Air òidhche Di-luain bha mi air mo mheud- 
achadh am feadh a bha mi ri m' ùrnaigh 
dhiamhair,. agus theagaisg an Tighearna iom- 
adh ni dhomh o'n sgriobtur so ; — " Uime 
sin, deanaibh tuilleadh dìcheill chum bhur 
gairm agus bhur taghadh a dheanamh cinn- 
teach." (2 Ped. i. 10.) Ann an so chunnaic mi 
nach be mo dhleasanas feoraich air tus mu 
thimchioll mo thaghaidh, ach feuchainn am 
b'urrainn mi tighinn gu eòlas a bhi air mo 
ghairm : — " Oir an dream a roimh-aithnich e 
ro-òrduich se iad mar an ceudna." Thug 
an Tighearna cuid de sholus domh mar an 
ceudna m'u fhireanachadh agus m'u ghairm- 
èifeachdach ; agus mar an ceudna deagh 
dhòchas. 

Bha sàcramaid suipeir an Tighearna gu bhi 
air a frithealadh ann an Cala-sràid, agus chaidh 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 89 



mise do'n àite sin agus air Di-sathurn chuala 
mi searmoin glè shòlasach bho na briathran 
so ; — " A' chuilc bhrùite cha bhrist e." 

Thug am ministear fainear gu'm faodadh an 
creideach a bhi air uairean ann an gluasad a 
ghràis cho lag ri caol-smùid a bhiodh de 
chainneil an deigh a sèideadh as ; " Ach," ars 
esan, " am mùch an Tighearn' Iosa an caol- 
smùid sin ? Cha mhùch, beothaichidh se e 
agus sèididh e air le gaoth a' Spioraid Naoimhe 
gus an gabh e suas 'na lasair." Bha mi gu mòr 
air mo bheothachadh leis an t-searmoin so. 
Chuala mi searmoin eile bho na cheann-teag- 
aisg so ; — " Naomhaichidh sibh-fèin ; oir am 
màireach ni'n Tighearna nithe iongantach 'nur 
measg,'' (los. iii. 5.) Chuala mi briathran 
airan toirt o'n cheann-teagaisg so leis an robh 
m' aigneadh air blàthachadh do'n Tighearn' 
Iosa. Am measg nithe eile thug am ministear 
fainear gu'n d'f hreagair Sàtan agus gu'n 'tubh- 
airt e " Craiceann air son craiceinn, eadhoin, 
gach ni a tha aig an duine bheir e air son anma." 
(lob ii. 4.) " Faicibh bhur Fear-saoraidh 
àrdaichte cia cho saor agus cho toileach sa 
leag e sìos a bheatha air bhur son." A rithist 
Thubhairt Siporah 'nuair a thimchioll-ghearr i 
an leanamh " Is fear-pòsda fuileachdach thu 
dkomhsa.'" (Ecs. iv. 26.) Ach dh'fhaodhadh 
Criosd a ràdh, Is Eaglais fhuileachdachthu 
dhomhsa, dhiol mi gudaor air do shon." Air 
dhomh so a chluinntinn air leam gu'n robh mo 



90 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

chridhe air lasadh le gràdh do'n Tighearn' Iosa 
Criosd a ghràdhaich mi le gràdh cho daor dh' 
eirich rai grad a chura a dhol a dh'ionnsaidh a 
bhùird am feadh a bha'n an co-thional a seinn 
an cùigeamh rann de na cheathramh Sàiìm 
thar an fhichead. Agus besinbriathran cho mil- 
is leamsasa chuala mi riabh, agus thubhairt mi, 
" O m'anam thig agus suidh sìos fo sgàile na 
fala iobairt-rèitich so, agus gabh am beannach- 
adh o'n Tighearna a ta air a cheannach le 
luach cho daoH'' O an sea)ladh iongantach a 
fhuair mi air fulanghas an Tighearn Iosa! 
Ach tacan an deigh so thuit ceò agus dòrchadas 
mòr orm; agus bha mo chridh ga'm agairt 
air son tighinn chum na cùirme ann an trusgan 
coimheach. Cha robh mi ni bu lugha air mo 
thilgeadh sìos le searmoin a chuala mi on 
cheud chaibidil de Shoisgeil Eoin agus an treas 
rann, anns an robh cuid de chomhtharraidhean 
air a thoirt seachad air an aiteam aig an robh 
co-chomunn ris an Athair agus ris a Mhac ; ni 
air nach b'urrainn mise còir air bith a thagar. 

Mu'n àm so bha mi cluinntinn mòr iomradh 
m'u obair Dhè ann an Camuslang,* chaidh mi 
do'n àite sin, agus fhuair mi mòr chomf hurt- 
achd o chonnaltradh a phobuill ri chèile mu 
thimchioll afèin-fhiosrachaidh„ Air an t-Sàb- 
aid bha co-chruinneachadh mòr sluaigh air 



* Cumbuslang, a parish about four miles south-east 
of Glasgow. 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 91 



tional ; a leithid de shealladh cha'n fhaca mi 
riabh. Shearmonaich Mr. Whitefield o'n 
cheathramh caihidil deng de Shoisgeil Mhata, 
agus bha cùram mòr a measg an t-sluaigh. 
Ach ged a chuala mi mòr bhagraidhean air an 
gairm an aghaidh gach seòrsa pheacannan, cha 
robh fathast an drùdhadh bu lugha air a dhean- 
amh air m'inntinn ; agus chunnaic mi, a dhaon 
chuid, mar a deanadh Spiorad Dhè obair orm 
gu'n robh e neo-chomasach do chreutair 
bàsmhor sam bith atharrachadh a thoirt orm. 
Thainig na briathran so le neart gu'm inn- 
tinn ; — " Feuch, thèid mi air m' aghaidh, ach 
cha'n eil esan ann ; agus air m'ais, ach cha 
mhothaich mi e: Air an làimh chlì, far am 
beil e 'g oibreachadh, ach cha'n f haic mi e ; 
falaichidh se e-fèin air an làimh dheis, agus cha 
lèir dhomh e." (Iob xxiii. 8, 9.) Thainig 
mi air falbh as an àite so a' deanamh gàird- 
eachas air son buaidh an Tighearn' anns an tìr 
ann e dheanamh muinntir toileach ann an latha 
de a chumhachd. 

Air dhomh a bhi tighinn dachaigh agus a 
beachd-smaointeach air na chuala mi, thàinig 
na briathran so gu'm chàimhne, " Agus *fcha 
sibhse coimhlionta annsan." (Colos. ii. 10.) 
ni leis am faca mi gu'm b'ann le Criosd agus 
leis-an a mhàin, agus nach b'ann leam-fèin, a 
b'urrainn mi bhi air mo dheanamh coimh- 
lionta ; agus gu'm faca Dia a' phobull mar ann 
an Criosd a bhi gun smal gu'n ghaoid. Nochd 



92 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

an Tighearna dhomh mar an ceudna ni-eigin 
de lànachd Chriosd, agus m'fhalmachd fèin 
agus m'uile dhleasanasan. Gidheadh, cuir mi'n 
teaghamh a thoil ann e lànachd a bhuil- 
eachadh ormsa. An deigh sin chaidh mi 
do Chomrai far na shearmonaich Mr. Hally, 
ministear na Maoile, o'n chùigeamh caibidil 
de Shoisgeil Mhata ; agus chuidich an Tigh- 
earna leam chum feum a dheanamh, de'n 
treas, de'n t-sè-amh, agus de'n t-sheachdamh 
rann le mòr thaitneas do m'anam. Ach cha 
deacb iomadh latha an deigh sin seachad gus 
na ghluais mi m'uile bhunaid a smaointeach 
nach robh ann gu lèir ach fior mhealladh. 

Tacan an deigh sin fhuair mi leabhar a bha 
tighinn air teagasg an fhireanaichidh, agus na 
caochladh sheallaidhean a bha aig muinntir air 
Criosd a 'nuair a dhlùthaicheadh iad ris a 
dh'iarraidh beatha agus slàinte, Thug ùghdar 
an leabhair so fainear; — " Gu'n robh ceud 
ghluasad a' chreideimh anns an anam a dol 
fo shuaicheantasan eugsamhail ; mar ag amharc 
air Iosa, a' tighinn gu Criosd, a' teicheadh a 
chum a' bhaiìe dhiona ; a' ruith a dhionnsaidh 
ainme mar a dh'ionnsaidh daigneach laidir, 
a' liubhairt an anma 'na làmhan a' cuir an 
dòchais 'na ainm ; air chor is gu'm faod 
ceud gluasad creideamh ann an caochladh 
anamannan a bhi air dòighean air leth bho 
chèile. Tha aig cuid seallaidhean ni's soilleire 
air Criosd, agus comas ac' air creidsinn ann 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 93 



nì's treise ; feadh a tha cuid eile ni's laige ann 
an creideamh. Agus mar bha fear marbhaidh 
nan daoine a' ruith le cabhaig a theasraiginn a 
bheatha a dh'ionnsaidh aon de na bailteari 
diona, dh'òrducheadh dha dol a steach do'n 
bhaile bu dlùithe dha; is co-ionnan a tha dleas- 
anas agus còir nam peacach 'nuair a chì iad 
an staìd thruagli, teicheadh air ball a dh'ionn- 
saidh Chriosd an slànaighear mòr ; agus a 
dh'ionnsaidh an ni sin annsan is soilleire tha 
iad a' faicinn, agus a's dlùithe dhaibh. Agus 
ged a tha oibraichean soilleir creideimh ann 
an Criosd air caochladh dòighean ; gidheadh, 
anns an iomlan tha iad a' co-chòrdadh ann a 
mheud is gur ann an aon Chriosd a tha iad a' 
creidsinn air son glanadh bho pheacadh agus 
beatha f haotainn. Tha iad gu lèir a' teicheadh 
a dh'ionnsaidh Chriosd air son dìdeinn agus 
tha iad sàbhailt." 

Dh'fhoillsich an Tighearna mi leis na bria- 
than ud air sheòl is gu'n robh comas agam air 
mo mhearachd fhaicinn agus dlùthachadh ri 
Criosd mar Shlànaighearfreagarrach do'mchor. 

An deigh sin chaidh.mi do Chill-Saoidh agus 
air an t-slighe bha mi air mo lionadh le gnè de 
■dhòchas gu'm bristeadh Dia mo dheimhleibh 
dhiom agus mo leigeadh fasgaoil; ach dh'eirich 
as-creideamh an aghaidh mo dhòchais agus 
dhorchaich e gach ni a rithist. Air òidhche 
Di-luain bha mi airfaotainn farsuinneachd ann 
an ùrnaigh agus m'anain air a tharrainn a mach 



94 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



an deigh Criosd iomlan, agus thainig mi air 
falbh a' deanamh gàirdeachais anns an Tigh- 
earna agus à mhathas ; ach cha b'fhada gus na 
thoisieh mi air mo shaoilsinn fèin faoin, agus a 
fàs mòralach à mo dhleasanasan. Co-dhiù, 
cha do cheadaich an Tighearna do'm uabhar 
sèideadh suas, oir goirid an deigh sin nochd 
e dhomh tuilleadh de dhiomhaireachd fhalaich 
a pheacaidh a bha gabhail còmhnaidh fathast 
ann am chridhe ; ni a bha na mheadhon air 
m'irisleachdadhadh a chum na h-ùrach. Thug 
e air falbh m'uile phàirtean air chor is gu'm bu 
ghann a b'urrainn mi beannachd iarraidh ro' mo 
thròcairean coithcheann, agus tharrainn e bhuam 
ann an tomhas a ghràs agus dh'fhàg e mi gu 
gleachd ri iodhalan mo chridhe fèin. Thuit a 
leithid de clhòrchadas agus a mharbhanachd 
air m'inntinn air chor is nach b'urrainn mi 
smaointeachadh, no miannachadh, no ni a bha 
math a dheanamh. 

Bhuanaich mi anns an staid so bho thoiseach 
mios deireannach an fhoghair 1742. gumeadh- 
on mìos meadhonach a' gheamhraidh, a' gleachd 
ri mo nàdur truaillidh fèin, agus a' smaointeach 
gu'n robh mi air mo thoirt suas do dhroch 
rùintean agus do dh'inntinn mhi-chèillidh. 
Fa-dheòigh chuir mi cuid de thìm air leth gu 
staid m'anma f hiosrachadh adh'fheuch an-robh 
coltas slàinte air oibreachadh annam. Feadh a 
bha mi smaointeach air an ni so, thàinig an 
Sgriobtur so gu'm chùimhne, — " Agus dh'amh- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



95 



airc esan suas agus thubhairt e; thami faicinn 
daoine mar chraobhan ag imeachd." (Marc. 
viii. 24.) An sin shaoil mi gu'm faca mi fann 
sholus air mo staid fèin nach b'urrainn solus 
nàduir a thaisbeanadh dhomh gu bràth ; Esan 
a thug orm gu'm faca mi, ge b'ann gu dòrcha, 
na nithe so a tha thar solas nàduir ni e fhathast 
'na àm fèin agus 'na dhòigh fèin m' aiseag gu 
làn-sholus chum is gu'm faic mi gach ni gu 
soilleir. 

Bha mi mar an ceudna gu mòr air mo 
mhisneachadh le leughadh an Sgriobtuir so ; — 
" Air dhomh bhi dearbhta as an ni so fèin, 
eadhon an tì a thoisich deagh obair annaibh, 
gu'n coimhlion e i gu latha Iosa Criosd." 

'Nuair a chaidh mi mach air feadh nan raon 
a bheachd-smaointeachadh an deigh dhomh an 
dara caibidil de Shoisgeil Mhata a leughadh, 
rinn m'anam gàirdeachas air son Slànaighear a 
thighinn a dh'ionnsaidh an t-saoghail, agus 
fhuair mi ni bu mho dh'fharsuinneachd no 
b'àbhaist dhomh do thaobh ùrnaigh. Bha 
smaointean milis agam rè an latha m'u ghràdh 
Dhè air son e chur Chriosd a shàbhaladh 
pheacach. 

Air an dara Iatha de mhìos deireannach a' 
gheamhraidh 1743. Be sin an t-Sàbaid air an 
d'fhosgail an Tighearna mo shùilean a chum 
an. Eadarmheadhonair fhaicinn 'na uile 
dhreuchdan, on Sgriobtur sc; — " Ach uaithe- 
san a ta sibhse ann an Iosa Criosd, neach a 



96 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



rinneadh dhuinne le Dia 'naghliocas, 'na fhir- 
eantachd, naomhachd, agus na shaorsa." (1 
Cor. i. 30.) Chunnaic mi a leithid de shealladh 
glòrmhor de an Tighearn* Iosa Criosd air 
fhoillseachadh anns na briathran so nach bi mi 
chaoidh comasach air aithris. 

Anns a cheud àite. Ghabh mi beachd air 
Criosd mar ghliocas, no mar f haidh, air a sheul- 
adh leis an Athair ris an dreuchd so ; se sin ri 
ràdh, chum toil Dè a theagasg dhomsa ; agus 
gu'n. chaill mi co-chomunn ri Dia, agus gach 
eolas slàinteil air, agus gu'n robh an Tighearn' 
Iosa Criosd air a dhanamh dhomhsa le Dia 'na 
ghliocas, chum eolas ceart a theagasg dhomh air 
an Dia neo-ainichte do'n d'rinn mi gu h-aineol- 
ach aoradh ; (Gniomh xvii. 23,) agus an uair 
a chreach an diabhol Àdamh ann an staid neo- 
chiontais, is mòr gu'm b'fhasa mise mhealladh 
a nise le sgàile na diadhachd a ghabhail thugam 
air son na brìghe ; gu sònraichte chionn gu'm 
beil mi falamh de gach gliocas spioradail. 

Chunnaic mi mar an ceudna gu'n robh e 
aira dheanamh le Dia dhomhsa 'na ionracas, 
no 'na Shagart; agus mar an ceudna am feum 
a bha agam airmar iad sin, a chionn nachrobh 
fireantachd cheart agam a bhuineadh dhom fèin 
ann an làthair Dia naomha. Leig Dia ris domh 
farsuinneachd a reachd nèamhaidh a riugeas 
gu dearbh smuaintean mo chridhe, cho math 
sa dh'ionnsaidh gniomharan mo bheatha. Bha 
mo bheul mar so air a dhùnadh agus dh'f hàs 




DHUGHAILL BOCHANNATN. 97 

mi ciontach an làthair Dhè. (Rora. iii. 19.) 
Aìg an àm cheudna bha mi dearbhta, nach 
b'urrainn^mi a chaoidh le mo dheanadas, no 
le'm fhulangas fèin ceartas Dè a riarachadh. 
Ach thoilich an Tighearn a Mhac gràidh fèin 
a nochdadh. dhomh, mar a tha e ; " Naomha, 
neo-lochdach, neo-thruaillidh, agus air a dheal- 
achadh o pheacaich ; mar uan gun lochd gun 
smal, chum.ceartas iomchaidh a riarachadh an 
àite pheacach ;" agus gu'm b'ann leis an ìobairt 
luach-mhoir so a b'urrainn mo pheacannan<a bhi 
air a mathadh ; agus gu'm be ùmlach Chriosd 
do dh'uiìe iarrtasan an lagha, ann an deanamh 
na dh'iarr e, agus ann am fulang na rinn e 
bhagradh, gu'ra bithinn air mo leigeil as saor 
o dhìteadh, agus gu'm bann leis an ùmhlachd 
a thug an Tighearn Criosd as urrainn mi seas- 
amh coimhlionta fa-chomhair a cheartais, agus 
gu'm feum an f hireantachd so a bhi ri cur as 
mo leth-sa agus air agabhail do'm ionnsaidh le 
creideamh a mhàin. 

Chunnaic mi nise gu'n robh e air fhirean- 
achadh ann am shàbhaladh an uair a bha mi 
air mo thoirt air taobh-staigh a' chùmhnanta 
nuaidh, mar bhiodh e gu dearbha roimhe sin, 
ann am dhamnadh am feadh a bha mi fo'n 
t-sheanna chùmhnanta. " Tha esan firinneach 
agus ceart, chum ar peacannan a mhathadh 
dhuinn." (1 Eoin i. 9.) 'Nuair a thug mi 
fainear fìreantachd Mhic shiorruidh Dhè air a 
thoirt seachad dhomh-fèin ann an rathad cùmh- 

K 



98 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



nanta, uaithe-san mar cheann a' chùmhnanta, 
rinn m'anam gàirdeachas an taobh a staigh 
dhiom, dh'fhosgail mi, mo shùilean mar gu'm 
b'eadh, ann an saoghal ùr, agus chunnaic mi 
nithe glòrmhor a bha roimhe sin air am falach 
uam. Mu'n àm sin f huair mi solus iongantach 
o leughadh litrichean Phòil a chum nan Ga- 
ìatianach agus nan Romanach, &c. &c. Chunn- 
aic mi gu'n robh an leabaidh fada gu leòir chum 
m'anam sgìth a shìneadh oirre gu fois, agus gu'n 
robh a brat farsuinn gu leòir a chum m'anam 
lomnochd agus ciontach a shuaineadh ann. 
" Tha mi a' deanamh gàirdeachas ann an 
Criosd m'ionracacas." 

Chunnaic mi Criosd mar air a dheanamh 
dhomh 'na shaorsa, no 'na Rìgh, agus mi fèin 
a'm thràill a chaidh a reic ris an diabhol, agus 
ri ana-miannabh mo chridhe fèin, chunnaic 
mi mar an ceudna gu'n robh na fiachan anns 
'na thuit mi cho ro mhòr is nach robh ni sa'm 
bith ach ionmhas rìgh ro bheairteach a b'urrainn 
da'n dioladh, agus gu'n robh an duine laidir a 
bha gleidheadh an taighe 'na dhaormunn treun 
air a dheagh àrmadh, agus daighnaichte air 
gach dòigh, air chor is nach robh ni sam bith 
ach duine mòran bu laidire na e-fèin a bheir- 
eadh buaidh air. " Ach mar so deir an Tigh- 
earna; Bheirir eadhon cobhartachd an fhir 
laidir uaithe, agus thèid creach an fhir uabhas- 
aich as; oir gleacaidh mi ris-san a ghleacas 
riut." Isa. xlix. 25. 



DHUGHAH,L BOCHANNAIN. 



99 



Chunnaic mi gu'n robh Criosd raar Fhear- 
saoraidh uidheamaichte air son adhreuchd, gu'n 
robh e lan-chomasach an luach ìocadh, agus 
lan-chumhachdach a chum buaidh a thoirt air 
a nàimhdean " Oir annsan thoilich an t-Athair 
gu'n gabhadh gach lànachd còmhnaidh." Tha 
e comasach air tearnadh gus a' cheum is faide 
mach; agus co aige tha fìos cia cho fad sa' tha'n 
ceum sin a mach? Air leam gu'ra faic mi am 
Buaidhear treun a' tighinn a nuas bho nèamh ! 
Agus a' deanamh grèim air an dràgon an t- 
shean-naithir-nimhe sin, agus a' toirt dhetli na 
h-armachd a bh' aige ann am chridhe agus ann 
am nàdur anns am beil e a' cur a mhòr dhòchais ; 
— se sìji ra ràdk, — dòrchadas, aineolas, as- 
creideamh, gamhlas; agus a' cur armachd fèin 
na h-àite ; se sin; — solus, eòlas, creideamh, 
agus gràdh, &c. 

An sin chunnaic mi gu'nrobh èirig anma na 
ni nach b'urrainn na bha de dhaoine air talamh 
no de dh'ainglean air nèamh a dhioladh le'n 
uile shaibhreas agus neart. Seadh, nach robh 
aon ni bu lugha na saibhreas do-rannsaichte 
Chriosd a b'urrainn na fiachan a dhioladh; agus 
nach robh aon ni bu lugha na uile chumhdachd 
Chriosd a b'urrainn buadhachadh an aghaidh 
Shàtain, — Chunnaic mi nach robh Criosd a 
mhàin'na ghliocas agus 'naf hìreantachddhomh, 
ach gu'n robh e dhomh mar an ceudna mar 
naomhachadh agus mar shaorsa ; uime sin rinn 
mi uaill a m' anmhuinneachd a chum is gu'm 



100 BEATHA AGUS IOMPACKADH 



biodh Criosd agus uile dhreuchdan air an ard 
chliùthachadh. Bha mi air mo thoirt gu f haic- 
inn gu'm be Crìosd na h-uile anns 'na h-uile, 
agus gu'n robh mi-fèin mar neo-ni. 

Is e so bunaid mo dhòchais, mo chomh-f hur- 
tachd, mo shuaibhneas, agus mo dhìdeinn. 
Agus a nis O m'anam ciod i do bharails air 
Criosd ? nach e is àilidh a measg dheich mìle 
agus a ta gu lèir so-ghràdhach? Nach e t-uile 
shlàinte agus t-uile mhiann? Se, se gu deimiri! 

Air feasgar na Sàbaid sin, an deigh dhomh 
a' chuid bu mhò de'n latha a chaitheamh a' 
beachd-smuainteach air an lànachd a ta ann an 
Criosd; chunnaic mi cho freagarrach sa bha e 
do'm chor air gach dòigh; agus mar gu'm 
beadh, ghairm mi air mo cheud as-creideamh 
a dh'fheuchainn an robh ni sain bith aige 'an 
agaidh an t-Slànaighear iomlain so, a bha nis' 
air fhoillseachadh dhomh anns an t-soisgeil; 
ach aig an àm so cha bu dàna le as-creideamh 
e-fein a nochdadh a'm iàthair. Ghairm mi gu 
bithcheanta an Sgriobtur ro-ainmaichte gu bhi 
agam mar chòraichean air an òighreachd, 
nèamhaidh, oir chunnaic mi gu'm beil e a' 
cumail nis mò no 's urrainn mi' sgrìobhadh no 
aithris. O is farsainn e ! 

Air dhomh searmoin a chluinntuinn bho'n 
cheann-teagaisg so, Gniomh. xxvi. 18, f huair 
mi mor chumhachd agus beatha a' tighinn a' 
cò-lorg an fhacail air a shearmonachadh, agus 
an uair a bha cotharraidhean Sgriobturail air a 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 101 



thoirt seachad air a' mhuinntir a' fhuair am 
peacannan air a mathadh thug Spiorad an 
Tighearna fianais le mo spiorad-sa gu'n robh 
mi-fèin a measg na h-àireamh shona sin. 
Thuirt am ministear, " Sibhse uile a f huair 
mathanas ann bhur peacannan thigibh agus 
gabhaibh ioghnadh à saibhreas a ghràis sin 
leis am beil bhur peacannan air a mathadh 
dhuibh." Bha m'anam an sin air a lionadh le 
iongantas cho mòr air son saibhreas nan gràsan 
nèamhaidh, do'm thaobh fèin, peachach cho 
truaillidh sa bh'ann, air dòigh as gu'm b' ann 
air èigin a chùm mi orm fèin o labhairt a 
mach anns a' cho-thional. 

Bha iomadhtogail suas agus tuiteanrsìos agam 
an deigh sin, gus an sè-amh latha de mhìos deir- 
eannacha' gheamhraidh, 1743, a be lathanaSàb- 
aid. Chaidh mi do dh'eaglais ar sgìreachd ;.agus 
chuir am ministear an cèill gu'm be dleasanas a 
phobuill, cùirt teach^Dhè a f hrithealadh, agus 
mar dhearbhadh air an ni sin labhair e an 
Sgriobtur so, — " Agus coinnichidh mis thu an 
sin agus labhraidh mi riut o uachdar na cath- 
air-thròcair." (Ecsod. xxv. 22.) Bha mi toil- 
ichte chionn gu'n robh mi anns an àite anns an 
do gheall e tachairt r'a phobull ; agus bhlàth- 
aich mo chridhe le gràdhe do Dhia. 'Nuair a 
thàinig mi dhachaigh bha mo chridhe gu mòr 
air a mheudachadh, agus mo smuaintean air 
lasadh ; ach f huair mi an dearg nàmhaid sin 
fèin-shèis a bhi fàs mòr ann am chridhe. 'Se 



102 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



so an nàmhaid a ta measgadh uisg' ann am 
fhion do ghnà. Tha e spuinneadh Dhè de 
chliù a' ghràis agus mi-fèin de an t-suaimhneas 
a dh'f haodainn a mhealtuinn. 

Air an òidhche sin fèin, an deigh dhomh a 
dhol do'm leabaidh, thòisich mi air smaointeach 
air na nithe arinn an Tighearn'air son m'anma; 
agus fhuair mi mòr shìth inntinn. Bha mo 
smuainteann a' gabhail beachd air mo staid a 
thaobh nàduir, agus an truaighe bha da'm 
leanmhuinn feadh a bhuanaichinn anns an staid 
sin, agus cho liugha cunnard do'n robh mi 
buailteach agus fa-dheòigh, cho fann agus 
an-dòchasach sa bha mi dhiom fèin. 

Rinn mi 'n Sgriobtur so a leanas, rè beagan 
ùine na chuspair do'm smaointean, — " Cha do 
ghabh sùil air bith truas dhiot, -a chum aon ni 
dhiù so a' dheanamh dhut, a' dheanamh iochd 
ort; ach bha thu air do thilgeadh a mach anns 
a' mhachair sgaoilte, le gràin do t'anam air an 
latha san d'rugadh tu. Agus an trà a ghabh 
mise seachad dlù dhut, agus a chunnaic mi thu 
salach ann ad' fhuil fèin, thubhairt mi riut, 
agus thusLnn ad fhuil, Mair beò; seadh, thubh- 
airt mi riut, agus thu ann ad f huil, Mair beò." 
(Esec. xvi. 5, 6.) 

O! an gràdh a' chunnaic mi air a labhairt 
anns a' chaibidil so, tha e fad os-ceann ni's urr- 
ainn mi aithris! 'nuaira chunnaic mi, mar gu'm 
b'eadh, an Iosa thruacanta dol seachad orm 
feadh a bha mi air mo loirigeadh ann am fhuil 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



103 



fèin, agus e 'g ràdh rium, " Mair beò." Bha'n 
t-àm so gu deimhin 'na àm gràidh dhomhsa, 
enuimh thruaillidh, 'Nuair a chunnaic e mi 
ceangailt' anns an t-sloc anns nach robh uisge, 
chuir e fa'sgaoil mi le fuil a' chùmhnanta 
shiorruidh, O ! an gràdh gun chrìch, cha'n eil 
mi a mhàin ach a' tarrainn sgàile thairis air 
'nuair a tha mi dol a' labhairt air a' chuspair so. 
O ! manam thig agus bi air do shlugadh suas 
le iongantas air son a ghràidh so; an gràdh 
gunchrìchso dhòmhsa ceann-feadhnanam peac- 
ach. O m'anam gabh iongantas air son cho saor 
sa' tha e! saor gu'n luach sarn bith. O ! manam 
an e ni sam bith a chunnaic e annadsa thug air 
do ghràdhachadh ? agus cha'n e mhàin do 
ghràdhachadh, ach do thabairt da ionnsaidh 
fèin ann an cùmhnanta pòsaidh. Biodh iogh- 
nadh oirbh O nèamhaibh air son a' ghràidh so! 
O ainglean faicibh-sa am pòsadh iongantach ! O 
naoimhibh, agus sibhse shluaigh saoirte an 
Tighearna, aig am beil bhur còir shònraichte, 
cha'n ann a mhàin air a phòsadh fhaicinn, ach 
a bhi n'ur bean-bainnse, — n'ur bean phòsd do'n 
Uan ! O thigibh agus gabhaibh beachd air a 
ghràdh a tha eadar sibhse agus bhur fear-pòs- 
da! " Oir is e t' fhear-pòsda do chruithear; 
'se Tighearna nan sluagh is ainm dha; agus 
is e t'fhear saoraidh Tì naomh Israeil; goirear 
Dia an domhain uile mar ainm ris." (Isa. liv. 
5.) O m'anam biodh nàir ort tachairt ri leithid 
de dh'fhear-pòsda ann an luideagan salach 



104 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

t-fhèin-fhìreantachd ; gabh ris an trusgan a ta 
air a thaisgse dhut anns an t-soisgeil : oir is 
e sin an trusgan, agus cha'n e trusgan eile 
ni t'fhàgail taitneach ann am fianais ,Dè. 

Air an òidhche sin fèin bha mi air mo 
lionadh cho mòr le iongantas à gràdh Dhè an 
Crìosd is gu'n do thrèig an cadal mo shùilean, 
cha do chuir mi aleithid de dh' òidhche seachad 
riabh roimhe. Anns a' mhadainn chaidh mi 
mach feadh nan raon a dhurnaigh. agus a 
chliùthachadhDhèairsonna rinn e do m'anam. 
Ma bhios aoibhneas air nèamh air son aon 
pheacach a ni aithreachas, O cia cho mòr sa 
dh'fheumas aoibhneas a pheacaich a bhi. Bha 
" m' aoibhneas do-labhairt agus làn de-ghlòir." 
Oir lion " sìth Dhè a tha dol thar uile thuigse" 
m' anam. An deigh dhomh tighinn dach- 
aigh agus an treas Sàlm thar a' cheud, agus an 
ceathramh Sàlm thar a' cheud a leughadh, 
shaoil leam gu'm b'urra mi a dhol ann an co- 
shèirm ris an t-Sàlmadair a ghairm gach ni 
aig am beil bith a chum an Tighearn a mhol- 
adh. " Is e an Tighearna cuibhrionn m' 
oighreachd. Thuit mo roinn dhomhsa ann an 
ionadaibh aoibhneach ; seadh, tha oighreachd 
thaitneach agam." (Salm xvi. 5, 6.) 

Bha mi air mo cho-èigneachadh leis a' 
ghràdh so chum m'anam a thoirt suas do'n 
Tighearna a cheannaich e le luach cho daor. 
Bha smaointean pilleadh ri saoghal cealgach, 
agus ri diabhol buaireanta glè throm orm; 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 105 

thuirt mi, — " Mo thruaighe ! mo thruaigh ! is 
èigin dhomh suidhe sìos a rithist an cois 
abhainn Bhàbaloin agus gul, agus mo chlàr- 
sach a chrochadh air an t-seileach maille ris a' 
chuid eile de 'mo.bhràithrean." Ach beann- 
aichte gu'n robh ainm an Tighearna,. a thug 
dhomh an trà-bìdh so a^chum mo mhisneach 
a chumail suas air mo thuras. 

'Nuair a bha mi sgrìobhadh nan nithe so 
bha mi air uairean air mo thoirt suas le iogh- 
nadh gràidh cho mòr is nach b'urrainn mi ni 
sam bith a sgrìobhadh ; agus air àm eile 
bhithinn am thuil dheur. Oir ge be uair 
a sheallainn air an Dia sin a rinn mi lot rinn 
mi bròn air a shon agus cha mhò chumainn mo 
shùilean bho shileadh no chumadh an sneachd 
e fèin bho leaghadh 'nuair a dh' eireadh a' 
ghrian air 'na làn-teas. Fhuair mi mòr 
mhothadh eadar am bròn so agus mo cheud 
bhròn laghail. Bha bròn an lagha air a cho- 
èigneachadh le neaYt cainnt' agus dearbhaidh, 
ach bha 'm bròn so saor agus fior-ghlan. 
Mhothaich mi cudthrom grkidh a' faotainn 
buaidh air mo chrìdhe agus shaoil mi gu'n 
robh uile cheud-faithean m' anma mar an 
taobh a staigh de dh' uaireadair a' bras ghluas- 
ad gu lèir ; oir bha briathran Chriosd 'na 
spiorad agus 'na bheatha. Eoin. vi. 63. 

Air an ath mhadainn chaidh mi mach air 
feadh nan cluan a' smaointeachadh. Bha 
m'anam air a lionadh le gràdh do Dhia, agus a' 



106 BEATHA AGUS IÒMPACHADH 



cnuasachadh nithe matha. Shèid a ghaoth gu 
deimhin air mo lios, agus thugadh air a spìos- 
raidh an cùireachd a bhrùchdadh a mach. An 
deigh ùrnaigh, thòisich mi air amharc air na 
h-ionadan anns bu ghnà leam a bhi 'g 'iarraidh 
an Tighearn' an uaigneas agus thubhairt mi, 
• — « O m'anam faic an t-àite anns bu ghnà leat 
a bhi ri bròn air son làthaireach Dhè gun a bhi 
maille riut ; faic e nise bhi 'na Bhethel, far am 
beil thu a' mealltainn co-chomuinn rrs ! A 
rithist O m'anam ! faic an t-àite so anns an 
robh thu a' triall ann an duibhre dorchadais, 
faic e nis' a bhi na àite anns ann beil " Grian 
na Fireantachd" a tha deallradh anns an ior- 
mailt as aird de ghlòir an deigh na neoil a' 
sgaoileadh, agus a' boillsgeadh a dh'ionnsaidh 
t'anma, agus a' toirt ort imeachd ann an solus 
a ghnùise ! O m'anam faic an t-àite anns an 
robh thu aon uair air do.lionadh le smaointean 
an-dòchais ; faic e nis' an uair a tha na smaoin- 
tean sin air an trusadh a steach agus air a 
socrachadh air a' chuspair shiorruidh, iongantas 
naoimh agus ainglean, eadhon an Tighearn 
losa Criosd !" Bha na seallaidhean so do-labh- 
airt agus ni's liugha r'an àireamh na's urrainn 
mi a sgrìobhadh. 

Bha feasgar Sàbaid sè-amh latha ceud mìos 
an earraich, 1743, na h-òidhche air bu chòir 
dhomhsa cùimhne bhi agam fhad uile laithean 
mo bheatha ; agus mheal mi fòis mhilis inntinn 
gu òidhche Dir-daoin 'nuair a bha sgàile air a 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 107 



tharainn bharr nan nithe so chum a' theagasg 
dhomh gu'n robh mi gu bhi beò tre chreideamh 
agus nach b'ann tre mhothachadh. Thug Sàtan 
agus droch chridhe mi-chreideach ionnsaidh 
uabhasach orm chum toirt orm gach ni a 
sgrìobh mi a' losgadh, ag ràdh, na'm be is gu'm 
faiceadh neach sam bith e gu'm meudaicheadh 
e mo dhìteadh ann an ifrinn. Ach glòir do Dhia 
a chronaich an nàmhaid, agus a chùm mise 
bho chomharraidhean sònraichte a ghràidh 
a thug e dhomh a losgadh. Bha mi mar an 
ceudna air mo chòmhnadh a chum sealltainn 
air losa agus a bhi. an dòchas ri nì bu mhò 
fhaicinn na chunnaic mi fathast. 

Mheal mi mòran de làthaireachd an Tigh- 
earn anns gach dleasanas, ach air an dara latha 
fichead de cheud mìos an earraich 'nuair a 
bha mi dol a dh'ùrnaigh bha mi ann am modh 
sònraichte air mo lionadh le ioghnadh gràidh 
air son cho saor 'sa bha gràs diadhaidh dhomh 
fèin an neach bu truaillidh de a chreutairean, 
agus am feagh a bha mi smaointeach air an ni 
sin thàinig an Sgriobtur so gu'm chùimhne ; — 
" Cò thusa, O ! shlèibh mhòir? Roimh Sheru- 
babel fàsaidh tu a' d' chòmhnard ; agus bheir 
e mach a' chlach-chinn le h-iolach a glaodkack, 
Gràs, gràs gu robh dh'i." (Secha. iv. 7.) Cò 
thusa O! a shlèibh mhòir nan ea-ceartan ? 
roimh an Tighearna Iosa Criosd fàsaidh tu 
a?a" chòmhnard. Cò thusa O ! ua-bheisd mhòr 
na h-aingeachd agus na truaiileachd ? nach 



108 BEATHA AGUS IOMPACHADH. 

urrainn an gràs so a' ghlanadh ? Cò thusa O ! 
a pheacaich chruaidh-chridhich ? nach urrainn 
an gràs so a thaiseachadh. O ! an gràs iong- 
antach rìoghail so, saor ghràs a ruigeas a 
dh'ionnsaidh Maneseth f huil-thartmhor, agus 
a' chum Shaul ghear-leanmhuinnich, agus 
do'm ionnsaidh fèin ceann-feudhna nam peac- 
ach. Cò thusa O ! a pheacaich mhàirbh ? 
nach urrainn an gràs so a thoirt beò. Cò 
thusa O! a thràill pheacach, nach urrainn an 
gràs so a chuir fa-sgaoil? Cò thusa O! a 
pheacaich dhaibhir nach urrainn an gràs so a 
dheanamh saibhear ? 

O ! m'anam thig agus gabh beachd ghràidh 
air a' ghràs rioghail so, a bheir a nuas daigh- 
naichean laidir Shàtain, agus gach inntinn a 
dh'ardaicheas i fèin guùmhlachd Chriosd. Is 
cuan e a shluigeas suas m' uile smuaintean, oir 
ciod as urrainn creutair crìochnach athuigsinn 
mu'n thimchioll an ni sin athaneo-chrìochnach? 
O! m' anam fan gu foighianeach ris an Tigh- 
earna agus bi do ghnà ag amharc a mach air 
son tighinn na cloiche-cinn le h-iolaich ; seadh 
le iolach an ard-aingil, agus le fuaim na trom- 
paide deireannaich' a' glaodhaich riut-sa èiridh 
a t-ùir, agus eigheach ; gràs, gràs gun robh dh'i 
O m'anam ! amhairc air a chloich-oisinn bheò 
so, a " dhiùlt na clachairean, ach a rinneadh 
na clach cheann na h-oisinn !" O m'anam ! 
amhairc air a chloich bhunaid so a ta air a 
leagadh ann an Sion air am faod thu le muin- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. " 109 

iginn mhath do chòmhnaidh shiorruith a thog- 
ail ! O m'anam ! fuirich gus am bi gràs air 
a chrùnadh le glòir ; gus am bi a chlach-oisinn 
thaitneach air a càradh air ceann na h-oisinn, 
an sin èighidh mi, Gràs, gràs gu'n robh dh'i fad 
linn na bith-bhuantachd ! 

'Shaoil mi gu'n robh rao chòmhrag a nis' 
faisg air a ceann agus gu'n dh'fhuair mo pheac- 
annan an leòn bàis air dòigh is gu'm faodainn 
beagan fois a ghabhail, agus nach ruiginn a 
leas a bhi do ghnà air freiceadan, a dh'fheuch- 
ainn an robh an nàmhaid do rèir gach 
coltais, màrbh. Ach a chum mo mhòr iogh- 
naidh fhuair mi na peacannan air an tug mi 
buaidh roimhe sin air bheag spàirne 'g ath- 
bheothachadh a rithist agus a mùigheadh brist- 
eadh a mach a chum iomairt. 

Thòisich mi sin air faighinn coire dhomh 
fèin, ag ràdh gu'n thòisich mi air tiunn- 
daidh gràs Dhè gu diamhanas, gidheadh, 
dh'f huathaich mi ^ leithid sin de smuaintean le 
ghràin mhòr, agus a dh'aindeoin a bhuaridh 
obainn so mhothaich mi tre ghràs gu'n robh mi 
gu mòr ag aomadh, a chionn gu'n robh mòran 
air a mhathadh dhomh. Thachair mi ri cuid a 
thubhairt gu toibheumach, " na'n robh gach ni 
ri chuir as leth gràis, gum faodadh daoine 
dheanamh mar thogradh iad." Ach gu'm a 
beannaichte gu bràth gu'n robh ainm an Tigh- 
earn a theagaisg dhomhsa an t-atharrach, agus 
a thug orm a thuigsinn le fèin-fhiosrachadh 

L 



110 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



milis nach robh ni sam bith cho èifeachdach gu 
bristeadh mo chridhe cruaidh ri sealladh tre 
chreideamh air Iosaair alot air son mo pheac- 
annan. 

Chaidh mi le mo ghalar muladach a dh'ionn- 
saidh an lèigh mhòir, agus ghlaodh mi, "O is 
duine truagh mi co a shaoras mi o chorp a' 
pheacaidh agus a bhàis so." Ghabh mo pheac- 
annan a leithid de ghrèim orm air chor is nach 
robh mi comasach air sealltainn suas. Thainig 
caochladh earrannan de an Sgriobtur gu'm 
chùmhne : agus thainig a' cheud chaibidil de 
dharra litir an abstoil Eoin le mìlseachd mhòr. 
Thug an Tighearna dhomh mòr shealladh air 
Criosd mar f hear-tagraidh, ni a chum mo 
smuaintean air ghluasadfad iomadh latha. 

Anns a' chead àite- Chunnaic mi gu'n robh 
fear-tagraidh an lagha 'na dhuine fileanta agus 
deas-labhrach a b'urrainn a' chùis a thagradh 
roimh aghaidh nam morairean-dearga, agus 
gu'n robh e do ghnà air a thuarasdalacahd leis 
a' mhuinntir nach b'urrainn tagradh air an son 
fèin. An sin ghabh mi beachd air an Tigh- 
earn' Iosa Criosd mar f hear-tagraidh glòrmhor 
air son pheacach ; " aig an robh teangha nan 
daoine fòghluimte, dom b'eòl facal a labh- 
airt an deagh àm do'n anam airtneulach," air 
dòigh is gu'n thog gach neach a chunnaic e 
fianais, agus gu'n ghabh iad iongantas mu na 
briathran gràsmhor athainig amachàs a' bheul, 
oir an uair a labhair e cha b'ann mar an luchd- 
tagraidh so ; " Oir theagaisg e mar neach aig 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 1J 1 



an robh cumhachd agus cha b'ann mar na 
sgrìobhaichean." Mata. vii. 29. 

Anns an dara h-àite. Chunnaic mi nach 
bu chòir dhomh fèin nach robh eolach air an 
lagh tighinn roimh làthair nam morairean- 
dearga chum mo chùis a thagradh ; cha'n 
èisdeadh iad rium a chionn mi bhi aineolach 
air briathran agus riaghailt an lagha, ach na'm 
faighinn fear-tagraidh,gu'm biodhco-f hulangas 
aige ri m'anmhuinneachd, agus gu'n deanadh e 
conaltradh diamhair rium mu dhèighinn mo 
chùis-lagha agus an uair a rachadh e fa chomh- 
air nam morairean nach biodh m'aineolas fèin 
air a dheanamh folaiseach a chionn gu'm be 
m' f hear-tagraidh a bha labhairt agus a sheas 
ann am riochd. An sin chunnaic mi na'n tiginn 
an làthair Dhè uile-chumhachdaieh, aig am beil 
a shùilean cho glan is nach urrainn e amharc 
air a' pheacadh a's lugha, nach èisdeadh e rium 
a thaobh a naomhachd : agus gidheadh, ged a 
dh'èisdeadh e rium gu'n deanadh mo bhriathran 
fèin mo dhìteadh. An sin chunnaic mi am 
fear-tagraìdh gìòrmhor an Tighearn losa Criosd 
am breitheamh beannaichte sin a thug breth 
air gach taobh, a ni " e-fèin a nochdadh ann 
am fianais Dhè air mo shoìisa" (Eabh. ix. 24,) 
a chum seasamh am riochd agus mo chùis 
agradh agus truas a ghabhail ri m'anmhuinn- 
eachd. O an sealladh a thugadh dhomh air 
Dia sa'nfheòil, O ciodan dànadas leis amfaod 
mi tarrainn dlù do Dhia ann am pearsa Chrosd? 



112 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



Glòir do Dhia air son na " slighe nuaidh agus 
bheò a choisrig e dhuinn tro'n roinn-bhrat, 'se sin 
ri ràdh tre f heòil fèin." Chunnaic mi gu'm be 
so a mhàin an t-slighe a dh'ionnsaidh an Athar; 
agus gu'm b'ann le m'aonadh ri Criosd, (a' chionn 
gu'n do ghabh e air fèin mo nàdur,) a b'urrainn 
mi m' Athair a ghairm ri Dia. " Oir annsan 
tha uil' iomlanachd na diadhachd a' gabhail 
còmhnaidh gu corporra." Cia cho sòlasach sa 
tha e smaointeachadh air Dia a bhi am nàdur 
fèin ! nach iongantach an ni aonadh an dà 
nàduir ann an Criosd ! Tha beachd creideimh 
air an so soilleir, feadh a tha solus nàduir cho 
doilleir ri tolla-dhubh. 

Anns an treas àite. Chunnaic mi gu'n do 
shàbhail luchd-tagraidh an lagha an luchd-dò- 
bheirt a thuarasdalaich iad le ceilg agus fiaradh 
an lagha ; air uairean eile cha b'urrainn iad le 
meadhonsam bith am feum bu lugha dheanamh 
dhaibh. Agus gu'm bu mhinig a chum iad 
iomadh creutair bochd ann an ìmcheist mhòir. 
Ach chunnaic mi glòir gu'n chomais an Fhir- 
thagraidh ghlòrmhor so nam peacach, gu'n do 
shàbhail e am fear dò-bheirt a dhearb as, cha'n 
ann air uairean ach aig gach àm, agus sin a' 
chum mòr chliò lagha agus ceartais, a' co- 
lionadh an lagha agus ag ùmhlachd dha anns 
gach ceum da reachd le ghionmhuinn naomh' 
agus le chaithe-beatha gun lochd, agus mar 
an ceudna gu'n do riaraich e an ceartas 
diadhaidh le bhàs fiùghail agus le f hulangas, 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. ]]3 



agus uime sin nach eil Criosd a mhàin na 
Fhear-eadar-ghuidhe chum tròcair agairt, ach 
na Fhear-tagraidh a chum tagraidh an lagha, 
le e bhi toileach sin a' dheanamh air sgàth 
f hìreantachd fèin, &c. 

Chunnaic mi, 'nuair a thainig neach bochd 
air a dhìteadh leis an lagh a chum an Fhir- 
thagraidh so a chuir 'na riochd a' thagradh a' 
chùis nach do chùm e inntinn an imcheist mar 
dheanadh luchd-lagh' eile, cha do chùm, a 
dhaindeoin cho mi-choltach 's da'n robh a 
chùis-dhìtidh o'n chaidh a' chùis achuir ann an 
làmhan an Fhir-thagraidh so, cha'n eil eagal 
dà, oir thug e f hacal, agus mar an ceudna' bhòid, 
ni is e fìrinn, gu'n toir e tuileadh a's buaidh tre 
eadar-mheadhonaireachd. Eabh. v. 17> 18. 

Anns an àite m'u dheireadh. Chunnaic mi 
'nuair a thigeadh duine ain-eolach gun fhògh- 
lum, neo-eolach air an lagh chum an Fhir-lagha 
a thuarasdailicheadh e gu tagradh air a shon 
gu'n tuigeadh am fear-lagha sin brìgh na bha 'n 
duine labhairt, ged nach b'urrainn e labhairtgu 
snasta, grinn, agus uime sin gu'n cuireadh am 
fear-lagha ris agus gu'n tugadh e uaithe mar a 
b'àile leis a' chum an gearan a dheanamh ni 
b'iomchaidh ri cùis-lagha an duine. Mar an 
ceudna chunnaic mi 'nuair a thàinig mi-fèin a 
chum an Fhir-thagraidh gun chomais so gu mo 
chùis a thagradh air mo shon agus a dh'innis 
mi dha a chùis lagha, (ged bu mhath a bha fios 
aige fèin air a' sin roimhe,) gu'n thuig e mo 



114 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



chainnt ghagach agus brìgh m'ùrnaighean, ged 
nach b'urrainn mi mo bhriathran a' chuir sìos 
gu h-eagarra 'na Iàthair: agus chunnaic mi 
gu'm be mo ghliocas gu'n dòehas a' chuir à mo 
ghearanan fèin ; ach a bhi'n dòchas gu'n èisdear 
iad air sgàth m' Fhir-tagraidh. Thug mi fain- 
ear ma thainig duine sam bith a bha beartach 
agus gu'n thairg e airgead, se sin, f hìreantachd 
fèin, gu'n robh e air a dhiùltadh, oir tha aig an 
Fhear-Iagha so mòr-ionmhas. Fhìreantachd 
iomlan f hèin ; agus uime sin nach robh tuileadh 
a dhìth air, agus gu'm beil e gabhail tlachd ann 
a bhi toirt do na bochdan gun dioladh sam 
bith air a shon, ach an taingealachd agus an 
cliù. Air an aobhar sin, chunnaic mi gu'm be 
mo ghlòir agus mo shonas a bhi bàit' ann am 
fiachan saor ghràis fad linn na siorruidheachd. 
Bha na smaointean so ni's mìlse dhomh na 
mhil agus na chear mheala. " Cò chuireas 
coire sam bith à leth dhaoine taghta Dhè ? &c. 
Rom. viii. 33, 34. 

Mu thuaiream thrì mìosan an deigh so,thach- 
air mi ri duine aig an robh mòran de dh'eòlas 
cinn agus a chionn gu'n robh mi eòlach 
air dh'fheòraich mi dheth ciod an seòrsa 
creideamh a bha aig a' phobull sin do'n 
goirte na h-Arians,* na Deists,\ agus na 

* Luchd-leanmhuinn Ariuis, duine bha 'g àicheadh 
Criosd a bhi na phearsa de'n diadhachd. 

f Sluagh a' tha creidsinn ann am bith Dhè", ach nach 
eil a' gnàthachadh gnè aoraidh sa'm bith. 



DHCGHAIL BOCHANNAIN. 



115 



Socians* Dh'innis an duine dhomh cuid de 
am bairealan agus thuirt mi ris gu'm b'iong- 
antach a bha'n leithid de shluagh mi-naomh' 
a' faighinn cead còmhnaidh ghabhail am measg 
Chriosdaidhean. Thòisich e 'n sin air cur 
sìos argamaidean 'nain fàbhar, agus chuir e 
ceistean ormsa mu'n timchioll nach b'urrainn 
mi a' f hreagradh. Rinn an ni so, agus a bhi 
aig an àm cheudna ri leughadh leabhraichean 
mearachdach, mo chreideamh a thiunndaidh 
bun os-ceann ; Thug Sàtan mar an ceudna 
ionnsaidh orm agus thubhairt e, — " Cia mar as 
urrainn thu ùrnaigh dheanamh ri Criosd agus 
thu faicinn cho mì-choltach 'sa tha e bhi 'na 
Dhia agus 'na dhuine?" Agus an uair a 
bhithinn a' leughadh a Bhìobaill, theireadh e — 
" Cionnas as urrainn thu sin a chreidsinn. ni 
air nach d'fhuair thu dearbhadh noùghdarras?" 
Thug so m'anam gu smaointean truagh ìmcheist- 
eacb, agus be so tùs nan smaointean sin, — Bha 
midearbh-chinnteach nach dochreid neachsa'm 
bith ann an diadhachd Chriosd no ùgh- 
darras nan Sgriobturan, ach sluagh aineolach 
aig nach robh fios air an atharrach,agusaignach 
robh tùr ceart chum ni a bhreathnachadh air 
chòir ; agus nach do chreid na ministearan 

* Luchd-leanmhuinn Shosianuìs, duine bha 'g aich- 
eadh bith Dhè' agus neo-bhàsmhorachd an anma, agus 
a' cumail a mach gu'm beil clann-daoine co-ionnan ris 
na brùidean a bhàsaicheas, gun staid shiorraidh a bhi 
idir ann daibh an deigh na beatha so. 



Ì16 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



fèin a ni a bha iad a* searmonachadh do chàch. 
Leis na smaointean graineil so dh'fhàs mo 
bheatha na h-uallach orm. Co dhiù ghabh mi 
cp-fhurtachd o cho iiugha cuir-an»aghaidh a' 
thachair ris an t-soisgeil, ach gidheadh nach 
b'uirrte riabh a' thoirt gu neo-ni. Bha ni sin 
'na dhearbhadh laidir dhomh gu'n tainig an 
Soisgeil O Dhia. An deigh so thachair 
leabhar rium do'm b'ainm, — " Cnid de smuain- 
tean mu ihimchioll creideimh nàdurrach agus 
foillsichte, chum a nochdadh gum beil an creid- 
eamh Criosdailfaisg air cho aosda ris d chruith- 
eachd; air a shaoilsinn a bhi air a sgrìobhadh 

le Morair P 1." Le leughadh an leabhair 

so bhaiomadhde mo theagamhan airan gluasad, 
agus ceistean diamhair m'inntinn air am freag- 
radh air mhodh reusanta, — Faodaidh mi ràdh 
nach do leugh mi aon duileag de'n leabhar so 
an diamhanas. O ! tha gràs agus f òghlum 
'nuair a thachras iad ri chèile, ann an aon 
phearsa a' deallradh gu soilleir ! Fòs an 
deigh so uile phill am buaireadh air ais agus 
thubhairt e. Cia mar as urrainn na nithe so a 
bhith. An sin thug an Tighearna dhomh 
sealladh eile air an duine 'na staid thuit- 
eamach, agus am bearn neo-chrìochnach a bha 
air a dheanamh eadar Dia agus an duine leis 
a' pheacadh : chunnaic mi nach b'urrainn 
Adamh tre mhothachadh air a chiont f hulang 
do Dhia Naomha labhairt ris, agus uime sin, 
gu'n do theich e o làthaireachd air chor is gu'n 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 117 

deach' gach co-chomunn eadar Dia agus* an 
duine air chall gu siorruidh as eagmhais Eadar- 
mhe'adhonair. Chunnaic mi gu'm feumadh 
an Eadar-mheadhonair abhi 'na Dhia agus 'na 
duine ann an aon phearsa. Oir na'n robh 
e 'na Dhia a mhàin, cha b'urrainn e comunn 
a bhi aige ri duine a thaobh a cheartais agus 
a naomhachd, agus na'n robh e 'na dhuine 
a mhàin nach b'urrainn e coludair a bhi aige 
ri Dia, a thaobh a neo-iomlanachd. Ach rinn 
an Tighearna chum èibhneas mo chridhe a 
nochdadh dhomh gu'n robh an dà ghnàths so 
anns an aon phearsa ghlòrmhor so do'n goirte 
" Emanual Dia maille ruinn." 

Sin chaidh a' theagasg dhomh gu'n robh aig 
an Fhacal Shiorruidh corp air ullachadh dha 
agus mar sin gu'n d' rinneadh e 'na f heòil anns 
na cho-lion e an lagh rìoghail a bh' air a 
bhristeadh le daoine, agus gu'n d' fhiuling e 
mar Eadar-mheadhonair chum ceartas iomch- 
aidh a dhioladh ann an àite an t-sluaigh 
thaghta. Thaisbean an Tighearna dhomh 
mar an ceudna, cuid de dhiamhaireachd 
chùmhnanta nan gràs, mar air a dheanamh 
maille ri Criosd an ceann agus riusan a' 
chreideas anu ; ni maille ris an tainig solus 
do-chaisgte agus cumhachd a dhearbh air m* 
inntinn gu'n robh e fior leis a' ghlìocas neo- 
chrìochnach agus leis a' ghràdh a' chunnaic 
mi deallradh ann. Mhothaich mi leis an inn- 



118 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



leachd sin gun robh glòir Dhè air aiseag air 
ais do chlann-daoine agus slàinte pheacach air 
a deanamh cinnteach air dòigh is gu'n chuir 
m'anam aonta ris gach latha. 

Nise cha b' aonta dhall a thugadh orm a' 
chuir ris a mhodh shlàinte so tre losa Criosd, 
oir dh' fhosgail an Tighearna mo thuigse 
chum is gu'n tuiginn oirdheireeas agus a 
sgèimh. Agus chunnaic mi gu'n do cheangh- 
ail an Tighearna mo thoil chum aontachadh 
agus mo rùintean a tharrainn a mach ann an 
gràdh a dh'ionnsaidh diamhaireachd neo- 
mheasraichte so na diadhachd. " Dia air 

FHOILLSEACHADH ANNS AN FHEÒIL, a dh' 

fhìreanaichadh anns an spiorad a chunnacas 
le ainglean." Ni a thug buille bàis do'n 
bhuaireadh ud agus cha dh' f huair e riabh an 
deigh sin a neart. 

Nochdaidh mi nise cia mar a shocraich mi 
m' inntinn do thaobh nan Sgriobturan a bhi 
air an deachdadh leis an Spiorad Naomha. 
Rinn an Tighearna so le solus a chuir air 
f hacal fèin a nis agus a rithist, agus le chur dh- 
achaigh a dh'ionnsaidh a' chogais araon ann 
an rathad sòlais agus uabhais, air chor is gu'n 
tug e fèin fianais gu'm be facal Dq. Chunnaic 
mi iomadh ni anns an naoidheamh Sàlm deug 
a' taisbeanadh cumhachd agus èifeachd an 
f haeail, ct Is iomlan lagh an Tighearn ag iom- 
pachadh an anma." Thug e dhomh solus 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 119 



deallrach mu thimchioll mo ghluasaid fèin 
anns an àm a chaidh seachad, agus thug e 
orm a' chuibhrionn de 'n f hacal leis na dhùisg 
e mi air tùs agus leis an robh mi air mo 
chomhfhurtachadh a' thoirt fainear. B'ann 
leis an f hacal a bha mi air mo thoirt gu ruith 
gu togarrach, suilbhear, ann an slighe àintean. 
B'ann leis an fhacal a bha mi air mo threòr- 
achadh gu imeachd am feadh a bha mi dall, 
agus leis an robh neòil an dorchadais air an 
sgaoileadh o m'inntinn air dòigh is gu'n do 
dheallraich an solus a dh'ionnsaidh m'anma ; 
mhothaich mi gathan taitneach iC grian nam 
fìreantachd," a blàthachadh mo rùintean. 
Bha mi air mo smachdachadh leis an fhacal 
air son nam peacannan so nach faca neach sam 
bith ach Dia a rannsaicheas an cridhe. 

Dhearbh an Tighearna dhomh diadh- 
achd agus ùghdarras an fhacail le Spiorad 
Naomha fèin a' togail fianais maille ri mo 
spioradsa. " An tì a chreideas ann am Mac 
Dhè, tha'n fhianais aig ann fèin." (1 Eoin v. 
10.) " Tha '?i sgriobtur uile air a dheach- 
adh le Spiorad Dhè, agus tha e tarbhach a' 
chum teagaisg, chum spreige, chum leasaich- 
idh, chum oilein ann am f ìreantachd : chum 
gu'm bi òglach Dhè coimhlionta lan-deas chum 
gach uile dheagh oibre." 2 Tim. iii. ]6, 17. 



120 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



CAIB. V. 

Anns am beil cunntas nVs faide air a chur sìos m'u 
dhèighinn mo chleachdaidhean o mhìos a Mhairt 
1743, gu mìos meadhonach a Fhoghair an deigh 
sin. 

Chuir mi air leth an sè-amh latha thar 
f hichead de'n Mhàigh air son trasgaidh agus 
irioslachaidh an uaigneas an làthairDhèair son 
♦ * mo ghiùlain mi-iomchaidh o 'nuair a dh'f huasg- 
ail e mo cheanglaichean, agus mar an ceudna 
chionn gu'n robh a rùn orm dol do Ghlascho 
gu sàcramaid Suipeir an Tighearna. Thug an 
Tighearna dh&inh sealladh air mo pheacannan 
agus air dhomh a bhi ann an cuid air m'irios- 
lachadh chuir mi romham cur na'n aghaidh air 
son an ama ri teachd. Mheal mi mòran de'n- 
làthaireachd dhiadhaidh anns gach ni air an 
latha ud ; agus bha mo shùilean air a'm fosg- 
ladh chum cuid de mo chòir air CrioscÌ a leugh- 
adh mar e bhi 'na èirig air son mo pheacannan. 
Fhuair mi comhfhurtachd mhòr o na briath- 
ran so, " Cha'n urrainn neach air bith teachd 
am' ionnsaidhsa mar a tarrainn an t-Athair a 
chuir uaithe mis e." Thaisbean an Tighearna 
dhomhsa gu'n tainig mi dh'ionnsaidh Chriosd, 
agus sin le aoibhneas tarrainn an Spioraid 
Naoimhe. Chaidh mi do Ghlascho, mar chur 



DHUGHAILL &OCHANNAIN. 121 



mi romham a dheanamh, a dh'ionnsaidh Suip- 
eir an Tighearna. Cha robh agam co-dhiù 
ach beag comhfurtachd a thaobh an dorchadais 
agus na màrbhanachd a rinn mo chuir tùr à 
òrdugh. Stad mi dà latha anns an àite so, an 
deigh do na h-òrduighean a dhol seachad, 
agus aig an àm sin thuirt caraid àraid rium gu'n 
robh mi tuilleadh a's saor ann an conaltradh ri 
cuid de mhuinntir mil dhèighinn na rinn an 
Tighearn' do m' anam. Chur so mi fo eagal 
gu'n deanadh neach eigin droch bhuil de na 
thubhairt mi, agus mheudaich e dosgainn 
m'inntinn air dòigh is gu'm bu ghann a choisich * * 
mi dhachaigh. 

Thòisich Sàtan a rithist air mo bhualadh 
le buairidhean uabhasach agus thubhairt e. 
" Thug thu leithid de leòin flo'n diadhachd 
's nach urrainn thu gu bràth a leigheas, mar a's 
faide bhios tu beò is ann is mò mheudaicheas 
do thrioblaid agus do thruaighe,\agus co a's 
urrainn leithid na beatha thruim a' thagad a 
nis' a' gfciùlan ?" agus uime sin gu'n deanainn 
gu math le mo thrioblaid a ghiorrachadh le 
làmh a' chuir ann am bheatha fein. Dh'f heuch 
e mi leis a bhuaireadh so air mìle dòigh ; agus 
fa-dheòigh b'àill leis mo cho-èigneachadh gu mi 
fèin a thilgeadh air ball anns a' cheud tolì uisge 
thachradh rium. An sin, ghlaodh mi ris an 
Tighearna an nàmhaid a chronachadh, gu'n 
robh mo neart ga'm f hàgail agus nach robh mi# 
ni b'fhaide comasach cur 'na aghaidh. Chuala 

M 



122 * BEATHA AGUS IOMPACHADH 



an Tighearna mi, agus thug e beagan clos do'm 
inntinn leis na smaointean so. Se sin, nach robh 
e riabh am rùn ceann-fàth a thoirt seachad 
gu olc a labhairt ma shligheachan-sa le ni sam 
bith a thubhairtmi: thainig an earrann so de'n 
sgriobtur mar an ceudna gu'm chùimhne,-— 1 
" D'an taobhsan gu deimhin tha e a' faotainn 
toibheum ach do'r taobhsa tha e air a ghlòrach- 
adh." An deigh dhomh tighinn dachaigh 
fhuair mi nan nithe so a theagasg dhomh o'n 
bhuaireadh ud : — 

Anns a' ckeud àite. Chunnaic mi gu'n d' èirich 
mo thriobiaid o'm chogais a bha gu mearachd- 
ach air a teagasg, oir an deigh sin f huair mi fios 
nach cualas riabh neach sam bith a' labhairt gu 
h-olc mu thimchioll mo mhath, agus uaithe so 
dh' ionnsaich mi fios cinnteach a thoirt do mo 
chogais mu'n èisdinn ri achmhasan uaithe. 

Anns an dara h-àite. Air dhomh mo chridhe 
mhin-sgrùdadh, chunnaic mi nach robh a 
mhi-onair a dh'f haodadh slighe Dhè fhulang 
a' cuir urrad de chàmpar orm ris a* mhì-chliù a 
thuiteadh air m'ainm fèin, thug so orm a ràdh 
maille ri Ionah, — " Is fearr dhornh a bhi màrbh 
na beò." O! ciod an cliù agus am buidheachas 
a bhuineas do'n Tighearna nach do cheadaich 
dhomh crìoch a chur air mo bheatha fèin, 
'nuair a shruth m'uile thrioblaidean o'n bhun 
thruaillidh ardain so. 

Anns an treas àite. Bha'n t-uabhar diamh- 
air a bha roimhe so 'g oibreachadh annam a 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 123 



nis' air a thoirt gu solus chum gu'm biodh fios 
agam air seachd gràinealachdan mo chridhe. 
Is urrainn mi a ràdh chum cliù Dhè nach do 
thachair mi ri buaireadh o'n uair a chaidh mo 
dhùsgadh o nacli dh'fhuair mi math èigin 
le còmhnadh an Tighearna mu'n dh'f hàg e mi. 
Bha mi nis air m' irioslachadh agus air mo 
thoirt fo chìs, agus f hìreanachadh an Tighearn 
air son uila dhèilig rium. Bha mi air mo 
chuideachadh gu ereidsinn anns an sgriobtur 
so, — " Agus a ta f hios againn gu'n co-oibrich 
na h-uile nithe chum math do'n dream aig am 
beil gràdh do Dhia." (Rom. viii. 28.) Ach 
bha mi air freumhachadh cho daigheann ann am 
baireil mo thoile fèin air dòigh is mar tàinig 
gach ni gu crìch air a mhodh a shònraich 
mi-fèin iad a thighinn cha b' urrainn mi f haic- 
inn cionnas a b' urrainn mi a bhi ceart. Mar 
so bha mi 'g obair fad ioma latha agus òidhche 
ann an dreachdadh a mach slighe do mo shonas 
fèin; ach bha mi aig a' cheart àm sin gu dìch- 
eallach a' dealbh mo lèir-sgrios, feadh a bha 'n 
Tighearna toirt mu'n cuairt m'fhior shonais. 
" Agus an ni sin a ta teachd n'ar n'aire cha 
tachair air chor sam bith." Esec. xx. 32. 

Na'n nithe bha mi-fèin an dùil a bha chum mo 
sgrios siorruidh, b'iad na'm meadhonan, (ge 
b'uabhasach iad) leis an robh mo staid thruagh 
fo na cheud 01^11^11113^^ air a dhearbhadh orm; 
agus leis an robh mi air mo thoirt gu teicheadh 
a dh'iarraidh cùmhnanta b'fhearr; bha mar an 



124 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

ceudna aingidheachd mo chridhe fèin air a 
dhearbhadh orm, agus nach robh aon toil 
agam a bhuineadh dhomh fèin a chum math a 
dheanamh. Air uairean an uair a f huair buair- 
eadh buaidh orm dh'ionnsaich mi mo thaic a 
leigeadh air gràs Chriosd chum a thoirt orm 
seasamh. O! ciod an toil-inntinn agus ansòlas 
leis an d'amhairc mi air m' ais air an ni sin a bha 
coltach ri cuir an aghaidh a' gheallaidh 'nuair a 
chunnaic mi an toradh a shruth uaithe, agus a 
thugadh orm a ràdh, " gu'n co-oibricheadh na 
h-uile ni a chum math do'n dream aig an robh 
gràdh do Dhia." Na copanan so a bha mi'n 
dùil a bha làn de dh'fèirg agus do bhreisleich 
tha mi a' faicinn a nise nach robh ni annta ach na 
rinn gliocas diadhaidh agus gràdh neo-chrìoch- 
nach a mheasgadh. Rinn Dia gach ni gu ro 
mhath. 

Le gèilleadh mar so do thoil Dè mheal mi 
sìth inntinn bhuan agus do-labhairt a thug an 
dearbh ghath à deuchainnean agus à àmhghar 
agus a dh'f hag iad soirbh agus milis ged a bha 
iad càmparach annta fèin, agus thug iad sìth 
do'm spiorad an aghaidh nan eagal a bha orm 
ro' na nithibh a bha ri teachd, — Is mòr an 
Sgriobtur so : — " Is mòr sìth na muinntir a' 
tha toirt gràidh do'n lagh, agus cha'n èirich 
aobhar thuislidh dhaibh." (Salm. cxix. 165.) 
Biodh an trioblaid ni air bith as àill le Dia, tha 
mi cur. romham ann an neart a ghràis fèin a 
ràdh gu'm beil feum 6irre agus a' creidsinn. 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 125 



gur h-e Diaa tha toirt gach ni dhiu so seachad, 
nach toir cunntas do neach eile air son aon ni 
a ni e. — " Aig am beil a shlighe anns an 
fhàirge," " Tha iongantacli an comhairl, 
òirdheirc ann an gniorah." O ! is iomchaidh 
an cleachdadh, leigeadh le creideamh a bhi 
rèiteachadh freasdal Dè le ghealladh 'nuair a 
tha iad coltach a bhi cuir an aghaidh a cheile, 
agus a bhi 'g amharc air obair iongantach-san 
a ta foirfidh an eòlas. 

Leis na smaointean so bha mi air mo threòr- 
achadh gu f haicinn, mòran de 'n olc a ta ann 
a bhi gearan an aghaidh Dhè, an teanndachd, 
an doilghios, no'n smachdachadh, agus cionnas 
a ta e bualadh an aghaidh uile bhuadhan Dhè. 
Airiùs, an aghaidh a' ghràidh, marnach tugadh 
a ghràdh staid ni b'fhearr seachad, agus na'n 
tugadh a' ghràdh staid na b'fhearr, fòs tha e 
bualadh an aghaidh a' chumhachd mar nach 
biodh aig a' chumhachd an èifeachd cheudna, 
&c. " Eisdibh a nis,' O ! Thigh Israeil, nach 
eil mo shlighean-sa cothromach ? nach eil 'ur 
slighean-sa neo-chothromach ?" (Esec. xviii. 
25.) Is èigin gu'm beil e 'na pheacadh mòr an 
uair a chùm e clann Israeil a mach à tìr a' 
ghealìaidh ; agus a bhrosnaich e 'n Tighearna 
chum an sgrios anns an fhàsach. An deigh do'n 
Tighearna toirt orm gèilleadh d'a thoil naomh 
agus cheart nochd e dhomhgu'n robh uile iomlan- 
achdagoibreachadhairmo shon, agus sinann an 
rathad cùmhnanta; rinn aghliocas neo-chrìoch- 
nach innleachd air son mo leas, &c. JJaithe 



126 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



60 chuir mi romham ann an neart gràis De* ge 
be airbith corno crannachara dh'òrduicheas e 
dhomh, gur e 'n cor agus an crannachar sin a 
/nhàin, agus nach e an t-atharrach is fearr 
dhomhsa ged a ghèibhinn mo roghainn de 
gach staid fo'n ghrèin. Agus ged do gheibh- 
inn comaradh gach duine air talamh agus gach 
aingeal air nèamh chum roghainn cheart a 
dheanamh dhomh fèin. Chunnaic mi gur h-i 
an staid a bha agam a b'f hearr no aon staid 
eile b'urrainn mi roghnachadh, agus gu'm b'i 
roghainn Dè dhomh aig an robh fìos cinnteach 
co a b'fhearr dhomh. — " Cha chùm an Tigh- 
earna aon ni math o'n aiteam a ghluais- 
eas gu h-ionraic : bheir e dhaibh gràs agus 
glòir." Bha mi nis' a' gluasad ann an solus 
gnùise Dhè, agus b'urrainn mi gràs Dhè a 
leughadh anns gach freasdal oir shìthich an 
Sgriobtùr so m'inntinn,-—" An ni a ta mise 
deanamh cha'n eil fios agaibh air an dràsta, ach 
bithidh fios agaibh air an deigh so." " Co- 
oibrichidh na h-uile nithe chum math do'n 
dream aig am beil gràdh do Dhia." 

Mu'n àm so chaidh mi do Chipen far an 
robh Sàcramaid suipeir an Tighearna ga frith- 
ealadh agus mheal mi sealladh milis air gràdh 
Dhè aig a' chùirm shòlaimte, — Ghabh mi mòr 
thoilinntirm ann an searmonachadh an fhacail 
leis an robh diamhaireachd mo chridhe air 
f hoillseachadh. Air feasgar na Sàbaid chaidh 
mi do ghleann anns am b'àbhaist dhomh a bhi ri 



DHtTGHAILL BOCHANNAIN. 127 



ùrnaigh: agus an deigh dhomh an sè-amh caib- 
idil deug de Shoisgeil Eoin a leughadh chunn- 
aic mi gu'n robh anns gach rann deth ni bu 
mhò de shòlas, de bheatha, de chumhachd no 
chè*ile, air chòr is gu'n robh mo shòlas glè 
mhòr. Chaith mi 'n sin beagan ùine a' smaoin- 
teach air a mhùthadh a bh' eadar so agus mo 
chleachdadh roimhe sin anns an àite cheudna. 
An deigh dhomh a dhol do'm leabaidh air an 
òidhche sin, shaoil mi gu'm faodainn cadal gu 
tearainnte gun eagal aon uilc a bhi orm, a 
chionn gu'n robh an Tighearn' ann an sìth 
rium. Smaointich mi ged' thigeadh am bàs 
am dhàil mu'n tigeadh an latha gu'm be a 
bheatha. Rinn mi gàirdeachas thar uabhas a 
bhàis agus na h-uaighe. 

Thainig mi o na h-òrduighean so a' deanamh 
gàirdeachas anns an Tighearna agus 'na 
mhathas a chunnaic agus a dh'f hairich mi ; ach 
a chum nach bithinn air m' ardachadh thar 
tomhais, bha sgolb 'sa'n fheòil, teachdair' o 
Shàtan air a chur a chum mo bhualadh ; oir an 
dèigh dhom a thighinn mhothaich mi seacharan 
cridhe aig àm dleasanais, agus mar an ceudna 
smuaintean toibheumach do thaobh Dhè agus 
chùmhnanta nan gràs. 

A thaobh nan nithe so shònraich mi latha 
chuir air leth air son trasgaidh agus irioslach- 
idh an làthair Dhè, agus mar an ceudna cùmh- 
nanta tharrainn ann an sgrìobhadh eadar Dia 
agus m'anam. Mu'n do tharrainn mi an chùmh- 



128 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



nanta so bha mi fad mìos ag ùrnaigh ri Dia 
gu'n colionadh e a ghealladh dhomh. " Tha 
rùineachd an Tighearn' aig an dream do'n 
eagal e agus foillsichidh e dhaibh a choimh- 
cheangal. (Salm xxvi. 14.) Agus mu'n àm 
cheudna gu'n tugadh e dhomh fois inntinn am 
feadh a bhithinn a' dol mu'n cuairt do leithid 
sud de shèirbheis chudthromach, gu'n cron- 
aicheadh e mo nàmhaid mòr an t-As-creid- 
eamh ; agus gu'n tugadh e dhomh fèin-fhios- 
rachadhiomchaidhann ansgriobhadh a' chùmh- 
nanta : agus thar gach uile ni gu'n tugadh e 
air mo chridhe, a dh'aindeoin gach cùis gabhail 
ris a' chùmhnanta. 

JBe'n latha shònraich mi air son dol fo'n 
chùmnanta so ri Dia, an cùigeamh latha de'n 
ochd-mhìos 1743. Bha agam gu bithchionta 
farsainneachd ann an ùrnaigh agus creideamh 
ann an Dia gu'm bàirigeadh e gach ni mar dh' 
fheumadh obair an latha, air dòigh is gu'n 
robh m'inntinn ann an tomhas mòr aig fois. 
Gidheadh bha sac mòr air m'inntinn le cho 
uabhasach agus cho cudthromach sa' bha an 
ni a bha mi a' dol a dheanamh. Leugh mi an 
leabhar do'n goirear. " Còir Shlàinteil ann an 
Criosd," le Mr. Uilleam Gutherie, agus mar 
an ceudna a chòir sgriobturail air dol an 
cùmhnanta ri Dia ; — chaidh gach ni òrduchadh 
air dòigh is nach robh an saoghal a' cur maille 
sam bith orra, agus chum a bhi ni bu diamh- 
aire, chaidh ni do dh'uaimh creige, agus mar 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 129 

chuidich an Tighearna leam chaidh mi mu'n 
cuairt do'm dhleasanas air an dòigh so : — 

Thòisich mi an dleasanas le seiun earrainn 
de 'n aon Sàlm deug thar an dà fhichead : an 
deigh sin rinn mi ùrnaigh a' faoisid mo pheac- 
annan air an ainm cho fad sa b'urrainn mi an 
cùimhneachadh. An sin thòisich mi air an 
sgrùdadh a mach a lion aon a's aon, do rèir 
riaghailt nan deich àintean, agus an deigh an 
rannsaichidh f huair mi mi-fèin de mhùthadh 
beachd thar an òganaich a thainig a dh'ionn- 
saidh Chriosd, agus a thubhairt, — *' Choimhid 
mi iad so uile o'm òige," oir chunnaic mi ged' 
bhiodh e air a ràdh riumsa nis' ; " Mas àili 
leat inntrinn do bheatha coimhid na h-àintean." 
Nach b'urrainn mi sin a dheanamh ; — A 
rithist ghabh mi beachd air na peacannan a 
bha 'n sin air an toirmeasg agus fhuair mi 
mi-fein ciontach ann am bristeadh gach aoin 
diu, araon an cridhe 'sam beatha ; agus chunn- 
aic mi gu'n d' rinn an ni sin m' f hàgail am 
cheann-feadhna nam peacach ; agus thubhairt 
mi : — 

'Nis, O Thighearna, tha mi ann an so 
am sheasamh ann ad làthair am pheacach 
lagh-dhìteach, agus fèin-dhìteach, agus ag 
aideachadh gu'n tàinig mi gearr anns gach 
dleasanas a ^ha air iarraidh, agus ciontach de 
gach peacadjh a bh' air a thoirmeasg ann ad 
reachd naomha, agus uime sin fireanaichidh 
mi do cheart bhreitheanas ann am aghaidh 



130 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



eadhon, ged a dh'òrduicheadh tu mi chum na 
h-ifrinn iochdraich, oir is e sin an duais a 
thoill mi. — O ! Thighearna, cha tugadh tu 
ana-ceartas domh ge be an t-ionad sin mo 
chòmhnaidh shiorruith am measg dheamhna 
7 s na lasraichean do-mhùchta. Tha thusa ceart 
agus fireanta, agus do lagh naomha, ceart, agus 
math ; agus mar chomharr' air a' sin tha mi 'g 
aontachadh le mo chridhe agus a' sgrìobhadh 
sìos le mo làimh, ciontach de'n uile lagh, 

DUGHALL BOCHANNAN. 

Sgaoil mi sin cunntas dubh mo pheacannan 
ro' làthair an Tighearna, agus bheireadh an 
dearbh shealladh air mo chridhe, mar a biodh 
e ni bu chruaidhe no chlach-mhuillinn iochd- 
rach, sgealbadh as a' chèiie agus m' àrdan a 
thoirt a nios cho iosal ris an ùir. O bha'n 
sealladh so 'na shealladh maslach reubadh 
cridhe, sgus a dh' ìlseachadh anma. O losa 
bheannaichte a dh^f huiling ann masladh agus 
an tàir air a chrann air mo shon ! O Thigh- 
earna bheannaichte, aig an robh do chridhe 
air a leaghadh mar chèir a'd chòm air son 
cruas mo chridhe I O Iosa bheannaichte, a 
ghiùìain an t-uallach so de mo pheacannan air 
a' chrann, a dheanadh mo chumail fodha gu 
siorruidh an iochdar ifrinn! tha mi nis' air 
tighinn do t-ionnsaidh, aobhar shònraite trasg- 
aidh an latha an diugh, ni is e grèim a dhean- 
amh air tàirgse shaor agus ghràsmhor Chriosd, 



DHUOHAILL BOCHANNAIN. 131 



a' gealltainn a bhi ad Dhia uile dhianmhalta 
dhomhsa agus sin ann an rathad cùmhnanta. 
Leugh mi 'n gairm o'n leth a rauigh ann a t' 
f hacal,agustha mimothachadhobairdo spioraia 
an leth a staigh a' fagail mo chridhe deònach 
gabhail riut, agus, uime sin, ann ad neart fèin, 
racham air m' aghaidh. 

O Iehobha shiorruith ! a Tighearna nan 
Tighearn, agus a Rìgh nan rìgh, a Chruithear 
mhòir nèimh agus na talmhainn, a choirnhideas 
cùmhnanta agus tròcair, eadhon, is tusa an 
Tighearna 'na t-aonar, agus tha uile shlòigh nan 
neàmh a' deanamh aoradh dhut. Tha uile 
thrèibhean na talmhainn ann ad làthair mar 
neoni agus mar dhiamhanas. Tha iad air a 
meas mar dhus nan sligean tomhais. Feuch ! 
se so cuid dhe do shlighean, ach cia beag an 
earrann dhiotsa tha foillsichte de dhaoine ! 
Cha'n eil na nèamhan fiorghlan 'n ad sheall- 
adh, agus tha thu a' cur amaideas as Ieth nan 
ainglean ; nach mò na sin a chuireas tu as 
leth mhic an duine a ta 'na chnuimh ! Ciod e 
an duine gu'm biodh tu cùimhneach air, no 
mac an duine gu'm fìosraicheadh tu e ! O Tigh- 
earna, rinn thu t-uile chreutairean chum do 
chumhachd agus do ghliocas a chur an cèill, 
agus tha thu foillseachadh do f hreasdail anns 
an riaghladh ghlòrmhor a th' air a thaisbeanadh 
ann an òrdugh sgiamhach. Ach se'n duine de 
t-uile chreutairean anns an t-saoghal so bhos 
'na aonar a rinn thu comasach air aoradh a 



132 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



dheanamh dhut, oir chrutaich thu e ann a 
t'iomhaigh fèin, agus do'n d'rinn thu ai<am 
reusanta thabhairt. 

Dh'inntrinn thu gu gràsmhor ann an cùmh- 
nanta beatha ris, agus a shìol annsan, chum 
ùmhlachd chiomhlionta thoirt seachad d'a lagh 
naomha ; agus thug thu neart dha chum a' 
chuid fèin de'n chùmhnanta dheanamh, agus 
mhùigh thu bàs 'na aghaidh air a' cheud bhrist- 
eadh, agus air bhi dhàsan air fhàgal gu saorsa 
thoile fèin thuit e le eaceartan agus thilg se 
e-fèin, agus a shliochd ann an slugan peacaidh 
agus truaighe as nach robh iad comasach air 
èiridh gu siorruith le'n neart fèin. 

Agus a nis' a Rìgh mhòir agus uabhasaich! 
tha mi 'n so ann ad làthair aon de'n linn 
chiontaich so, agus thami 'g aidmheil gu'nthuit 
mi ann an Adamh, mar cheann mo chùmhnanta, 
agus gu'n chaill mi t'iomhaigh ghlòrmhorsan, 
agus gu'n d'fhuair mi' na h-àite iomhaigh an 
diabhoil, agus gu'n chaill mi gach eòlas ortsa 
agus air do thoil. Tha dòrchadas agus aineolas 
air sgaoileadh thar mo thuigse, agus tha mo 
cheud ionracas mar an ceudna air chall, oir 
ghineadh mi ann am peacadh, agus rugadh 
mi ann an eaceartan le slàbhraidh de chiont 
air a flghe, mar gu'm b'eadh, mu'n cuairt do'm 
mhuineal ; agus do thaobh na naomhachd a 
bha an taobh a staigh dhiom theich i air falbh, 
agus dh'fhas mo chridhe na chlais shalachair 
agus de neo-ghlaine de gach seòrsa : tha ann 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 133 



raar an ceudna tobar aingidheachd nach 

tràigh am feast Tha mi ni's am nàmhaid 

dhut 'nam inntinn, seadh, nàimhdeas nach 
gabh ri rèite 'nuair a tha i air a tairgse, tha 
uile chumhachdan m'anma ni's air tiunndaidh 
gu aimhreit air sheòil is nach urrainn mi 
smaointeach car aon mhionaid ortsa gun 
smaointean cuthaich a' ruith a dh'ionnsaidh 
an diabhoil, an t-saoghail, agus na feòla. 

O Thighearna tha mi am chreutair an- 
dòchasach annam fèin. Tha mi a' faicinn 
claidheamh lasarach do cheartais d'a m chum- 
ail anns gach slighe bho chraobh na beatha ; 
agus tha mi nise làn-dhearbha, nach urrainn 
duine no aingeal còmhnadh leam, air chor is 
gu'n tèid mi gu cunnteach a dhìth mar a cuidich 
do dheas-làmh fèin mi. Ach glòir do t'ainm 
mòr, a roimh-chunnaic an truaighe so roimh 
shiorruidheachd, agus a sholar le do ghràdh 
neo-chrìochnach leigheas iomchaidh agus a 
leag cobhair air neach a ta cumhachdach a 
chum tearnaidh, eadhon do mhac siorruidh 
fèin, an Tighearna Iosa Criosd, anns an d'inn- 
drinn thu ann an cùmhnanta siorruidh, ann an 
ainm agus as leth do shluaigh taghta, chum 
gu'n saoradh agus gu'n tearnadh se iad, le an 
nàdur a ghabhail air fèin, agus ceartas diadh- 
aidh a riarachadh 'nan àite agus an reachd a 
bhiristiad acho-lionadh. Glòir do t'ainm air son 
a' chùmhnanta shiorruidh so f hoillseachadh do 
dh'Adamh ann am Pàrras, gu'n deanadh sìol na 

N 



134 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



mnà ceann na nathrach a bhrudhadh, Agus a 
nis' o Thighearna dh'f hoillsich thu an cùmho 
nanta so anns an t-soisgeil shiorruidh le 
dearbhadh iomlan agus saor do gach aon a 
dheanadh greim air a rèir mur dh'iarr thu, 
se sin, gu'n cuireadh iad am fireantachd fèin 
air chùl, agus greim a dheanamh air a' chùmh- 
nanta shaor agus ghràsmhor mar tha e nis' air 
a nochdadh ann an Criosd le n-uile thaice 
leigeadh air f hìreantachd-san a chum am firean- 
achadh, agus gu'm beil mi air mo ghairm le 
searmonachadh an t-soisgeil chum còmpanas 
Chriosd an ceannard. 

Uimesin le còir do thairgseagus le ùmhlachd 
do t'àinte dhiadhaidh, tha mise peacach bochd 
a' deanamh greim air a' chùmhnanta sin air son 
beatha, agus slàinte, a' creidsinn ann an Ios air 
a cheusadh, an ceannard ; air a thairgse agus 
air a thaisbeanadh dhomhsa mar m' Ard- 
Shagard mòr, Tì a rinn, le e-f'èin ìobradh sìth- 
rèite, agus a thug a steach, fìreantachd shiorr- 
uidh air son pheacach bochda. Do rèir sin tha 
mi cur mo dhòchais ann gu'm bi e-fèin agus 
ionracas agam mar chuibhrionn, agus annsan 
agus trìd-san gu'm bidh Dia 'na Dhia dhomh 
chum mo dheanamh sona an so agus tre 
shiorruidheachd. Agus a nis', O mo Dhia, 
tha mi sa'n àite so air an latha 'n diugh ag 
ùrachadh mo chùmhnanta baistidh, chum an 
diabhol, an saoghal, agus an fheòil àicheadh, 
agus a' cur fìanais air gach ni mu'n thimchioll, 



DHDGHAILL BOCHANNAIN. 



135 



gu'n deann mi le còmhnadh do ghràis, m'uile 
chùmhnantan ris a' bhàs agus ri ifrinn a bhris- 
teadh. Cha bi tighearn eil agam ach thusa; 
agus tha mi creidsinn gu'm fuadaich thu air 
falbh dia coimheach air bith a dh' fheuchas ri 
suidhe air do chathair ann am chridhe ; oir 
thubhairt thu fèin nach bi co-chomunn aig 
eaceart maille riut ann an cathair a' chridhe. 
Agus a' chionn gun dh' aontaich thu ann 
ad ghràs iongantach a bhi mar chòmpanach 
pòsd' agam, tha mi nis' a' toirt mo làmh dhut 
gu'm bi mi air do shonsa, agus nach ann air son 
fìr eile, rè mo laithean òrduichte air talamh, 
gus am buin thu dhachaigh mi do t'ionnsaidh 
fèin, Mar an ceudna tha mi cuir cùl ri m' uile 
pheacannan, agus gu sònraichte ris na leann- 
anan peacaidh is ro ionmhuinne leam. O mo 
Dhia tha mi cur cùl ri ùmhladh do riagh- 
ladh Shàtain, agus ris gach gèilleadh do thoil 
agus do ghnothaichean na feòla. Tha mi 
diùltadh a bhi cur mo dhòchais anns an t- 
saoghal so bhos, oir a tha m'uile ionmhas air a 
thasgaidh annadsa. O ! Iosa bheannaichte, anns 
am beil gach uil' ionmhas gliocais agus eòlais a 
gabhail còmhnaidh. Nis' O mo Dhia, trid do 
ghràis tha mi lùbadh do'n chùmhnanta so mar 
m'uile shlàinte, agus m'uile mhiann agus air 
dhomh fhaicinn gu'm beil thusa ann ad theine 
lasarach do gach neach a thacras riut an taobh 
a miuth do Chriosd ; tha mi uime sin a' dean- 
amh mo roghainn do Dhia ann an Criosd, mar 



136 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

mo Dhia agus mo chuibhrionn an tìm agus an 
siorruidheachd, gidheadh, cha mis' a rogh- 
naich thusa, ach thusa roghnaich mise, agus is 
ann tre èifeachd thusa ga mo roghnachadh- 
sa a roghnaich mis' thusa ; oir be cainnt 
mo chridhe anns an àm a chaidh seachad, 
— Imich uam, oir cha'n eil iarrtas agam air 
eòlas do shlighean. Tha mi gabhail nèamh 
agus talamh mar f hianais gu'm beil mise gabh- 
ail ris an uile Thrianaid ghlòrmhor agus urr- 
amach > Dia an t-Athair gu bhi 'na athair 
dhomh ; Dia am Mac gu bhi na Shlànaighear 
dhomh, agus Dia an Spiorad naomh a gu bhi 
'na f hear-naomhaichidh dhomh. 

O mo Dhia cùmhnanta ann an Criosd, air an 
latha an diugh tha mi cuir làn aonta mo 
chridhe ris an dòigh ghlòrmhor shlàinte so tre 
Chriosd Iosa, agus thusa d'an eòl cridhe gach 
duine is aithne dhut cainnt mo chridhe, oir cha'n 
urrainn mise 'ghluasad diamhair a chur an cèill 
le briathran beòil, ach o is innleachd iongan» 
tach so a tha thar smuaintean dhaoine agus 
ainglean, tha maman ag ràdh gu'm beil an 
cùnihnanta so freagarrachair gach dòigh, freag- 
arrach ri d' ghlòir, ri' t-onair, agus ri d'ghliocas 
anns am beil gach uile bhuaidh dhiadhaidh ri 
aghaidh gnùis an urrais, agus O is cubhaidh an 
cùmhnanta e dhomhsa. Tha teanganan aingeal 
da'm dhìth, a chum sgèimh agus oirdheirceas 
an Tighearn Iosa chur an cèill, ceann a' chùmh- 
nanta anns am beil na geallaidhean uile 'nan 
seadh agus 'nan amen chum glòire Dhè\ O! 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 137 



clio iongantach sa tha e sraaointeachadh air do 
cheartas a bha roimhe so air a bhonn a chum 
mo sgrios : a bhi nis' air a shìtheachadh agus 
air fàs "na charaide dhomh. Tha.thusa fireanta, 
agus is tu fear-fireanachaidh an tì sin a' chreid- 
eas ann an Iosa. O Thighearna tha fios agad 
fèin gu'm beil m'anam a' labhairt ni's mò ann a 
fabhar do chùmhnanta na's urrainn mo theang- 
aidh a' luaidh. Thubhairt thu fèin gur e 'n 
Tighearn Iosa do Mhac gràdhach anns am 
beil do mhòr thlachd agus ged a bhiodh agam 
cho liugha anam sa' tha ròinean fuilt air mo 
cheann dh'earbainn iad gu lèir ri f hìreantachd 
iomlan,san,oirchadhfhuair mi riabh suaimhneas 
gus na thilg mi m' anam ciontach ann an glac- 
aibh do ghràidh agus do thròcair 

O Thighearna gabh ri smaointean mo chridhe. 
A rithist, O Thighearn ! tha mi ann an so a' 
gabhail ri do lagh agus ri cumhachan do 
chùmhnanta, agus gu h-àraid ris a' chuid de 
tha dùnadh a mach uaill a dheannadh gu 
bràth agus nach fuiìing do neach sam bith uaill 
a dheanamh ann ad làthair. O ! cuir do'm 
ionnsaidh do spiorad naomha chum 's gu'n 
oibrich e gach ni annam agus air mo shon, 
agus m' f hèin-spèis a thoirt a nuas chum na 
h-ùire, an sin bithidh mi aoibhinn agus ni mi 
gàirdeachas. Nis' O mo Dhia agus Athair 
mo Thighearna losa Criosd, agus m' Athair a 
ta air nèamh ; chionn gu'n do sholar thu cho 
mòr air mo shon tha mi ga mo thoirt fèin suas 



138 BEATHA AGUS TOMPACHADH 

a chum a bhi ann am ghin dleasail dhut agus 
cronachadh a ghabhail chugam gu foighid- 
neach maille ri calldachd agus àmhghar o do 
làimh, chionn is gu'm beil fios agam gu'm beil 
sin a chum mo mhatha. 

A nise, Mhic ghràdhaich Dhè, agus m' aon 
Slànaighear, tha mi gairm nèamh agus talamh 
mar f hianais gu'm beil mi gabhail riutsa 'na 
t'uile dhreuchdan: Tha mi ga do ghabhail'na 
t'aonar mar m' fhàidh chum a bhi air mo 
theagasg agus air mo sheòladh le t'fhacal agus 
le d' Spiorad ; agus mo ghliocas fèin agus 
gliocas an t-saoghail so a chuir air chùl, agus 
tha mi gabhail riut a t'aonar mar mo Shagart 
agus mo Rìgh air son tìm agus bith-bhuantachd. 
Agus cha trèig mi a chaoidh thu, thigeadh gach 
ni is àill : 'se ni sin a ta g'a mo dheanamh cho 
earbsach neo-chaochlaidheachd do ghràidh; oir 
iadsan a ghràdhaich thu ghràdhaich thu chum 
na crìche iad. 

O Dhia a Spioraid Naoimhe, tha mi' gabhail 
riutsa mar m' f.hear-naomhachaidh, m' f hear- 
treòraichidh, agus mo chomhfhurtair, 'se do 
bheatha dh'ionnsaidh mo chridhe, ged thigeadh 
tu mar spiorad breitheanais ; " Is beannaichte 
an tì a thig ann an ainm an Tighearna." O 
thig agus claoidh m' ana-mianna laidir, 
agus mo thruailleachd na coigil a h-aon diu, 
O Thrianaid ghlòrmhor — thriùir phearsaibh 
san aon diaghachd, tha mi'n so ga mo thoirt 
fèin, agus gach ni a th' agam suas dut mar 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 139 



aon ìobairt thoileach, agus mar rinn mi anns 
na lathaibh a dh'fhalbh mo bhuill chorparra 
'thoirt seachad mar ionnsramaidean an-ionn- 
racais do neo-ghlaine, tha mi nise ga'n toirt 
suas mar ionnsramaidean a chum naomhachd ; 
agus mo thoil a bha ro ceannairceach tha mi 
nisega toirtsuas dod' thoil naomh' agus bheann- 
aichte sa, — agus m'inntinn dhorcha chum a bhi 
air a soilleireachadh le do Spiorad Naomha 
chuui is gu'n aithnich mi an ni sin a th' air a 
thoirt dhomh gu saor le Dia, agus m*inntinn a 
chumail t'f hirinn luachmhor air chùimhne agus 
a bhi smaointeach air do naomh reachd a latha 
agus a dh'òidhche agus mo rùintean a ta 
feòlmhor agus talmhaidh a bhi air an deanamh 
spioradail. 

Agus tha mi toirt suas dut mo chridh, a tha 
cealgach thar gach ni, peacach, agus neò-ghlan, 
O dean e mar a b'àill leat e bhi, bog, so-lùb- 
aidh agus naomha. Fosglaibhsa O uile dhor- 
san m'anma chum as gu'n tig Rìgh na glòire 
steach chum còmhnaidh dheannamh ann gu 
siorruidh. O Thighearna sgrùd gach cùil 
de'n chridhe cheannairceach so, agus fuad- 
aich air falbh gach nàmhaid as a chùm a's gu'm 
faod do chathair fèin a bhi air a suigheachadh 
'na mheadhon, cuir fèin suas còmhlaichean ri 
dhorsan agus glèidh amiuchair chum nach tig 
aon air bith a steach gun t-òrdugh. Dean 
faire-thar a' bhaile, air neo bidh mise rì faire gu 
diamhain, O Thighearna gabh ris an ìobairt 



140 BEATHA AGUS IOMFACHADH 



so, agus cuir do Spiorad naomha chum gu'n 
caisrig e m' anam agus rno chorp chum team- 
puill dhut-fein, agus a chionn gu'n tubhairt thu 
ann a t' fhacal gu'm be do thoil mo maomh- 
achadh ; O do thoil gu'n robh deanta. 

O Thighearna tha mi leigeil gu' d' bhreath- 
sa tha 'na t-fhianas orm, gur e so deòin m' 
anma, agus tha mi cur uile chliù an tograidh 
sin, as leth do Spioraid naoimhe a thug air mo 
chridhe le do ghràs a bhi gu lèir leat fèin, O 
lehobha shiorruidh, — Athair a Mhic, agus an 
Spioraid Naoimhe, tha mi 'g aideachadh air an 
latha a' duigh gur tu an Tighearna mo Dhia, 
agus tha mi creidsinn gu'n d'aidich thu fèin, 
emr mi aon de do shluagh sònraichte, — chum 
eisOeachd rid' ghuth, ri d stàtan agus ri d bhreith- 
eanasan a chum an deanamh. Tha mi cuir 
fianais, air nèamh agus talamh, gu'm beil mi 
g iarraidh a bhi air mo shàbhaladh le modh 
sàbhalaidh na saor ghràs ; tha mi deanamh m' 
uiìe ghealltanas ann an neart Chriosd, agus 
cha'n eil mi socrachadh air mo ghealladh-sa 
dhutsa, ach air do gheailadh-sa dhomhsa, — O 
Josa bheannaichte, tha thu 'n urras air a' 
chùmhnanta so bho shiorruidheachd, agus ann 
an tìm tha thu 'n urras air co-lionadh an 
iomlain de ann ad shluagh taghta, le gluasad 
do Spioraid Naoimhe, uime sin tha mi 'cried- 
sinn gu'm beil thu an ràthan ormsa mar an 
ceudna. 

Glòir dhut O Athair mo Thighearn Iosa 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 141 

Criosd ris an dean mi o'n latha an diugh a 
raach m' Athair a ghairm air son do ghaoil 
siorruidh taghta, fhoillseachadh ann an làn- 
achd na h-aimsir, le do Mhac siorruidh a' chur 
a dh'ionnsaidh an t-saoghail a'thearnadh pheac- 
ach agus mise gu sònraichte : Glòir dhut o 
Dhia a Mhic air son do ghràidh ann am mise 
thearnadh ceann-feadhna nam peacach. Glòir 
dhut O Dhia a Spioraid naoimh' a thainig a 
dh'ionnsaidh, an t-saoghail chum an t-saorsa 
cheannaichte so a ghnàthachadh ri peacaich 
thaghte. Glòir gu'n robh do t'ainm a rinn le 
do chumhachd treun stad a' chur air mo 
shiubhal an uair a bha mi a ruith le deann-ruith 
sìos do dh'ifrinn gu'n tug thu orm pilleadh, air 
m' ais, agus gu'n dh'fhàg thu toileach mi ann 
an latha dhe do chumhachd mar air an latha 
an diugh, — Glòir dhut air son comh-chomuinn 
milis do Spioraid Naoimhe, a mheal mi air an 
latha 'n diugh. Bha e air a chur air leth air 
son trasgaidh ach thiunndaidh thus e gu bhi 
'na latha cùirme. Leig le m'anam a bhi 
deannamh aoibhneis anns ann Tighearna, agus 
à mhathas a chionn is gu'n do shàsaich e mi 
le sàill a theach ; tha mi 'g iarraidh gun a bhi 
sìthichte le aon ni a fhuair mi, tha m' anam a' 
glaodhaich air son tuilleadh. O Thighearn 
cùm suas an cìocras so agus na biodh e gu 
bràth sàsaichte, air eagal gu'n dì-chùimhnaich 
mi thu ; ni mò a leigeas tu dhomh a bhi ann 
an dìth, air eagal gu'm peacaich mi a' tional 



142 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

dheasganan air raon eile, agus nach ann air 
raon a charaide chaoimh so. O na leig dhorah 
gu bràth tionndaidh a thaobh o bhi ga do 
leanmhuinn-sa ged robh mi air mo gheur ruag- 
adh no ann am prìosan; " O gu'm biad mo 
shlaugh-sa do shluagh-sa," &c. 

Glòir do t'ainm naomha air son gu'n dh' 
fhoillsich thu do thoil anns a' Bhioball. Tha 
mi toirt cliù dhut air son gu'n thuit mo chrann- 
char anns an tìr so far am beil iomradh air 
do shìàinte : agus gu'n ghineadh mi o phàrantan 
a thug fòghlum dhomh. Tha mi toirt cliù 
dhut a chionn gu'n dh'fhàgthu mi taingeil leis 
a' chuibhrionn a bhuilich thu orm de nithe 
matha na beatha so, Tha thu fèin agam mar 
mo chuibhrionn, uime sin cha'n urrainn mi a 
bhi ann an dìth; tha t'uile bhuadhan diadhaidh 
air mo chrann clium mo dheanamh sona ann 
an tim agus am bith-bhuantachd. 

O mo Dhia cùmhnanta, 's ann uatasa thàinig 
gach ni agus is ann de do chuid fèin a dli'ìobair 
mi dhut an diugh, oir is leat fèin mi a thaobh 
cruthaichidh agus saorsa, uime sin tha mi a 
guidhe air sgàth Chriosd gu'n gabh thu ris an 
ìòbairt so le tìachd, agus gu'm maith thu gach 
ni a tha dochair anns a' chùis so. Tha mi a' 
creidsinn.gu'm beil gach ni a rinn thu dhomhsa 
agus annam air an àms', agus aig amanan eile air 
a dhaigneachadh ann an nèamh o shiorruidheach 
agus 'na shuidhe air stèigh nach caraich,mòran 
ni's cinntiche na cùmhnanta nan gnìomh, a 



DHUGHAILL BOCHANNAIN, 



143 



thaobh gu'm beil e air a thogail air gealladh 
ni's fearr nach urrainnear a bhristeadh. O mo 
Dhia! glèidh mi o'n mhisnich a's lugha chum 
peacachadh a thaobh bunailteachd do chùmh- 
nanta; Odeònaich gu'm bi e dhomhsa 'nathobar 
comhf hurtachd nach trèig mi rè uile làithean 
mo bheatha, agus aig uair mo bhàis, chum is 
gu'n dean mi gàirdeachas annsan mar mo Dhia 
cùmhnanta ann an Criosd, araon an tìm agus 
tre uile linntean na bith-bhuantachd. Agus 
mar cho-dhùnadh na cùise sin tha mi cur 
m'aontarisan uile chùmhnanta agus da sgrìobh- 
adh sìos le'm làimh, le'm chridhe, agus le 
m' anam ; agus gu'm beil Dia fìrinneach anns 
an aithris a thug e do Chriosd ; Tha mi 'cuir 
mo sheula ris gu'm beil beatha annsan agus 
nach ann an àite sam bith eile. 



so an (i-amhlaihadecheud> Dùghall Bochannan. 



Mu'n,dh'fhàg mi'n t-àite ud bha mo bhilean 
dùinte air am fosgladh, agus mo bheul air a 
lionadh le àrd chliù mo Dhè, thuit mo shlàbh- 
raidhean agus mo gheimhleibh dhiom agus bha 
mi air mo.leigeadh fa-sgaoil. O bu mhiiis an 
latha ud do m'anam an uair a shuidh mi ann 
an uaimh na creige agus-a ghairm an Tighearn 
ainm an Criosd agus a thug a air uile mhathas 
a dhol seachad fa'm chomhair, — " An Tigh- 
earn' an Tighearna Dia, iochdmhor agus 
gràsmhòr fad-f hulangach agus pailt ann an 




144 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



caoimhneas agus am fìrinn,a'gleidheadh tròcair 
do mhìltean, a maitheadh aingidheachd, eas- 
antais, agus peacadh." Ecsod. xxxiv. 6, 7« 

Bha Sàcramaid suipeir an Tighearna gu bhi 
air a riarachadh ann am Port Mhonteith, agus 
chaidh mise do'n àite sin chum is gu'm faigh- 
inn seula a' chùmhnanta, agus an uairabhaam 
ministear a riarachadh a'bhùird chuir e na ceist- 
ean so a leanas air an luchd-comonaichidh : — 
" Na bhrist sìbhse," ars esan, "bhur cùmhnanta 
ris a' bhàs agus ri ifrinn, agus na cheangail sibh 
sibh fèin ris an Tighearna ann an cùmhnanta 
seasmhach, buan, nach tèid am feast air di- 
chùimhne ; na chuir sibh bhur n' aonta ris a 
mhodh shlàinte so tre Chriosd Iosa ? Ciod e 
bhur bairail m'u thimchioll na slàinte so? agus 
cia mar as toigh leibh i ? Cia mar tha sibh 
toilichte le reachd? Ciod an gràdh a ta agaibh 
da urras ?" Ann an ùine ghearr, chaidh e tro' m' 
uile fhairichidhean agus f huair mi mo chridhe 
a' cur aonta ris gach ni a sgrìobh mi air an la- 
tha sin. " Seadh ma ta," ars esan, " mas e so 
bhur cor, se sin ri ràdh, gu'n d' rinn sibh grèim 
air cùmhnanta saor agus gràsmhor Dhè, faod- 
aidh mise seula thoirt dhuibh gu saor leis am 
bi sibh air bhur sealadh gu latha bhur saorsa." 

Mar sin fhuair mise seula chùmhnanta 
shiorruidh, agus mu'n d'eirich mi bho 'n bhòrd, 
ciod an t-àmhghar, an t-aoibhneas, agus an 
t-iongnadh leis an d'amhairc mi air m' Fhear- 
saoraidh gràdhach air a bhruthadh fo chorraich 
an Athar, ni le ceartas a bhuineadh dhomhsa, 



BHUGHAILL BOCHANNAIN. 145 



agus mar an ceudna e air a shìneadh air a 
chrann a' gleachd ri cumhachd an dorchadais, 
agus a' toirt buaidh mar ghaisgeach treun, a' 
faighinn sèilbh air a shluadh taghte, agus ormsa 
gu sònraichte, agus thainig mi air falbh le 
m'anam sàsaichte mar le smior agus sàill. 

Air feasgar na Sàbaid' chuala mi searmoin o 
Leabhar nan Sàìm, caib. xlviii. rann 14. nochd 
am ministear cuid de shòlas a chreideich le 
Dia a bhi aige mar a Dhia, &c. An deigh 
so chaidh mi do Chill-Saoidh faran robh suipeir 
an Tighearna gu bhi air a frithealadh, agus 
bha mòr smaointean air m'inntinn fad mò 
thurais. Airmadainn na Sàbaid shearmonaich 
Mr. Robe o'n cheud chaibidil de Leabhar an 
Taisbeanaidh, an seachdamh, agus an t-ochd- 
amh rann-deug. Cha do mhothaich mi riabh 
roimhe urrad de chumhachd Dhè 'sa mhothaich 
mi 'nuair sin. Tha dòchas agam gu'n thuit 
cuid de bhraon pailt na cumhachd diadhaidh 
air m' anam tartmhor. Dh'f haodainnda rìreadh 
Bethel a ghairm de'n ionad ud. Thuirt mi sa' 
cheart àm. " O Thighearna is math a bhi 'n 
so." Air Ieam gu'n còmhnaichinn san àite ud 
rè m'uile laithean, chum a bhi 'g amharc air 
mais' an Tighearna agus gàirdeachas a' dhean- 
amh 'na theampull naomha. 

Rinn mi gàirdeachas ris an Fhear-shaoraidh 
bheannaichte fhaicinn a' deanamh ìobairt thoil- 
each ann an latha dhe a' chumhachd. Bha mi 
mar an ceudna air mo lionadh le h-èibhneas an 
o 



146 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



deigh dhomh tighinn a mach as an eaglais an 
uair a chunnaic mi iadsan a bh' air an èideadh 
ann an sgàrlaid a' laidhe sìos le'n aghaidhean a 
chum na talbhuinn aig casan Rìgh treun Shioin 
a' gul agus a'g achanaich gun nàire bhi orra 
am fianais chàich cha bu lugha mo ghàirdeach- 
as air son a chomais labhairt a bh' air a thoirt 
do mhinistear an t-Soisgeil. Thainig mi air 
falbh as an àite so le aoibhneas air son gu'n robh 
rìoghachd Chriosd a' meudachadh, agus rìogh- 
ach Shàtain a' tuiteam mar reull o nèimh. 
Fa-dheòighdh'ath-bheothaich mi m'uile ghluas- 
adan o'n latha anns an robh mi air tùs air mo 
dhùsgadh gus an uair ud, agus chunnaic mi gu'n 
robh bunaid mo shith' air a togail air " Caraig 
nan Aosda," agus maille ris na h-òighean amaid- 
each thuit mis ann am shuain rè seal gus na 
chuir an Tighearna teachdaire bho Shàtan a 
chum mo mhosgladh suas. Dh'f huiling e do mo 
nàdur truallidh tighinn beò a rithist air chor 
is gu'n dh'fhàs mi ann am shealladh fèin mar 
chlais shalachair. Fhuair mi mach le fèin 
f hiosrachadh dubhach flrinn an Sgriobtuir so, — 
" Tha'n inntinn f heòlmhor an nàimhdeas an 
aghaidh Dhè." 

Bha mi air mo thoirt gu shaoilsinn nach robh 
anns na dh'fhiosraich mi roimhe so ach meall- 
adh, agus bh' an ni sin a nise na uabhas leam : 
agus bu cho mòr a bha neart a bhuairidh sin is 
gun dh'fhàg e mi araon fo eagal agus fo nàire 
ùrnaigh 'chuir suas. O an troimhe-chèile 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 147 

uabhasach anns an robh m' anam ! ach thug 
mi an oidheirp air sìth a' chur air cogais ciont- 
ach bho Sgriobtur na fìrinn ; an sin f huair mi 
freagradh o chaochladh earrannan de'n t-Soi- 
sgeilgu'n robhmiairm'iompachadh. (Eoin.i.12. 
Rom. vii. 30.) An sin thuirt mise, an urrainn 
urrad de chumhachd peacaidh a bhi aig duine 
th'air iompachadh sa' tha mise faotainn ann am 
chridhe fèin ? Air uairean ghleachdainn ri Dia 
air son a ghràis chum mo pheacannan a chumail 
fodha ; agus air uairean eile cha deannainn 
ùrnaigh idir le meud a' mhothachaidh a bha 
agam air mo chiont. Thug mi oidheirp air 
seòlaidhean a thoirt dhom fèin a thug an Tigh- 
earn orm fèin a thoirtdo mhuinntir eile roimhe 
sin, ach, cha deach agam air an ni sina' dhean- 
amh. ^aodaidh mi ràdh gu'n deach mi fo n'a 
bu ìsfjm thrioblaid air dhomh an sealladh so 
f haotainn air mo chridhe fèin, na chaidh mi aig 
àm mo cheud dhùsgaidh. Fhuair mi litir bho 
charaid Criosdaidh do'n d'aithris mi cuid de mo 
chòr ni a bh' air a dheanainh le beannachadh 
an Tighearna feumail dhomhsa le cuid de mo 
mhearachdan a' nochdadh dhomh ; cuiridh mi 
uime sin sìos earrann de'n litir sin an so : — 

" Tha comhf hulangas agam ri d' staid ; na 
nithe so agus mòran a bharrachd de'n t-seòrsa 
cheudna ; thug mo chridhe claon fèin dhomhsa 
mòran fiosraehaidh, mar a biodh a' chùis mar 
sin duinn, theagamh nach biodh sinn cho ullamh 
gu creidsinn gur ann do ghràs a bhunas na th' 



148 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

againn, cha'n ann de'n ghràs a ta annainn fèin, 
ach de'n ghràs a ta ann an Criosd Iosa, agus 
o'n leasachadh a tha sinn a' faotainn uaithe- 
san gach latha agus do ghnà. 'Nuair a tha e 
air a dhearbhadh air neach gur ann o'n Tighearn 
a fhuair e na h-uile ni, faodaidh e bhi air a 
dhearbhadh air, nach urrainn eadhon an gràs 
a fhuair e o'n Tighearna mar ann fèin cheana 
an gnothach adheanamh: ach gu'mfeudar gu'm 
failinn e mar a bi e daonnan a' faotainn leasach- 
adh ùr bho'n ionmhas a th' air a thasgaidh 
ann an Criosd, agus uaithe sin a bhi air 
tharrainn a mach tre chreideimh air oibreach- 
adh ann leis an Spiorad Naomha. Ni nìdh so a 
bhi air oibreachadh air a' pheacach a' chumail 
iriosal agus do ghnà 'g earbs' as an Tighearna 
ann an cleachdadh creideimh agus ni a nidh 
fèin fhiosrachadh gach tràth a thoirt air 
fhaicinn a bhi na chreideamh luachmhor. 

" Cha'n abair mi tuilleadh mu thimchioìl an 
ni so a charaide ghràidh, ach tabhair fainear, 
(2 Cor. xii. 7, 8, 9, 10.) Ged nach eil againne 
na mòr thaisbeanan a bh' air am buileachadh air 
Pòl, fathast tha ar beagan bhuairidhean a chum 
ar n'iriosìachadh agus ar creideamh a chumail 
an cleachdadh. Chuireadh an dealg a dh'ionns- 
aidh Phòil, agus chuir an dealg Pòl a dh'ionns- 
aidh Dhè. Be freagradh Dhè an dianmhaltas, 
cha'n e aon ni a bha ann am Pòl ach gràsan an 
Tighearna fèin. Chunnaic e an t-aobhar mu'n 
deach an dealg a chuir da ionnsaidh ; se sin ri 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 149 

ràdh chum is nach biodh e air àrdachadh thar 
tomhais leis an ni sin a chaidh a bhuileachadh 
air. An robh aig Pòl a nise tearmunn an agh- 
aidh an deilg so ; cha robh, cha bhiodh sin 
coltach ri ghabhail thuige mar bha e air a chur 
da ionnsaidhchumis nachbiodh e air ardachadh. 
Ach ciod a rinn e, ghuidh e air an Tighearna l 
trì uairean an aghaidh an deilg ud agus f huair 
e am freagradh*so, " gu'n robh gràs an Tigh- 
earna fèin lan-f hoghainteach air a shon." Bha 
e daonnan fann an deigh gach ni a f huair e 
cheana, ach be neart Dhè, cumhachd Chriosd 
a bha.ga chumail suas, agus ga ghiùlan air agh- 
aidh." 

'Nuair a Ieugh mi an litir so chunnaic mi 
am mearachd eagalach anns na thuit mi le sgur 
de dhurnaigh ann an làthair Dhè, agus a' 
chrìoch mu'n do chuir e do'm ionnsaidh a leithid 
sud de dhealg. Aig an àm cheudna chronaich 
an Tighearna Sàtan, agus neartaich e mise chum 
buaidh a' thoirt air mo pheacannan a shèinn cho 
liugha buaidh-chaithream tharam o cheann 
ghoirid. Be'n t-aobhar mu'n do chuir an Tigh- 
earn na buairidhean càmparach agus goirt so 
do'm ionnsaidh na nithe so a leannas : 

Anns d cheud àite. Chum mo chronachadh 
air son mo leisg agus mo mhi- chùram, " Smachd- 
aich t'aingidheachd fèin thu agus ni do chùl- 
sleamhnachadh fèin do chronachadh/' &c. (Ier. 
ii. 19.) Bha e mar gu'n abradh an Tighearna, 
chionn nach dh'fhoghainn aingidheachd agus 



150 



BEATIIA AGUS IOMPACHADH 



cùl-sleamhnashadh dhaoine eile chum do smachd- 
achadh, ni t'aingidheachd fèin e. Chunnaic 
thu na dh'fhuiling Daibhidh air son a chùl- 
sleamhnachadh, agus mar thug mi air glaodh- 
aich fad an latha air son a pheacannan, gidheadh 
cha d'fhoghainn so chum thusa chronachadh, 
• uime sin ni t-aingidheachd fèin e : " Aith- 
nich uime sin, agus faic gur oic agus searbh an 
ni gu'n do thrèig thu 'n Tighearna do Dhia." 
Agus gu dearbha thugadh ormsagu'n dh'fhios- 
raich mi cho searbh sa' bha e ; ach mo thruaighe 
cia cho grad sa chaidh a chur thar chùimhne 
air chor is gu'm beil agam do ghnà a bhi ann 
am fhaireachadh. 

Anns an dara h~àite. Chuir Dia am buair- 
eadh so am' ionnsaidh air son mo smaointean 
mi-sheirceil a thaobh na h-aiteam a bh' air am 
buaireadh, agus air an tug buaireadh buaidh. 
Uime sin nochd an Tighearna dhomsa nach 
robh neart annam a bhuineadh dhomh fèin, a 
chum cur an aghaidh a bhuairidh ni's mò na 
bh' aig muinntir eile air an tug buaireadh 
buaidh. 

Cha do thòisich mi riabh air cuir buaireadh 
gu peacachadh ann amfaoineis leis nach robh mi 
fa-dheòigh air mo leònadh. (Gnà. vi. 28, 270 
Uaidh sinchi mi tuilleadh de dhaoimhne Shàtaki 
mar a ghnathaich e uile oidheirpean chum mo 
thàladh agus mo tharrainn a dh'ionnsaidh slighe 
peacaidh, agus amaideachd, agus nah uileuair 
a thug e buaidh thiunndaidh e mach gu bhi 'na 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



151 



f hear dìtidh. O lùban do-rannsaichte na seann- 
nathrach ! Agus o gliocas do-rannsaichte an 
Tighearn Iosa Criosd as urrainn a thoirt air 
mealltaireachd Shàtain tiunndaidh a mach gu 
feum a phobuill. 

Tha mi faicinn gur e an aon dòigh a chum 
buaidh f haotainn air buaireadh cuir an aghaidh 
ceud thoiseachadh a pheacaidh anns a' chridhe. 
Rinn smaointean peacach altrum ann an sin le 
tlachd mo tharrainn an ciomachas air amannan 
gu peacadh a chuir an gniomh. " Cuir an agh- 
aidh an diabhoil agus teichidh e bhuat." Mu 
thùs a Mkàirt 1744, thòisich an Tighearn air 
aiseadh mo shìth dhomh air ais marabhainn an 
deigh mo mhòr thrioblaid o thoiseach ceud 
mìos a' Gheamhraidh 1743, nochd e dhomh a' 
chrìoch naomh' a bh'aige le fhulang dhomh a 
bhi air m'f heuchainn le leithid sud de bhuairidh- 
ean agus gu'n robh foum agam air gach ni a 
thachair rium. 

Ach tha mi a' faicinn nach luaithe thèid aon 
trioblaid às na thig aon eile 'na h-àite, agus 
theagamh an aon sin ni's mò na cheud trioblaid. 
Ach gu'm a beannaichte gu bràth gu'n robh 
ainm an Tighearna a ta cur maille ris na 
buairidhean sìighe gu dhol às. Nochd an Tigh- 
earna dhomhsa sòlas do-labhairt o na Sgriob- 
turan so an aghaidh mo thrioblaidean — " A' 
tilgeadh bhur n'uile chùram air-san, oir a ta 
cùram aige dhuibh," &c. (1 Ped. v. 7>) agus 
a rithist. " Tabhair suas do sblighe do'n Tigh- 



152 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



earna agus earb às agus ni se e. 'Ni an Tigh- 
earnacoimh-lionta an ni sin abhuineasdhomhsa. 
Ach leasaichidh mo Dhia-sa' bhur n-uireasbh- 
uidh uile a rèir a shaibhreis ann an glòir tre 
losa Criosd." Salm xxxvii. Philip. iv. 19. 

An ceathramh latha -,deug dèn Mhàirt, air 
dhomh a bhi ri m' ùrnaigh mhaidne f huair mi 
mothachadh nach b'àbhaist a bhi agam air m' 
easbhuidheachd, agus mar an ceudna, air 
doilgheasan na beatha so, ach bha mi gu 
h-iongantach air m' ùrachadh o na Sgriobturan 
a chaidh aithris, agus chuidich an Tighearna 
leam chum m'uile dhìth, araon spioradail agus 
tìmeil a thrusadh suas agus an tilgeadh air fèin, 
ni leis an dh'f huair mi mo spiorad air f haoth- 
achadh mar gu'm faighinn eallach throm a 
thilgeadh bharr mo dhroma. 'Nuair a chaidh 
mi dh'obair air mo ghnothach saoghalta bha 
mo spiorad aig an àm a' deanamh gàirdeachas 
gu'n d'f huair mi m'uile chùram air a thilgeadh 
air Criosd mar air Cruithear dìleas ; agus am 
feadh a bha mi a' smaointeach' air na nithe so 
thòisich an teine air losgadh às ùr ann am 
chridhe a cho-èignich mi gu glaodhaich a 
maeh, " Cia mòr toileachas inntinn na diadh- 
achd ! Cia taitneach an ni m'uile chùram a 
thilgeadh air Dia ! Cia cho math sa tha e 
creidsinn gu'm beil spèis aige dhomh." Thug 
na smaointean so orm m' obair thimeil a chuir 
air a h-aghadh le suilbhearachd. 

Chunnaic mi ge be air bith ni a' gheail an 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



153 



Tighearna da phobull, gu'n d'òrduich e meadh- 
onan a chum a thoirt dhaibh. An sin chunn- 
aic mi, 'nuair a bha mi fo thrioblaid, gu'm be 
mo dhleasannas mar chreutair reusanta na 
meadhonan a ghnàthaich an Tighearna chum 
na criche sin f haotainn a mach, no saoradh o 
leithid de dh'uallach, &c. Air chor is an 
uair a tha mi air m'fhaotainn a' deanamh feum 
gnàthaichte de na meadhonan so a shònraich 
Dia chum mo shonas spioradail agus tìmeil a 
chur air aghaidh ge d' bhiodh na nithe sin 
anns an. robh mi ri saothair no feuchainn ri 
dheanamh air tuiteam a mach càlg-dhìreach an 
aghaidh nannithe sin a shònraich mi, no ris an 
robh sùil agam a thigeadh gu'n robh fior shìth 
agus suaimhneas agam, gu h-àraid a thaobh 
gu'n thilg mi 'chùis air an Tighearna, agus 
nach robh mi dearmadach ann an gnàthath- 
achadh nam meadhonan a shònraich e. Is e 
so mo shìth, a bhi do ghnà a' cleachdadh nam 
meadhonan, ag amharc air an Tighearna chum 
is gu'n tabhair e seachad an toradh a chì e 
iomchaidh. Esec. xxxvi. 37- 

Cia cho taitneach sa'tha e, bhi 'deanamh aon 
chual de m'uile chùram agus da'n tilgeadh air 
Criosd, 'nuair as urrainn creideamh, na briath- 
ran so a leughadh, — " Tha spèisaige dhomhsa." 
Beannaichte gu'n robh Dia a chionn gu'm beil 
an uachdaranachd air a' cuir air a ghuailibh, — 
Air leam gu'm biodh e do-dheanta m'àmgharan 
ugus mo thrioblaidean a ghiùlan mar an nochd- 



154 BEATHA AGUS IOMPACHADH. 



adh an Tighearna ni eigin domh de dhiomh- 
aireachd a fhreasdail air fhoillseachadh anns 
an fhacal so : — " Agus a ta f hios agam gu'n 
comh-oibrich na h-uile ni chum math do'n 
dream aig am beil gràdh do Dhia, eadhon 
dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin." (Rom. 
viii. 28.) Tha mi a mothachadh gu'm beil 
cùing Chriosd so-iomchair agus uallach eatrom 
air dòigh is gu'm faod mi a ràdh nach eil àmh- 
gharan no trioblaidean agam. Ged a dh'f haod- 
adh e bhi na ghnothach annasach, fòs tha e 
fior, agus is e na h-uile aobhar as urrainn mi a 
thoirt air a shon an sealladh a thug Dia 
dhomh air an earrann de fhacal a luaidh mi 
ma dheireadh, anns an ochdamh caibidil de 
littir Phòil a chum nan Ròmanach. Gach 
uair a thig triobìaid am dhàil, tha e 'g ath- 
nuadhachadh m'ùmhlachd da thoil, ach cha'n 
urrainn mi gu bràth an taitneas a' chuir an 
cèill a ta m'anam a' faighinn anns a' ghniomh 
sin ? air leam ged nach robh duais a' feitheamh 
air diadhachd anns an t-sao,ghal èile. nach 
malairtinn a suaimhneas anns an àra air son 
aon ni anns an t-saoghal so. 

A cheu'd latha dèn Mhàigk 1744. Bha mi 
fad ann an teagamh m'u thmichioll làn shaorsa 
bho pheacadh, ni a ta nis' arin am mòr thomhas 
air glanadh suas. Aig an àm so bheothaich an 
Tighearna tograidhean dùrachdach n'am anam 
an geall air naomhachd nàduir agus samhlachas 
ri iomhaidh a Mhic gràidh. Rinn mi osnaich 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 155 

anns a' phàiliunn so air dhomh a bhi air mo 
luchdachadh le truailleachd, agus thubhairt 
mi, — " O nach robh agam sgiathan mar chal- 
aman 's theichinn air falbh agus bhithinn an 
sìth." Faodaidh mi a' ràdh gu saor nach be 
aon trioblaid a dh'fhàodadh tighinn an caramh 
mo chuirp no dòchan a dheanamh do'm ainm 
anns an staid so a dh'f hàg mi cho dèigheil air 
triall, ach fior dheigh air a bhi saor o pheacadh 
còmhnaidh a' chridhe agus truailleachd : ach 
an uair a gabh mi làn bheachd air truailleachd 
choitcheann mo nàduir, agus cho domhain sa 
bha am peacadh air freumhachadh ann an uile 
cheud-faithean m'anma, agus anns gach ball 
de'm chorp, thòisich mo chridhe air fàilinn 
agus thubhairt mi, cia mar thèid a leithid so de 
chorp peacaidh agus bàis a sgrios, no cia mar 
a shaoileas mi gu'm faigh mi làn shaorsa uaithe 
ann an saoghal eile. Cia mar as urrainn mise 
smaointeach gu'm bi mo chridhe air a shocrach- 
adh air Dia air chor is nach bi aon smaoin 
sheacharanach agam fad iinntean na siorruidh- 
eachd ? Cia mar as urrainn mi a chreidsinn 
gu'n dean mi sèirbheis gun sgìos do Dhia gu 
siorruidh ? Is gann as urrainn mi a chreid- 
sinn. Air uairean ghabh mi beachd air cumh- 
achd uile-chumhachdach a b'urrainn nèamh ùr 
agus talamh ùr a dhealbh ; an sin thubhairt mi, 
c'arson nach dean e nàdur ùr, agus spioradan 
ùra mar an ceudna ? An sin dhearbh an 
Tighearn firinn na cùise orm, agus làs e mo 



156 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



thograidhean ni's mò agus ni's mò an geall air 
am mealltainn. O cia cho taitneach sa bha 
mo smaointean air àillteachd a naomhachd. 
Bha na Sgrìobturan so a leanas ni bu mhilse 
do'm bhlas na chìr-mheala. " Agus tàrlaidh 
anns an latha anns an tabhair an Tighearna 
dhut fois o' t'àmhghar, agus o d mhi-shuaimh- 
neas, agus o'n daorsa chruaidh a leagadh ort ; 
gu'n tog thu 'n fhàistneachd so an aghaidh 
rìgh Bhàbiloin, agus their thu cionnas a sguir 
am fear-sàraichidh ! Cionnas a sguir ise bha 
sgeadaichte le h-òr !" (Isa. xiv. 3, 4.) Eadhon 
is ionan a their mise ann an seadh sgriobturail, 
'nuair a bheir an Tighearn orm dol a steach 
ann an suaimhneas siorruidh ann fèin, cia mar a 
sguir an diabhol ? Cia mar a sguir mo chridhe 
as-creideach ? Cia mar a . sguir an saoghal 
buaireanta ? Cia mar a sguir sgìos, agus 
fadachd ann an sèirbheis Dhè? Cia mar a 
sguir gràdh diamhair do'n pheacadh ? Cionnas 
a sguir gach ni a ta càlg-dhireach an agh- 
aidh Dia naomh anns a' chreutair? Cliù 
shiorruidh agus moladh do Dhia a rinn 
sinne 'n-ar luchd-comhpairt de'n nàdur dhiadh- 
aidh agus*a thionndaidh sinn à dòrchadas a 
chum rìoghachd a Mhicgràidh. Bu taitneach 
an gairm so: — " Oir feuch cruthaicheam 
nèamhan nuadha agus talamh nuadh ; agus 
cha chùimhnaichear iad sin a bKann roimhe, 
agus cha tig iad an aire ddn duine. Ach 
deanaibh-sa gàirdeachas agus bithibh aoibh- 



DHCGIIAIL BOCHANNAIN. 



157 



neach gu cian nan cian, air son an ni a chruth- 
aicheam; oir feuch, cruthaicheam Ierusalem 
na cùis aoibhneis, agus an sluagh 'nan cùis 
ghàirdeachais agus bithidh mì aoibhneach ann 
an Ierusalem, agus ni mi gàirdeachas ann am 
shluagh ; agus cha cluinnear guth caoidh no 
guth caoinidh innte ni's mò." (Isa. lxv. 17, 
18, 19.) Be'n ath sgriobtur, — " Oir a ta ar 
caithe-beatha-ne air nèamh an t-ionad anns am 
beil dùil againn fòs ris an t-Slànaighear. an 
Tighearn Iosa Criosd: a chruth-atharraicheas 
ar corp dìblidh." Phili. iii. 20, 21. 

So mùthadh iongantach gu dearbh, air a 
dheanamh air corp truaillidh ! caillidh mi mo 
smaointean air an atharrachadh iongantach so. 
O Fhir-saoraidh uile-chumhachdaich as urrainn 
gach ni cheannsachadh dhutfèin, greas an latha 
anns am bi e deanta. Cliù do Dhia, a dh'oib- 
rich ann am chridhe creideamh na h-aiseiridh 
so le d' Spiorad Naomh' agus a thug dhomh 
deagh dhòchas tre ghràs ri cuibhrionn de'11 
cheud aiseiridh. Ciod an gàirdeachas leis am 
beil mi a' leughadh an Sgriobtuir so ; — " Oir 
a ta sinne a' gluasad a rèir creideimh, agus 
cha'n ann a rèir seallaidh, tha deagh mhisneach 
againn, agus bu raghnaiche leinn gu mòr a bhi 
air choigreich às a' chollainn, agus.abhi làthair 
màille ris an Tighearna." (2 Cor. v. 7> 8.) 
Air choigreich às a' chollainn chrè so a ta 'na 
leithid.de shac air mo spiorad ann ad shierbheis; 
air choigreich o na sùilean so, a' ghiùlain 
p 



158 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



m'inntim an deigh mhìle diamhanas agus chus- 
pairean neò-ghlan. O gu'm a h-ann a bhios 
mi comasach air oibreachadh air sheòl is co- 
dhiù a bhios mi a làthair no air choigreich gu'm 
bu mi taitneach leis-an ; air choigreich às an 
f heòil anns am beil mi air mo chumail mar ann 
am prìosan, air chor is gur e an ni as mo a's 
urrainn mi 'dheanamh a mhàin amharc a mach 
air uineagan mo phrìosain. O ! c'uin a bhios 
na h-uineagan sin air an dòrchnachadh ? O ! 
c'uin a thig mi an làthair Dhè? oir 'na làthair- 
san tha saorsa iomlan o pheacadh agus lànachd 
suaimhneis agus taitneis aig a dheas làimh gu 
suthainn sior. Gu'm a h-ann a bhristeas an 
Iatha agus a theicheas na sgàilean air falbh. 
Amen, eadhon thig gu'n mhaille, a Thighearn' 
Iosa ! 

Rè cuid de thìm an deigh so thug an Tigh- 
earna dhomh mòr shòlas inntinn agus de 
bhlàthachadh gràidh, Rinn mi mòr ghàird- 
eachas air son diamhaireachd neo-aithnichte 
na diadhachd, ni a chreid mi a bhiodh air a 
làn-f hoillseachadh 'na àm math fèin ; agus 
nochd an Tighearna dhomh ni a's mò na nochd 
e dhomh riabh roimhe o'n.earrann de'n Sgriob- 
tur a dh'aithris mi fa-dheireadh. 



DH l'GHAILL BOCHANNAIN. 



159 



CAIB. VI. 

Anns am beil mairsinneachd air dèilig gràsmhor Dhe 
ri m'anam o cheud mìos an Fhoghair 1745, gu 
rnìos mheadhonach a Ghearnhraidh 1750. 

Bha Sàcramaid Suipeir an Tighearna gu bhi 
air a riarachadh do cho-thional ann am choimh- 
earsnachd, chaidh mi do'n àite sin agus fliuair 
mi sealladh ùrachaidh anma air Criosd aig a 
bhòrd fèin, araon ann an rathad smachdachaidh 
agus comhfhurtachd, agus thainig nan Sgriob- 
tuaran so fa'm chomhahv — " An tra chìosnaich- 
eas mis' an cridhe strìopachail a dhealaich 
rium." (Esec. vi. 9.) " Feuch bruthaidh 
mise bhur 'n-àite, mar a bhruthas càrbad luchd- 
aichte le arbhar a sguaban." (Amos ii. 13.) 
ni a thiunndaidh mo shùilean gu amharc air 
fiilangas Iosa Criosd Mhic Dhè, Tì a be 'bhàs 
gràidh a bha mi nise cumail air chùimhne, 
agus a' beachdachadh air mo pheacanan fèin 
mar aobhar air son an dh'f huiling e : chunnaic 
mi Mac siorruidh Dhè air a bhruthadh le 
fraoch fèirge Athar mar chàrbad air a bhruth- 
adh fo sguaban, eadhon gu pian-spàirn agus 
falas fala. O ! cha be n'a rinn na h-Iudhaich, 
no na Romanaich, no na deamhnan air Criosd 
a thugadh orms' fhaicinn ach na rinn mo 
pheacannan agus mo chridhe strìopachail air, 



160 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

agus an ni a rinn Athair nèamhaidh air ann 
an latha a dhian-chorraich, 'nuair a sheas e 
am riochd agus am àite mar mo ràthan. Agus 
mar a thoilich an Tighearn a bhruthadh 
agus a chuir gu bròn an uair a rinn e a chorp 
agus anam 'nan ìobairt air son pheacannan, 
eadhon air son mo pheacannan mòra sa', &c. 
O m'anam faic fuath Dhè an aghaidh a 
pheacaidh ! a ghràdh do pheacaich. Faic o 
m'anam na chosg do pheacannan do'n Tigh- 
earna 'na beatha agus feuch.an urrainn thu sòlas 
a' dheanamh dheth a rithist. 

Mar so f huair mi sealladh air luach-ceann- 
aich mo shaorsa, agus nàdur an-tromach mo 
pheacannan, ni a thug air mo chridhe bristeadh 
agus leaghadh a chum bròin air son mo pheac- 
annan, agus caoidh a' dheanamh agus a bhi 
an searbhadas mar an deigh bàis an aon mhic. 
Mu fheasgar chaidh mi gu m'ùrnaigh dhiamh- 
air, agus ma bha mi riabh dùrachdach ann an 
ni air bith bha mi mar sin an so chum mi fèin 
a' choisrigeadh do shèirbheis Dè agus do dh' 
onair ainme, ann an toirt suas m'uile bhall 
corparra mar ionnsramaidean ionnracais a 
chum naomhachd: seadh bha mi air mo thabh- 
air gu creidsinn gu'n ghabh e rium anns an 
aon-ghraidh, uime sin cho-dhùin mi gu'n sheas 
mo bheinn gu daighean agus nach bithinn gu 
sioìruidh air mo ghluasad. Ach bu bheag a 
bha dh'fhios agam ciod an stoirm a bhatighinn, 
no ciod an t-astar a bha agam ri shiubhal mu'm 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 161 



faighinn an ath thràth bithe. Cha d'f huair gu 
ceann dà bhliadhna. 

Anns a' bhliadhna 1745, (Bliadhna Thear- 
laich) dh'èirich a' chuid mhòr de mo chàirdean 
leis a' Phrionns' ann an àr-a-mach an aghaidh 
an rìgh, thuit cuid diu sa' chath, agus chaidh 
cuid eile chur gu bàs ann an Carlisle* ach 
ged' bha 'n t-aobhar mu'n dh'fhuiling iad olc 
bha mis' anabarrach brònach air an son, agus 
cha b'urrainn mi mathanas a thoirt do'nmhuinn- 
tir a bha le'n cumbachd agus le 'm fianaisean 
brèige 'nam meadhonan bàis daibh ; agus thòis- 
ich mi air altrum gàmhlais daibh air son sin. 
Air do'n diabhol mis fhaicinn ag àrach diogh- 
altais do na daoine ud chuir e fèin tuilleadh 
connaidh ris an lasair, le nochdadh dhomh cho 
taitneach sa bhiodh e dioghaltas a dheanamh 
orra, agus bha bhi smaointeach air an ni sin 
glè thaitneach leam ged nach b'urrainn mi 
ruigheachd orra. Air uairean dh' èireadh mo 
chogais 'na'm aghaidh le leithid so de Sgriobtur. 
— " A chàirdean gràdhach na deanaibh diogh- 
altas air bhur son fèin ach thugaibh àite do'n 
f hèirg, oir a ta e sgriobhte, is leamsa dioghaltas, 



* One of the individuals here alluded to was Francis 
Buchannan of Arnprior ; he had not been concerned 
in the enterprise of 1745 in any way. He was taken 
prisoner at his own house of Leny, Perthshire, and 
carried to Carlisle, and condemned by false witnesses, 
and hung on the 28th of October 1746, not at Carlisle, 
as our author supposed, but at Penrith. 



162 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

iocaidhmi deir an Tighearna," &c. (Rom. xii. 
19.) Ach cha b'urrainn mi èisdeachd ri sgriob- 
tur no ri reuson : cha riaraicheadh ni air bith 
mi ach fuil, uime sin labhair mi gu fàbharach 
mu dhèighinn a' pheacaidh sin, ged a bha e 
càlg-dhìreach an aghaidh mo reusoin agus mo 
bhreitheanais. 

Chaidh mi 'n sin far an robh Sàcramaid 
suipeir an Tighearna gu bhi air a riarachadh 
ach cha do chompàirtich mi de na h-òrduighean 
a' creidsinn nach deanadh iad ach mo chiont a 
mheudachadh. Feadh a bha mi anns an staid 
so ghabh mi orm dol uair no dhà a dh' 
ionnsaidh bòrd an Tighearna, ach laidh an 
diabhol orm an deigh sin air chor is gu'n robh 
mi coltach ri mi fèin a reubadh às a' chèile nam 
bhloidibh; oir thoisich cuid de Chriosdaidh- 
ean geur»chuiseach air mo chealgaireachd 
fhaicinn tre'n sgàile chuir mi orm. O ! an 
ifrinn a ghiùlain mi ann am uchd : Ge be air 
bith àite d'an rachainn bha fuaim uabhasach an 
damnaidh a' sèirm ann am chluasan. 

Air an dara latha fichead de mhìos deireann- 
ach an t-Sàmhraidh 1750, chuala mi gu'n robh 
Sàcramaid suipeir an Tighearna gu bi air a 
riarachadh ann an sgìreachd na Maoile, àite anns 
an robh iomadh co-chomunn milis agam maille 
ri Dia, agus air leam gur e sin an t-àite, anns 
an tugadh air m'anam an toiseach grèim a 
dheanamh air losa Criosd, agus anns an robh 
mi gu tric air mo sheòladh agus air mo chomh- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



163 



f hurtachadh le ministearlachd an fhacail : agus 
a chionn gu'n robh iomadh fear-eòlais agam 
anns an àite sin chuir mi romham f heuchainn 
ciod a' bhreth a bheireadh iad air mo chor, agus 
a chum mi fèin a laidhe fosgailte fo shearmon- 
achadh an f hacail : ach cha robh smaointeann 
idir agam air dol a dh'ionnsaidh bòrd an 
Tighearna. Co dhiù a chionn gu'n robh an 
latha ro fhliuch, agus mo phearsa ro fhann 
b'aithreach leam iomadh uair gu'n dh'fhàg mi 
mo dhachaigh : ach fa-dheòigh ràinig mi an 
t-àite, agus air feasgar Di-sathurn chuala mi 
searmoin air a searmonachadh leis an Urramach 
Uilleam Gilleaspie, ministear Chumaic, duine 
chum cliù Dhè nach cuala mi riabh an diamh- 
anas. Be'n ceann-teagaisg o'n shearmonaich e 
so a leanas ; — " Tha sinn fo thrioblaid air gach 
taobh gidheadh, chan eil sinn ann an teann- 
dachd." (2 Cor. iv. 8.) Bha leughadh a' chinn- 
teagaisg so na searmoin dhomhsa ; agus b'iong- 
antach leam nach do thachair mi ris an sgriobtur 
so roimhe an àm dhomh a bhi rannsachadh a' 
Bhìobaill. Nochd e lionmhorachd de theann- 
dachd àmhgharach agus de dh'imcheistean 
pobuill Dè, a bha 'g èiridh o'n truailleachd a 
bha fathast a' chòmhnaidh annta, agus cuil- 
bheartan Shàtain ; agus nochd e mar an ceudna 
an t-aobhar nach robh iad ann an an-dòchas a 
dh'aindeoin gach ni a b'urrainn an diabhol, an 
saoghal, agus an f heòil a dheanamh. Bha mi 
air leaghadh sìos le deoir am feadb a shuidh 



164 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

mi sìos ag' èisdeachd na searmoin so, agus 
shaoil leam gu'n robh m'uile bhanntaibh air am 
fuasgladh agus na neoil air sgaoileadh : ach air 
ball dhùisg Sàtan suas teagamh nach b'urrainn 
leithid an tì mu'n robh a' ministear a' labhairt 
a bhi na leanabh do Dhia. 

Air mo shlighe dhachaigh shuidh mi a leag- 
adh mo sgiòs diora, agus ann an tiotadh bha mo 
theagamhan air sgaoileadh air falbh: bha na 
geatachan pràis agus croinn iarainn an as-creid- 
eimh air an bristeadh agus m'anam air a lèig- 
eadh fa-sgaoil. Thug buachaill Israeil m'anam 
air a leth mhilleadh à beul an leòghain. Spion 
se a' chreach a' fiaclan an uabhasaich agus mise 
mar aithnne às an teine ; agus mu'n d'eirich 
mi à m'àite suidhe bha mo theangaidh air a 
fuasgladh a chum àrd chliù mo Dhè a sheinn : 
agus air an àm cheudna dh'èirich losa Criosd 
Mac an ionracais orm le slàinte fo sgiathaibh. 

Ach an robh ioghnadh ann mi bhi toilichte ? 
Nach b'iongantaiche nach tug mi suas an deò le 
h-èibhneas. Ged do bhiodh na beanntaichean 
a bha mu'n cuairt domh 'nan òr agus 'nan airg- 
ead, agus iad gu lèir leam fèin, mheasainn iad 
mar aolach agus mar shalachar an coimheis ri 
oirdheirceas Chriosd losa mo Tighearna. An 
robh iongantas ann gu'n robh mi toileach f haic- 
innnach fhaca mi ocheann beagan bhliadhnach- 
an ach aineamh, no mar choigreach nach 
fanadh ach rè òidhche, agus rè dà bhliadhna 
nach faca mi idir : ach feadh a bha m' Fhear- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



165 



saoraidh air falbh O cia mar rinneadh dì-meas 
air a ghràdh agus tàir air ainm ! agus càmpar 
a chuir air a Spiorad le mo ghniomharran ain- 
diaghaidh : Ach a nise thainig e ! O thainig 
e. Beannaichte gu'n robh ainm a chuir mo 
neo-thoirt air chùl. Agus ciod a their mi ? 
Ciod a b'urrainn Daibhidh a ràdh a bharrachd ? 
" Ach an e so gnàths dhaoine a Thighearna ?" 
Their mi maille ri Heseciah, " Labhair e araon 
ruimsa, agus is e fèin a rinn e imichidh mi gu 
tairis (le ghràs) rè m'uile laithean an an searbh- 
adas m'anna." 

Chan eil deamhain no droch dhuine damn- 
aichte ann an ifrinn a b'urrainn sealladh a b'uabh- 
asaich a bhi ac' air am peacannan na bh' agamsa 
air mo pheacannan fèin 'nan uile chor cud- 
thromach,gidheadh, 'nuair aghabh mibeachdair 
Criosd mar Shagart agus èifeachd f hala agus a 
luachmhoiread ann an làthair Dhè ; agus a 
bhuaidh naomhachaidh a ta aic anns an anam 
'nuair a thèid a cumail ris leis an Spiorad 
Naomha, tha mi cho dearbhta à gràdh agus a 
fabhar buan-mhaireannach Dhè, sa tha na 
h-ainglean taghte 'bha air an daighneachadh, 
'nan ceud staid agus nach do pheacaich riabh. 
Agus an uair a bheachdaicheas mi air Criosd 
mar Rìgh nan rìgh, agus 'na cheann thar gach 
ni da Eaglais, tha mi cuir cumhachd Shàtain 
agus dhroch dhaoine ann cho beag sùim ris an 
smùraich a ta fo'm chasan. Tha mi ri gàird- 
eachas, tha mi ri buaidh-chaithream, tha mi 



165 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



toirt buaidh ann an Criosd gun dòchas a bhi 
agam san fheòil, agus a miannachadh gu 
dùrachdach eiseamplair a leantainn. Agus a 
nis' a chionns is gu'm beil mi creidsinn ann an 
Criosd Iosa tha " sìth Dhè' a tha dol thar uile 
thuigse" air lionadh m'anma gu lèir, — Thainig 
mi a chuid eile de'n t-slighe mar neach a 
chaidh a dhùsgasdh o na mairbh agus bu ghann 
a b'urrainn mi cumail orm fèin gu'n m'aoibh- 
neas a chuir an cèill do'n bhuidhean a bha 
tachairt rium air an rathad mhòr. 

Air dhomh tighinn dachaigh agus tìm fhaìgh- 
inn gu smuainteach air na rinn an Tighearna 
do m'anam, be cheud ni a bha mi air son a 
rannsachadh, an ni a bha mi a' saoilsinn bu 
cheann-fath do na h-uile thruaighe a thainig 
orm anns an dà bhliadhna chaidh seachad. 
Agus cho-dhùin mi gu'm be a bhi 'g altrum 
smuaintean dioghaltais an aghaidh a leithid so 
de mhuinntir a rinn eucoir orm. An sin dh' 
fheòraich mi gu dùrachdach ri mo chridhe 
fèin mar ann an làthair Dhè, agus thubhairt 
mi : — " Air faicinn dut gu'm beil Dia rèith riut 
ann an Criosd, gun a bhi cuir t-eaceartan as 
do leth, nach eil thusa le t'uile chridhe air do 
rèiteachadh ri do nàimhdean fèin, gu sònraichte 
ris a leithid so de mhuinntir gun a bhi cur an 
ea-ceartan an ìre dhaibh?" Thug m'uile 
chridhe freagradh do'n cheiste so, — " Tha, 
Tha, tha mi ; oir a chionn gu'm beil Dia rèith 
riumsa, eadhon riumsa, tha mis air an latha 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 167 



diugh air mo dheanamh rèith ris a' chinne- 
daonta gu lèir ; agus ris a bhuidhean air na 
chuir *mi mach, agus a' guidhe' gu'm bi an 
cuirp agus an anamanan sàbhailte gun an 
fhalachd ìs lugha bhi agam dhaibh, mar 
nach cuireadh iad. riabh mi-thlachd orm." 
Bha' ni so 'na chotharradh math leam air gu'n 
robh gràs Dhè annam da rìreadh 'nuair a 
b'urrainn mi mathanas a thabhairt gu saor do 
na nàimhdean ud. Oir tha dioghaltas agus 
sean ghàmhlas mar bheanntan a ta thar cumh- 
achd nàduir a' chìosachadh, freumhan nacli 
urrainn duine sam bith le neart fèin a spionadh 
suas, a thaobh gu'm beil e thar cumhachd 
reusain na smaointean so a chumail fodha, 
'nuair a dheireas iad, ni mò as urrainn ùine 'n 
lagachadh i is iad na h-ana-miannan so meòir 
a's treise de'n t-seann-duine. 

Dheallraich a' ghrian a' nise gu sòlasach àir 
m' anam anns gach uile dhleasanas, agus 
bheothaich spiorad Dhè cleachdaidhean, a 
ghràis agus thainig iad a mach ann an gluasad 
beò. Bha mo shòlas " do-labhairt agus làn de 
ghlòir/' Tacan an deigh so thuit mi ann an 
tinneas a bha uabhasach do nàdur agus a 
chuir gràs gu dùlan, uime sin thòisich mi air 
cuir mo thaigh an òrdugh agus a' cur ri'm 
chunntas gu'm faiginn bàs agus nach mairinn 
beò. 

An so bha sealladh gle ghruamach agam air 
mar ghiùlain mi mi-fèin rè na h-ùine bha mi 



168 



BEATHA AGUS IOMPACHADH 



as eugmhais làthaireachd Dhè ; ach be mo 
thròcair do-labhairt gu'n do shlànaich Dia 
m'anam mu'n do leag e a làmhan air mo chorp. 
An sin thòisich mi air rannsachadh an dh'fhuair 
mi gràs ; no 'm fuilingeadb m'f hianais air son 
slàinte dearbhadh mar thaitneadh ri'm chogais 
o'n a bha mi gu seasamh an ath-ghoirid 
fa-chomhair cathair brietheanais neo-chlaon- 
bhreitheach Dhè. Agus f huair mi na cotharr- 
aithean so a leanas air gu'n robh mi a'm 
chreideach an Criosd : — 

Anns cì chend àite. Bha truailleachd choit- 
cheann mo nàduir air a dhearbhadh orm ; agus 
gu'n robh mi ann am " leanabh corraich eadhon 
mar chàch," gun a bhi air sheòl sam bith fiùgh- 
ail air f àbhar Dhè, agus bha mothachadh agam 
air cho neo-chomasach sa' bha mi dhiom fèin 
air eiridh às an staid thruaigh sin, &c. 

Anns an dara h-àite. Mhothaich mi gu'n 
dh'fhuair mi an Tighearna Iosa Criosd air 
chùmhnantan an t-Soisgeil 'na uile dhreuchdan 
agusgu'n shocraich mi air-san mar shlànaigh- 
eàr cumhachdach agus dianmhalt comasach air 
mo shàbhaladh chum na làimhe is faide mach, 
gu'n do ghabh mi ri fhìreantachdsan mar m' 
fhìreantachd fèin, ni a b'aon stèigh fhìrean- 
aichidh dhomh ann an làthair Dhè, &c. 

Anns an treas àiie. Mhothaich mi gu'n robh 
mòr mheas agus spèis agam do lagh naomha 
Dhè, agus nach robh mi'n geallair ni sam bith 
ach eiseampleir Chriosd a leantuinn ann an 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 16$ 



coimhlionadh an dleasanais a bha 'n lagh ag 
iarraidh. Mhothaich mi riabh on a dh'fhosg- 
ail Dia mo shùilean chum is gu'm faicinn gràs 
saibhir Chriosd anns an t-soisgeil, gu'n robh 
iarratas agam a' ghràs sin a mheudachadh le 
strìochdadh de dh'eiseamplair Chriosd ; agus 
de na h-uile mhearachdan san t-saoghal cha 
do dh'fhuathaich mi mearachd sam bhith cho 
mòr riu so a tha tiunndaidh gràs Dhè gu 
macnus, a' deanamh Iosa naomhana mhinistear 
peacaidh — Mhothaich mi ni b'fhaide, ged a 
bha mi nise do rèir coltais air bruach na 
siorruidheachd nach robh m'iarrtas ni bu mò 
gu Dia ghlòrachadh na bha mi am feadh a bha 
mi am làn shlàinte, agus ann an treun mo 
neart, ni mo a bha iarrtas agam air grèim ùr 
air Crisod ach na bha agam roimhe. Be m' 
uile iarrtas gu'm faighinn neart a chum na 
fhuair mi cheana chumail, a chionn is gu'n do 
mheal mi uidhir de Chriosd sa' b'urrainn mo 
chridhe chumail, no mo chreideamh a ghiùlain. 

Anns a cheathramh àite. Mhothaich mi 
m'ùmhìachd a' sruthadh bho bhun gràidh do 
Dhia, agus gu deimhinn ged a chithinn ifrinn le 
h-uile uabhas rùiste, cha'n f hàgadh an sealladh 
sin cho umhal mi sa dh'f hàg an gràdh a bha 
agam do Dhia. 

A Rithist. Bha mi air mo rèiteachadh ris a' 
chinne-daona gu lèir, gun an gàmhlas bu lugha, 
ged nach robh mi rèith ri'n caithe-beatha agus 
ri'n giùlain, ach bha teas ghràdh agam do'n 
Q 



170 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

bhuidhean a ghràdhaich an Tighearn Iosa da 
rìreadh ged nach biodh iad fèin agus mise do 
rèir a chèile ann ara puingean eile. 

'Se sud cuid de na dearbhaidhean a fhuair 
mi air gu'n robh gràs Dhè annam agus nach 
tighinn a chum darnnaidh, agus bha facal Dhè 
agus a Spiorad a togail fianais le mo chogais 
nach robh mi ga mo mhealladh fèin. Seadh, bha 
iomadh smuain thaitneach agam air siorruidh- 
eachd ni nach eil an comas domh sgrìobhadh 
an dràsta. O ! ciod an ni siorruidheachd 
naomhachd a mhealtainn ! siorruidheachd de 
an ùmhlachd is iomlaine gun sgìos ! siorruidh- 
eachd do ghràdh gun sgur! siorruidheachd 
gun chaochladh sam bith ! O shiorrudheachd 
cia mar tha bhi smuainteach' ort a' slugadh 
suas m'anma ! Agus fathast bu deònach a 
bhithinn beò, agus bu deònach a bhàsaichinn. 
Ach o bha aogais gruamach a bhàis uabhasach 
do'm nàdur ach a rèir gach coltais cha robh 
dòigh air a sheachnadh. Uime sin mheas mi 
mi fèin mar roi' làthair cathair bhreitheanais 
uabhasach Dhè, agus mi bhi air mo rannsach- 
adh le leithidibh so de cheistean : — " Ciod a 
rinn thusa leis na tàìantan a dh'earb mi riut ? 
Ciod am feum a rinn thu dhiù? Cia mar 
chaith thù t'òige agus do neart ? Cia mar a 
ghabh thu ga t'ionnsaidh gluasadan, mo Spior- 
aid ? Ciod am feum a rinn tha de m'òrduigh- 
eatì, de shearmonachadh an fhacail, agus de 
ghabhail na Sàcramaidean ? Cia mar a bhuil- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 1^1 



ich thu ìno Shàbaidean ? Cia mar a dh'àitlin 
thu do d' theaghlaich agus do d' sheirbheiseich 
m'eagal a bhi orra ? Agus cia mar a dh'òr- 
duich thu conadall 'nan làthair? Ciod an 
eiseamplair a thug thu dhaibh-san agus do d' 
choimheirsnaich ? Cia mar a sgaoil thu do 
mhaoin do na bochdan ann am fiosrachadh 
nam bantraichean agus nan dinnleachdan nan 
teinn agus ga do chumail fèin gun smal o'n 
t-saoghal ?" &c. &c. 

Do na ceistean so, agus do dh'iomadaidh a 
bharr orra bha mi balbh agus cha b'urrainn mi 
freagradh a' thoirt dha air son aon ann am 
mìle. O ! tha nithe siorruidh a thoirt gu buil 
uabhasach ! Ach air leam gu'n dh'f huair mi 
an Tighearna Iosa Criosd m' Fhear-tagraidh a 
seasamh air mo shon mar Eadar-mheadhonair 
agus a' fogladh a bhilean gràsmhor air mo 
shon feadh a bha mi am sheasamh aig ionad 
breitheanais ag agairt f hala agus f hiùghalachd 
fèin, a' dheanadas agus a bhàs, aisèiridh agus a 
ghlòrachadh, agus tre fhìreantachd gu'n dh' 
fhuair mi saor o'n bhreitheanas, chum onair 
shiorruidh lagha agus ceartais Dè. O ! co is 
urrainn glòir an t-seallaidh so do Chriosd 
aithris? Agus an sin chunnaic mi an Tigh- 
earn' Iosa Criosd, cha'n ann a mhain mar m' 
Fhear-tagraidh, agus m' Fhear-saoraidh, ach 
mar mo Bhreitheamh. " O cha'n eil an t-Ath- 
air a' toirt breth air duine sam bith, ach thug 
e na h-uile bhreitheanas do'n Mhac."' Agus 



172 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

O cia cho taitneach sa' tha na smuaintean so 
Fear-saoraidh agus breitheamh fhaicinn ann 
an aon phearsa! Nach be so an Tighearna 
ga mo neartachadh air leabaidh mo thinneis 
iarganaich ? B' f hearr leam laidhe air clèith 
iarainn leis na smaointean so air an dearbhadh 
air mo chogais leis an Spiorad Naomha na 
laidhe sìos air leabaidh chlòimh-itich le ciont 
agus gath a' pheacaidh. 

Bha smuaintean dealachadh ri mnaoi ghràidh, 
agus ri leanamh taitneach gle chruaidh orm ; 
ach fa-dheòigh thainig agam air buaidh fhaot- 
ainn thar na smaointean sin, le bhi air mo 
chuideachadh gu creideamh oibreachadh air 
an Sgriobtur so; — " Tog do chlann gu'n athair 
agus gleidhidh mise beò iad, agus cuireadh do 
bhanntrach a dòchas annamsa." An deigh 
dhomh mo chreideamh a shocrachadh air a' 
ghealladh agus air an àithne so bha mi cho 
toilichte is ged a bhiodh oighreachd agam ri 
fhàgal daibh le cobhanan làn òir, agus air 
dhomh a bhi strìochte do thoil Dhè* bha mi 
denòach marsainn beò, no bàsachadh,mar chith- 
eadh e-fèin iomchaid. Ach rùinich Dia m'ais- 
eadh arithist gu mo shlàinte ghnàthaichte, agus 
bha mi air mo chuideachadh chum ìobairt 
thaingealachd a nochdadh dha air son mo 
shaoradh o bhruach na h-uaighe ! 

Bhuannaich mi ni's mò o'n trioblaid so na 
rinn mi fad m'uile bheatha roimhe sin, air 
dhomh a bhi air mo tharrainn o fhuaim agus 
o dhrip an t-saoghail, bha mi ni b' fhearr air 

V . ■ v 
«... . 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



173 



m'ullachadh chura teagasg diadhaidh a ghabhail 
ni a dheònaich an Tighearna thoirt dhomh aig 
an àra. " 7* beannaichte 'n duine smachd- 
aicheas tusa a Thighearna agus a theagaisgeas 
tu às do lagh." 

Bha Sàcramaid Suipeir an Tighearna gu bhi 
air a riarachadh ann an sìgreachd fagus domh 
agus bha iarrtas dùrachdach agamsa air a bhi'n 
sin. " Mar athogras am fiadh a'chum nan sruth 
uisge, mar sin' tha m'anam a togairt ga t'ionn- 
saidh a Dhè, tha tart air m'anam a chum Dhè, 
chum an Dè bheò," &c. (Salm xlii., xliii. agns 
Ixxxiv.) Chuir mi sìos nan Sgriobturan so a 
chionn gu'm b'iad a bha mi cnuasachadh, agus 
agaithris agus be làn mhiann m'anma,glòirDhè, 
f haicinn,agusgu'mmothaichinn a ghràdhcumh- 
achdach ann an Criosd ga mo chomh-èigneach- 
adh, oir mhothaich mi òrduighean a bhi coltach 
ri teach Dhè agus ri geata nèimh. 

Anns an àite so bha sealladh agam de'n 
Tighearn' Iosa Criosd mar mo bhuachaille o 
na briathran so, — " Is e'n Tighearna mo bhuach- 
aille cha bhi mi ann an dìth." Bha mi air mo 
thoirt gu beachd a ghabhail air Criosd mar a 
threòraich e Clann-Isareil rè dhà fhichead 
bliadhna anns an fhàsacb ; agus f haighidin 
ann an giùlain leo a dh'aindeoin am brosnaich- 
ean lionmhora,agus marthugadh iad fa-dheòigh 
a chum Canaan a' ghealiaidh: fòs chunnaic mi 
gu'm b'èigin da air uairean an cronachadh 1q 
sgùrsaidhean goirt air son an ceannairc, agus an 



174 BEATHA AGUS loMPACHADII 



toirt gu ùmhlachd. Feuch dhèilig e riumsa 
air a mhodh cheudna, thug e mi bho ni bu 
mhio-sa na daorsa na h-Eiphit, agus thug e 
dhomh deagh reachd, stàtun, agus àintean, nithe 
na'n robh mi air an coimhid a sgaoladh mo 
shìtli mar abhainn, agus m' f hìreantachd mar 
thonnan na fàirge. " Ach chuir mise doilgheas 
air a Spiorad Naomh' air chor is gu'n dhfhàs 
e 'na nàmhaid dhomh agus chog e fèin ann am 
aghaidh," gus an robh na deagh armailteau 
gràis so, a thugadh dhomh aig àm m'iompaich- 
idh cha mhòr gu lèir air an sgrios aig àm mo 
chùl- sleamhnaichidh. 

Air an ath mhadainn ged a bha mi glè lag, 
agus fann ann am chollainn, chaidh mi chum 
an àite anns an robh sàcramaid suipeir an 
Tighearna gu bhi air a riarachadh agus bha 
urrad de mhothachadh agam air làthaireachd 
Dhè air mo spiorad, ann an astar nan ochd 
mìle so, air mhodh, is gu'n robh e araon a' 
teagasg no a' toirt comhfhurtachd do 'm 'anam 
gach mionaid, ni a dh'f hàg mo thuras glè thait- 
neach dhomh. 

'S an fheasgar an deigh do'n searmòin a 
bhi thairis, tbeich mi gu àite diamhair chum 
ruith a leigeadh le m' anam, oir bha mi làn 
bhriathran. Bha'n Spiorad an taobh a steach 
dhiom ga mo chomh-èigneachadh. Bha mo 
smuaintean air an suigheachadh air an sgriob- 
tur so : — " Ma ghràdhaicheas duine mise 
coimh-lìonaidh e m'àinteantan, agus gràdhaich- 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



175 



idh m' Athair esan, agus thig sinn da' ionnsaidh 
agus ni sinn air còrnhnaidh maille ris. O a' 
ghràs iongantach! Mar a h-abradh Mac Dhè 
e, An amen agus an Fhianais' dhìleas ; co a 
chreideadh e? Ach gu dearbh dh'f hoillsich 
se e fèin domh anns an àite ud, agus dhoirt e 
a ghràdh gu saibhir orm tre Iosa Criosd air 
dòigh is gu'n robh m'anam cumhainn air a lion- 
adh air chor is nach cumadh e tuilleadh. An 
sin thubhairt mise ; — " Biodh e an diugh air 
f hoillseachadh a measg slòigh nan nèamhagus 
air a cho-shèirm air an clàrsaichean òir. — Gu'm 
b^il saor ghràs agus gràdh Dhè ann an Criosd 
nir faotainn làn bhuaidh air m'uile chridhe, 
agus air m'anam agus gu'm beil mi air an 
latha an diugh am bhràighde toileach do 
chrann-ceusaidh Chriosd ann an rathad ùmh- 
'achd, agus gu'n robh sin air a sgriobhadh ann 
an leabhar a' chogais gun a bhi gu bràth air 
atharrachadh. Cha bhi no 'nuair a bhios mi 
gleachd' ri righ nan uabhas chum as gu'm faod 
mi mo chòir air Crìosd a leughadh, agus air 
gaol buan-mhaireannach Dhè, gun teagamh 
air bith, an deigh an sgrùdadh as neo-chlaon- 
bhreitheich a bhi air a dheanamh a thaobh fal- 
anachd mo chreideimh, agus nan torraidhean a 
thug e mach 'n am anam thogadh fianais do'm 
chogais gu'm be creideamh sluaigh taghte Dhè." 

Thainig mi air falbh o'n ionad thaitneach so 
le m'anam làn de ghràdh Dhè, agus uime sin 
cha b' urrainn mi smuainteach air ni sam bith 



176 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



eile ach gràdh Dhè ann a' Mac a ghràidh a 
" chuir a dh'ionnsaidh an t-saoghail a shàbh- 
aladh pheacach agus mise an ceud f hear." O 
ciod a dh'ìocain air son abhi measg chriosdaidh- 
ean f hèin-f hiosraichte, chum m'inntinn a' 
chuir an cèill daibh? Bha gràdh Dhè an impis 
m'anam a mhùchadh. Is ceart a dh' f haodas mi 
ràdh maille ris an fhaidhe; " Nach tionndaidh 
an sealladh so de'n Tighearn' air son duine, ni mò 
a dh'fhuireas iad air son mic dhaoine." Beann- 
achd do Dhia a thug air mo chluasan bodhar a 
ghuth a' chluinntinn,* agus beannaichte gu'n 
robh e fad siorruidheachd, air son gu'n tug e 
dhomh à lànachd a ghràidh a leithid de chùirm, 
ni nach dh' f huair mi riabh roimhe ; O ! am 
faod mi nis' a ràdh gu'm beil mi air mo sheul- 
adh le Spiorad Naomh a' gheallaidh? agus 
gur e so earlas na h-òighreachd gu àm saor- 
aidh an t-sèilbhe cheannaichte chum cliù a 
ghlòire ? Cia cho sona sa tha mi, agus ciod 
an t-atharrachadh a' thainig orm ! Faodaidh 
mi nis' a ràdh leis an earbsa i's mò, — " Is e an 
Tighearna mo charraig agus mo dhaighneach 
mo Dhia mo chreag anns an cuiream mo 
dhòchas." &c. Phill mi'n sin a' chum mo 
thaigh-cairtealan, air dhomh a bhi làn " aoibh- 
neis do-labhairt, agus làn de ghlòir." 

Moch air madainn na Sàbaid' dhùisg mi 
agus bha mo chadal milis, a mothachadh mo 
chridhe agus mo rùintean anns an fhonn anns 
an robh iad an uair a laidh mi sìos, mar nach 



DHUGHAILL BOCHANN AIN, 177 



bu tric a thacbair. Ach air a' mhadainn so 
dhùisg mi làn gràidh do Dhia, agus mo rùin- 
tean air an socrachadh air na nithe tha shuas. 
Bha m'anam coltach ri raon a bheannaich an 
Tighearna. " Fhreagair mo ghràdh agus 
thubhairt e rium, Eirich a bhean mo ghaoil 
m'aon sgiamhach thig leam : oir feuch tha'n 
geamhradh seachad, tha'n t-uisge thairis, dh' 
imich e roimhe." 

'Nuair a thainig mi do'n eaglais dh'fhoillsich 
Criosd e fèin do m'anam an sin 'na ghràdh 
bàis, air dòigh iongantach. O am bòrdsòghar 
a bh' air a chòmhdachadh dhòmsa san f hàsach. 
Feuch cùirm ghràidh, gràdh gun chomais ! Dia 
an t-Athair a Mac siorruidh fèin air a bhrudh- 
adh, Mac a ghràidh, agus corp a's fuil a bhi air 
a thoirt dha chum a bhi 'na bheatha dhuts' O ! 
m'anam. Criosd da thoirt fèin seachad le uile 
sochairean a bheatha agus a bhàis, seadh agus 
a Spiorad Naomha a bhi air a thoirt seachad 
dhòmhsa anns a' chùirm. — Dhlùthaich gach ni 
orm, agus dheallraich iad le leithid de mhaise 
air chor is gu'n robh m'anam ionnan a's air a 
shlugadh suas. 

Bha ceann-teagaisg na searmoin' chomon- 
achaidh air a' toirt o, 1 Cor. x. 4. " Agus 
gu'n d'òl iad uile an t-aon deoch spioradail : oir 
dh' òl iad do'n charraig spioradail sin a lean 
iad : agus bi a' charraig sin Criosd." O'n 
cheann-teagaisg so bha'n Tighearna Iosa Criosd 
gu h-urramach air a nochadh a mach 'na làn- 



178 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



achd, agus na èifeachd. Dh' òl m'anam gu 
saibhir o'n uisg' a thainig a mach o'n charraig. 
Shruth sruthanan slàinte agus sòlais am 
pailteas mòr bho Chriosd, agus fhuair mise 
fasgath do'm' anam ann an còsan na carraige 
so. Shuidh mi sìos fo sgàile na carraige so 
ann an tìr airtneulaich agus shuidhich mi mo 
chreideamh agus mo dhòchasgu siorruidh oirre, 
a deanamh dì-meas air gach bunaid eile ; uime 
sin tha mi a' creidsinn nach toir dorsan na 
h-ifrinn' buaidh am' aghaidh. 

Tha mo Dhia 'na charraig, agus tha shligh- 
eachan foirfidh agus bidh obair a ghràis 
ann am anam air a deanamh coimhlionta 'na 
h-àm fèin cho cinnteach ri obair a' chruthaich- 
idh. Chunnaic mi gur ann am fròig na 
creige so, agus nach b'ann an àite sam bith eile 
anns am b'urrainn mi Dia a' chluinntinn a' 
gairm ainme, Eudmhor, Glic, agus Naomha, 
(nach saor air aon chor an cionntach,) cho math 
ri gràsmhor agus tròcaireach. 

Thugadh orm mil agus ola a' dheothal às a' 
charraig so. O ! gu ma h-e dhomh nach di- 
chùimhnich mi gu bràth Dia a dheilbh mi mar 
so ann an Criosd Iosa. Shàmhlaich mi mi-fèin 
ris an t-seilch-chreige* a tha beò an ceangal ris 
a charraig agus a chrupas i fèin ris a' charraig 
a chum a dion an uair a bheanas an ni as faoine 
dh'i, agus nach urrainnear a bhuain gu'n a ro 



* A'chìoch mhara, no chìoch thràghad. 



DHDGHAILL BOCHANNAIN. 1^9 



dhochann. Is ionnan 's mo chorsa gu deimhin 
oir tha mi beò air a' charraig Criosd agus da 
mo dhion fèin air-san. Tha e a' toirt freumh- 
an beò dhomh, agus as aonais cha'n urrainn mi 
ni air bith a' dheanamh, agus an so tha mo 
chomhfhurtachd na laidhe nach urrainn uiY 
ainneart peacaidh agus ifrinn mo spionadh o 
charraig nan aosda so, agus tre èifeachd m' 
aonaidh ris a' charraig tha mi a' seasamh daigh- 
ean oirre. Tha'n Tighearna beò, beannaichte 
gun robh mo charraig, agus biodh Dia mo 
shlàinte air àrdachadh. 

Thàinig mi mach às an eaglais air m'ùrach- 
adh le fion a' ghliocais, agus le aran Dè, a 
thainig a nuas o nèamh, agus bha cèir mheala 
bhlasta teisteanas Dè na ghreira milis fo mo 
theangaidh. Thug Criosd buaidh agus thionail 
mis' a' chreach ; chuir esan le deòir, le 
pian agus le falas fala, agus bhuain mis' 
le èibhneas agus le subhachas. Chaidh bun- 
tain risan gu maslach, agus chaidh gabhail 
riumsa gu h-urramach. O'n f huair mise fàbhar 
'na shealladh cia cho urramach sa' tha mi. 
Tha'n ràdh ud fior gu deimhinn " Tha aon 
neach a' cur agus neach eil' a buain." A 
Thighearna greas an latha anns an dean thusa 
chuir agus mise 'bhuain comh-ghàirdeachas gu 
siorruidh le chèile. O ! an robh a leithid de 
dh'innleachd gràidh agus gràis ann ri bàs Iosa 
Criosd Mhic Dhè I O ! M'anam, C'àit' am 
beil thu ? " Tha mi," arsa m'anam, " falaichte 



180 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

ann an cuan gràidh Dhè aig nach eil tràigh no 
iochdar." 

" Is airidh an t-Uan a chaidh a mharbhadh, 
air cumhachd. agus saibhreas. Hosana do 
mhac Dhaibhidh ! Is beannaichte an tì a 
thig ann an ainm an Tighearna." 

Theich mi nise do dh'ionad uaigneach chum 
taingealachd agus cliù a thoirt do Dhia a' 
chionn gu'n thaisbean e dhomh urrad de 
chaomh-chairdeas iongantach ann am baile 
coimheach, agus f huair mi mo chridhe taomadh 
a mach ann an gluasad strìochdaidh umhail 
do'n Tighearna 'na uile shligheachan dèilig 
rium. Chunnaic mi e 'cuir air aghaidh ruin- 
tean a ghràis 'na shluagh taghte le dòighean 
dorcha an fhreasdail, air sheòl is gu'n thaisbean 
na nithe sin a bha coltach ri èis a chur air a 
rùintean fa-dheòigh gu bhi na mheadhon a 
chum an cuir air an aghaidh, agus bha agam 
anns an àm so cuid de 'fhreasdalan anns an 
amharc a bha gruamach annta fèin aig an àm 
anns an tàinig iad mu'n cuairt, agus be sin an 
t-àm a bha mi dà bhliadhna dheug a' dh'aois, 
ach air an dearb latha so ba iad air am soill- 
eireachadh suas domh le fhreasdal eiie air 
chòr is gu'n d' iomchair iad m'anam gu nèamh. 

O ! gràdh, gràs, agus gliocas Dè, a tha nis' 
air a thaisbeanadh dhomh a bha cuir mo dòch- 
as amaideach fèin tuathal seach mar bu mhiann 
leam, anns na laithibh roimhe so, agus an sin 
thubhairt mi : — " Bithidh i so 'na crìch shona 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 



181 



aìr gach ni a rinn an Tighearna dhomh ann an 
tìm, agus ged nach ion domh sùil a bhi agam 
gur urrainn mi fìor bhrìgh an aobhair 'mu'n 
tainig àmhgharan am' charabh, anns an t-saogh- 
al so a leughadh, leughaidh mi iad ann am 
bith-bhuantachd." 

Ghabh, mi beachd air Dia ann an so mar an 
tuathanach mòr a dh'àiticheas am fonn agus a' 
chuireas sìol an f hacail anns a' chridhe ; agus 
mar an ceudna gur e fear-riaghlaidh na h-aim- 
sir a bheir an sìol a chum abachadh, agus a 
chionn gu'm beil am foghar a' pilleadh air ais a 
chum a chliù agus a ghlòire fèin tha mi air mo 
thoirt gu chreidsinn gu'n cuir e a leithid de 
dh'aimsir sa' chì a ghliocas neo-chrìochnach 
iomchaidh chum fogharadh tarbhach a ghiùlan 
de thoradh fìreanachaidh 'n am anam. 

Shàmhlaich mi gràs an Spioraid ri ioma- 
daidh seòrsa sìl agus chunnaic.mi an ni a 
bheireadh tur sgrios air aon seòrsa sìl, gu'n 
robh e uil' iomchaidh gu àrach an t-sìl eile. 
Shàmhlaich mi creideamh ris a' ghraine chruith- 
nichd a sheasas a mach an aghaidh teanntachd 
reòt' agus sneachd' a' gheamhraidh, agus a tha 
air a dheanamh ni's fearr leis an doinionn sin : 
ged a gheibheadh sìol de chaochladh gnè bàs 
leis an aimsir cheudna. Uime siu tha mi 
toileach a bhi strìochte le aimsir sam bith a 
chuireas an Tighearna gu'm chrannachar san 
t-saoghal so bhos. 

An sin thog ni suas mo chridhe le mo 

R 



182 BEATHA AGUS IOMPACHADH 



làmhan do Dhia anns na nèamhan agus thubh- 
airt mi : — O Dhia ghlòrmhoir agus uile-chumh- 
achdaich ! a chuir ann ad shaor ghràdh do 
Mhac siorruidh Criosd losa chum t'ainm a 
luaidh do chreutairean aineolacha bàsmhor? 
agus a nochd t'ainm dhomhsa fo ainn tuathan- 
aich, no treòghaiche, a dh'àiticheas anmanan 
a shluaigh taghte le Spiorad Naomha chum sìol 
a ghràis a' ghabhail do'n ionnsaidh, agus an 
deanamh iomchaidh air son do làthaireachd. 

O Dhia tha mi 'g aideachadh le naire gu'n 
robh mi ga do sheoladh-sa mar bu chòir dhut 
obair a dheanamh air m'anam, tha mi 'n so air 
an latha 'n diugh a' strìochdadh dhutsa chum 
oibreachadh orm mar as àill leat. Tha mi ga 
mo thoirt fèin suas dut a Thighearna chum 
mo dhèilbh mar chi thu iomchaidh, agus na 
h-ionnsramaidean as àill leat a ghnàthachadh 
chum na h-oibreach a chrìochnachadh : tha mi 
cinnteachgu'n dean thu'n obair, agus nach dean 
thu i ach mar 's còir dh'i bhi deante. O Thigh 
earria tha mi a' faicinn a leithid de dhoille ann 
am reusan, a leithid de dhòrchadas ann am 
thuigse, a leithid de dh'aingealtas ann am thoil, 
air dòigh is gu'm beil mi cho toileach a bhi air 
mo thoirt air falbh bho 'n uachdaranachd sa 
bhithinn air mo thoirt a lùib sgriosa cho liugha 
nathair-nimhe no leòghan cuthaich ! O Thigh- 
earna gabh stiùradh mo cheuman, agus riagh- 
laidh mo chrannchair, oir cha'n eil aon smaoin 
ain-deonach annam air mi-fèin àicheadh agus 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 183 



gabhail riutsa O Spioraid Dhè mar fhear-iùil 
agus mar chomh-fhurtair a chum an t-saoghail 
eile. 

Tha mi creidsinn nach buin e dhomhsa fios 
a bhi agam air na nithe a chùm thu 'n cleith 
ann ad làmhan fèin, air an aobhar sin, cuir 
sneachd anns an t-sàmhradh no frasachd 'san 
foghar, thoir seachad aran an àmhghair no 
uisg' an doilgheis ; thoir air falbh a h-aon de 
mo shòlasan an diugh, agus an t-aon eile a 
màireach, dean mar as àill leat rium fèin agus 
ri'm chuid, agus le còmhnadh do ghràis, their 
ni. " Is math toil an Tighearna." 

A nis' Athair a Mhic agus an Spioraid 
Naoimhe a thriùir phearsaibh san aon Dia, 
tha mi cuir fianais air nèamh agus air talamh 
nach eil mi ni's faide leam fèin, ach leatsa 
chum oibreachadh orm leatsa, agus chum oib- 
reachadh dhut. Cha'n eil am rùn a Thigh- 
earna, mo cheud-fathan nàdurrach a chur air 
chùl mar ni gun mhath ni mò tha thusa ga 
iarraidh : Cha'n eil a Thighearna, gnàthaich- 
idh mi iad leis a' chriannachd agus lei^ an 
dìcheall a's mò am chomas, ach a mhàin *s,eall 
fèin thairis orra gu lèir, dean mo thoil f hiar- 
adh, agus tionndaidh mo ghliocas gu amaideas, 
agus mo neart gu anmhuinneachd an uair a 
leagas mi mo thaic orra ; agus nach ann ortsa, 
agus seasadh do chomhairlean-sa daigheann, 
agus tuiteadh mo chomhairlean fèin sìos. 'Nis' 
a tliighearna biodh iad so a tha mi 'g àicheadh 



184 BEATHA AGUS IOMPACHADH 

agus a' diùltadh air an sgrìobhadh air nèamh, 
agus tha mise sònrachadh nach atharraich mi 
iad am feadh a bhios mi air talamh chum 
is gu'm bi mi fèin agus gach ni a ta agam, no 
bhios agam an deigh so fo bhuileachadh Dhè 
gu deanamh ris mar chì e iomchaidh. 

'S i so ùrnaigh creideimh, èisd rithe agus 
cuir air chùl ùrnaigh cèille reusoin feòlmhor 
agus seasgaireachd an àma tha làthair. O 
Thighearna gnàthaich na meadhonan a chuireas 
air aghaidh t'obair. Cluinn mo chridhe, m'- 
anam agus mo chreideamh, ach o diùlt mo 
mhiannan eile ge do ghlaodhadh iad gu treun 
riut. Tha mi air an latha 'n diugh a' togail fia- 
nais 'nan aghaidh agus a cuir na cùise sin ann 
an làimh an Fhir-thagraidh air nèamh, air 
deas làimh Dhè chum is nach bi iad air an 
cluinntinn, agus tha mi gealltainn ann an làth- 
air Dbè agus nan aingeal naomha, agus a' cuir 
fianais air mo chogais agus air gach ni mu'm 
thimchioll, far am mothaich mise do thoil a 
bhi nach cathaich mi na h-aghaidh ach geill- 
eadh dh'i. Glèidh mi uam fèin, oir as mi mo 
nàmhaid a's mò. 

Beannaichte gu'n robh thu o mo Dhia ann 
an Criosd a chuidich leam chum mi fèin àich- 
eadh cho saor ann ad làthair, agus air son gu'n 
tug thu dhomh a leithid de strìochdadh anma 
do d' chùing. 

A nis' a Thighearna, deònaich do'n chaisrig- 
eadh so a rinn mi orm fèin dhutsa, agus mo 



DHUGHAILL BOCHANNAIN. 185 

ghabhail riut mar mo Dhia an Criosd, agus mi 
bhi ann am chuspair do t'obair spioradail a 
bhi coltach ris na lathaibh a thriall nach faod a 
bhi air an ath-ghairm air ais a rithist. Biodh 
e air a dhaighneachadh air nèamh agus cuiridh 
mise mo làimh ris air talamh. 

DÙGHALL BOCHANNAN. 

*»* Bha Dùghall Bochannan beò ochd bliadhna 
deug an deigh so, ach cha dh'fhàg e cunntas sgrìobhte 
air a' chuairt sin de a bheatha. Anns a' bhliadhna 
1775? fhuair e bhi na mhaighistear sgoil' ann an Ran- 
ach an Siorramachd Pheairt, far an robh e a chòmh- 
naidh 'nuair a rinn e na " Laoidhean Spioradail" a 
leanas. Chuir e mach na Laoidhean air tùs ann an 
Dunèideann sa' bhliadhna 1766, agus chaochail e dà 
bhliadhna an deigh sin. 



CRÌOCK. 



/ì 



LAOIDHEAN SPIORADAIL, 



LE 

« t 

DÙGHALL BOCHANNAN. 



LAOIDHEAN SPIORADAIL, 

LE 

DÙGHALL BOCHANNAN. 



MORACHD DHE. 

O ! ciod e Dia, no ciod e ainm ? 
Cha tuig na h-aingle 's àird 'an glòir ; 
Tha e 'n solus dealrach falaicht' uath, 
Far nach ruig sùil no smuain 'na chòir. 

Uaithe fè"in ta bhith a' sruth' ; 
Neo-chruthaichte ta uile bhuaidh ; 
Neo-chrìochnaichte 'na nàdur fèin ; 
'S fein-dhiongmhaltas ga 'n cumail suas. 

Cha robh e òg is sean cha bhì ; 
O shìor' gu sior' gun chaochla staid ; 
Cha tomhais grian no gealach aois ; 
Oir 's nithe caochlach iad air fad. 

'Nuair thaisbeanas e ghlòir no ghràs. 
Bidh là neo-bhàsmhor teachd o shùil ; 
'S grad chuiridh sluagh nan nèamhan ard 
Le 'n sgiathaibh sgàile air an gnù^is. 

'S mu thaisbeanas e ghnùis an gruaim, 
Grad sgaoilidh uamhunn feadh nan speur ; 
Roimh' achmhasan-sa teichidh 'n cuan, 
'S le geillt-chrith gluaisidh 'n cruinne-cè. 

Ta oibre nàduir searg' 'sa fàs, 
O chaochla tàid gu caochla ruith : 
Ach uile thionns^-ans"tàid 'nan aon, 
Gun traogh' no lionadh air a bhith. 

'Ta aingle 's daoin' do neo-ni dlù ; 
A' bhrù o'n tàinig sinn gu lèir, . 

s 



2 



Ach iomlanachd o shìorruichd ta, 
Neo-chrìochanach 'na nàdur fèin. 

'Nuair chuala Neoni guth a bheil, 

Ghrad leum 'na bith a' chruitheachd mhòr, 

An cruinne so le uile làn, 

'S na nèamhan àrd le'n uile shlòigh. 

'N sin dhearc' air oibrichibh gu Uir, 
'S gach creutair bheannaich e 'nan staid, 
'S cba d' fheum ath-leasachadh air riì, 
A measg a ghnìomharra air fad. 

Air clàr a dhearn' tha dol mu'n cuairt 
Gach reullt a ghluaiseas ann san speur ; 
An cruthach' gu ìèir tha 'stigh 'na ghlaic, 
'S a' deannamh' thaic d'a ghàirdean treun. 

Co chuartaicheas do bhith a Dhè" ! 
An Dòimhne ' shluig gach reusan suas ; 
'Nan oidhirpibh tha aingle 's daoin 
Mar shligean maoraich' glacadh chuain. 

O bhith-bhuantachd tha thus' a'd' Rìgh, 
'S ni bheil san t-saoghìs' ach nì o'n dè ; 
O 's beag an eachdraidh chualas dìot, 
'S cha mhòr do d' ghnìomh ata fo'n ghrèin. 

Ge d' thionndadh 'ghrian gu neo-ni rìst, 

'S gach ni fa chuairt a soluis mhòir ; 

'S co beag bhiodh t' oibre 'g ionndrainn uath, 

'S bhiodh'n cuan ag ionndrainn sileadh 'mheòir. 

An cruthach' cha dean le uile ghlòir, 
Lan-f hoillseachadh air Dia nam feart, 
Cha 'n 'eil 's na h-oibre ud gu Uir y 
Ach taisbean earlais air a neart. 

Le'r tuigse thana 's diomhain duinn 
Bhi sgrùdadh 'chuain ata gun chrìocli ; 
An litir 's lugha dh' ainm ar Dè*, 
Is tuille 's luchd da 'r reusan ì. 



3 



Oir ni bheil dadum cosmhuil riut 
Am measg na chruthaich thu gu lèir, 
'S a' measg nan daoine ni bheil cainnfc 
A labhras t' ainm ach t' f hacal fèin. 



FULANGAS CHRIOSD. 

'S e fulangas mo Shlànaighear 

A bhios mo dhàn a' luaidh, 
Mòr irioslachd an àrd-Rìgh sin 

Na bhreith 's na bhàs ro chruaidh, 
'S e 'n t-iongantas bu mhìorbhuilich 

Chaidh innse riamh do shluagh ; 
An Dia bha ann o shìorruidheachd, 

Bhi fàs 'na chìochran truagh. 

'Nuair ghabht' am broinn na h-òighe e ; 

Le còmhnadh Spioraid Dè, 
Chum an Nàdur Daonna sin, 

A dheanamh aon ris f èin ; 
Ghabh e sgàil mu Dhiadhaigheachd ; 

S de'n BHRIATHAR rinneadh* feòil, 
Is dh' f hoillsich an rùn diomhair sin, 

Am pearsa Chriosd le glòir. 

Rugadh 'an stàbull dìblidh e, 

Mar dhìlleachdan gun treòir ; 
Gun neach a dheanadh càirdeas ris, 

No bheireadh f àrdoch dhò, 
Gun mhuinntir bhi 'ga f hriothaladh, 

Na uidheam mar bu chòir : 
Ach eich a's daimh ga chuartachadh 

D' an dual gach uile ghlòir. 

Mti'n gann bha fios gu'n tàinig e, 
Do dhùisg' dha nàimhde mòr : 

B' èidear teich' do'n Eiphid leis, 
Roimh Herod bh'air a thòir, 

Is e cho nàimhdeil dioghaltach 
Chum Iosa chur gu bàs ; 



* In the original " dhearnadh," the Irish word for the one 
above substituted. See the irish and Scotch translations of the 
^oriptures. John ehap. i. ver. 14. 



4 



'S gu'n mharbhadh leis gach ciocharan 
A bha na rìgh'chd gun dàil. 

Bha tuill aig na sionnachaibh 

Ga'm falachadh o thdinn 
Bha nid aig na h-eunlaithe 

An gèugaibh àrd nan crann ; 
Ach e-isan a rinn uile iad, 

'S gach nì sa' chruinne chè, 
Bha e f e*in na fhògarach, 

Gun chòmhnaidh aig fo'n ghrèin. 

Am feadh 'sa ghabh an Slànaighear 

Mar ionad tàimh an saogh , l. 
Mar leigh ro iochdmhor f àbharach 

Bha 'leigheas chlann nan daoin'; 
'N aon eugail raimh bu ghàbhaidh bh' ann, 

'S gach galar cràiteach geur, 
Do* tbionndadh e chum slànachaidh 

'Nuair làbhradh e o bhèul. 

Thug teanga do no balbhanaibh, 

'S do'n bhacach mball a lùgh, 
Do 'n bhodhar thug e chlàistinneachd, 

?S do dhaoine dalì an iùl, 
Na lobhair bhreun do ghlanadh leis, 

Cur fallaineachd 'nam feòii : 
'S leighis gach eugcail anma e, 

'S na mairbh do thug e beò. 

Do shearmonaicheadh an soisgeul leis, 

Do dhaoine bochda, truagh ; 
A's gheall e saorsa shìorruidh dhaibh 

Bha 'n glais fo' chìs ro chruaidh : 
Na'n gabhta ris an f hìrinn leo, 

Le creideamh fiorghlan beò, 



* " Bo" is generally expressed before the verb in old Gaelic 
poetry, in the Past tense of the Indieative and in the Poten. 
tial Mood, and that sometimes for no meaning whatever but to 
add a syllable to the measure. The Editorsof the various editions 
of this little work have deleted this participle, and substituted 
words of their own in its plaee, by which the poetry in many in. 
stances has been transposed. This Edition is printed from the 
original copy of 1766, in the possession of Mr. Stewart of Balerno. 



5 



'S gu 'm biodh iad air an ìompachadh 
'O ghnìomharaibh na feòl'. 

Lean buidheann tùr do'n f hàsach e, 

Is dh'f han trì làith 'na chòir, 
Cùig mìle bha de dh'àireamh ann 

Bh'air fàilneachadh chion lòin : 
'N ro bheagan fhuair iad, bheannaich e 

'N dà iasg 's cùig araiu eòrn', 
A's dh'ith iad gus 'na sàthsaich' iad 

Is dh' fhàgiad ni bu leòir. 

Do chaisgeadh onfhadh chuaintean leis, 

'S an tonnan uaibhreach mòr, 
A' ghaoth ro laidir, bhuaireasach, 

Do chuartaich e 'na dhòrn : 
Ach aithris air gach mìorbhuile, 

Ilinn Iosa ann san fheòil, 
Cha chumadh 'n saogh'l do sgrìobhainibh, 

Na dh' innseadh e gu leòir. 

Ach 'nuair bha 'n t-àm a' dlùthadh ris 

Gu'n siùbhladh e chum glòir, 
Ghairm e chuige dheisciobuill, 

Is dheasaich e dhaibh lòn : 
Chuir e sìos 'nan suidhe iad 

'S gach uidheam air a' bhòrd ; 
Aran 's fion do riarach' orr' 

Bha caillach' f huil is fheòil. 

Is thug e sin mar òrdugh dhaibh 

Bhi 'n còmhnaidh ac' gu bràth, 
A dh' f hoillseachadh' mhòr-fhulangais, 

A dh' f huilig air an sgà ; 
Gu'n itheadh is gu'n òladh iad 

De dh' fheartaibh mòr a 'ghràidh, 
'8 gu 'm bitheadh e mar chùimhneachan 

D' a mhuinntir air a bhàs. 

'N tra chum a ghàraidh thàinig e,* 
An sin bha 'chràdh ro mhòr ; 



* " Nuair tbainig chum a' gharaidh e." in theoriginal 



6 



'Nuair fhuair e 'n cupan ièìvge sin, 

Bha oillteil searbh r'a òl. 
Air ghoil bha chuisle craobhachsan 

Tre chorp ro naomh 'ga f hàsg' ; 
'Na f halas fala' braonadh 'mach 

Tre aodach air an làr. 

'N sin thuit e air a ghlùinibh sìos 

A deanamh ùrnuigh gheur ; 
" O Athair chaoimh ma's comas e 

An deoch so cuir uam fèin ; 
Ach so a' chrìoch mu'n 'tàinig mi, 

Gu'n sàbhalainn mo threud, 
Mar sin na iarram fàbhar, ach 

Do thoil gu bràth bhi deunt'." 

Be sud an cupan uamhunnacn, 

Do fhuair e' ann 'na làimh ; 
Peacadh 'n t-saoghail ga chuartachadb 

'S gach duais a bhuineadh dhà. 
Na dh'fhuilgeadh'n saoghal gu sìorruidheaehd 

De phiàntaibh a's de chràdh, 
Chaidh sud a leagadh còmhla' air, 

'S an deoch ud dh' òl 'nan àit. 

B'e 'n diabh'l a shealbhaich lùdas sin, 

Le chridhe dùbailt' fiar; 
An cealgair sanntach, lùbach ud, 

A chuir dù-chùl ri Dia : 
An troiteir reic a Shlànaighear, 

'S a mhaighstir gràdhach fèin, 
Is bhrath da nàimhde bàsmhor e, 

Fo chàirdeas pòg a bheul. 

An sin do rinn iad prìosanach 

De dh' losa gun cheann-fàth, 
Is thug iad dh' ionnsaidh Phìlait e, 

Gu'n dìteadh e chum bàis : 
Is dhìt am breitheamh eucorach 

Le fianais bhrèig an Tì, 
Bha 'choguis fèin ag innseadh dha 

Bhi dì-chiontach is f ìor. 



7 



Do cheangail agus sgiùrs' iad e. 

Le builìibh drùiteach geur, 
An fheoil o'n chnaimh do rùisgeadh leo 

'Na meallaibh brùit gu hiir, 
A chorp ro naomh' do mhilleadh leo 

'S a chreuchda sileadh sìos ; 
An fhuil le 'n ceannaichte an saoghal so 

Gun sgoinn bhi dh'i no prìs. 

N'sin rinneadh crùn de'n sgitheach leo, 

Is dh'fhigh iad e gu teann, 
Chur tuille pian is nàire air, 

Do spàrr iad e mu cheann ; 
'Na cheann a steach do bhuaileadh leo 

Na bioraibh cruaidh ro gheur, 
Is agbaidh ghlòrmhor dh' f halaich iad 

Le 'n silibh salach, breun. 

'Nuair chuir iad an crùn nàrach air, 

Ro chràiteach goirt do bhì, 
Do sgeadaich iad Je sgàrlaid e 

Cuir colbh 'na làimh mar Rìgh 
Is labhair iad gu sgallaiseach 

A' fanoid air an Tì : — . 
" Fàillte Rìgh nan lùdhach dhut, 

Le 'n glùn g'a chromadh sìos." 

Le 'm foirneart mòr do dh' eignich e 

'Chrann cèusaidh thogail suas, 
Ach ge bu chruaidh sud b' fhèudar e 

Bhi 'gèilleadh dhaibh san uair : 
A chuisle chaomh a' tràoghadh as, 

'S a neart ga fhàsgadh uaith, 
A' dìreadh 'n t-slèibh ga shàrach' gus 

An d' f hàilnich e fo 'n chuail. 

Sìos air an leabaidh dhòrainnich, 

Le dheòin do laidh e fèin ; 
Ruisgt' air a chrann do shìneadh e, 

'S gach àlt dheth spion o chèil' : 
A chorp ro naomha beannaichte, 

Do cheangail iad gu. teann, 



8 



Le tairnibh 's òrd ga 'n sparradh sud, 
Gu daingeann ris a' chrann 

An crann an sin do dhìrich iad, 

Is Iosa thog air suas, 
Is air na tàirnibh chrochadh e 

Le dochann tha do-luaidh ; 
A chudthrom fein a' reubadh as 

Gach creuchd na chois 's na làimh, 
Is f huil ro phrìseil naomha-san 

Ga taomadh sìos gu làr. 

Ge bu mhaslach cràiteach leis 

Am bàs a dheilbheadh leo ; 
Aon ghearan riamh cha tàinig ueitla 

'N aghaidh nàimhde mòr ; 
Ach 's ann a.ghabh e 'n leith-sgeul-saiì, 

Ga 'n teasairginn gu fior, 
" O Athair thoir dhaibh mathanas, 

Ta'id aineolach 'nan gniomh." 

Chaidh dìbh-fhearg Dhè* a thaomadh air 

Gach uile thaobh mu'n cuairt, 
Bha gnìris a ghràidh air fholach air 

Is thionndadh solus uaith' ; 
A's dh'èigh e fo na pianntan sin, 

" Mo Dhia ! Mo Dhia na trèig l 
Na ceil do ghnùis ro f hàbharach, 

'S na fàg mi ann am' fheum." 

Na 'n rachadh an tròm-dhioghaltas 

Do ghiùlain los' e-fèin, 
Leag' air a chinne-daonn' sin, 

'S na h-ainglean naomh le cheil, 
Do chasgradh ann a mòmaint bhig, 

Na slòigh ud leis gu lèir : 
Am braon bu lugh' d'afhulangas 

Ivoisgeadh e'n cruinne-cè. 

Do òrduich Dia nan sluagh an sin, 
lad theachd mu'a cuairt do'n t-sliabb, 



9 



Gacb uile nàdur reusanta, 

Do rinn e-fein o chian : 
'S gu 'm faicte 'ghaol da chreutairibh 

S do bheusaibh' pheacaidh' fhuath, 
Ann san fheirg a thaomaich e 

Air Mac a ghaoil san uair. 

'S e so bu chainnt da f hulangas, 

" Nis tuigibh uile shluagh, 
Nàdur sgreitidh 'pheacaidh ud, 

'S am dhòrainn faicibh 'dhuis ; 
Is nàdur teann a' cheartais sin 

A ghlac mi as leth chàich ; 
Nach math dhomh bonn da'm fiachan-sa 

'S nacb dìol mi ach le m' bhàs." 

Bha 'm bàs ud mallaicht', piantachail, 

Ro ghuineach, dioltach, dòigh ; 
Ro chràiteach, nàrach, fadalach, 

'S e teachd neo-ghrad 'na chòir : 
Bu ni ro oillteil uabhasach, 

Seachd uair' bhi'n crochadh beò, 
Air fèith'a chuirp gan spìonadh as, 

Co dh'f heudas inns' a leòn ! 

Bha brìgh a chuirp air toirmachadh 

An àmhuinn fèirge Dhe : 
'S a chridhe càirdeil fìrinneach 

A' leaghadh sìos mar chèiv : 
A theanga lean r'a ghialaibh-san, 

'Bha riamh am pàirt a shluaigh; 
Is fòirneart nan geur-phianntan sin, 

A' sniomha' anama uaith. 

A fradharcglan do dh'fhàilnich air, 

'S mar ghlaine db'f hàs a shùil ; 
Bha fèith'a chridh' a' bristeadh aig, 

'Sa bhràghad clisgeadh dlù : 
A ghnùis b' àillidb snuadh a's dreach, 

Air tionndadh uaine lì — 
Air leam gu'm faic mi 'n f hearra-dhris air 

'Cur a chath' shèirbh gu crìch. 



10 



Air leam gu'm faic mi chreuchdan-san, 

Mar a reub na tàirnean f heòil ; 
An f huil fàs dubh a' ragadh ump ; 

Sìor lagach' air a threòir ; 
Dreach a bhàis a' tional uim' ; 

'S e dealachadh r'a sgiamh ; 
Ar leam gu'n cluinn mi 'g osnaich e ; 

'S a phlòsgail bha 'na chliabh. 

Fa dheireadh labhair losa riu, 

" Tha mi an ìota mhor :" 
'Ghabh domblas agus fìon-geur k iad 

'S deoch shìn iad dha r'a h-òl, 
'N sin thubhairt, — " Tha e crìochnaichte 

Gach nì ghabh mi 'os làimh." 
'S le sgairteachd gheur do ghlaodh e 'mach 

Is chlaon e 'cheann gu bàs. 

Be sud an glaodh bha cruadalach, 

Do chual e 'n cruinne-cè ; 
Gach creag air talamh sgealbadh leis, 

'S na mairbh ghrad chlisg gu lèir : 
Do thiondadh' ghrian gu dorchadas, 

Is chaochail colg gach ni, 
Bha chruitheachd mar gu 'm bàs'cheadh i, 

'S i tarrainn chum a crìch. 

Na flaitheas bha riamh sòlasach 

'S na slòigh bha subhach shuas, 
San àm sin rinneadh brònach iad, 

'S an ceòl do leig iad uath ; 
Hi faicinn dhaibh an Ughdair ac' 

San ùir ga leagadh sìos, 
Am bàs a bhi ga cheangal-san 

'Thug anam do gach ni. 



LATHA A' BHREITHEANAIS. 

Am feadh 'ta chuid is mò de'n t-saogh'i 
Gu'n ghaol do Chriosd, gu'n sgoinn d'a rèat 
Gu'n chreideamh ac' gu'n tig e rls, 
'Thoirt breth na fìrinn air gach neach. 



II 



An cadal peacaidh taid nan suan. 
A' bruadar pailteas de gach nì : 
Gu'n umhail ac' 'nuair thig am bàs, 
Nach meal iad Pàrras o'n ard Rìgh. 

Le cumhachd t'f hacail Dhè" tog suas, 
An sluagh chum aithreachais na thrà, 
Is beannaich an Dàn so do gach neach, 
Bheir seachad eisdeachd dha le gràdh. 

I\Io smuaintean talmhaidh Dhe' tog suas, 
'S mo theanga fuasgail ann mo bheul; 
A chum gu'n labhrainn mar bu chòir, 
Mu ghlòir "s mu uamhunn latha Dhè. 

Air meadhon òidhch' .'nuair bhios an saog 
Air aomadh thairis ann an suain ; 
Grad dhùisgear suas an cinne-daon', 
Le glaodh na trompaid 's airde fuaim, 

Air neul ro ard ni f hoillseach' fèin, 
Ard-aingeal treun le trompaid mhòir ; 
Is gairmidh air an t-saogh'l gu lèir, 
Iad a ghrad èiridh chum a' mhòid : 

" O cluinnibhs uile chlann nan daoin, 
Nis thainig ceann an t-saogh'l gu beachd 
Leumaibh 'n'ur beatha sibhs' ta màrbh, 
Oir gu dearbh 'ta Ios' air teachd." 

Seididh e le sgal cho cruaidh, 
'S gu'n cuir e sleibhte 's cuan 'nan ruith ; 
Chlisgidh na bhios marbh 'san uaigh, 
Is na bhios beò le h-uamhunn crith. 

Le h-osaig dhoinionnaich a bheil, 

An saogh'l so reubaidh e gu garg, 

'S mar dhùn an t-seangain dol 'na ghluais 

Grad bhrùchdaidh 'n uaigh a nìos a' mair 

'N sin cruinnichidh gach cas is làmìi, 
Chaidh chur san àraich fad o chèil ; 



12 



'S bi'dh farum mòr a measg nan cnàmìi, 
Gach aon diu dol nan àite fèin. 

Mosglaidh na fireanaich an tùs, 
Is dùisgear iad gu lèir o'n' suain, 
An anamaibh turlingidh o ghlòir, 
Ga'n còmhlachadh aig beul na h-uaigh'. 

Le aoibhneas togaidh iad an ceann, 
'Ta àm am fuasglaidh orra dlù ; 
Is mar chraoibh-mheas fo iomlan blàth, 
Tha dreach an Slànaighear 'nan gnùis : 

Tha obair Spiorad Naomh nan gràs 
Air glanadh 'n nàduir o 'n taobh steach : 
'S mar thrusgan glan 'ta ùmhlachd Chrìosd, 
Ga'n deanamh sgìamhach o'n taobh 'mach. 

Dùisgear na h-aingidh suas 'nan dèigh, 
Mar bhèisdean gairisneach as an t-sloc; 
'S o ifrinn thig an anama truagh ; 
'Thoirt coinneamh uabhasach da 'n corp. 

'N sin labhraidh 'n t-anam brònach, truagh, 
R'a chollainn oillteil, uabhar, bhreun, — 
" Mo chlaoidh ! ciod uim' an d'èirich thu 
Thoirt peanas dùbailt oirn' le chèil ? 

O ! 'n èigin dòmhsa dol a rìs, 
Am prìosan neo-ghlan steach a'd' chrè ? 
Mo thruaighe mi, gu'n d'aontaich riamh, 
Le t' an-mianna brùideil fèin ! 

O 'm faigh mi dealach' riut gu bràth ! 
No 'n tig am bàs am feasd a'd' chòir ! 
'N drùigh teine air do chnamhaibh iairn ! 
No dìbh-f hearg Dhè an struidh i t'fheòil !" 

Eiridh na rìghrean 's daoine mòr, 
Gun smachd gun òrdugh bhi 'nan làimh ; 
'S cha' n aithn'ear iad a measg an t-sluaidh, 
O'n duine thruagh bha ac' na thràill. 



13 



'S na daoine uaibhreach leis nach b' fhi, 
Gu 'n ùmhlaicheadh iad-fdin do Dhia; 
O ! faic a nis' iad air an glùn ; 
A' deanamh ùrnuigh ris gach siiabh : 

" O chreagan tuitibh air ar ceann, 

Le sgàirnich ghairbh de chlachan cruaidh, 

Is sgriosaibh sinn à tìr nam beò, 

A chum 's nach faic sinn glòir an Uain I" 

Amach as uamha gabhaidh 'thriall 
An diabhol 's a chuid ainglean fèin, 
Ge cruaidh e 's eigin teachd a làth'r, 
A' slaodadh shlàbhraidh as a dhèigh. 

'N sin fàsaidh ruthadh ann san speur 
Mar fhàir na maidne 'g èiridh dearg; 
Ag innse gu bheil Iosa fèin, 
A' teachd na dhèigh le iatha garbh ; 

Grad fhosglaidh as a cheil na neòil, 
Mar dhorus seòmair an àrd Rìgh, 
Is foillsichear am Breitheamh mòr, 
Le glòir a's greadhnachas gun chrìch. 

Tha 'm bogha-frois mu'n cuairt da cheann, 
'S mar thuil nan gleann tha fuaim a ghuth ; 
'S mar dhealanach tha sealladh sùl, 
A' spùtadh as na neulaibh tiugh. 

A ghrian àrd-lòcharan nan spèur, 
Do ghlòir a phearsa gèillidh grad : 
An dealradh drillseach thig o ghnùis, 
A solus mùchaidh e air fad. 

Cuiridh i uimpe culaidh bhròin, 

'S bi'dh 'ghealach mar gun dòirt' oir' fuil, 

Is crathar cumhachdan nan speur, 

A' tilgeadh nan rèullt as am bun. 

Bidh iad air uideal ann san speur, 
Mar mheas air gèig ri h-ànradh garbh ; 
T 



14 



Tmteain mar bhraonaidh dh' uisge dlù, 
'S an glòir mar shùilean duine mhairbh. 

Air charabad teine suidhidh è, 
'S mun cuairt da beucaidh 'n tairneanach, 
A' dol le ghairm gu crìoch na nèamh, 
'S a' reub' nan neul gu doinionnach. 

O chuidhlibh 'charbaid thig amach, 
Sruth mor de theine laist' le fèirg ; 
is sgaoilidh 'n. tuil' ud air gach taobh, 
A' cur an t-saogh'l na lasair dhèirg. 

Leaghaidh na Dùile 'nuas le teas, 
Ceart mar a leaghas teine cèir : 
Na cnuic 's na slèibhtean lasaidhsuas, 
'S bidh teas-ghoil air a' chuan gu lèir. 

Na beanntaibh iargalt' nach tug seach, 
An stòras riamh do neach d'an deòin, 
Ta iad gu fialaidh taosgadh 'mach, 
An iònmhais leaght' mar abhuinn mhòir. 

Gach neach bha sgrìobadh cruinn an òir, 
Le sannt, le dò-bheart, no le fuil ; 
Lan chaisgibh 'nis bhur 'n iota mòr, 
'Sa nasgaidh òlaibh dheth o'n tuil. 

O sihhserinn 'ur bun de'n t-saogh'l, 
Nach tig sibh 's caoinibh e gu geur, 
'Nuair tha e 'gleacadh ris a bhàs, 
Mar dhuine làidir dol do'n eug. 

A chuisle chleachd bhi fallain, fuar, 
E-i mireag uaibhreach feadh nan gleann. 
'Tha teas a chlèibh 'ga smùidreadh suaa, 
Le goilìbh buaireis feadh nam beann. 

Nach faic sibh 'n 'crith tha air mu'n cuairt, 
'S gach creag a' fuasgladh ann's gach sliabh 
Nach cluinn sibh osnaich throm a' bhàis, 
'S a chridhe sgàineadh stigh 'n a chliabh. 



15 



An cùrtain gorm tha null o'n ghrèin, 

'S rau'n cuairt do'n chruinne-chè mar chleòc, 

Crupaidh an lasair e r'a chèil, 

Mar bhèilleig air na h-èibhlibh beò. 

Tha 'n t-adhar ga thachd' le neula tiugh, 
'S an toit 'na meallaibh dubh dol suas ; 
'S an teine millteach spùtadh 'mach, 
'Na dhualaibh caisreagach mu'n cuairt. 

Timchioll a' chruinne so gu lèir, 
Borb bheucaidh 'n tàirneanach gu bras : 
'S bidh 'n lasair lomadh glòir nan speur. 
Mar fhalaisgris na slèibhtibh cas. 

'S a chum an doinionn atadh suas, 
O cheithir àirdibh gluaisidh 'ghaoth ; 
Ga sgiùrs' le neart nan aingel treun, 
Luathach' an lèir-sgrios o gach taobh. 

Tha obair nan sè a là rinn Dia, 
Le lasair dhian ga chur 'ma sgaoil ; 
Cia mor do shaibhreas Rìgh nam feart, 
Nach ionndrain casgradh mhìle saogh'l ! 

'M feadh tha gach ni 'an glacaibh 'n èig, 
'S a chruitheachd gu lèir dol bun-os-ceann, 
Teànnaidh am Breitheamh oirnne dlù, 
A chum gach cùis a chur gu ceann. 

'N sin gluaisidh e o àird nan speur, 

Air cathair a Mhòrachd fèin a nuas, 

Le greadhnachas nach facas riamh, 

'S le' Dhiadhachd sgeudaichte mu'n cuairt, 

Ta mìle tàirneanach 'na làimh, 
A chum a nàimhde sgrios am fèirg. 
I3 fonn-chrith orr' gu dol an greim, 
Mar choin air èill ri h-àm na sèilg. 

Ta aingle gun àireamh ann 'na chùirt, 
Le 'n sùilean suidhicht' air an Rìgh, 



10 



Chum ritli le òrdughsan gun dàil, 
S na h-uile àit ga'n cur an gniomh. 

O Iudais thig a nis a làthair, 
'S gach neach rinn bràithreas riut a'd' ghniomh, 
An dream a dh'aicheadh creideamh Chriosd, 
Na reic e air son ni nach b'fhiach. 

A shluaigh gun chiall thug miann do'n òr, 
Roi' ghlòir a's aoibhneas flaitheas Dè, 
Bhur malairt ghòrach faicibh nis, 
'S an sgrios a thug sibh oirbh fèin. 

'S amhuinntir uaibhreach leis 'm bu nàr, 
Gu 'n cluinnte cràbhadh dha 'n'ur teach; 
Faicibh a ghlòir 's na b' ioghnadh leibh, 
Ged dhruid e sibh a' rìogh'chd amach. 

O Herod faic a nis an Rìgh, 
D' an tug thu spìd is masladh mòr, 
Ga sgeudachadh le trusgan ruadh, 
Mar shuaineas sgallais air a ghlòir. 

Nach faic thu Breitheamh an t-saoghail gu Uir 
'S mar eudach uime 'n lasair dhearg ; 
A' teachd thoirt duais do dhaoine còir, 
'S a sgrios luchd-dò-bheirt ann am fearg. 

Is thusa Philat tog do shùil, 
'S gu'm faic thu nis' a mùthadh mòr ; 
An creid thu gur h-e sud an Tì 
A rinn thu dhìteadh air do mhòd ? 

An creid thu gur e sud an ceann, 

Mun d' iath gu teann an sgitheachgeur? 

Na idir gur i sud a' ghnùis, 

Air na thilg na h-Iùdhaich sileadh brè*unt 

'M bu leòr gu'n theich a' ghrian air chùl, 
A' diulta fianais thoirt do'n gniomh ? 
Ciod uim' nach d'fhuair a' chrutheachd bàs, 
'Nuair cheusadh air a' chrann a thiath ? 



17 



Cuiridh e aingle 'macli gach taobh, 
Chum ceithir ghaothaibh 'n domhain mhòir 
A chuartachadh gach aon de'n t-sluagh, 
A steach gu luath a dh'ionnsaidh 'mhòid. 

Gach neach a dh' àitich coluinn riamh, 
O'n ear 's o'n iar tha nise' teachd, 
Mar sgaoth do bheachaibh tigh'n mu ghèig 
An dèis dhaibh èiridh 'mach o'n sgeap. 

'N sin togaidh aingeal glòrmhor suas, 
Ard bhratach Chriosd da'n suaineas fu'ì ; 
A chruinneachadh na ghluais sa' chòir 
'S d'a f bulangas rinn dòigh a's bun. 

Do m'ionnsaidh cruinnichibh mo naoimh 5 

Is tionailibh gach aon de'n dream, 

A rinn gu dìleas is gu dlù, 

Le creideamh 's ùmhlachd ceangal leam. 

'N sin tionsgnaidh 'm Breith' air cùis an là 

A chum a nàimhde chur fo bheinn, 

Is fosglaidh e na leabhrainn suas, 

Far am beil peac a' an t-sluaigh air chuimhn 

Fosglaidh e 'n cridhe mar an cèudn', 
Air dhòigh 's gur lèìr do'n h-uile neach, 
Gach uamharrachd bha gabhail tàmh, 
Air feadh an àrois ud a steach. 

'Nuair chi'd an sealladh so dhiù fèin, 
Is dearbh gur lèir dhaibh ceartas De' ; 
'S bi'dh 'n gruaidh a leaghadh as le nàir 
Nach lugha cràdh na teine dian. 

Togaidh an tròmpaid 'rìst a' fuaim, — 
" Na labhradh 's na gluaiseadh neach 
Air chor gu'n cluinn gach beag is mòr. 
A bhreth thig air gach seòrs' a mach. 

" A dhaoine sanntach thrèig a' chòir, 
'S a leag bhur dòchas ann bhur toic, 



18 



A ghlais gu teann 'ur cridhe suas, 

'S a dhruid 'ur cluas ri glaodh nam bochd. 

An lomnochd cha do dhion o'n f huachd, 
'S do'n acrach thruagh cha tug sibh biadh, 
Ged lion mi fèin 'ur cisd' de lòn, 
'S 'ur treuda' chur a mòid gach bliadhn'. 

N,i bheil sibh iomchaidh air mo rìogh'chd, 
As eugmhais f irinn, iochd, is gràidh : 
'S o reub sibh m' ìomhaidh dhibh gu ìèir, 
Agraibh sibh fèin 'nar sgrios gu bràth. 

Is sibhs' bha guidheachan gu dian, 
Gu'n glacadh 'n DiabK'l bhur 'n anamfèin; 
'S mithich 'ur n-ùrnuigh f hreagra' dhuibh, 
'S na h-abraibh chaoidh' Gur cruaidh a bhin 

Is sibhs' a rinn 'ur teanga' fèin, 
A gheurachadh chum uilcmar sgian, 
Le tuailieas, cùl-chainnt, agus breug, 
'S le blas-bheum tabhairt beum do Dhia. 

A nathraiche millteach 's oillteil greann, 
Cha bhinn leam ceòl 'ur srannraich àrd, 
'S cha 'n èisd o'r teangaidh ghobhlaich cliù 
Le drùchd a phuinnsein air a bàrr. 

Is sibhs' thug fuath do m' òrdugh naomh, 
Is leis nach b'ionmhuinn caomh mo theach ; 
Leis 'm bu bhliadhna suidhe uair, 
Am àros tabhairt cluais do m' reachd. 

Cionnas a mhealas sibh gu bràth 
A'm' sheirbhis Sàbaid shiorruidh bhuan 
Na cionnas bheir 'ur n-anam gràdh, 
Do'n ni da'n tug bhur nadur fuath ? 

Luchd-mì-ruin agus farmaid mhòir 
Da'n doruinn iomlan sonas chàich 
Ije doilghios geur a' cnàmh bhur cre* 
Mu aon neach oirbh fèin bheir bàrr. 



19 



Cionnas a dh' f heudas sibh gu bràth 
Lan shonas àiteach ann an glòir ; 
Far am faic sibh inìlte dream, 
Ga'n ardach' os 'ur ceann gu mòr ? 

Am fad 's bu ìèir dhuibh feadh mo rìogh'chd, 
Neach b' àirde inbhe na sibh fein ; 
Nach fadadh mì run 's farmad cùirt, 
Tein' ifrinn duibh am fiaitheas D6 ? 

Is sibhs' 'an slighe na neo-ghloin ghluais, 
'S gu sònraicht' thruaill an leabaidh phòsd ; 
Gach neach a thug do m' naomhachd fuath, 
Ga'n tabhairt suas gu toil na fèol'. 

Mar b' ionmhuinn leibh bhi losgadh 'n teas 
'Ur n-uabhair, dheasaich mi dhuibh fearg, 
Leabaidh theth 'san laidh sibh sìos, 
Am brachaibh-lìn de lasair dhearg. 

Ged bheirinn sibh gu rìoghachd mo ghlòir', " 
Mar mhucaibh steach gu seòmar rìgh ; 
Ur nàdur neoghlan bhiodh ga chràdh, 
Le'r miannaibh bàsachadh chion bìdh. 

Gach neach tha iomchaidh airmo rìogh'chd, 
Teannaibh sìbhse chum mo dheis, 
Is cruinnichibh seachad chum mo chlì, 
A chrìonach o na crannaibh meas." 

'N sin tearbainidh e chum gach taobh, 
Na caoirich o na gobhraibh lom ; 
Ceart mar ni'm buachaille an treud, 
'Nuair chuartaicheas e sprèidh air tom. 

'N sin labhraidh e ri luchd a dheis, 
" Sibhse ta deasaichte le m' ghràs, 
Thigibh, sealbhaichibh an rìoghachd, 
Nach faic a sonas crìoch gu bràth. 

Spealg mise 'n geat' bha oirbhse dùinnt, 
Le m' ùmhlachd 's m' fhulangas ro-gheurs 



20 



'S dh fhosgail an t-sleadh gu farsuinn suas 
Am leth-taobh dorus nuadh dhuibh fèin. 

Chura craobh na beath' ta 'm Pàrrais Dè, 
he h-èibhneas teannaibh steach da còir • 
'S a fearta iongantach gu leir, 
Dearbhadh 'ur n-uile chreuchd 's bhur leòn. 

An claidheamh bha ruisgte laist' da dion, 
O làimh ar sinnsir Adhamh 's Eubh, 
Rinn mise truaill de m' chridhe dhà, 
'S a lasair bhàth mi le m' f huil fèin. 

Fo' dosraich ùrair suidhibh sìos, 
Nach searg 's nach crìon am feasd a blàth ; 
'S mar smeòraichean a measg nan geug, 
Chum molaidh gleusaibh binn 'ur càil. 

Le 'maise sàsichibh 'ur sùiì, 
^Is oirbh fo' sgàil cha drùigh an teas, 
O 'duilleach chùraidh òlaibh slàint ; 
Is bithibh neo-bhàsmhor le 'meas. 

Gach uile mheas tha 'm Pàrrais Dè, 
Ta nis gu lèir neo-thoirmisgt' dhuibh: 
Ithibh gun eagal o gach gèig, 
A nathair-nimh' cha teum a chaoidh. 

A's uile mhiann 'ur n-anma fèin, 
Lan shàsaichibh gu lèir 'an Dia, 
Tobar na firinn, iochd, is gràidh, 
A mhaireas làn gu cian nan cian. 

Mòr-innleachd iongantach na slàint, 
Sior rannsaichibh air àird 's air leud, 
'S feadh oibriche mo rioghachd mhòr, 
'Ur n-eòlas cìocrach cuiribh' meud. 

'Ur n-aoibhneas, mais' 'ur tuigs', 's 'ur gràdh, 
Bitheadh gu siorruidh fàs ni 's mò: 
'S ni 'n coinnich sibh aon ni gu bràth, 
Bheir air bhur n anam cràdh no leòn. 



21 



Cha 'n f haca sùil, 's cba chuala cluas, 
Na thaisg mi suas do shonas duibh, 
Imichibh, 's biodh 'ur dearbhachd f&n, 
Sìor innse sgeul duibh air a chaoidh." 

Ach ris a mhuinntir th'air a chlì, 
Labhraidh e 'na dhìoghltas cruaidh, 
" A chuideachd nach tug gràdh do Dhia, 
A chum an diabhoil siùbhlaibh uam. 

'S mo mhallachd maille ribh gu bràth, 
A chum 'ur cràdh 's 'ur cur fo phian : 
Gluaisibhse chum an teine mhòir, 
Ga'r ròsdadh ann gu cian nan cian." 

Mar sgàin an talamh as a' che'il, 
'N uair ghabh e teaghlach Chòraih steach, 
Ceart làimh riu fosglaidh 'n uaigh a beul. 
'S i miananaich air son a creich. 

Is mar a shluig 'mhuc-mhara mhòr, 
Iònas 'nuair chaidh' thilgeadh 'mach. 
Ni slugan dubh an dara bàis, 
A charabad iathadh umpa steach. 

San uamhaidh taobhaidh iad r'a che*il, 
A ghluais 'n am beath' gu h-eucorach : 
Luchd-mhionn a's mortaidh a's fianais-bhre'ig ; 
Luchd-misg a's reubainn 's adhaltrais. 

Mar chualaig dhris an ceangal teann, 
Air slabhraidh tha gach dream leo fèiri ; 
'S an comunn chleachd bhi 'n caidreamh dlù, 
Mar bhioraibh rùisgte dol 'nan crè\ 

Mar leòghan garg fo' chuibhreach cruaidh, 
Le thosgaibh reubadh suas a ghlais : 
An slabhraidh cagnaidh iad gu dian, 
'S gu bràth cha ghearr am fiaclan phrais. 

Bidh iad gu siorruidh 'n glacaibh 'bhàis 
S' an crìdh' ga f hàsgadh asd' le bròn, 



22 



Ceangailt air cuan do phronnasg laisd 
'S a dheatach uaine tachd' an sròn. 

Mar bhàirneich fuaighte ris an sgeir, 
Tha iad air creagaibh goileach teann : 
Is dìbh-fhearg Dhè a'.seideadh' 'chuain, 
Na thonnaibh buaireis thar an ceann. 

'Nuair dhùineas cadal cruaidh an sùil, 
Teas fèirg' 's an-dòchas dùisgidh iad ; 
A chnuimh nach bàsaich 's eibhle beò, 
A cur an dòrainn shiorruidh 'meud. 

Air ifrinn 'nuair a gheibh iad sealbh, 
'S làn-dearbhadh co ga'n toir iad cìs, 
Faodaidh sinn 'an gearan truagh 
'Chur anns na briathraibh cruaidh so sìos. 

" O staidh na neo-ni 'n robh mi 'm thàsah, 
Ciod uime dh'àrdach Dia mo cheann l 
Mo mhìle mallachd aig an là 
'N do ghabh mo mhàthair mi 'na broinn. 

Ciod uime f huair mi tuigse riamh ? 
No ciall is reusan chum mo stiùir ? 
Ciod uim' nach d'rinn thu cuileag dhiom 
Na durrag dhìblidh ann san ùir ? 

Am mair mi 'n so gu saogh'l nan saogh'l ! 
'N tig crìoch no chaochla orm gu bràth 
Am bheil mi nis san t-siorrachd bhuan, 
A' snàmh a chuain a ta gu'n tràigh l" 

Ged àireamhainn uil' reullta nèimh, 
Gach feur is duilleach riamh a dh'fhàs, 
Mar ris gach braon a ta sa' chuan, 
'S gach gaineamh chuartaicheas an tràigh. 

Ged chuirinn mìle bliadhna seach, 
As leth gach aon diu sud gu ldir, 
Cha d'imich seach de'n t-slorrachd mhòir 
Ach mar gu 'n tòisicheadh i'n dè. 



23 



Ach O ì 'n do theirig iròcair Dh£ ? 
'S am pian e mi gu saoghTnan saogh'l ! 
Mo shlabhraidh 'n lasaich e gu bràth ! 
No glas mo làmh an dean e sgaoil' l 

'M bi 'm beul a dh'orduich Dia chum seinn 
Air feadh gach linn a chliù gun sgìos, 
Mar bhalagan-sèididh fadadh suas 
Na lasrach uain' an ifrinn shìos ! 

Ged chaidh mo thruaighe thar mo neart 
Gu deimhinn fèin is ceart mo bhìnn ; 
Ach c'f hada bhios mi 'n so gam chràdh, 
Mu'm bi do cheartas sàitheach dhiom ! 

No 'm bi thu dìolte dhiom gu bràth 
'N deach lagh an nàduir chuir air cùl ? 
Mo thruaighe mi ! 'ne so am bàs 
A bhagair thu air Adhamh 'n tùs ? 

Air sgàth do dhioltais 'm bi thu 'sniomh 
Snàthain mo bheath' gu siorruidh caol ? 
Nach leòr bhi mìle bliadhn' ga'm losg' 
As leth gach lochd a rinn mi 's t-saogh'l ? 

Ged lean do dhìoltas mi gu m' chùl, 

Cha 'n ardaich e do chliù a Dhè, 

'S cha'n fhiu do d' Mhorachd t-fhearg a chosg, 

Air comharra' cho bochd rium fèm. 

O Dhia! nach sgrios thu mi gu tùr? 

'S le d' chumhachd cuir air 'm anam crìoch, 

'S gu staid na neo-ni tiig mi uait, 

Far nach 'eil fulang, smuain, no gmomh. 

Ach O! se so mo thoiìlt'neas fein 
Is ni bheil eucoir buntainn rium ; 
Oir dhiùlt mi tairgse shaor do Chriosd, 
S nior ghabh mi d'a f huil phrìseil suim. 

Mo choguis dìtidh mi gu bràth, 

An f hianais bha ga 'm chàineadh riamh ; 



24 



An-iochd no eucoir ann mo bhàs, 
Cha leig i chàradh 'm feasd air Dia. 

Do thilg mi aitheanta air mo chùl, 
A's ruith mi dùrachdach gu'm sgrios 
Ts 'f hianais fèin a' m' chridhe mhùch, 
A' druid' mo shùilean roimh mo leas. 

Cia meud an dìogh'ltais tha dhomh' dual 
As leth mo pheacaidh uamhor dàn ! 
Am peac' thug dùlan do dh' f huil Chriosd, 
'S a dh'fhàg gun è"ifeachd brìgh a bhàis. 

Gidheadh nach 'eil do Bhuaidhean fèin 
Neo-chrìochanach gu lèir o-chian ? 
'S an toir mo chiont air iochd, 's air gràdh 
Gu'm fàs iad crìochnaicht' ann an Dia ? 

An comas dut mo thilgeadh uat 
Far nach cluinn do chluas mo sgreud ? 
'M beil dorchadas an ifrinn fèin 
Far nach lèir do Dhia mo staid ? 

A' t' aoibhneas iomlan, 'n èisd do chluas 
Ri creutair truagh a rinn do làmh, 
Ag èigheach, — "-Athair ! gabh dhiom truas, 
'S leig fuarach do ghoil smear mo cnàmh r 

Eisd o mo Dhia ! mo thagradh bochd, 
'S gach osna ghoirt 'ta teachd a m' chliabh, 
'S aon achanaich nis' iarram ort, 
Air son gach lochd a rinn mi riamh : 

'Nuair ghuileas mi deich mìle bliadhn' 
Sa'n lasair dhian so fèin ga m' chràdh, 
'Nuair sgìth'cheas deamhain bhi g'am phian, 
O deònaich 'Dhia gtfmfaigh mi bàs ! 

Ge truagh mo ghuidhe cha'n èisdear e 
A's fois no fè cha'n fhaigh.mi chaoidh 
Ach beath' neo-bhàsmhor teachd as ùr 
Gu'm neartach' ghiùlan tuille claoidh. 



25 



Ach stad mo rann is pill air t'ais 
O sloc na casgraidh dhe'in a nìos, 
is feuch cionnas a bheir thu seòl, 
Bo'n dream tha beò nach tèid iad sìos 

A ieughadair am beil e fìor, 
Na chuir mi cheana sìos am dhàn ? 
Ma se 's gu'm beil thig 's lùb do ghlùn 
Le ùrnaigh 's aithreachas gun dàil : 

A dh' ionnsaidh Iosa teich gu luath, 
A' gabhail gràin is fuath do d' pheac', 
Le creideamh fior thoir ùmhlachd dhà, 
An' uil' àitheanta naomh a reachd. 

Gabh ris 'na oifigibh gu lèir, 
'S ri h-aon diù na cuir fèin ào chùl ; 
Mar Fhàidh, mar Shagart, 's mar Rìgh, 
Chum slàinte, dìdeann, agus iùl. 

Biodh eiseamplair am beachd do shùl, 
Chum t' uile ghluasad 'stiùr' da reir, 
'S gach meadhon dh' òrduich e chum slàii 
Bi fèin g'an guàthachadh gu lèir. 

As 'fhìreantachd dean bun amhàin. 
'S na taic gu bràth ri d' thoilltneas fèin : 
'S mas àill leat èifeachd bhi 'na ghràs, 
Na h-altrum peacadh dàimh a'd' chrè. 

Mar sin ged robh do chionta mòr, 
Chum glòir do Tighearn' saorar thù, 
Is chum do shonais shiorruidh fèin, 
Air feadh gach vè a' seinn a chliù. 



AM BRUADAR. 

AIR bhith dhomhsa ann am shuain 
A' bruadar diomhain mar tha càch, 
Bhi' glacadh sonais o gach nì; 
Is e ga'm dhlbreadh ann's gach àit. 



26 



Air leam gu'n tainig neach am chòir, 

'S gu'n tuirt e rium, " Gur gòrach mi, 

Bhi smuainteach greim a ghlei'dh do'n ghaoitla 

No gu'n lion an saogh'l mo chrì'. 

" Is diamhain dut bhi 'g iarraidh sàimh, 
'N aon ni' no'n àit' air bith fo 'n ghrèin ; 
Cha chlos do d' chorp an taobh so'n uaigh. 
No t' anam 'n taobh so shuaimhneas De\ 

" An tra dh'ith Adhamh 'meas an tùs, 
Am peacadh dhrùigh e air gach m : 
Lion e na h-uile ni le saothair, 
Is dh'f hàg e 'n saogh'l na bhriste crì'. 

" Air sonas 'anma chaill e còir; 
Mar ris gach sòlas bha'nn sa ghàr' : 
O sin ta 'shliochd nan deoiribh truagh ; 
Mar uan a mearachd air a mhàthair. 

" Ili me"ilieh chruaidh taid ruith gach nì, 
'An duil gu 'm faigh an inntinn clos : 
Ach dhaibh ta 'n saogh'l gun iochd no truas, 
Mar mhuime choimheich fhuair gun tlus. 

" Mar sin tha iad gun fhois no tàmh, 
Ga 'n sàrach' glacadh faileas breig ; 
'S a' deòl toil-inntinn o gach nì, 
Is iad mar chìochan seasg 'nam bèul. 

" Bidh teanndachd eiginort am feasd, 
'S do dhòchas faicinn fuasgladh t'fheum, 
An còmhnaidh dhut mar fhad na làimh; 
Ach gu bràth ch'n fhaigh dheth greim. 

" Cha teagaisg d'fheuchain 's dearbhadh thù, 
O dhùil a's earbsa chuir sa' bhrèig, 
A rinn do mhealladh mìle uair. 
'S co f hada uat an diugh sa'n dè. 

" An ni bu mhò da'n tug thu miann, 
Nach dh'f hàg a mhealtainn riamh e searbh ? 



27 



Tha tuilleadh sonais ann an dùil, 
Na tha'nn an crùn le bhi na shealbh. 

" Ceart mar an ròs a ta sa' ghàrr', 
Seargaidh a bhlàth 'nuair thèid a bhuaio 
Mu'n gann a ghlacas tu e d'iàimh, 
Trèigidh àile e 'is a shnuadh. 

" Ni beil neach o thrioblaid saor, 
Am measg a' chinne daonn' air fad. 
'S co lionmhor osna th'aig an rìgh, 
Is aig an neach is xsle staid. 

" Tha 'smùdan fèin à* ceann gach f òid 
Is dòruinn ceangailt' ris gach math ; 
Tha'n ròs a' fàs airdrisibh geur. 
'S an taic' a chèil' tha mhil 's an gath. 

" Ged chì thu neach 'an saibhreas mòr 
Na meas a shòlas bhi thar chàich: 
An tobar 's glaine chì do shùil, 
Tha ghrùid 'na ìochdar gabhail tàmh : 

" 'S mu chuireas t' anail e 'na ghluais, 
Le tarrainn chabhaig suas a'd' bhèul, 
Dùisgidh an ruadhan dearg a nìos, 
S le gaineamh lìonaidh se do dheud. 

" 'S ged chì thu neach 'an inbhe aird, 
Tha e mar nead am bàrr na craoibh ; 
Gach stoirm a bagra' thiigeadh nuas, 
Is e air luasgadh Jeis gach gaoith. 

" An neach is fearr tha 'n saogh'l a' riar 
Tha fiaradh eigin ann 'na staid, 
Nach dean a sheòltachd is a strì. 
Am feast a dhìreachadh air fad. 

" Mar bhata' fiar an aghaidh chèil, 
A ta o shuidheach' fèin do-chur ; 
A rèir mar dhìreas tu a bharr, 
'S co cinnteach ni thu cam a bhun. 



28 

• 

" Na h-Iudhaich thionail beag no mòr, 
De'n Mhana dhòirteadh orra 'nuas ; 
'Nuair chuir gach neach a chuid 's a' chlàr, 
Cha robh air bàrr no aon ni uaith : 

" Mar sin a ta gach sonas saogh'lt, 
A ta thu faotainn ann a d' làimb, 
Fa chomhair saibhreas, 's inbhe cùirt 
Tha caitheamh, cùram, agus cràdh. 

" Ged chàrn thu òr a d' shlighe suas 
Fa chomhair fàsaidh 'n luaith cfa rèir 
Ts ge do chuir thu innte rìogh'chd 
A mheidh cha dìrich i'na dhèigh. 

" Tha cuibhrionn iomchaidh aig gach neaeh 
'S ged tha thu meas gur tuille b' f hearr ; 
Cha toir an t-anabharr th'ann an sud, 
Am feasd an cudthrom as a chràdh. 

" O iomluas t' inntinn tha do phian ; 
A' diùlta 'n diugh na dh'iarr thu 'n dè t 
Cha chomasach an saogh'l do riar, 
Le t' anamianna 'n aghaidh chèil'. 

<c Na 'm faigheadh toil na feòl' a rùn, 
D'a mianna brùdail dh'iarradh sàth ; 
Flaitheas a b' àird cha'n iarradh ì, 
Na annta sud bhi sìorruidh 'snàmh. 

<£ Ach ged a b' ionmuinn leis an f heòil. 
Air talamh còmhnachadh gach rè : 
Bhiodh durachd t' ardain agus t' uaill. 
Cho ard dol suas ri Cathair Dhè, 

" Ach nam b' àill leat sonas buan, 
Do shlighe thabhair suas do Dhia, 
he dùrachd, creideamh, agus gràdh, 
Is sàsaichidh e t' uile mhiann, 

" Tha 'n cuideachd sud gach ni san t-saogh'l, 
Tha 'n comas dhaoine shealbhach' fior ; 



29 



Biadh, a's aodach, agus slàint, 
Is saorsa, càirdeas, agus, sìth." 

An sin do mhosgail às mo shuain, 
Is dh'fhag mo Bhruadar mi air fad : 
Is leig mi dhiom bhi ruith gach sgàil, 
Is dh'fhàs mi toilichte le m' staid. 



AN GAISGEACH. 

Cha bu ghaisgeach Alasdair mòr, 
No Cesar thug an Ròimh gu gèill ; 

Oir, ged a thug iad buaidh air càch, 

Dh' f han iad 'nan tràill' d'a miannaibh fèin. 

Cha ghaisg' an ni bhi liodairt dhaoin, * 
'S cha chliù bhi ann an caonnaig tric : 

Cha 'n uaisle inntinn àrdan bòrb, 

'S cha treubhantas bhi garg gun iochd, 

Ach 's gaisgeach esan a bheir buaidh 
Air eagal beatha, 's uamhunn bàis, 

'Sa chòmh'iaicheas le misnich crì', 
Na h-uile ni a ta dha 'n dàn. 

Le gealtachd ciont, cha teich air cùl 
'S an àm an dùisg a chogais fèin, 

A tagradh eisdidh e gu ciùin. 
'S an ceartas dùinidh se a beul, 

'S e 'n gaisgeach esan 'bheir fo' chls, 
A thoil chum strìochd do reusan ceart, 

'S a smuaintean ceannairceach gu lè"ir, 
Bhi 'n òrdugh geilleachdainn d'a smacfed. 

A mhianna brùideil saltraidh sìos, 
'S mar bhuill a chuirp fo' chìs a'taid, 

'S cha'n irislich e fèin da'n riar, 
O nach gu riaghladh rugadh iad. 

San òidhch 'nuair laidheas e chum suain, 
Bi'dh shubhailcean mu'n cuairt da fdin ? 



m 



Mar shaighdearan m'a thiomchioll rìgh, 
'Ga dhìdean o gach nàmhaid treun. 

'Sa mhadainn 'nuair a dhèireas suas, 
Cruinnichidh smuaintean as gach àit, 

S e fèin 'na 'n ceann mar chaiptin seòlt', 
Ga'n suidheachadh 'an òrdugh blàir. 

Chum cogadh 'n aghaidh miann na feòl', 
Gach bochdainn, 's dòruinn 'ta san t-saogh'l 

Gach ribe is gach innleachd bàis, 
Ta 'n deamhan 'gnàthach' 'n aghaidh dhaòin'. 

Tha inntinn daingeann mar a' chreag, 

Cha charaich eagal e no fiamh : 
Ta shùilean furachair a's geur, 

Is lèir dha 'n dubhan crom troi 'n bhiadh. 

Gu diomhain nochdaidh 'n saogh'l a ghlòir, 

GachJòr a's inbhe mhòr a t'ann ; 
Ta saibhreas aig' cho pailt 'na chrì', 

'S gur truagh leis rìgh is crùn mu cheann. 

Is ge do sgaoil an strìopach lìon, 
Gu ghlàc' le ìnnleachdaibh a mais' ; 

Cha drùidh air dealanach a sùl, 

'S cha leagh i 'rùn le 'miannaibh laist'. 

A nàmh cha choisinn air gu bràth, 
Ged fhaigh e sàrachadh ri h-uair ; 

'S e 'neart 's a shlàinte cridhe brùit, 
Is air a ghlùinibh bheir e buaidh. 

'S i 'n fhìrinnghlan is clogaid dà, 

Is gràs a' chreideamh aig' mar sgiath ; 

'S e'n sgriobtur naomh a chlaidheamh geur 
'S a mhisneach ta gu lèir 'an Dia. 

Tha sìothchaint aig 'na inntinn fèin, 
'S a chogais rèith ris ann 's gach nì; 

Ta saibhreas aig' nach leir do dhaoin, 
Is air nach cuir an saoghal crìoch. 



31 



Ri miodal tlà cha 'n èisd a chluas, 
Is sgainneal ghrannd cha bhuair a shìth, 

Cha ghabh e eagal d, droch-sgeul, 
Is tuaileas brÌig cha lot a chrì'. 

O m' anam ! dùisg is deasaich t' airm, 
'S gabh fàrmad ris a' ghaisgeach threun, 

Is t' anamianna cuir fo' chìs, 

Chum rìogh'chd a cheannsach' annad fèin. 

Biodh t' inntinn ard osceann nan speur, 
Cha 'n 'eil fo 'n ghrèin ach pòrsan truagh ? 

Mar tholman ùire faic an saogh'l, 

Is daoin' mar sheangain air mu'n cuairt 

A null 'sa nall gun f hois gun tàmh 
A' cruinneach' as gach àit do'n cist 

Gu lionmhor marcachd thar a chèil' 
'S a' trod gu geur mu bhiorun brist. 

'Nuair chì thu 'n sealladh so de'n t-sluagh 
Do smuainte cruinnich riut gu Ièir, 

A shealbhach' saibhreas, sonas, 's sìth, 
Air nach tig crìoch a' t' anam fein. 



AN CLAIGEANN. 

'S mi 'm shuigh aig an uaigh, 

Ag amharc mu bruaich, 
Feuch Claigeann gun snuagh air làr : 

Do thog mi e suas, 

A' tiomach' gu truagh, 
G'a thionndadh mu 'n cuairt am làimh, 

Gun àille gun dreach, 

Gun aithne gun bheachd ; 
Air duine theid seach 'na dhàil 

Gun fhiacail 'na dheud, 

No teanga 'na bheui, 
No slugan a ghleusas càil. 

Gun ruthadh 'na ghruaidn 
'S e rùisgte gu'n ghruaig ; 



32 



Gun èisdeachd 'na chluais do m' dhàn 

Gun anail 'na shròin, 

No àìle de'n fhòid, 
Ach lag far 'm bu chòir bhi àrd. 

Gun deallradh 'na shùil, 

No rosg uimpe dùn', 
Mo fradharc ri h-iùl mar b' àbh'sd. 

Ach durragan crom, 

A chleachd bhi san tom, 
Air cladhach' da tholl 'nan àit. 

Tha n' teanachainn bha 'd chùl, 

Air tionndadh gu smùr, 
Gun tionnsgal no sùrd air d'f hèum : 

Gun smuainteach' a'd' dhàil, 

Mu philleadh gu bràth, 
A chearteach' na dh'fhàg thu 'd dhèidli. 

Cha 'n innis do ghnùis, 

A nise co thu, 
Ma's rìgh no ma's diùc thu fèin 

'S ionann Alasdair mòr, 

Is tràill a dhìth lòin. 
A dh' eug air an òtrach bhreun. 

Fhir chlaghaich, na h-uaigh' 
Nach cagair thu 'm chluais, 

Co 'n claigionn so f huair mi 'm làimh ? 
'S gu 'n cuirinn ris ceisd, 
Mu ghnàs mu 'n do theasd ;* 

Ge nach freagair e' m' feasd mo dhàn. 

'M bu mhaighdean deas thu, 

Bha sgiamhach a' d' ghnùis, 
'S deagh shuidheach' a' d' shùil da rèir ? 

Le d' mhaise mar lìon, 

A ribeadh mu chrì', 
Cach òganaich chìdh' tu fein. 

Tha nise gach àgh, 

Bha cosnadh dhut gràidh, 



* Mu'n D'eug e. 



33 



Air tionndadh gu gràin gach neacìa ; 
Marbhais air an uaigh, 
A chreach thu de'n bhuaidh, 

Bha ceangailt' ri snuadh do dhreach. 

No 'm breitheamh ceart thù, 

Le tuigs' agus iùl, 
Bha rèiteach gach cùis do'n t-sluagh 

Gun aomadh le pàirt', 

Ach dìteadh gu bàs, 
Na h-eucoir bha dàicheil cruaidh ? 

No 'n do reic thu a chòir, 

Air ghlacaid de'n òr, 
O 'n dream'da 'n robh stòras pailt ? 

Is bochdan an t-sluaigh. 

Fo f hoirneart ro chruaidh, 
A' fulang le cruas na h-airc. 

'S mar robh thusa f ìor, 
Ann a t' oifig am binn. 

'S gun d'rinn thu an dìreach fiar ; 
'S co cinnteach an nì, 
'Nuair thainig do chrìoch, 

Gu 'n deachaich do dhìt' le Dia. 

No 'n robh thu a d' lèigh, 

A' leigheas nan crèuchd, 
'S a deanamh gach eugail slàn ? 

A' t'ìoc-shlaintibh mòr, 

A' deanamh do bhòsd, 
Gu 'n dìbreadh tu chòir o'n bhàs ? 

Mo thruaighe gun thre'ig, 

Do leigheas thu fèin, 
'Nuair bha thu fo eugail chruaidh : 

Gun f hoghnadh gun stà, 

Am purgaid no 'm plàsd, 
Gu d' chumail aon trà o'n uaigh. 

No 'n seanalair thù, 
A choisinn mor-chliù 



34 



Le d' shèoltachd a stiùradh airm ? 

Air naimhde toirt buaidh, 

Ga 'n cur ann san ruaig, 
'S ga 'm f àgail nan cruachabh marbh : 

'N robh do chlaidheamh gun bheaiit , 

No 'n d' fhàg thu do neart 3 
'Nuair choinnich thu feachd na h-uargh, 

'Nuair b' e'igin dut gèill, 

A dhaindeoin do dheud, 
De dh' armailt' a bhèistibh truagh ? 

Tha na durraig gu treun, 

Ri d' choluinn' cur sèisd, 
'S a' cosnadh ort fèisd gach là ; 

Is claigean do chinn, 

'Na ghearasdan dion, 
Aig daolagan dìblidh 'n tàmh : 

Cuid a' cìaodhach' do dheud. 

A steach ann a' d' bheul, 
'S cuid eile a' reub do chluas ; 

Cuid eile nan sgùd, 

Thig'n amach air do shùil, 
A spùinneadh 'sa rùsg' do ghruaidh. 

No m' fear thu bha pòit, 

Gu tric sa'n taigh-òsd, 
'S tu cridheil ag òl nan dram ? 

Nach iarradh dhut fe'in, 

De fhlaitheanas Dè, 
Ach beirm a bhi 'g èiridh' d' cheann ì 

Nach iarradh tu 'cheòl, 

Ach mionnan mu'n bhòrd, 
Is feuchainn co 'n dòrn bu chruaidh' 

Mar bhò no mar each, 

Gun tuigse gun bheachd, 
'S tu brùchdadh 'sa sgeith mu'n chuascL ? 

Na 'n duin' thu bha gluas'd 
Gu ceanalta, suairc, 



35 



Gu measara, stuam, mu d' bhòrd ; 
Le miannaibh do chre, 
Fo' chuibhreachadh gèur, 

'N am suidhe gu fèisd 's gu sògh? 

No 'n geòcaire mòr, 

Bha gionach air lòn, 
Mar choin ann am feòlach dearg ; 

A' toileach' do mhiann, 

Bha duilich a riar, 
'S tu gèilleadh mar dhia do d' bholg t 

Tha nise do bhrù, 

Da 'n robh thu a' lùb', 
De ghaineamh 's de dh'ùir glè làn 

'S do dheudach air glas', 

Mu d' theangaidh gun bhlas, 
Fo' gheimhleachaibh prais a' bhàis. 

No 'm morair ro mhòr, 

A thachair am dhòrn, 
Neach aig an robh còir air tìr ; 

Bha iochdmhor ri bochd, 

A' cluthadh nan nochd, 
Rèir pailteas a thoic 's a nlth ? 

No 'n robh thu ro chruaidh, 

A' feannadh do thuath, 
'S a tanach' an gruaidh le màl ; 

Le h-agartas geur 

A glacadh an sprèidh 
'S am bochdainn ag elgheach dàil ? 

Gun chridh' aig na daoin', 
A bh'air lomadh le h-aois, 

Le 'n claigeannan maola truagh ; 
Bhi seasamh a' d' chòir, 
Gun bhoineid 'nan dorn, 

Ge d' tholladh gaoth reòt' an clua^ 3 

Tha nise do thràill, 
Gun urram a' d' dhàil, 



Gun ghearsom, gun mhàl, gun mhòd ; 

Mor mholadh do'n bhàs, 

A chasgair thu trà, 
'S nach d' fhuilig do stràic fo 'n fhòid. 

No 'm ministear thù, 

Bha tagra' gu dlù, 
Ri pobull 'an ùghdarras Dè ; 

Ga 'm pilleadh air ais, 

Bha 'g imeachd gu bras, 
Gu h-ifrinn na casgradh dhèln ? 

No 'n robh thu gun sgoinn, 

Mar mhuime mu chloinn, 
Gun chùram do dh'oighreachd Dhè" ; 

Na 'm faigheadh tu 'n rùsg. 

Bha coma co dhiù, 
Mu'n t-sionnach bhi stiùradh an treui ; 

Leam 's cinnteach gun d' f huair, 

Do dheanadas duais, 
'Nuair rainig thu 'm Buachaill' mòr: 

'Nuair chuartaich am bàs, 

A steach thu 'na laith'r, 
Thoirt cunntas a' d' thàlant dò. 

No 'n ceann thu bha làn, 

Do dh' innleachdan bàis. 
Gu seòlta ga 'n tàth'dh r'a chè*il ; 

Ga'n cuir ann an gniomh, 

Gun umhail gun f hiamh, 
A freagra' do Dhia 'nan dèigh ? 

*N robh teanga nam breug, 
Gun chuibhreach fo d' dheud, 
A' togail droch sgeul air càch ; 
Gath puinnsein do bhèil, 
Mar naithir a teum, 
Sa' lotadh nan ceud gach là ? 

Tha i nise 'na tàmh, 
Fo' cheangal a bhàis, 



37 



Gun sgainneal o phlàigh na dùch' ; 

Is durragan grànnd, 

Air lobhadh 'na h-àit, 
An deigh dhaibh a cnàmh gu cul. 

'S mu lean thu do ghnàths, 

Gu leabaidh do bhàis, 
Gun tionndadh' na thrà ri còir ; 

Car tamuill na h-uair', 

Dean flaitheas de'n uaigh, 
Gus an gairmear thu suas gu mòd : 

Mar losgann dubh grànnd, 

Ag iomairt a' smàg, 
Gu 'n èirich thu 'n aird o'n t-sloc ; 

Thoirt coinneamh do Chrìosd, 
'Na thigheachd a rìst, 
A dh' f haotainn làn diol a' t' olc. 

'Nuair the'id thu f'a bhinn, 

Ni cheartas do dhìt' ; 
Ga t' f hògradh gu sìormidh uaith : 

Gu lasair gu d' phian', 

Chaidh a dheasach' do'n Diabh'l, 
'Sa mhallachd gu dian 'ga d' ruag. 

'N sin cruaidhichidh Dia 

Do chnaimhean mar iar'n. 
'Is t' f heithean mar iallaibh prais ; 

Is teannaichidh t' f heòil, 

Mar innein nan òrd, 
Nach cnàmh i le mòid an teas. 

No 'n ceann thu 'n robh ciall, 

Is eòlas air Dia, 
*S gun d' rinn thu a riar 'sa chòir: 

Ged tha thu 'n diugh rùisgt', 

Gun aithne', gun iùl, 
Gan teanga', gun sùil', gun sròn. 

Gabh misneach san uaigh, 
Oir èiridh tu suas, 

X 



38 



'Nuair chluinneas tu fuaim an stuic, 
'S do thruailleachd gu lè'n; 
Shìos fàgaidh tu d' dhdigh, 

Aig durragan breun an tsluic. 

'N sin deasaichidh Dia, 

Do mhaise mar ghrian, 
Bhiodh ag eiridh o sgiath nam' 

A' cur fradharc ro ghèur, 

'S na suilean so fdin, 
'S' iad a' dealradh mar reull a'd 

Do theanga 's do chàil, 

Ni ghleusadh gun dàil, 
A chantainn 'na àrois cliù : 

Is fosglaidh do ehluas, 

A dh'eisteachd ri fuaim, 
A mholaidh th' aig sluagh a' chùirt. 

'Nuair dhealraicheas Criosd, 

'Na thigheachd a rìs, 
A chrùinneach' nam fìrean suas : 

'N sin bheir thu do leum, 

Thoirt coinneamh dha fdin, 
Mar iolair nan spèur aig luaths. 

'Nuair dh'eireas tu 'n àird, 

Grad chuiridh ort fàilt. 
A mhealteinn a chàirdeas fèia, 

Gun dealach' gu bràth, 

R'a chomunn no ghràdh, 
A steach ann am Phàrras Dè\ 

Fhir 'chluinneas mo Dhà"n, 

Dean aithreachas trà, 
'M feadh a mhaireas do shlaint 's do bheac 

Mu'n tig ort am bàs 

Nach leig thu gu bràth, 
Air geata nan gràs a steach. 



beann ■ 
cheann. 



39 



AN GEAMHRADH. 

Do theirig an sàmhradh, 

'S tha 'n geamhradh teachd dlù oirn, 
Fior nàmhaid na chinneas, 

Teachd a mhilleadh ar dùcha : 
Ga saitairt fo' chasaibh, 

'S d'a maise 'ga rùsgadh ; 
Gun iochd ann ri dadum, 

Ach a sladadh 's a plùnndruinn. 

Sgaoil oirnne a sgiathàn, 

'S chuir e ghrian air a chùlthaobh ; 
As an nead thug e'n tàlach, 

Neo- bhàigheil g'ar sgiùrsadh : 
Sneachd iteagach glè gheal, 

O na speuraibh teachd dlù oirn', 
Clacha-meallain 's gaoth thuathach, 

Mar luaidhe is mar f hùdar. 

'Nuair shdideas e anail, 

Cha 'n f hag anam am flùran ; 
Tha 'bhilinn mar shiosar, 

Lomadh lios de gach ùr-ros : 
Cha bhi sgeudach air coille, 

No doire nach rùisg e ; 
No sruthan nach tachd e, 

Fo leacannan dù'-ghorm. 

Fead reòta a chleìbhe, 

Tha sèideadh na doinionn, 
A chuir beirm ann san fhàirge, 

'S a dh' at' garbh i na tonnan ; 
S a bhinntich an clàmhuin, 

Air airde gach monaidh, 
'S ghlan sgùr e na rèulltan, 

D' ar pèile le'n solus. 

Tha gach beathach a's duine, 
Nach d' ullaich 'na sheason, 



40 



Ga 'n sgiùrsa' le gaillionn 
Gun talla' gun eudach : 
'S an dream a bha gniomhach, 
'Fàsìorgalt mi-dhe"irceil : 

Nach toir iasad do'n leisgean, 
Ann san t-sneachda ge d' eug e. 

Tha 'n seillean 's an seangan, 

A bha tional an stòrais, 
Le gliocas gun mhearachd, 

A'toirt aire do'n dòruinn : 
'G ithe bidh 's ag òl meala, 

Gun ghainne air lòn ac', 
Fo' dhion ann sa'n talamh. 

O anail an reòta. 

Tha na cuileagan ciatach, 

'Bha diomhain san t-sàmhradh, 
'S na gathanaibh gre"ine, 

Gu h-èibhinn a damhsa ; 
Gun deasach 'gun chùram, 

Roi' dhùldachd a gheamhraidh ; 
Tha'id a nise a' bàsach', 

Ann 's gach àite le teanndachd, 

Ach. èisd rium a shean-duin'. 

'S tuig an sàmhla tha 'm stòri', 
Tha 'm bàs a' teachd teann ort, 

Sud an geamhradh tha 'm òran 
'S ma gheibh e thu d' leisgein, 

Gun deasach' fa' chòmhail, 
Cha dean aitlireachas crìche, 

Do dhìonadh o'n dòrainn. 

Gur mithidh fàs diadhaidh, 

'S do chiabhan air glasadh, 
'Na beàrnaibh dodheudach, 

Is t'eudan air casadh; 
Do bhathais air rùsgadh, 

'S do shùilean air prabadh, 
Agus croit ort air lùbadh, 

Chum na h-ùire do leaba'. 



4J 



Tha na sruthanan craobhach, 

'Bha sgaoileadh a' d' bhalJaibh. 
Gu mireagach, buailteach, 

Clis, gluasadach, tana ; 
A nise air traoghadh 

O n' taomachadh thairis, 
O'n a ragaich 'sa dh' fhuaraich 

Teas uabhar na fala. 

Balg sdididh na beatha, 

Tha air caitheamh gun fhèum ann. 
'S o chrup ann a' d' chliabh e, 

Gur h-e phian bhi 'ga shèideadh : 
Tha 'n corp a chruit chiùil ud, 

Air diùltadh dhut gleusadh ; 
'S comhar' cinnt' air a thasgaidh, 

Bhi lasach' a theudan. 

Thèich madainn na h-òige, 

Is treòir mheadhon latha 
Tha 'm feasgar air ciaradh, 

'S tha ghrian ort a' laidhe : 
'S mu bha thusa diomhain, 

Gun ghniomh is gun mhaitheas ; 
Gu h-ealamh bi d' dhùsgadh, 

Mu'n dùinear ort flaitheas. 

'Rèir caithe na beatha, 

'S tric leatha gun crìoch i ; 
Bidh an cleachda' fàs làidìr, 

Do-fhàsach o'n ìnntinn : 
Na labhair an sean-f hacal, 

'S deimhin leam 's fìor e, 
" An car thèid san t-sean-mhaid' 

Gur h-ainmig leis dìreadh." 

Ach òganaich thre'ibhich 

Thoirs' disdeachd do m' òran, 

Sleig dhiot bhi mi-cheillidh, 
Ann an c^itean na h-òige 

Tha aois agus èaslaint, 

Air do dheigh ann an tòir ort ; 



42 



'S mu ni h-aon aca gre'im ort, 
Pillidh t' aoibhneas gu bròn dut. 

An aois a ta 'n tòir ort, 

Bheir i leòn ort nach saoil thu ; 
Air do shùilibh bheir ceathach, 

Is treabbaidh si t' aodan : 
Bheir i crith-reodh mu d' ghruaig, 

Is neul uaine an aoig leis, 
'S cha tig aiteamh na grian ort, 

'Bheir an liath-reodh a chaoidh' dhìot. 

Bheir na's measa na sud ort, 

Fàilinn tuigs' agus rèusain ; 
Dìth leirsinn a' t' inntinn ; 

Dìth cùimhn' agus gèire ; 
Dìth gliocais cbum gnothaich ; 

Dìth mothaich a'd' cheufath : 
'S gu'r^ fàs thu mar leanabh, 

Dhìth spionnaidh is cèilie. 

Fàsaidh 'n cridhe neo-aithreach, 

'S neo ealamh chum tionndadhv 
Aon tagra' cha drùigh air, 

'S cha lùb e d'a ionnsaidh : 
Ceart mar tha 'n talamh, 

'N am gaillinn is teanndachd ; 
Ged robh mìltean 'dol thairis, 

Cha dean aile.sa' chàbhsair. 

Faic sèason na bliadhna, 

'S dean ciall uath a tharainn : 
S mas àill leat gu'm buain thu, 

Dean rùdhar 'san earrach ; 
Dean connadh san t-sàmbradh, 

Ni sa' gheamhradh do gharadh ; 
'S ma dhìbreas tu 'n season, 

Dhut 's ^igin bhi f'alamh. 

'S mar cuir thu sìol fallain, 

Ann an earrach, na h-òige, 
Cho chinnteach 's am bàs dut, 

Cuiridh Sàtan droch phòr ann ; 



43 



A dh' fhàsas 'na dhubhailc, 
'S 'na luidheannan feòlmhor : 

S bi'dh do bhuain mar a chuir thu, 
Ma's subhailc no dò-bheart. 

Ma bhios t' òige gun riaghladh, 

'S t' ana-miannan gun taod riu, 
Gum fàs iad cho fiadhaich, 

'S nach srian thu ri t' aois iad : 
Am meangan nach sniomh thu, 

Cha spion thu 'na chraoibh e ; 
I\Iar shìneas e gheugan, 

Bidh a fhreumhan a' sgaoileadh. 

Tha do bheatha neo-chinnteach 

O 'n teinn a bheir bàs ort, 
Uime sin bi ri dìchioll 

Do shìth dheanamh tràthail : 
'S e milleadh gach cùise 

Bhi gun chùram 'cur dàil annt' ; 
'S ionann aithreachas crìche, 

'S bhi cur sìl mu Fheill-Màrtaina 

Tha ghrian anns na speuraibh 

A' ruith rèise gach latha ; 
'S i 'giorrach' do shaoghail, 

Gach òidhche a laidheas : 
'S dlù ruitheas an spàla, 

Troi' shnath'naibh do bheatha : 
Tha' fitheadh dhut lèine, 

'Ni bèisdean a chaitheamh. 

'S ma ghoideas e dlù ort, 

Gun do dhùil bhi r'a thighinn ; 
'N sin fosglaidh do shùilean, 

'S chì thu' chùis thar a mithich ; 
Bidh do choguis 'ga d' phianadh, 

Mar sgian ann a d' chridhe ; 
'S co-ionann a giùlan, 

'S laidhe rùisgt' ann an sgitheaca. 

Faic a' chuileag 'ga dìteadh 
Le sìonntaibh an nàduir, 



44 



'S o dhibir i 'n season, 
Gur h-eigin di bàsach' : 

Faic gliocas an t-seangain, 
Na thional cho tràthail, 

'S dean eiseamplair leanail, 
Chum t' anam a' shàbhal'. 



URNAIGH. 

O ! Thighearn' is a Dhia na glòir, 
An t-Ard-Righ mòr os-ceann gach sluaìgh, 

Cia dàna ni air t' ainm ro mhòr 

Le bilibh neò-ghlan bhi 'ga luaidh ! 

Na h-aingle 's airde rinneadh leat, 
Cia lag an neart ; 's cia dall an iùl ! 

Cia aineolach air t-oibre mòr ! 
'S cia goirid air do ghlòir an cliù ! 

Am beachd do shùilean fiorghlan fèin, 
Cha 'n 'eil na reullta 's airde glan : 

'S cha 'n 'eil na h-aingle 's naomha 'n glòir, 
'An làthair do Mhòrachdsa gun smal. 

Ach O an dean thu t' isleach' fein, 
A dh'èisdeachd cnuimhe ann san ùir ! 

Fo' stòl do chos a' gabhail tàmh, 

'S nach faic ach sgàile beag do d' ghnùis. 

Na lasadh t' f hearg O Dha nan dùl, 
Am feadh a dheanam ùrnaigh riut : 

'S mo pheacadh aidicheam le nàir, 

'S an truailleachd ghràineil anns 'na thuit. 

Mo chiont tha mar na slèibhte mòr ; 

Is leòn iad mi le iomadh lot : 
Ta manam bochd le n' cudthrom brùit, 

'S o m' shùilibh' 'f àsg 'nan dèura goirt. 



45 



An comas dut a Dhia nam feart, 

Mo shaor' gun cheartas chur air cùl ! 

'S mu shaorar le do thròcair mì 

JM' bheil nench san t-saoghì a dhìteas tù ? 

Nach e"igin dut mo sgrios gu bràth, 
Mur àicheadh thu do cheartas geur ! 

Le m' chionta oillteil, 's gann a dh' fhàg 
Mi iochd, no gràs, a' d' roghainn fèin. 

Gach uile mhallachd ata sgrìobht 

A't' fhacal fior le bagra' teann, 
O Thigheam thoill mi aig do làimh, 

Gum biodh iad càrnaicht' air mo cheann. 

Ge d' f hàs na nèamhan dubh le gruaim, 
'S mo bhual' le tairneanaich do neart 

Ge d' thilg thu mi gu ifrinn shios, 
Gu sìorruidh aidicheam do cheart. 

Gidheadh am feud an lasair threun 

A sgoilteas as a che'il an tuil ; 
Drùghadh orm troi' ùmhlachd Chrìosd, 

'S mi 'gabhail dìon a steach fo' f huil? 

An fhuil a dhiol do cheartas teann. 

'S a dhoirteadh air a chrann gu làr, 
'S ann aisd' tha m' earbsa, O mo Rìgh ! 

Nach dìt thu m'anam air a sgàth. 

Dean m' ionnlad glan, O Dhia na sìth ! 

'S an tobar ìoc-shlaint 'bhrùchd a thaobh i 
A bheir dhomh beatha as a bhàs, 

'S o m' thruaillidheachd a ni mi saor. 

Daingnich mo chreideamh ann 'na bhàs, 
Is beothaich gràdh am chridhe stigh, 

Ts neartaich mi chum ùmhlach dha, 
'An uil' aitheanta naomh a lagh. 

O dean mi phlanndach' ann an Crìosd ! 
'S mo chrìonach bristidh mach le blàth ; 



46 



Is bi'dh gach subhailc 's naomha gleus, 
Mar mheas a' lùb mo gheug gu làr. 

Gach inbhe 'n cuir thu mi san t-saogh'l 
Dean daonnan toilicht' mi le m' staid ; 

Ma's bochd, no beartach, tinn, no slàn, 
Do thoil gu bràth biodh deant air fad. 

O ! 's gràsmhor Dia 'nuair bheir e feucb ! 

'S gu beachd tha dhiultadh làn de ghradh 
'S fior-bheannachd ann an atharach dreach ; 

Gach crois a's creach a thig o làimh. 

O buidheachas do Dhia nan gràs 

Chuir thugam slànaighear nam buadh ; 

Eirig mo shaorsa chì 'na bhàs ; 

'S an luach a phàidh air m' anam truagh. 

'S e fdin a chlaon a dhruim fo 'n chuail ; 

Chum m'anam dhìreadh suas gu Dia ! 
Chosg gach tiodhlac th' agam uaith, 

Geur chràdh a's osna chruaidh d'a chliabh. 

Mo smuaintean talmhaidh tog gu nèamh, 
Is thoir dhomh earlais air do ghràdh, 

À dh' f hògras m' eagai uile uam, 
'S a shaoras mi o uamhunn bàis. 

'N sin atadh tonnan borb a' chuain, 

Is beuchdadh torann chruaidh nan speur ; 

Thigeadh crith-thalmhuinn gort, a's plàigh, 
Bhios 'roinn a' bhàis gach taodh a thèid. 

Bi thus' a'd' Dhia do m'anam fèin, 

'S bi'dh iad gu lèir dhomh 'n càirdeas gràidh ; 
Cha loisg an tein' gun òrdugh uat, 

Cha sluig an cuan, 's cha sgrios a phlàigh ; 

Am feadh bhios cumhachd ann a d' làimh, 

Bidh mise sàbhailt' o gach olc : 
S S cha 'n eagal leam gu 'm bi mi 'n dìth, 

Gu sìorruidh no gu 'm f às thu bochd. 



47 

Mo dhùrachd, m' eagal, 's ra' uile mhiann, 
A' m' Dhia tha còmh'lachadh gu lèir ; 

Oir nèamh, a's talamh, 's ifrinn shìos, 
À ta iad do mo Rìghs' a' gèill'. 



CRÌOCH. 



PRINTED BT NEILL AND COMPANT, EDINBURGH.